[280]

Ossian
(Comunn Oiseanach Oil-thigh Ghlaschu. 2/- ).

An déidh bhithna thàmh airson grunn bhliadhnachan, tha Ossian air a ghuth a thogail aon uair eile, is be sin an guth sgairteil. Tha an leabhran so gu grinn air a chur uime, agus saoilidh sinn gun tainig piseach nach beag air bho nochd e bho dheireadh. Tha sinn an dòchas gum bi sinn acur fàilt air an ath-bhliadhna a rithist, is iomadach bliadhna an déidh sin.

S ann gu h-àraidh mar chuimhneachan air stéidheachadh cathair ùr na Gàidhlige an Oil-thigh Ghlaschu a chaidh Ossian a chur an clò am bliadhna, agus tha iomradh ann air mar a thugadh so gu buil, le dìcheall aChlub Oiseanaich agus saothar is dealas iomadh bliadhna. Tha sinn acur meal-an-naidheachd air luchd na saothrach sin, agus air an Ollamh ùr, Aonghus MacMhathain a tha a nis air a dhol an ceann a dhreuchd. Ghuidheamaid soirbheachadh leis, agus leis na h-oileanaich Ghaidhealach a thig fo a làimh.

Tha dealbh an Ollaimh an so, agus iomradh air le dithis de a dhlùth-chàirdean, Somhairle MacGill-Eathain is Fearchar Mac an Tòisich. Tha Aonghus MacMhathain fhéin atoirt cunntas dhuinn air amhór-chuid de na sgoileirean Ceilteach a shaothraich an Oil-thigh Ghlaschu bho chuireadh an cuspair an toiseach air clàr an fhoghluim an sin, is tha roimh-ràdh an leabhrain sgrìobhte le Ard-cheann an Oil-thigh, an Ridire Hector Hetherington.

A thuilleadh air a so, gheibh sinn anns an leabhran bàrdeachd is rosg, araon am Beurla is an Gàidhlig, air caochladh chuspaireanEilean nan Rocaidean, Beul-aithris agus Gàidhlig, “Towards a Preservation of Outer Isles Antiquities” ,gun luaidh a dheanamh ach air dòrlach dhiubh. Tha sinn eòlach a cheana air cuid den luchd-sgrìobhaidh, mar a tha Somhairle MacGill-Eathain., Calum MacGill-Eathain, Norman MacCaig, agus dithis oileanach a sgrìobh dhuinn an GairmCeit NicDhòmhnaill is Coinneach MacDhòmhnaill. Chan ann acur sìos air càch a tha sinn nuair a their sinn gu bheil loinn is grinneas air sgeulachd ChoinnichFa Chomhair nam Beanna tha agealltainn an deagh thoraidh. ’S ann ris-san, agus ri Iain MacFhionnlaigh is Tormod MacGill-Eathain, a bha deasachadh na Gàidhlige an urra, aguss e Cailean MacAmhlaidh am prìomh fhear-deasachaidh. Is e ar dùrachd gum cùm iad uile an ribheid air ghleus— ’s fhiach i sin.

R. McT.

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Ossian)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page