Dùthaich roinnte na h-aghaidh fhéin
Le FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL
Criochan nan siorrachdan
A’ chrioch mhór
Lochan
Airson an deanamh so-thuigsinn, tha ainmean nan àiteachan air a’ mhap so ann am Beurla. So iad anns a’ Ghàidhlig Eireannaich:
Antrim ,Aontruim.
Cavan ,Cabhán.
Co . Down,Co. an Dúin.
Fermanagh ,Fearmonach.
Louth ,Lughbhaidh.
Newry ,Iubhar Chinntrágha.
Sligo ,Sligeach.
Armagh ,Ard Mhacha.
Derry ,Doire.
Dublin ,Baile Atha Cliatha.
Leitrim ,Liathdruim.
Mayo ,Muigheo.
Roscommon ,Ros Comain.
Tyrone ,Tír Eóghain.
Belfast ,Béal Feirste.
Donegal ,Dún nan Gall.
Dundalk ,Dún Dealgan.
Lonford ,Longphuirt.
Monaghan ,Muineacháin.
DUSAN mìle thar a’ chuain bho Mhaol Chinntìre tha gunnachan air cruachain nam polasman. Agus chan eil an sin ach aon rud a chomharraicheas do’n fhear siubhail gu bheil an t-athrrachadh as motha air an t-saoghal eadar Ulaidh agus Alba.
Chan eil cho fada bhon a bha an dà dhùthaich ann an dlùth chàirdeas, ach, ged a tha taobh blàth fhathast aig an Eireannach ris an Albannach, chan eil an ceangal a nise a’ dol nas doimhne na sin.
Tha fios againn uile gu bheil Eirinn roinnte, gu bheil aon bhloigh fo riaghladh Bhaile Ath Cliath, agus a’ bhloigh eile—Ulaidh —fo ìmpireachd Bhreatainn, le pàrlamaid ann am Bealfeirsde. Ach chan eil sinn idir cinnteach càite a bheil Ulaidh a’ sgur no a’ tòiseachadh.
Ma bheir sibh sùil air a’ mhap so shuas, chì sibh gu bheil an t-Saor Stàit, ann am badan, nas fhaide a tuath na Ulaidh fhéin. Chì sibh
cuideachd gu bheil a’ chrìoch mu’m bheil an trod, a’ sineadh ’na cama-luban bho Loch Feabhail anns a’ ghob a tuath, gu Bàgh Dùn nan Gall air an taobh siar, agus, anull as a sin, gu Loch Carlingford air an taobh sear. Cuimhnichibh cuideachd gu bheil a’ chrìoch gu tric a’ ruith troimh chlachain, agus uaireannan eadar tigh agus bàthach an aon tuathanaich, agus chì sibh cho furasda ’s a tha e do luchd aimhreit siolpadh bho dheas gu tuath agus bho thuath gu deas.
Tha sia siorrachdan, no conndaidhean mar a their na h-Eireannaich fhéin, ann an Ulaidh—Doire, Tír Eóghain, Fearmonach, Ard Mhacha, Co. an Dúin, agus Aontruim. Dh’fhuirich iadsan fo riaghladh Bhreatainn an uair a choisinn na sia siorrachdan fichead eile an saorsa ann an 1923. Cha b’e aon àireamh de Ghairm a dh’fheumamaid gus sgrùdadh a dheanamh air na polataics a shuidhich a’ chrioch far an do shuidhicheadh i, ach tha aon rud cinnteach—is ann an uair sin a rinneadh a’ churachd as a bheil sinn a’ buain na h-aimhreit an diugh. An uair a their sinn gun do roghnaich na sia siorrachdan fuireach, is e tha sinn a’ ciallachadh gun do roghnaich a’ mhor-chuid anns na siorrachdan sin.
An diugh, tha muinntir nan sia siorrachdan roinnte ’nam measg fhéin. Tha feadhainn leis am bu mhiann a dhol asteach do’n t-Saor Stàit; tha móran nach rachadh asteach airson dad a chunnaic iad riamh.
Chan eil e furasda a ràdha ciamar a tha sluagh Ulaidh air a roinn eadar an dà dhìlseachd, ach cha bhitheamaid fada ceàrr nan canamaid gu bheil a’ chuid as motha de na Caitligich titheach air a dhol fo riaghladh Bhaile Ath Cliath, agus gu bheil a h-uile Pròsdanach calg dhìreach an aghaidh sin. Tha mu dhà Phròsdanach chun a h-uile Caitligeach anns a’ Cheann-a- tuath; tha mu naoi Caitligeach chun a h-uile Pròsdanach anns an t-Saor Stàit.
An uair a bha mise thall an an Iubhar Chinn-trágha, baile nach eil ach ceithir mìle bhon a’ chrìch, bha an ceòl air feadh na fìdhle a chionn ’s gu robhar a’ cur as leth Mgr. Midgely—Ministear an Fhoghluim ann am Pàrlamaid Stormont—gu robh a’ bheag-chuid (na Caitligich) riamh nan iùdasaich do riaghaltas Ulaidh. Co-dhiùbh a thubhairt ’s gus nach dubhairt Midgely sin, bha colg air na Caitligich, oir tha iadsan a’ dleas nach eil e ach nàdurra dhoibh taobh blàth a bhith aca ri am bràithrean Eireannach anns a’ Cheann a deas, a tha de’n aon chreideamh riutha fhéin. Gu dearbha, chan eil dealachadh air an t-saoghal eadar Iubhar Chinn-trágha fhéin agus baile anns an t-Saor Stàit. Cha chuala mi Laoidh na Rìoghachd fhad ’s a bha mi ann, agus is i a’ Bhànrigh( ’s chan e am Pàp) a tha air a mallachadh air ballachan nan tighean beaga. Cha b’e sin e do Phort-an-dúin—am baile anns an robh mi an uiridh, far an robh sluagh gu ìre mhóir Pròsdanach, agus dìleas thar tomhais do riaghaltas Bhreatainn.
[Sanas]
Ann an Alba, far a bheil Caitligich agus Pròsdanaich sìtheil, càirdeil, tha e duilich dhuinn a thuigsinn carson a tha sgaradh cho mór eatorras iad ann an Ulaidh. Ach, mar a dh’fheuch mi ri chomharrachadh an so shuas, tha creideamh agus polataics a’ toirt buaidh air a chéile an sud—rud nach eil iad an so. Chan e gu bheil nàbaidhean de chreideamhan dealaichte an uganan a chéile. ’S iad nach eil. Theid iad a dh’obair còmhla, theid iad a dh’òl còmhla, theid iad a gholfadh còmhla; ach tha dà rud air nach aontaich iad gu bràth—am Pàp, agus a’ Chrìoch.
Gu mì-fhortanach, tha a’ Ghàidhlig air a suaineadh ann an sùgan nam polataics agus a’ chreidimh cuideachd. Tha a’ chànain gu tur marbh mar chànain ann an Ulaidh. Chan fhaodar a’ teagasg anns na sgoiltean Pròsdanach, oir tha i air a dleas mar rud a bhuineas gu sònraichte do na Caitligich, agus, mar sin, do na Nàiseantaich. Thatar a nise a’ feuchainn ri a faochnadh air na sgoiltean Caitligeach, ach ri linn ’s gur e faochnadh a tha ann, chan eil a’ chlann a’ gabhail rithe le blàths mór sam bith. Ach ged nach eil a’ Ghàidhlig beò ’nam measg, tha meas mór aig na Caitligich oirre. Ann am Port-an-dúin, an uiridh, bha mise fo amharus a chionn ’s gu robh Gàidhlig agam—air eagal ’s gur e Caitligeach a bh’annam; ann an Iubhar Chinn-trágha am bliadhna rinneadh uabhas dhìom a chionn ’s gu robh Gàidhlig agam, agus bha iomadh deagh dhrama agam fhéin agus aig Pádraig O Crìonáin, maighstir-sgoile a tha air leth dealasach air taobh na cànaine mar chànain.
Pròsdanach no Caitligeach, Breatannach no Nàiseantach, tha an t-Eireannach déidheil air spòrs. Agus chan eil spòrs ann as fheàrr na bhith a’ toirt a char as muinntir na cuspainn. Deas air a’ Chrìch tha peatroil, deoch, agus tombaca cus nas saoire na tha iad anns a’ cheann-a- tuath, agus chan eil dad as sòlasaiche na ultach math de dh’aon seach aon aca a ghoid amach gun fhios do dh’oifigeach na cuspainn. Tha feadhainn anns a’ cheann-a- tuath nach do cheannaich riamh pacaid thoiteanan no galan peatrol aig prìs mhóir Bhreatainn! Ach ’se tha sin spòrs, agus chan ionnan e ’s a chùilteireachd mhór a tha a’ dol air adhart—mìltean bheathaichean cruidh, bocsaichean de uaireadairean ’s de chamarathan, cisteachan tombaca, ’gan goid thar na crìche le feadhainn a tha a’ deanamh am beò-shlaint mar sin. Cha toil leis an Eireannach chumanta iad sin nas motha nas toil leis an fhear a bheir breac á linne ri oidhche dhorcha am fear a mharbhas ceud bradan le spreadhadh fùdair. Tha dealachadh eadar spòrs is meirle.
Ma theid thu splaoid suas cladach Aontroma cha mhór nach toir thu chreidsinn ort fhéin gur ann air Gaidhealtachd na h-Albann a tha thu. Tha “na lochan, na h-òban, na h-òsan ’s na caoil” ann an sud mar a tha iad aig an tigh.
Tha am fearann air a roinn ’na thuathanachais bheaga—chan eil am facal croit air a chleachdadh idir—agus tha mu dhusan acaire aig gach tuathanach, agus roinn de mhonadh lom. (Chan eil bile raoich ann an Eirinn.) Tha tighean nan tuathanach snog agus riatanach mór, air an gealadh le aol agus, gu tric, air an tughadh le cuilc. Ach is iad na rudan air an laigh an t-sùil daonnan, na claisean de uisge tàimh a tha mu gach tigh—na claisean anns a robh, uaireigin,
[Dealbh]
Lùchairt Stormont, far am bi Parlamaid Ulaidh a’ coinneachadh
an lìon air a grodadh mar a’ chiad cheum anns an ullachadh airson an t-snìomh. An diugh, tha obair an lìn ullamh mar obair dachaidh—ullamh, cha mhór, mar obair nàiseanta cuideachd—agus an uair a chì sinn lìon-eudach Eireannach anns na bùthan, faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil e air a dheanamh ann an Eirinn á lìon a cheannaicheadh anns an Roinn-Eòrpa. Gu dearbha, chan eil obair dachaidh idir ann an Ulaidh an diugh, agus ri linn ’s gu bheil na tuathanachais cho beag, tha na tuathanaich agus an teaghlaichean am feum a dhol a shireadh am beò-shlaint ann an tighean-oibreach nam bailtean. Leis na tha a’ deanamh sin dhiubh, agus leis na thainig a tuath as an t-Saor Stàit air tòir oibreach, fhad ’s bha sin ceadaichte dhoibh, tha cus a’ sireadh beagan oibreach ann an Ulaidh an diugh. Chan eil ceàrn eile de’n rìoghachd anns a bheil na h-uiread gun obair. Is e sin aon de na ceisdean a tha a’ cur fìor dhragha air riaghaltas Stormont.
Ach ged a tha cion oibreach a’ cur dragha air pàrlamaid nan sia siorrachdan, tha fios agus cinnt gu bheil a’ chùis a’ dol am feabhas. Agus, dona ’s ged a tha i an dràsda fhéin, tha i cus nas fheàrr na tha cùisean a deas, far a bheil na mìltean gun obair, agus far a bheil na mìltean a’ dol air fuadach a h-uile bliadhna. Tha Stormont mionnaichte gu bheil an rud as miosa a thachras fo riaghladh Bhreatainn nas fheàrr na ’n rud a b’fheàrr a thachradh fo riaghladh Bhaile Ath Cliath.
An uair a bhruidhneas fear a mhuinntir Ulaidh mu’n ‘riaghaltas’ is ann air riaghaltas Stormont a tha e a’ bruidhinn. Agus tha móran ann an Alba a their gum biodh Alba na b’fheàrr dheth fo phàrlamaid Albannaich, leithid Stormont—pàrlamaid a dhéiligeadh ri cùisean a bhuineas do’n dùthaich so fhéin. Dé a chanas an t-Eireannach ris a so? Canaidh gum bu ghlic dhuinn fuireach mar a thà sinn—gu bheil Stormont math gu leòir mar aisling agus mar dhùrachd-bruadair, ach gu bheil an aisling ro chosgail. Their e gu bheil Ulaidh a’ pàidh-
eadh airson dà‘civil service’gun mhóran air an son. “Thig lagh ùr á Westminster,” arsa caraid “agus their sinne nach gabh sinn cuid na gnothaich ris. Ach ann am beagan mhìosan, tha sinn a’ cur a’ cheart lagha air clàr sinn fhéin.”
Anns an dùthaich so, a tha fo’n aon àrd riaghladh rinne, dé na dealachaidhean a chì duine ri linn Stormont? Corra uair tha na dealachaidhean mór. Ri linn a’ chogaidh mu dheireadh cha deachaidh saighdearan a thogail a dheòin no a dh’aindeoin mar a chaidh iad an so. Chun an là-an-diugh, tha riaghladh nan sgoiltean gu tur an urra ri pàrlamaid Bhealfeirsde. Ach, mar is trice, chan eil na dealachaidhean ach beag. Na tighean-seinnse fosgailte iad an latha; prìsean rudan dealaichte bho na prìsean againne; rudan beaga mar sin. Leana beag is beag tha na dealachaidhean a’ falbh. Airson na ciad uair, am bliadhna, chaidh smachd a chur air an astar aig am faod càraichean a dhol troimh na bailtean, agus, airson na ciad uair cuideachd, rinneadh lagh gus toirt air luchd chàraichean diachainn a ghabhail mum faigheadh iad cead car a dhraoibheadh.
Is e an dealachadh as motha, a’ chiad fhear air an tug mi iomradh—na gunnachan air na polasmain. Agus cha tug mi iomradh fhathast air na “B-men” —feadhainn caran coltach ris an, ‘Home Guard’air an robh sinn eòlach fad a’ chogaidh—feadhainn a bhios a’ siubhal nan rathaidean fad na h-oidhche le làn chead duine sam bith a stad, agus peilear a chur anns an fhear nach stad. Gu mì-fhortanach, tha feum air lagh a’ ghunna, oir tha an I.R. A. a’ fàs nas croiseile a h-uile bliadhna.
Gu dé a tha anns an I.R. A.? Tha fios againn gum bi iad a’ smàladh dhrochaidean agus a’ cur thighean-oibreach agus baragan airm ’nan spruillich. Ach có dhà am buin iad?
Cha ghabh riaghladh na Saor Stàit riutha, ged, mar is trice,
[Dealbh]
Talla a’ bhaile ann an Iubhar Chinn-trágha
[Sanas]
nach dean an riaghladh sin móran gus bacadh a chur orra. Cha ghabh Nàiseantaich a’ Chinn-a- tuath gnothaich fhollaiseach riutha.
Tha e air a ràdha gum buin iad do gach taobh de’n chrìch—daoine bras a tha de’n bheachd nach faighear cuidhteas a’ chrìoch gu bràth mar a deanar le làmhachas làidir e. Oidhche an déidh oidhche, far an lugha am bi dùil riutha, cromaidh iad air baile air choreigin agus cuiridh iad fùdar fo thogalaich air choreigin, agus falbhaidh iad air ais do’n dorchadas. Is ann gus casg a chur orra-san a tha na polasmain air an armachadh, agus is ann air an son-san gu sònraichte a tha na‘B- men’air na rathaidean móra. Ged nach gabh Nàiseantaich Ulaidh gnothaich riutha, cha mhotha na sin a bhrathadh iad iad ged a gheibheadh iad an cothrom. Arsa aon Nàiseantach riùmsa “Cha do mharbh an I.R. A. duine fhathast; chan ionnan sin ’s na‘B- men’a tha air peilear a chur ann an iomadh duine.”
Shaoileadh tu gum biodh cùisean mì-chomfhurtail ann an dùthaich a tha air a riasladh mar a tha Ulaidh. Ach tha ’n t-Eireannach caran somalta, coma-co-dhiùbh, dheth fhéin. Aon de na h-oidhcheannan a bha mise ann an Iubhar Chinn-trágha, chaidh tigh airm a spreadhadh mu chiad slat bho Thalla a’ Bhaile far an robh sinn. Bha dùil agamsa gu robh deireadh an t-saoghail air tighinn. Chlisg an sluagh a bha timcheall orm. Bha dùil aca gur e rudeigin a thuit air cùl a’ chlàir cluiche, ach, ann am mionaid, chaidh an cagar mun cuairt “Chan eil ann ach tigh an airm air a dhol suas a rithist!” agus shocraich iad iad fhéin gus an còrr de’n dealbh-chluich fhaicinn. An oidhche sin, bhasten - gunsair gach oisinn an uair a bha sinn a’ dol dhachaidh.
Ge be dé a thachras, chan fhois ’s chan fhuaraich na Nàiseantaich gus an téid cur as do’n chrìch. Ge be dé a thachras, cumaidh na Unionaich a’ chrìoch ann an sud.
Cho fad ’s a chithinn-sa, cha bhi fuasgladh air a’ cheist gu bràth gus an leigear leis na h-àiteachan a tha, gu ìre mhaith, tur Caitligeach a dhol fo sgéith Bhaile Ath Cliath—Baile Dhoire, Tír Eóghain, Fearmonach, ceann-a- deas Co. an Dúin, agus ceann-a- deas Ard Mhacha. Ach cha bhiodh an sin ach bloigh fhuasgladh air a’ cheist.
An dràsda, tha sùilean ann an Ulaidh agus mu Dheas air Eamonn De Valera—prìomhaire ùr na Saor Stàit. Chan eil Eireannach eile beò as a bheil uiread de earbsa aig an t-sluagh; chan eil Eireannach eile beò aig a bheil an tuigse a tha aige-san air luchd a dhùthcha. Feumaidh e rudeigin a dheanamh, oir tha feum aig a dhùthaich fhéin air sìth gus na tha ceàrr innte fhéin a chur ceart.
title | Dùthaich Roinnte na h-Aghaidh Fhéin |
writers | Finlay John MacDonald |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |