Air An Spiris
THA Cathair Ceilteach a nise stéidhichte ann an Oilthigh Ghlaschu. Is e rud mór a tha an sin, agus tha sinn a’ cur meal an naidheachd air Aonghas MacMhathain a roghnaicheadh mar a’ chiad Ard-ollamh; tha e an urra ris-san a nise loinn a chur air a’ Chathair ùr agus an tuilleadh cliù a chur air teagasg na Gàidhlige ann an Oilthigh Ghlaschu.
Mar is motha a bhagras rocaidean agus cunnartan eile air adhbhar na Gàidhlige, is ann mar sin as motha am feum air teagasg. Air an adhbhar sin, tha e ’na chùis-thoileachaidh dhuinn uile gu bheil urrachan an fhoghluim a’ toirt am barrachd spéis do’n Ghàidhlig mar a tha na bliadhnachan a’ dol seachad. Is e an call gun deachaidh uimhir de bhliadhnachan seachad mun do bhlàthaich an spéis.
Ach ma ruigeas each mall muilinn, is còir gum faic sinn leasachadh air staid na Gàidhlige uair no uaireigin, oir, anns an aon ràithe san tainig naidheachd air a’ Chathair Cheilteach, thainig fios cuideachd gu bheil dà bhaile eile air deagh eiseamplair Ghlaschu a leantainn a thaobh teagasg na Gàidhlige anns na sgoiltean. Tha Sgoil Norton ann an Dun-éideann gu bhith a’ tairgse Gàidhlige do sgoilearan a nise, agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh do Mhurdag NicCoinnich a thaghadh mar a’ chiad bhan-sgoilear. Tha cuideachd Ard-sgoil Ghrianaig an déidh clasaichean Gàidhlige a stéidheachadh airson na ciad uair riamh, agus tha e coltach gu bheil còrr agus trì fichead sgoilear a’ feitheamh tòiseachadh.
Tha a h-uile coltas gu bheil obair nan rocaidean a’ dol air adhart a dh’aindeoin có theireas, agus chan eil teagamh sam bith againne gur i sin a’ bhuille as goirte a fhuair a’ chànain riamh. Chan eil teagamh againn nach bi a’ Ghàidhlig an ìre mhath marbh anns na h-Uibhistean ann an dà ghinealaich eile.
Mar is motha a sheargas a’ Ghàidhlig anns na ceàrnan sin, is ann as motha am feum air teagasg ann an àiteachan eile, agus tha sinn an dòchas gun lean tuilleadh bhailtean Albannach Glaschu agus Dun-éideann agus Grianaig, agus nach fhada gus am bi cothrom aig cloinn anns gach baile an Alba air Gàidhlig ionnsachadh, mar a tha cothrom aca mar thà cànainean coimheach ionnsachadh. Agus, anns gach sgoil anns an tòisich Gàidhlig, bu chòir do luchd teagaisg a chuimhneachadh nach e gràmair an aon rud as urrainn dhoibh a chur an ceann na cloinne—ach cuideachd ùidh agus dealasachd a thaobh rud cho prìseil ’s a tha fighte ann an dualchas na h-Albann.
title | Air an Spiris |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |