[281]

ANNS A’ BHEAIRT

Tha dùil againn a nis gach ràithe beagan seanachais a dheanamh air leabhraichean ùra a thagan ullachadh le sgrìobhadairean Gàidhlig, oir tha móran de ar luchd-leughaidh a tha cho titheach air leabhraichean Gàidhlig is gur gann a dhfhuiricheas iad gus an tig iad bho bheart achlò. Bhiodh sinn glé thoilichte fios fhaighinn bho ùghdair a tha deònach innse do chàch tha fo an sgéith.

Chan eil a bheag de ar sgrìobhadairean a tha air a bhith cho èasgaidh o chionn bhliadhnachan ri Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaidh. A measg nan leabhraichean, eadar bheag is mhór, ris an do ghabh e saothair mar thà faodaidh sinn iad so ainmeachadh—Highland Songs of the Forty-Five,Orain Ghàidhlig le Seonaidh Caimbeul, Sia Sgialachdan, Gaelic in Scottish Education and Life,An Triùir Choigreach, agusGaelic Folk-songs from the Isle of Barra.Tha e cuideachd air móran a sgrìobhadh ann an ràitheachain agus an irisean araon an Albainn is an Eirinn. Gu dearbh chan e a h-uile tuathanach a tha cho deas chun aphinn ris, agus guma fada a mhealas e sàmhchar Chanaidh mas es gu lean e air acur dheth abhàrr tharbhaich so.

Tha e fhéin is a bhean, Margaret Fay Shaw a dheasaichFolk -songs and Folklore of South Uist,air ùr thilleadh á Canada is á Ameireaga. Bann á Carolìna mu Dheas a fhuair sinn litir bhuaithe le naidheachd air na bha anns abheairt am bliadhna. Tha e nis air a bhith ag obair thuiges bhuaithe o chionn greis air cruinneachadh de fhacail Ghàidhlig a dhfhàg Mgr Ailean Dòmhnallach, agus tha e ag ràdh gu bheil làn dhùil aige gum bi am Faclair air fhoillseachadh roimh cheann na bliadhna so. Chan e faclair anns an t-seagh chumanta a bhios ann, oir bithidh móran leudachaidhga dheanamh air cuid de na facail, le cunntasan air nòsan a tha nis air a dhol á bith, agus sgeulachdan a thruis Mgr Ailean ann an Uibhist a Deas agus an Eirisgeidh. Bha bodach Sgitheanach uaireigin amoladh na mònach do Thriath Dhun-bheagain, agus ars esan, “A MhicLeòid mhóir, nan itheadh sibh mòine dhitheadh sibhn so”, ach sin mar a bhitheas le faclair Mhgr Ailein, nan leughadh sibh faclair leughadh sibh am fear so. ’S ann an Eirinn a thathasga chur an clò, is acosg air. Saoil sibh a bheil na h-Eireannach cho fad-air-aiss a tha cuid de na Goillnar measg an dùil?

Ach tha leabhar eile aig aChaimbeulach anns abheairt, leabhar de sgeulachdan—“Told by the Coddy: Tales of BarraagusThe Donald MacCormick Collection of Waulking Songs.Thachair e air mac aChoddy (Ruairi) ann an Hartford, Connecticut, far a bheil e adeanamh beòshlaint mhath le togail thighean. Chan eil cinnt againn fhathast cuin a bhios an leabhar sin ullamh, ach tha sinn an dòchas nach fhada thuige. Tha sinn an dòchas gu faigh Fear Chanaidh an t-àiteach seachad gu sgiobalta am bliadhna, is nach cuir an crodh is na caoraich móran dragh air gu féilltean an fhoghair, ach a faigh e cothrom a dhol an sàs ann an obair.

titleAnns a’ Bheairt
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page