[205]

Arcaibh O Shean

Le ANNA FHRISEAL

Baile Stromnis (I. Peterson)

BHA Seumas MacThómais ag innse dhuinn an Gairm greis air ais ciamar a tha cor Arcaibh an diugh, agus chan eil dad bu mhiann leamsa a chur ris an iomradh ghasda ud. Ach ma dhfhaodte gum faighte taitneach leòsan nach robh riamh ann, beagan a chluinntinn mu na cuimhneachain a thann air na làithean a dhfhalbh o chionn mìltean bliadhna. Is fhada bho chuala mi mar a tha Arcaibhna fhìor thigh-stòrais do a leithid sin, agus air dhomh dol ann ach am faicinn dhomhfhéin, fhuair mi amach nach robh na chualas ach acumail na còrach ris na mìorbhuilean a bha afeitheamh riùmionnas gu robh mi gu dripeil rin rannsachadh fad nan deich làithean a chuir mi seachad shuas an sin. Agus sin air amhór-thìr a mhàin.

Tha na cuimhneachain eadar bheags mhór, agus Oifig Oibrichean an urra ris na h-uile as airidh an cumail suas. Agus de na fir mhóra, ’s e Fàinne Bhrógair(The Ring of Brogar)as fhasa a ghabhasfhaicinn, is ena sheasamh air talamh àrd ri taobh an rathaid mhóir. ’S eclachan an cearcalla thann. Goirid uaithe, na ceithir monolithean aimmeil, Clachan Stenness, agus faisg orra-san, an aon chlach aonranach, ochd troidhean deug gu leth air àirde, air a bheilAChlach-fhaire.” A bharrachd air sin, tha bhroch as fhiach am faicinn


[206]

[Dealbh]
Clachan Stenness (I. Peterson)

(cho math ri boighean de fhicheadan eile) —togalaichean dìomhair ris an cantetùir Chruithneachle cuid.

Tha na cùirns na tighean-ùrach(earth-houses)móran nas lugha, ach eadhon nas taitniche, ar leam. Mar na cearcallan agus an còrr a dhainmich mi cheana, tha na cùirn uile air uachdar, ach a chionn iad a bhith làn chòmhdaichte le feur (co-dhiùbh leis na fir-togail a dhaon obair, no mean air mhean an iomlaid nan linntean, cha chinnte, tha iad acoimhead cho coltach ri tom feurach sam bith eile agus nach cuireadh duine mun coinneamh dad neo-chumanta. Faodar a bhith cinnteach gu robh iadsan a chaidh an tiodhlachadh anns na cùirn sonan ciad fhir-àiteachaidh an Arcaibh. Agus le an cuid uaigh a bhith cho lìonmhor, thàtar ameas gu robh uimhir de dhaoine anns na h-eileanan an sin, cha mhór, agus a gheibhear ann an diugh. Is beag ar cuid eòlais air an t-seann mhuinntir ud, ach is dòcha gun tàinig iad á dùthchannan air cladaichean an ear na Mara-meadhonaichemathdhfhaodte còrr agus ceithir mìle bliadhna air ais.

Ged nach ionnan càrn is càrn, tha aon dòigh àraidh air a bheil na h-uile coltach ri chéileagus sin ann a bhith dealaichte an earrannan beaga mu thimcheall seòmair mheadhonaicha bheir an t-ainmcùirn-seòmraichtedhaibh. ’S e am fear dan ainm Maeshowe as àirde cliù, agus chan eil teagamh nach fiach e sin. Feumaidh gu robh amhórchuid de na clachairean den Linn-cloiche udnam fir-oibre


[207]

air leth, agus acfhuinn cho -ghoireasach aca, ach is ann aig Maeshowe a chithear brod an oibre. Agus rud eile dhethnuair a dhfhosgladh an tom ann an 1861, fhuaradh gu robh spuinneadairean ann uaireigin roimhe sin. Ach a chionn gur h-e Lochlannaich den dara linn a bha annta, agus gun dhfhàg iad air na ballachan sreath an déidh sreatha derunes” ,an cruinneachadh as air an t-saoghal de na sgrìobhaidhean sin, is math as fheàirrde sinn cleachdadh nach math ach corr-ainneamh!

Tha an innteart cumhang, ìosal anns na cùirn uile gu léir, agus eadhon aig Maeshowe chan eil i thar ceithir troidhean air àirde. Agus aig an fhear ris an cante Cuween, chì Oifig Oibrichean iomchuidh rabhadh a thoirtnan leabhran dhaibhsana h-aon chuid sean na culachgun fheuchainn asteach, leis nach eil an trannsa, 18′ air fad, ach mu dhà throidh gu leth air àirde, agus caol dha réir. Tha mi fìor-thoilichteaithris gun dfhuair mise asteach cuimseach furasdaoir mun tug min ionnsaigh àraidh sin, fhuair mi amach gum bfheàrr liùgadh agus siubhal air adhart air na sàiltean, mar an dannsair Ruiseanaich, na snàgail air mhàgan, agus be am bun a bhann gun rachainn an ceann gun chus spàirneged bha rudeigin aig mfhéithean ra ràdh mun dfhàs iad cleachdte ris aghiùlan neo-ghnàthaichte ud. Ach ged a tha Cuween duilich do fheadhainn, cha choimeasar e idir ris achàrn dan ainm Beul-àth-leathann(Wideford)— 17½′ air fad, chan eil e dad nas àirde na 2′ , agus nas cuinge eadhon na sin. Chan eil e furasdafhaicinn ciamar a rachadh aig abheò air am mairbh a thoirt asteach troimhe: feumaidh gun snàgadh iad air am broinnean, le fear aslaodadh agus fear eile aputadh achuirp, ar leam. Ach feumaraideachadh gun dfhuair mise asteach air sheòl rud beag na bfhasa, oir tha fosgladh cuimir anns amhullach nise, agus fàradh tiugh ateàrnadh gu làr achùirn uaithe. Anns an dol seachad, ’s e so an t-aon chàrn a tharraingeadh aire neach nach robhga shireadh a dhaon obair, oir tha e uabhasach coltach ri bonnach-bainnse trì-sreathach agus, air chùl sin, ’na laighe air sliabh fosgailte goirid on rathad mhór.

[Dealbh]
Càrn Beul-àth-leathann

Chuireadh air trannsaichean cho ioma dhùinte so gur obh daoine nan seann làithean udnan troichean dan réir. Ach chan ann mar sin a bhà; tha na cnàmhan aca a dhfhàg iadnan déidh atogail fianuis gu robh iad meadhonach àrd. Feumaidh gu robh aobhar eile acagus creachadairean de chaochladh ghnè a chumail amach.

Sud beagan a thaobh chàrn. A thighinn gu tighean-ùrach, cha ghabh eadhon uiread ris a sin a ràdh le fìor chinnt mun deighinn, air aobhar nach dfhuaradh ann an aon dhiubh na dhfhaodadh leigeil


[208]

ris dìreach cuin a thogadh iad, no carson. Ach is dòcha gu bheil iad cho sean, gu inbhe bhig, ris na cùirn, sin ra ràdh, ateannadh ri aois cheithir mìle bliadhna, co-dhiùbh. Eu-coltach na na cùirn, tha iad uile fon talamh. Dhfhoillsicheadh thar fichead mar thà, cuid aca nach eil achnan sluic bheaga, asealltainn mar nach robhtargan cleachdadh ach mar ionaid-tasgaidh do bhiadh agus rudan den t-seòrsa ud. Ach nuair a thig sinn gus an thigh, Rennibister agus Gràin, chan ann mar sin a tha e idir.

Rennibisteris pailt ambisterso an Arcaibh, agus feumaidh gur ionann esan agus ambosta gheibhear an Innse-Gall, Lochlannach le chéile. Fad nan linntean, anuas gu ruig 1926, bha antighsona laighe gu sìochainteach fo iodhlann tuathanais den aon ainm faisg air Kirkwall, agus ma dhfhaodte nach baithnichte e an diugh mur bitheadh gun deachaidh inneal-bualaidh fodha, cha mhór, an toll. Fhuaras lorg an sin air togalach fìor shnasail, thar aon troidh deug air fad, an chuid leathann agus àrd, ceithir cuilbh theann acumail taice ris amhullach, sia-shlisneach agus le àireamh chùiltean geàrrte as an talamh aig na h-oisnean dèante leis achumadh so. Snasail, sin ra ràdh, mach air na cnàmhan agus claignean dhaonna leis an robh cuid den làr còmhdaichte. Uile gu léir, fhuaradh na dhfhàgadh de shianar inbheach agus de dhusan òigridh, co-dhiùbh, bho chóig gu seachd bliadhna deug a dhaois; ach carson a bha iad ann, agus leis an dréiticheadh ceithir de na claignean gu sgiobalta ri fear de na cuilbh, chan eil dad a dhfhios aig neach sam bith.

Feumar aideachadh nach gabhadh taobh astigh an àite-tàimh so a ruigsinn ro fhurasda anns na seann làithean. Thigeadh na bhitheadhga chleachdadh sìos bhon uachdar troimh tholl cumhang, gu trannsa chaol, chlaon, agus bhitheadh aca ri dol le bruthach gu làr an tighe fhéin, throidh gu leth na bìsle. Nuair a chaidh an tighfhoillseachadh, bha an trannsa so tachdte le ùir dhuibh, agus uabhas shligean maorachna ceann. An diugh, tha fosgladh, om bheil fàradh ateàrnadh don taobh astigh, am mullach an tighe fhéin. Cha burrainn dhomh gun an turus troimh an trannsa a dhèanamh ach am faicinn ciamar a bha e. Air an turus suas, cha bu spàirn sin orm, ach leis nach robh rùm agam tionndadh thàinig orm a thighinn anuas an comhair mo chùil, agus eadar gach a bha ann cha mholainn-sa an oidhirp do chàch.

Than tigh-ùrach eile, Gràin, dìreach taobh astigh crìochan Kirkwall fhéin, agus air a chuartachadh nise le tighean-comhairlean diughs an an ceann a chéile, gu deimhinn. Tha e coltach ri pònair mhóirna chumadh (na buill dhubha, chan eil annta ach cuilbh leis a bheilear acumail taice ris amhullach), agus ceangailte le trannsa gu math farsaing ri stàidhreachan a dhéireas don uachdar. Leis a sin, feumaidh gum faigheadh muinntir an àite amachs asteach móran na bfhasa na iad-san Rennibister. Agus leis gun do

[Dealbh]
Tigh-ùrach Gràin


[209]

[Dealbh]
An làrach ainmeil ris an canar Skara Brae

theirig mo dhòrn-leus buileach glan fads a bha mi an taobh astigh, bfheàirrde mi-fhéin sin nuair a bhagam ri faighinn amach ann an dorchadas mar abhìth!

Agus a nis an làrach ainmeil sinSkara Brae, am baile-beag roimh-eachdraidheil a chladhaicheadh o chionn mu thrichead bliadhna, an déidh dhà laighe falaichte le gainneamh agus fuidhleach bho chian nan cian. Be gluasad abhrait so leis aghaoith a dhfhoillsich na bha fodha, agus sin cho slàn agus nach robhas ameas an toiseach gun gabhadh e a bhith dad na bu shìne na mhìle bliadhna gu leth a dhaois, air achuid bu mhò. Ach cha bfhada gus an robh an t-Ollamh Childe, air an robh cùram na h-oibreach, am barail gum buineadh am baile don Linn-cloiche (coltach ris na cùirn agus na tighean-ùrach), oir a dhaindeoin an iarraidh bu mhionaidiche, cha do lorg e meatailt sam bith ann.

Achiad uair a thadhail mi am baile, bha móran sluaigh ann, air chor agus nach robh agam air ach dol mun cuairt còmhla riù. Ach an dara uair bha mi na bu ghlice. Ràinig mi moch samhadainn, agus gun ann ach mi-fhéinnam aonar leigeadh leam dol mun cuairt agus rannsachadh gu toil mo chridhe.

Tha ochd no naoi bothain ann, cho math ri bùth-oibre agus àite-margaidh, agus tha trannsaichean ìseal, a bhitheadh còmhdaichte gu clùthmhor le fuidhleach on t-sitig, aceangal cuid de na bothain ri chéile. Tha grunn de rudan a tha ro-phrìseil air an gleidheadh gu h-eudmhor fo ghloine, anns amhargaidhsreath no dhà de sgrìobhadh, an cànain buileach neo-aithnichte, a dhfhairtlich air na h-uile a dhfheuch ri ciall a thoirt asda.

Mar a thuirt mi cheana, tha am baile deagh-ghléidhte air fad, ach air aobhar air choreigin tha aon de na bothain an cor air leth slàn,


[210]

agus uidheamaichte fhathast mar a bhàaig gach taobh, leaba iom-dhruidte le leacan dìreach; teallach mór aig an dara ceann, agus dreasair rùmail, -sgeilpeach, dealaichte an ceithir roinnean mar amhraidhean gun dorsan, aig acheann eile; agus àireamh chisteachan beaga anns am biteadh acumail mhaorach agus gràin. Agus an ath-dhorus don dreasair, an dorus ìosal troimh am faigheadh an luchd-fuirich amachs asteach. an tubaist a thachair, chan urrainnear a ràdh, ach ge be a bhann, thàinig an t-àm nuair a beudar dhaibhghrad-theicheadh air eagal am beathaagusnan cabhaig afaighinn troimh an dorus, bhris bean a paid, agus feuch, grìogagannan spaidreach, afeitheamh rim faotainn mìltean bliadhnafianuisean balbha air an droch thuiteamas ud o shean. Ach sheas na ballachan gu daingeann, a dhaindeoin nach gabh e thuigsinn le clachair, àrd-chlachair no neach teòma sam bith eile ciamar a thogadh iad, no carson nach do thaobh-thromaich iad fada roimh so. Oir an àite a bhith dìreach, is ann a tha iad aclaonadh chun an taobh astigh, gun dad acumail taice riù, agus gun ghuth air aol no rud sam bith a cheangladh na clachan ri chéile. Chan eil mullach air abhothan fhathast, ach is dòcha gum be seiche no fiodh a bha ann uair, le fàrlas troimh am faigheadh toit amach agus solus asteach.

* * *

Leugh mi uair, an àiteigin: “Thig gach gu crìch, agus mar as fheàrr e is ann as luaithe a thig.” Sin mar a bha e an Arcaibh dhòmh-sa, agus mun gann a ràinig mi beudar dhomh dealachadh ris, a réir coltais. Ach tha romham tilleadh.

[Dealbh]
AnDwarfie Stane”—àite adhlacaidh eile air Eilean Hoy

titleArcaibh O Shean
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Anna Fhriseal in Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page