Scotland ’s Story,deas. le Douglas Young.
(Scotland’s Magazine,7/6. )
Tha anScotland ’s Magazineri mholadh airson an leabhar so a chlo-bhualadh, agus Douglas Young airson a sgìobhadh. Ged nach eil ann ach mu cheud duilleag is math is fhiach e a’ phrìs. Tha Young a’ deanamh geàrr-iomradh air eachdraidh na h-Albann bho Linn na Cloiche gus an là-an-diugh, agus chan eil duilleag gun dealbh, agus gu tric dhà no trì. So an Douglas Young air a robh sinn eòlach o chionn bhliadhnachan—an duine a bheireadh beachd, agus gu tric beachd chothromach, air ceud cuspair, agus an duine nach tugadh bonaid anuas do Shasunnach a chunnaic e riamh. Thainig seòrsa de bhochdainn is de sprochd air Albainn bho dh’fhàs e na bu sholta, is tha sinn an dòchas nach robh e ach a’ leigeil anail.
Tha na deilbh is na cuspairean, mar is trice, taghta anns gach seagh. Tha a h-àite dligheach ’ga thoirt do’n Ghaidhealtachd is do’n Ghàidhlig. Chan e deireadh an t-seann òrain a tha aig an ùghdar, ach toiseach òrain nuaidh, is có an t-Albannach nach guidheadh gu bheil gibht an fhàidh aige cho math ri a choltas.
Bheir an leabhar so móran sòlais dhut fhéin, a leughadair. Bu gheal a b’fhiach e fhàgail far a laigheadh sùil do mhic no do nighinn air, is ged a b’e do sheanmhair a thogadh e cha bu mhisde i na speuclairean a chur an àirde.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Scotland’s Story) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |