[33]

TAIGHEAN-SOLUIS
le Iain Mac aGhobhainn (Dun Eideann)

Riamh bho thòisich daoine seòladh na mara, agus is fhada bhon uairsin, chan eil cunntas air co-mheud briseadh-cridhe thachair tre ghàbhadh na fairge agus iomadach cunnart eile bhan cois achaitheamh-beatha sin; bha soithichean adol ás arathad; seòldairean is cargu dhan call; teaghlaichean afeitheamh air tìr ri luchd-mara nach tilleadh gu bràth. Mar sin dheth bha e soilleir gu robh feum mhòr air dòighean fhaighinn a leasaicheadh an cunnart, no co-dhiù an cumail cho sàbhailts a ghabhadh a bhith, fhads a bhiodh iad astrì ris amhuir, mar iasgairean & ;c. A bharrachd air stoirmean gaoithe agus beucadh fairge bha creagan agus sgeirean folaichte afeitheamh orra fad oir gach dùthaich air thalamh; air sgàth sin cho-dhùin iad gu math tràth gu robh droch fheum air dòigh-rabhaidh a leigeadh dhaibh seachnadh nan cunnartan, co-dhiù air feadh na h-oidhche agus le àm ceòthach. Troimh na linntean rinn feadhainn mòran dìcheall acur air chois ìnnleachdan airson sàbhaladh maraichean ann an grèim cunnart na fairge: bàtaichean teasairginn; putaichean stiùraidh; trombaidean-ceòmhorachd; bàtaichean agus taighean-soluis. .. agus gach seòrsa uidheam a dhfheumtear maille ri sin. ..

Chaidh taighean-soluis a chur an àirde air sgeirean is goban thalls a-bhos gu fios a thoirt do luchd-mara càite robh iad air cuan; agus tha gu leòr eachdraidh mun deidhinn-san, le gach seòrsastatistica dhiarradh duine sam bith. Chan eil, mar sin, mòran a chòrr ri aithris air na cuspairean sin an dràsda; ach bidh luchd-mara, agus muinntir a than crochadh orra, airson nach teid obair-sàbhalaidh na mara a dhì-chuimhneachadh; chan eil bliadhna dol seachad gun chall air muir, gu h-àraid bho fhuaireas ola fo ghrunn na mara timcheall air ar dùthaich fhèin; cha teid -chuimhne air na soithichean-ola mòra a chaidh ris na creagan eadar Sealtainns a Chuimrighs a leig tonnan ola fa sgaoil agànrachadh nan cladaicheans eòin-mara.

S iomadh sgeul a dhfhaodar a chur an cèill mu dheidhinn luchd-faire nan taighean-soluis, agus tha gu leòr aca air clàr mar tha; co-dhiùs iongantach mar e eachdraidh nan Eileanan Flannanach cho duilich ri gin aca: aig deireadh abhliadhna 1900 chaidh triùir dhaoine chall bho na sgeirean sin. Nuair a chaidh asgioba-cobhair a-mach á Breascleit, bha àite còmhnaidh nan triùir air fhàgail grinn ach mar gu robh iad air falbh a-machnan cabhaig; cha robh lorg orra-san; cha robh fios thachair.



[34]

Bhon uair sin tha luchd-rannsachaidh den bheachd gur e làdach mòr uabhasach mara thàinig orra, ’s iad afeuchainn ri ròpan 7c a sgeadachadh aig alaimhrig bheag aca. Chan eil ach dha no trì bhliadhnachan bho bhàsaich boireannach ann an Dun-Eideann, dam ainm Ann Ducat, aig aois còrr is ceud. Bi ise nighean fear de na fir-fhaire chaidh a challIain Ducat. Bha cuimhne aice-se air an turas mu dheireadh a dhfhalbh e bhon dachaigh; leig e beannachd leatha fhèin agus lem màthair aig an dorass rinn e ás sìos chun agheata; ann a sin thill e air aiss phòg e bhean a-rithist; chan fhacas tuilleadh e.

Fad air ais anns an t-sean aimsir bha, rèir aithris, Seachd Miorbhuillean anns an t-saoghal, agus be aon de na seachd taigh-soluis mòr suidhichte mach á baile Alexandria anns an Eiphid. BePharosan t-ainm a bhaca air anns aGhreugais, aguss e sin ainm dhe na soithichean tha frithealadh nan taighean-soluis gus an lathan-diugh. Be tùr mòr àrd a bha saPharos le teine air a mhullach is fiodh mar chonnadh; chitheadh seòldairean an teine air feadh na h-oidhche, agus acheò dheth troimhn alatha.

Chan eil sgath dheth air fhàgail an-diugh, ach bhon uair sins iomadach ìnnleachd a chuir daoine air chois gus an solus a dhèanamh nas deàlraiche; agus gus am faicear e nas fhaide ás. Ach mas cuirear solus sam bith gu h-àrd, dhfheumte bunaitean daingeann a stèidheachadh air na sgeirean iargalta air an robh droch fheum a seachnadh; agus gu dearbha cha robh an obair sin fearasd an aghaidh stoirmean is tìde-mhara nach robh idir fàbharach. Co-dhiù, chaidh togalaichean àrda shuidheachadh air iomadach àite bha duilich ruighinn ach a bha sònraite cunnartach ri soithichean seòlaidh.

Mas robh leithid ann is dòigh-iùil air choreigin bhiodh iomadach soitheach-seòlaidh adol ás arathad air creagan, agus nuair a thachradh sin faisg air tìr, tha e coltach, a-rèir eachdraidh (nach eil ach truagh) gum biodh e mar chleachdadh aig feadhainn a bhi feitheamh riutha agus agabhail cargu an t-soithich fo làimh dhaibh-fhèin. Tha e air aithris, eadhoin, gum biodh feadhainn acur soluis-mheallaidh air tìr ann an àiteachan a bhan dearbh gheall gu ruitheadh an t-soitheach dìreach air creagan achladaich a dhaon ghnothaich gu faighear grèim air achargu. Aig an aon àm bha cùl-mhùtaireachd is spùinneadaireachd adol air adhairt gu math cumanta, agus mar sin cha robh cinnt aig luchd-mara, nuair a chitheadh iad solus, an e math no olc a bhann dhaibh-san. Air sgàth na bha sin bha feum anabarrach air soluis aithnichte a threòraicheadh luchd-mara, (co-dhiù an fheadhainn aca bha sàs ann am malairt dhligheach), sàbhailt gu cala.



[35]

Faodar co-dhùnadh gum biodh taighean-soluis (no seòrsa dhiubh) an sàs ann an iomadach àite air feadh an t-saoghail, ach ann an Alba (agus air an Eilean Mhanainneach), ’s em buidheann aig am beil cùram nan gnothaichean sin an-diu, Bòrd Tuath nan Taighean-soluis, suidhichte ann an Dun-Eideann; chaidh a chur air bhonn anns abhliadhna 1786; na buill aig am beil ùghdarras anns abhuidheann sin: ’s eCommissionersa theirear riutha.

Roimh àm aBhuird (NLB), bha sean taigh-soluis air Eilean Maidh ann an Caolas an Abhainn Dhuibh; be seo an fhìor chiadtaigh-soluisann an Alba, rèir aithris; chaidh a thogail ann a 1636; bha teine guail dha chumail adol air mullach tùr cloich agus bha cìsean rim pàigheadh aig soithichean a bha atighinn a-steach gu cala le fìon bhon aFhraing 7c. Bann aig an fhear-faire bha ri eallach guail a tharraing an àirde gu mullach an tùir far an robh àite-teine; bha e fhèins a theaghlach air an eilean fad na tìde agus cha robh mòran pàighidh aca dhaindeoin cho -thlachdmhors a bhan obair.

Ach air ceann sreath chaidh taighean-soluis ùra thogail: tùran mòra, daingnichte ris achreig, agus le uidheam làmpaichean/ sgàthanan/ gloineachan 7c, an àite teine guail no fiodh. Achiad fhear a thog am Bòrd Tuath, bha sin air Ceann-na-h- Airde faisg air Baile nam Frisealach, ann a 1787. Bhon uair sin chaidh mòran eile chur air bhonn: e.g. Creag na Glaig(Bell Rock); aig an àite sin bann air èigin a bha sgeir ris aig àm tràghaidh; agus còrr is deich troighean de dhoimhnead mara air uachdair aig àm lìonaidh; tuilleadh air sin bhiodh stoirm is fairge abacadh saothair dhaoine a bha feuchainn ri bunaitean a chur a sàs.

Ann an iomradh sam bith mu thaighean-soluis na h-Alba, chan fheumar -chuimhne dhèanamh air an teaghlach Stevenson: bann an urras riutha-san, fo ùghdarras aBhùird, a bha mòran den obair chlachaireachd co-cheangailte ri stèidheachadh bhunaitean air sgeirean agus togail nan tùraidean a bhàrr orra, agus cuideachd roinn mhath den uidheam-soluis fhèin. Than teaghlach sin gu lèir ainmeil ann an iomadach eachdraidh; cha leigear a leas a-rèisde ach facal no dhà a chur mu dheidhinn Robert Louis, fear a sgrìobh na leabhraichean ainmeil, e.g. “Kidnapped”. A-rèir beul-aithris, chuir e ri cheile asgeulachdTreasure Islandair dha sealladh fhaighinn airFidra”, eilean beag eile ann an Caolas an Abhainn Dhuibh, far am beil taigh-soluis suidhichte an-diugh.

Dhfhaodar taghadh beag ainmeachadh de na chuir am Bòrd an àirde: – Sgeir Mhòr, Dubh Artach, Ard-nam-Murchan, an Tiùmpan, Rudha Robhanais, an Carbh, na h-Eileanan Flanainneach, sgeirean aChaoil Arcaich. .. Muckle Flugga.. .. 7c.



[36]

Tha gu leòr eile ann agus an eachdraidh fhèin co-cheangailte ris gach aon dhiubh; chuir am Bòrd còrr air 70 taighean-soluis mhòra an àirde timcheall air oirthir na h-Alba, agus a bharrachd air sin, iomadach put(buoy)is solus-beag(beacon); fhads a bhitheas siubhal air muir bidh feum air a h-uile gin aca.

Bho chionn ghoirid chaidh sgioba nan taighean-soluis an cur an anabarr; cha robh feum orra tuilleadh; chaidh ìnnleachdan an lathan-diugh an cur an àite sgioba dhaoine; agus is e fìor chorr fhear dhiubh aig am beil bith-beò a-nis mar a chleachd iad.

S e beatha aonranach, cumhang, a bhaig amhòr-chuid de na luchd-faire aig an robh cùram nan taighean-soluis mar dhreuchd; bha uaireigin àireamh mhòr aca ann ach an-diugh chan eil air fhàgail ach glè bheag den àireamh sin; tha na taighean-soluis a-nis fo stiùireadh ìnnleachdan an lathan-diugh is mar sin chan eil feum air làimh-obair dhaoine; ach a-mhàin buidheann beag a dhfheumas a dhol a shealltainn am beil cùisean adol mar is còir.

A bharrachd air cumail an t-soluis adol troimhn oidhche, bhiodh dreuchdan eile crochaichte air luchd-faire nan taighean-soluis; bha aca ri cùnntas a chumail air caochlaidhean an aimsir, e.g. gaoth/uisge/tàrnanaich/ceò 7c; bha leithid seo gan cur gunMhet Oifisairson a chraobh-sgaoileadh air feadh na dùthaich. Bhiodh cuideachd cur-seachad dhaibh-fhèin aig feadhainn a-rèir ghabhadh a dhèanamh far an robh iad: e.g. obair-làimh le fiodh etc; cumail sùil air eòin is soithichean afalbhs atighinn; toirt fàs air lusan ann aleas.. .. nuair a bhiodh sneachd no ceò ann be chiad char-obrach an lanntair a chumail glan.. .. agus dhfheumar biadh ullachadh an dràsdas a-rithist.. .. Co-dhiù, nuair a bhiodh triùir aca seachd sgìth acoimhead a chèile glaisd ann an àite beag cumhang, airson ùine mhòr, ’s maidhte grùnn sheachdainean air sreath, dhfheumadh iad cur-seachad air choreigin; no chailleadh iad rian.

Ach dhfhalbhbalaich an t-soluismar a dhfhalbhbalaich an iasgaichuaireigin; dhèirich dòighean eile air na soluis a chumail adol; mar sin dheth chaidh na fir bho sgaoil, ’s chan eil dùil a-nis gun till iad. Tha feadhainn ag ràdh gur mòr am beud, ’s nach bi ann tuilleadh sùilean dhaoine acumail faire cho geur air ùpraid na mara, air oirthir ar dùthcha; chithear mar a bhitheas anns na bliadhnaichean tha romhainn: bidh feum air taighean-soluis co-dhiù; IN SALUTEM OMNIUM.

(Leabhraichean a chleachdadh anns an iomradh seo:
(1) Scotland ’s Edge (K. Allardyce/E. M. Hood)
(2) Scottish Lighthouses (R. W. Munro)
(3) Pharas (K. Sutton-Jones).

titleTaighean-soluis
internal date1998.0
display date1998
publication date1998
level
reference template

Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 185 %p

parent textGairm 185
<< please select a word
<< please select a page