SEUD NEO SLIGE
Le Tarmod Dòmhnullach
’S e sgeulachd glè annasach a th’ agam dhuibh; sgeulachd a bhuineas do thìm, is do aimsir agus do linn eile; sgeulachd nach cluinnear aig duine beò ach mi fhèin; sgeulachd a bhuineas a-mhàin do chlann òga agus do sheana bhodaich.
Fada ro linn mo sheanar cha robh rathaidean mòra ach glè ghann ann an Earraghaidheal agus bha sin a’ ciallachadh nach robh e ’na annas do mhuinntir na sgìre a bhith a’ coiseachd iomadach mìle fhada, chorrach, thar chnuic is glinn air ceann gnothaich. Is math a b’ aithne dhaibh na frith-rathaidean a bhiodh na bu shocair air an corp is air am bonnan cas-ruisgte agus a bhiodh gu math na bu sgiobalta. Cha robh bailtean mòra sa’ sgìre ach a-mhain Ceann Loch Chille Chiarain agus gu dearbh a-rèir eachdraidh cha robh mòran sluagh neo meud annsan a bharrachd.
Anns na làithean air a bheil mi a’ bruidhinn rugadh càraid bhalach ann am bothan beag shuas ri taobh Loch nan Eun – àite aonarach, uaigneach, is gun teaghlach eile faisg oirre. Is maite nach eil fios agaibh càite a bheil an Loch seo ach ma tha Dealbh-dùthcha Earraghaidheal agaibh, lorgaidh sibh e an iar air Loch Odha agus beagan a deas air ceann shìos Loch an Amhaich. Mar a thuirt mi cha robh comh-aoisean faisg air làimh arra agus bha a bhuil. Bha iad an cuideachd a chèile a dh’ oidhche ’s a latha agus teann faisg air a chèile ri linn. Cha chuireadh an dàrna fear ceum ás gun a fear eile a bhith ’na chois agus sheas sin fad am beatha, ach aona uair a-mhàin, agus cluinnidh sinn mun chuspair sin a dh’aithghearr.
Bha iad le chèile tapaidh ’nan naoidheanan. Bha iad cho mòr ri duine a chitheadh tu air stràid mus robh iad còig bliadhna a dh’ aois; aig aois dà bhliadhna dheug bha iad mu dhusan troigh a dh’ àirde agus trom, garbh, làidir leis. A dh’ aindeoin sin chan fhacas air talamh creutairean cho solt, sona, sìobhalta riutha. ’S e fuaimhearan a bh’ annta da-rìribh ach cha chuireadh iad dragh air duine beò - gu dearbha ’s ann a bha iad glè dheònach làmh agus
cuideachadh a thoirt do dhuine sam bith ris an tachaireadh iad.
B’e an aona nàbaidh a th’ aca, banntrach bhochd a bha a’ fuireach mu chòig neo sia mìle bhuapa aig ceann Loch nam Bric Buidhe. Bha i ann an seo ’na h-aonar bho bhàsaich a cèile agus air a fhuair na balaich eòlas oirre cha robh latha nach robh iad a’ tadhal a-staigh gun fhios nach robh rud sam bith a dhìth oirre. Bha a bhuil. Bha tiùrra mòr fiodh-connaidh aig ceann an taigh a dh’fhòghnadh do Chaisteal mòr Inbhir Aora. Bhiodh iad corr uair a’ dol dhith le sìol coirce is eòrna a bha ri bhleith ann am muilinn an t-Sròin Mhòir, faisg air Loch an Eala. ’S e slighe chorrach a bha aca ri leantainn, mu cheann an iar Loch an Abhaich, seachad Bràigh a’ Ghlinn Mhòir, troimh bhealach an Eas Ruaidh gu Baile na h-Odha ach cha chuireadh sin maill orra. Bha e ’na annas dhaibh agus bha an ceum cheart cho aotrom feasgar air a thilleadh iad, fear le poca min-choirc air a ghualainn agus bolla min-eòrna aig an fhear eile. Cha robh an t-eallach a’ cur maill sam bith orra.
Faodaidh sibh a bhith cinnteach gu robh a’ bhanntrach fada ’nan comain ach, brònag, cha b’urrainn dhi ath-dhìoladh a dhèanamh agus i gun sgillinn ruadh ’na pòcaid. Cha b’e aona thuras neo gu dearbh aona oidhche a bheachdaich i air a’ chuspair ach mu dheireadh thall ’s ann a cho-dhùin i paidhir stocainnean an duine fhighe dhaibh, rud nach robh mu’n casan bho rugadh iad. Cha b’e ruith ach leum a-nis ach cha b’fhada gun do thuig i gu robh saothair uabhasach roimpe. Bha casan nam balach cho mòr is nach dèanadh cnocan snàtha ach cuairt neo dhà agus cha bé trì bioran a dh’fheumadh i a chur an sàs.
Bha i air clòimh an dà bhliadhna a chur mu seach agus thug i seachdainean ga dath - crotal, buidhe, uaine, gorm, dearg agus dubh. Bha an crotal air a sgrìobadh bho chreagan is carraighean. Bha i air roid is bun an rainich mhòir a chur mu seach gu dath buidhe a thoirt air a’ chlòimh. ’S e rùsg conaisg agus fraoch bhadain a bha cur an dath uaine. Mheasgaich i dearc an dromain le ailm gu dath gorm a chur an sàs. Chuireadh sùth na craoibh leamhna agus fiasag nan gobhar dath brèagha dearg an sàs agus ’s e riamhaichean nan copag le rùsg an daraich a bha i a’ cleachdadh gu dath dubh a chur air a’ chlòimh. Bha saothair mhòr an crochadh ris an obair ach bha an tuilleadh is a’ chòir ri thighinn.
’S e obair latha tòiseachadh mar a chanas an sean-fhacal ach cha robh aice ach toiseach tòisichidh. Bha chlòimh ri a’ càirdeadh agus a snìomh agus is iomadh oidhche fhada Gheamhraidh a chuir i seachad, le solas bochd a chrùisgein a’ càirdeadh, a’ cumail a chuibhle-shnìomh a’ dol aig astar agus an dealgan a’ toinneamh. Bha càil aice san obair agus mu dheireadh thall bha cnocanan
snàtha a’ bolgadh a-mach ás gach cùil.
Bha i a’ faighinn beagan faochaidh air a thòisich i a’ fighe ach gu dearbha cha bu bheag an saothair a bha roimpe. Chan eil fios aig duine beò co mheud bior a bha an sàs aice ach cha mhòr nach robh casan nam balach cho fada ri geòla agus cha b’ e trì bha an sàs aice tha mi glè chinnteach. Chan urrainn e a bhith nach robh a gàirdeanan trom goirt iomadach oidhche. Ach ’s e an t-uallach bu mhotha bha oirre nach fhaigheadh na balaich a mach dè a bha i ris. Bha i an dòchas gun tigeadh i orra gun fhiosd.
Bha aona chur-seachad sònraichte aig na balaich agus uair neo dhà san t-seachdain chromadh iad sìos gu Tràigh Mhòr Loch Chreaganais. ’S e bha taitneach a’ coiseachd air a’ ghainmhich mhìn, bhog, rèidh an taca ri bhith a-measg na pollagan, na tomanan agus am fraoch garbh a bha mun cuairt aig an dachaigh. Bha an sàl cho geur, fuar, fionnar, a’ toirt faochadh dhan òrdagan fhads a bha iad a’ rèis sìos is suas air an tràigh. Bha leòbagan sa’ ghainmhich aig oir na mara agus bhiodh iad a’ strì ach cò a ghlacadh am fear bu mhotha fo an casan. Gu dearbha cha bhiodh dol ás nuair a sheasadh fear aca air rud sam bith le truimead an cuirp.
Bhiodh iad gle thric a’ toirt sùil a-mach air sealladh cho bòidheach is a tha fon ghrèin - mach Loch Chreaganais, seachad air Eilean Mhic Chrìon, thairis air Eilean Rìgh, os cionn an Aird gu Coire Bhreacain le Diùra air an dàrna taobh agus Cruach Scarbaidh cho follaiseach air a làimh eile, le cuan mòr farsaing a’ sìneadh a-mach mìltean nam mìltean gun fhios dè a bh’ air a chùl. As dèidh spàirn cleasachd air an tràigh b’ àbhaist dhaibh dìreadh suas gu mullach Dùn an Dubh Ghalla far an leigeadh iad an anail mus tilleadh iad air an t-slighe dhachaigh.
Mar a thuirt mi bha a’ chailleach glè dhripeil agus dìcheallach le na bioran agus mu dheireadh thall bha an dà phaidhir stocainnean air an cur bho na bioran agus latha neo dhà ás dèidh sin, air ceann latha am breith, choisich i null gu croit Loch nan Eun leotha ann am màileid air a druim. Cha robh na balaich air tiodhlac mar siud fhaighinn a riamh roimhe agus th’ abair thusa gu robh iad pròiseil – an dàrna fear le stocainean a bha geal is ruadh, buidhe agus uaine agus am fear eile le paidhir a bha geal is gorm, dubh agus dearg. Bha iad cho brèagha ri earball coileach-peucaig. Cha robh iad air a leithid fhaicinn a riamh agus is iad a bha moiteil. Cho luath is bu dùraig dhaibh chuir iad orra na stocainnean brèagha ùr agus gus nach milleadh iad an toidhlac phrìseil chuir iad cuaranan mu’n casan airson a’ chiad turas a riamh.
Càite eile a dheidheadh iad air latha mòr ach sìos gu tràigh Loch
Chreaganais? Nuair a ràinig iad, chuir iad dhiomp na stocainnean agus chuir iad air falach iad le na cuaranan ann an càrn os cionn a’ chladaich. Th’abair thusa gu robh gearradh-sùrdaig aca sìos chun na tràghad agus mar a b’ àbhaist thòisich iad a’ rèis air a’ ghainmhich bhog rèidh. As an dol seachad nach do mhothaich iad rud glè neònach aig oir na mara agus rinn iad air aig am peilear.
Fhuair fear aca grèim air an t-slige agus ás a’ bhad a thog e i dheàlraich leis a h-uile dath a tha bhon ghrèin, gan dalladh le a bòidhchead. Bha i cho mòr ri cuibhle cairt agus air cumadh slighe-chreachain. Bha an dithis aca mar gum biodh iad air an suaineachadh, agus na dathan deàrrsach a’ drùidheadh agus a’ ceannsachadh an inntinn. Cha robh an còrr air an aire agus ann am priobadh na sùile bha iad an glaic a chèile, an dàrna fear a’ feuchainn ris an t-slige a spìonadh á làmhan an fhir eile. Cha b’e spòrs a bha nise air an aire; ’na àite bha spidealachd spideagach.
Mar bu mhotha an tuasaid ’s ann bu dorcha a chrom an iarmailt, ’s ann bu mhotha a dh’èirich a’ ghaoth gu stoirm, agus ’s ann bu luaisgeanach, an-fhoiseil a dh’ èirich an fhairge gus an tàinig orra an casan a thoirt ás agus dèanamh air fasgadh. As an dol seachad mhothaich iad gu robh na stocainnean air an sguabadh ás a’ chàrn agus iad a-measg a chèil an rib a fhraoich. Cha robh tìde aca an cur orra le dranndan nan eileamaidean a’ sìor dhol na bu mhotha le gruaim a bha a’ maoidheadh is a’ bagradh orra. ’S e fasgadh a bha a dhìth orra agus spìon iad na stocainnean ás an fhraoch agus rinn iad air talamh àrd, fad na h-ùine a’ trod is a’ càineadh a chèile, gach fear fhathast glè dhiombach ris an fhear eile. Cha robh guth air càirdeas bràithreil. ’Na àite ’s e gamhlas a bha gan stuigeadh is gan sgiùrsadh.
Airson a’ chiad uair a riamh dhealaich iad bho chèile le droch-ghiùlan aimhleasach, a’ trod ’s a’ càineadh a chèile gun abhsadh. Cha b’fhada gus an do sguir na tuairsgeul tharchuiseach agus ’nan àite ’s ann a thòisich iad a’ feuchainn clachan air a chèile. Gu dearbha cha b’ e clachan beaga a bharrachd ach ulpagan mòra agus carraighean thomadach. Chì sinn fhathast ràth dhiubh mu shlìosaidean nan cnuic anns an robh iad a’ sireadh fasgadh.
Thàinig an oidhche orra le aithghearrachd a bha mì-choltach. Cha robh mòran fasgaidh an àite sam bith le neart na gaoithe is an fhairge agus an t-uisge a’ dòrtadh ’na thuil. Bha an talamh eadar na creaganan ’na chop geal le bras-shruth nan aibhnichean a’ dòrtadh sìos gu ceann na tràghad. Bha fuaim mì-nàdurrach ’na chois le frasadh nan gailinn, foram nan uillt agus luasgan a’ chuain ghreannaich a’ bòcadh gun fhois. Cha b’e oidhche a bh’ ann air am faigheadh duine beò air thalamh mòran fois ged a bhiodh e
paisgte seasgair ’na leabaidh ach ’s ann a bha an dithis acasan a-muigh air an t-sitig, fuar fann gun norradh cadail an glaic na beinne le gaoth troimh thuill gan ragadh. A dh’aindeoin sin bha am fear a-bhos a tionnsgain ciamar a gheibheadh e grèim air an t-slige agus am fear eile a’ dealbhadh ’na inntinn mar a chumadh e fhèin an t-slige gu cùramach gus an cuireadh an Gobha Beag toll innte san cuireadh e cuibhreach ghrinn rithe.
Bha fear na slige beagan na bu dòigheil na bhràthair agus rinn e norrag bheag ach cha b’fhada gus an do dhùisg e. Bha fuaim annasach a’ tighinn thige an dràsda ’s a-rithist. Bha e a’ cluinntinn plub mòr a’ tighinn is a’ tighinn na b’fhaisge. Chaidh e air a spògan agus thòisich e a’ fàtaireachd troimh an dubh-dhorchadas. Mu dheireadh thall rinn e a-mach cumadh a bhràthar, leathach slighe a-measg a’ bheum-slèibhe, a’ sadadh carraghan mhòra roimhe mar staran agus craobh mhòr giuthas aige ’na làimh mar bhata a’ daingneachadh a cheum. Th’abair trom-laighe!
Co-dhiù mu dheireadh thall ràinig e tanalach, choisich e air adhart gus an do rinn e tìr dheth. Mhothaich a bhràthair an uairsin dè a bha mu chasan. Leis a chabhag a bha orra le chèile a’ teiche bhon tràigh bha e air stocainn ás gach paidhir a thoirt leis agus bha a’ bhuil. Thòisich am fear eile a’ lachanaich agus a bhràthair a’ coimhead cho faoin, ach ma thòisich nach do mhothaich a bhràthair gu robh an dearbh rud ceàrr air casan an fhir eile. Bha an sealladh cho èibhinn agus gun do dhì-chiumhnich iad an gamhlas a bha eatorra. Ann am priobadh na sùile bha iad an iath-ghlacaibh a chèile agus mar bu mhotha an lachan-gàire ’s ann a b’ìsle chaidh neo-thruacantas na tìde. Sguir an t-uisge. Thàinig fiath. Bha am muir sèimh socair. Bha seun na slige air a briseadh agus nuair a thug iad sùil oirre bha i air ais air an aona dhath ghlas, ghrànnda, odhar.
Leis an aithreachas, cha d’thuirt iad smid ach chuir iad dhiùbh na stocainnean agus sgaoil iad ’nan càraidean iad air leac sa’ ghrian gus an tiormachadh agus a-mach leotha sìos an leathad gu Tràigh Loch Chreaganais. Chaidh iad a-mach gu’n tòin air a’ mhuir agus shad fear aca an t-slige cho fada is cho làidir is a b’urrainn dha, a-mach air a loch. Thug i cruinn-leum thairis air Eilean MhicChrìon, thug i sùrdag seachad air Eilean Rìgh, rinn i sìnteag thairis air an Ard, thog i steall á Coir-Bhreacain mus deach i á fianais fada gu ’n iar air Cruach Mhòr Scarbaidh. Tha iomradh gum faca muinntir Cholla sealladh soillseach coltach ri dealanaich a’ dol gu ’n iar aig a’ cheart àm.
Bha na balaich cho ciallach a-nise agus dh’ aithnich iad an cron a bha an t-slige air adhbharachadh agus bha iad a’ deanamh glè
chinnteach nach tachaireadh a leithid a chaoidh tuilleadh agus gu dearbha cha b’ ann na bu lugha a bha an dàimh eatorra ro bhuil.
Sin a-nis mo sheanchas - gabhaibh ris neo fàgaibh e. Ach ma thèid sibh air ceann-turais neo air slighe eadar Ceann Loch Ghileab agus an t-Oban cumaibh sùil gheur a-mach air na cnuic faisg air a’ Bhealach Mhòr agus chì sibh fhathast ri taobh a rathaid mhòir dà chnoc le tiùrraichean chlachan mu’n slinneanan far an robh na fuaimhearan ainmeil a’ dèanamh geal air a chèile an oidhche ud. Mur eil sibh ga mo chreidsinn dearbhaidh m’ oghaichean gur e an tul-fhìrinn a th’agam.
title | Seud na Slige |
internal date | 1999.0 |
display date | 1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Tarmod Dòmhnullach in Gairm 189 %p |
parent text | Gairm 189 |