[213]

Inneal AMhi-Sheilbh

Le IAIN PEATARSON

CHA robh mi uair riamhna leithid a chàss a bha mi an oidhche ud an tigh Fhearchair Bhàinic Shomhairle Bhuidhe. Tha an tigh aig Fearchar an Glaic na h-Airde air taobh an earrdheas Eilean Thorculaidh. Eilean beag brèagha air iomall an Taibh, agus abair fhéin farraireach. ’S ann dìreach fèir abhliadhna an Fhoghair-sa chaidh a bha mi anns mi acruinneachadh seann bheul-aithris. Cha robh duine astigh ach sinn fhéin le chéile, agus mar a robh misenam éiginn dha-rìribh. Dhfhàg na chuala mi aig Fearchar gun smid mi agus cha burrainn dhomh greimeachadh air aon fhacal a chanainn.

Ar leam leis an daoirsne spioraid a bha orm gu robh an cidsin cho sàmhach ris an uaigh agus gu robh bithbhuantachd eadar a chuile diog aig aghleoc.

Bha an gleoc thall mam choinneimh air an dreasair. Cha robh e ach acoimhead duanaidh gu leòir ann an solus biorach na tilidh a measg gach ball-àirneis lainnireach eile bha anns achidsin: agus am fónam fón, thoir an aireann a sud air an ceann. Bha na craobhan air leòsan aghleoc cho seargte ri na litrichean buidhe air cùl aBhìobuill anns aphreasa ghlaineadh os cionn ceann na seingseadh, ach cha do chùm sud o obair e. Thòisich durrghailna bhroinn mar gum biodh e feachaireachd air an fhón a bha làmh ris anns an uinneig bhig air cùl achidsin. An déidh móran ùinich bhuail e deich uairean ann an gliongarsaich chritheanaich.

Ach fiach thusa an tug sud faothachadh dhòmhsa as méiginn. Cha mhotha na sin a thug e feac a Fearchar. Bha Fearchar fhéin air a dholna chruthchaill anns an t-seathars a cheann crom. Cha robh aire air cruthaidheachd a bha timcheall air agus e asìor fhàsgadh ceann na pìoba a bhana dhòrn. Chithinn na h-uilt geal troimh an chraicionn agus na cuislean amachnam baltan mar na gàdan.

Mu dheireadh thall gharbh reubadh an t-sàmhchar. Chaidh gaoir troimh mfheòil leis achaismeachd a thug an cidsin agus gach cùil is cial dhorcha fhalamh asta do ràn oillteil an fhón.

Thuit aphìob air Fearchar chon an làir is chaidh an luath is an tumbacanan spruilleach mar sud is mar so. Thug e smuaisleachadh air fhéin mar fhear adùsgadh á dùsal cadail, agus bha aon uair eile ma mo choinneimh an duine altmhor ealanta.

Bha mise a neisde air tighinn thugam fhéin agus cha do leig mi leis an fhón straighlich eile a dheanamh a chionns gu robh mi atuigsinn mar a bhà. Dhéirich mi gun ghuth gun ghabadh anull seachad air Fearchar agus thog mi an adhairc lainnireach is thuirt mi ann an guth socair rèidh: Torculaidhone -three.

Bithidh e acur iongnaidh oirbhse thug ormsa a bhana mo choigreach anns an tigh ud gu o chionn na bu lugha na leth uair an uaireadair, gabhail orm fhéin a dhol a fhreagairt an fhón. Ma tha innsidh mi sin dhuibh. So mar a bhà.

An dearbh fheasgar ud fhéin bha mi air a dhol air tìr ann an Torculaidh, agus mar a rinn an t-Agh fhuair mi fàthachd còmhla ri


[214]

seann chaillich chòir a bha fuireachna h-uain isna h-ònrachd ann an tigh beag cuimir faisg air an laimrig. A dhaindeoin a bliadhnaichean bha i fhathast gu math fùiseilna bodhaigsna slàinte, ach a mhàin gu robh i, o chionn bliadhna no dhà, air a claisneachd a chall gu dona. Leis a so cha robh e furasda móran còmhraidh a dheanamh rithe. Ach co-dhiùbh fhuair mi mach uaipe ma bha seann seanachasan a dhìth orm gum bu chòir dhomh a dhol a choimhead air Fearchar Bàn mac Shomhairle Bhuidhe a bha fuireach air taobh eile an rubha.

So dìreach mar a rinn mi. Bha ciaradh an fheasgair air tighinn gu math mus do ràinig mi tigh Fhearchair. Nuair a nochd mi asteach bha Fearcharna sheasamh aig ceann abhùird bhig a bha thall fon uinneig is e alasadh na tilidh.

Anns achearcall soluis a bha an coinean a bha e acur rithe adèanamh, chithinn gur e duine mór dèanta a bha ann. Fìor smior aGhàidheil le aghaidh leathainn dhreachmhoir agus dos math de fhalt buidhe bàn. Ach cha be a dhreach na a chruthachd bu mhotha dhan tug mi an aire ach cho altmhor cinnteachs a bha a chuile gluasad aige. Anns an tiotan mus do labhair a h-aon seach aon againn thuirt mi rium fhéin, ‘ ’S duine gneachdail tonaisgeil a tha so agam. Duine nach teidna idrisg ann an gàbhadh agus nach bi gu h-ealamh air a mhealladh le faoineis’. Shuidh mi an taobh shuas dha na h-anartan a bhanan tòrr air ceann na seingseadh agus ghabh mi beachd air cho altmhors a bha e: mar a chuir e an lampa air shiubhal agus mar a bha i ann an tiotan anns an drolla aige. Leis an aon sgiobaltachd bha gach soitheach parafain is eile air am pasgadh seachad agus air an curnan àite fhéin.

Bha gu ruigeas aphìobs a spliùcannan àite fhéin air sgeilp an luidheir. Thug e làmh orra is lìon e a phìob. Cha robh e dìreach ach apasgadh seachad an spliùcain nuair athòisich afón air gliongarsaich.

Shaoil leam, agus chuir e iongnadh orm aig an àm, gun tainig rudeigin de sgèan anns na sùilean aige agus gun tainig fiamh eagail air an uair a chuala e afón. Ach cha do ghluais na charaich e as an àite sa robh e. Mu dheireadh thubhairt e: “Siuthad fhéin, ’ille, freagair inneal amhì-sheilbh sin, ’s tu as ealanta aige is tu air tighinn far Ghalltachd.”

Cha robh mise ro thitheach air so a dhèanamh ach cha do rinn e fhéin oidhirp sam bith air a dhol chon afón agus air acheann mu dheireadh bhuannaich e orm gum freagrainn e.

bha sin ach brath gu Fearchar o Fhlòraidh a bhean, gum biodh i anmoch gun tighinn dhachaidh is i adol a dhfhantainn an Tigh aGhlinne far a robh bean-an-tighe air laighe air leabaidh chloinne.

Ghabh mi annas mór cho rags a bha Fearchar mu dhol a fhreagairt an fhón agus dhfhaighneachd mi dha fhads o fhuair iad e.

Fhuair sinn e”, ars esan, “a bhliadhna a gheamhraidh-sa chaidh agus bu cheart cho math leam ged nach bitheamaid air fhaighinn riamh. Chan e nach eil mi adeanamh feuma gu leòir dheth. Cha mhór nach eil mi acur air falbh fios a bhadeigin leis. Ach inneal na mollachd, cha do fhreagair mi e ach uair riamh anns an ùine sin. Seadh, tha mise cinnteach gun do fhreagair mi uair e, ach tha Flòraidh pailt cho deimhinne nach do fhreagair mi ach aon uair e.”


[215]

Ciamar so?” dhfhaighneachd mi fhéin, agus e doirbh leam a thuigsinn nach biodh fhios aig duine cho pongail ri Fearchar air rud cho suarach so.

Ma tha, ’ille ghasda”, thòisich Fearchar, “on tha coltas duine pongail ort is gur e coigreach a tha annads nach bi thu bruidhinn air a measg nan nàbaidhean, innsidh mise sin dhut. Ach thoir an aire, cha do dhfhosgail mi fhéin na Flòraidh ar beul riamh mu dheighinn ri anail bheò.”

“ ’S ann an dearbh sheachdain a fhuair sinn an ionnstramaid a fhreagair mi achiad uair e, agus mura do mhols mur dbheannaich mise an ud e. Bha mo chliamhainn afónaigeadh á Glaschu le moit mhóir air gu robh mi a neisdena mo sheanair. Bha gille aig Màiri amhadainn sin fhéin agus bha iad adol a thoirt ainm a sheanar air. Cha robh againne ach dithis chloinne, Màiri agus Somhairle. Bha Somhairle aig an tigh aig an àm, agus bha mi aràitinn ris, agus sinn ag òl làn air slàinte an ogha, nach robh sinn leith taingeil airson nan innleachdan ionmholta a bha atighinn òirnn o bhliadhna gu bliadhna. Ach tha eagal orm gu bheil car eile air a dhol ann an adhairc an daimh on uair sin. Seadh ma tha, chan eil mi cho cinnteach gu bheil na h-innleachdan cho ionmholta idir.”

Thainig rudeigin de mhonais air Fearchar agus stad e agus e adùr amharc air an teine a bha air a dhol sìos gu aon chraos.

An ceann treiseig thubhairt mi fhéin: “An e droch naidheachd a fhuair sibh an dara turus?”

Ma thà a laochain, cha burrainn dhomh a ràdh aig an àm gur e droch naidheachd a bhann, ged a chuir i iongnadh gu leòir orm. ’S ann dìreach air oidhche Di-ciadaoin a bhann; leithid eile na h-oidhche nochd. Bha mi astigh mar sonam ònrachd is Flòraidh amuigh ableoghan na . O nach robh sùil againn ri duine a thighinn air chéilidh, is mi fhéin sgìth le obair an Fhoghair, cha deachaidh mi aig dragh an tilidh a lasadh. Bha mi air mo phìob a lìonadh is mi aleigeadh manalachna mo shìneadh air an seingsidh nuair a leig a fón gliongarsaich as. Chaidh mi anull gun bhruaillean sam bith is fhreagair mi e. bha so ach Somhairle.”

Dhéirich Fearchar agus shìn e dhomh far sgeilp an luidheir dealbh a bha ann an céis ann a sin ri taobh bocsa na tea.

Sin agad an dealbh aige.”

Cha robh ann ach dealbh beag ach a dhaindeoin sin chunnaic mi anns amhionaid gur e cnuaic de bhalach mór tapaidh le cruthachd athar agus falt dualach dubh a mhàthar a bha ann an Somhairle. Bha an dealbh air a thogail air bòrd bàta agus bha Somhairlena aodach obrach: briogais ghorm le crios leathair agus léine liath le muilichinnean goirid, is i fosgailte sìos air abhrollach.

Dhfhaodadh sibh moit a bhith oirbh a leithid sin a bhalach sgoinneil a bhith agaibh”, thubhairt mi fhéin.

Cha dfhosgail Fearchar a bheul ach chuir e air ais an dealbhna àite. “Chan e naidheachd gu robh e dol a phòsadh a bhaig Somhairle dhuibh?” thuirt mi fhéin as mo ghuth thàmh.

Chan è, chan è, ach rud gu math na bu mhì-choltaiche na sin. Mar a bha mi ràitinn riut nuair a thog mi an adhairc chuala mi guth


[216]

Shomhairle. Bha e mar gum biodh cabhag air. ’S e a thubhairt e, ‘Cha leig sibh a leas an t-eathar a chur amach as abhara fhathast air mo shonsa, ach thigibhna mo choinneimh leatha, a mhìos gus am màireach, a dhEilean nan Sgarbh, is bithibh cinnteach gun toir sibh leibh an gunna. ’”

Mun do thàrr mi facal a ràdha chaidh ar gearradh dheth agus bha mina mo sheasamh leis an adhairc marbh ri mo chluais.

Co-dhiùbh thainig Flòraidh asteach aig acheart àm agus dhinnis mi dhi am fios a fhuair mi.

A neisde bha sùil againn ri Somhairle ann an ceann a dha na trì lathaichean is am bàta beag bathair air a robh e atighinn anuas dha na h-eileanan le uidheam airson obair an dealain. Chan e an dàil a bha anns achùis a chuir iongnadh oirnn idir, oir is minig a bfheudar dha turus a dheanamh dhan Fhraing no dhan Olaind aig an dearbh àm a bu chòir dha a bhith bhos an taobhsa. ’S e a dhfhàg am fios cho diamhair gur ann a dhEilean nan Sgarbh a dhiarr Somhairle a dholna choinneimh: àite dha nach cualas a bhith dol a dhaiseag duine riamh.

Chan eil ann an Eilean nan Sgarbh ach cnap a dheilean àrd creagach air an taobh an iar far nach biodh creutair, ach an sgarbh fhéin, beò. Cha chreideadh Flòraidh dùrd dha na thubhairt mi agus bhùrd i as mi, ag ràdh nach do rinn mi ach tuiteamna mo chadal air an t-seingsidh agus gur e aisling a chunnaic mi.

Airson a dhearbhadh gu robh i ceart dhfhónaig i an oifis agus dhfhaighneachd i an tainig fios chon an tighe againne o chionn ghoirid. Be an fhreagairt a fhuair i nach robh fios air tighinn air ar son-ne o mheadhon-latha. Cha do leig Flòraidh dad oirre ri nighean na h-oifis, ach an déidh an adhairc a chur sìos thubhairt i riumsa: ‘Nach do dhinnis mi dhut?’

Ged nach do shaoil Flòraidh an còrr dheth cha be sin dhòmhsa e, agus gu seachd àraid an ceann ceithir na cóig a lathaichean is gun ghuth atighinn o Shomhairle. Cha robh mi fiù is afaighinn fois na h-oidhche. Dhùisginn as mo chadal an dràsda is a rithist is mi an dùil gu robh a fón adol agus gur e Somhairle a bhann ag iarraidh a choinneachadh is e atighinn dhachaidh air fòrladh.

“ ’S e thainig as a so gun do chùm mi amuigh air amhòraids an t-eathar beag agus thòisich mi air a dhol amach a dhiasgach is a shealg tràth a chuile madainn, fiach an togadh so minntinn. Chaidh an ùine seachad mar so gus an tainig lathaichean anabarrach ceòthach, agusnan déidh sin droch-shìde on earrdheas nach fhaca duine tha beò riamh a leithid mun tac ud a bhliadhna. Mhair an gèile on earrdheas fad an latha Di-luain gun aon iall-shìtheadh beag, agus an oidhche sin fhéin bhac i suas ris an tuath agus a -rna-mhàireach bha ina creich on iar.

Bho Diar-daoin bha an t-sìde air a dhol na bfheàrr agus bha muir an Taibh air seitligeadh gu math. Faodaidh tu bhith cinnteach gu robh ceusadh ormsa o Dhi-luain gu Di-ciadaoin. A chionn gu robh ùine meòrachaidh agam chuimhnich mi gu robh mìos o fhuair mi am fios o Shomhairle.

Mar sin cha bu bheag an t-aotromachadh a thug e dha minntinn a bhith falbh amach a shealg madainn Diar-daoin. Bha mi an dùil


[217]

an déidh an rosgail a bha i air a dheanamh gum biodh sgairbh gu leòir air na caolais astigh. Co-dhiùbh, an déidh dhomh cuairt a chur air na caolais cha dfhuair mi sian agus bha e bochd leam tilleadh dhachaidh falamh. Cha robh air ach an t-eathar beag a leigeil amach gu Eilean nan Sgarbh. Bha na sgairbh bheaganan cleithdean ann a sin, agus cha robh mi falp atoirt as na chumadh ruinn fhéin is ri na nàbaidhean airson seachdain.

Rinn mi airson tilleadh dhachaidh, ach an uair a bha mi ationndadh amach aig Rubha Mhairbh shaoil leam gu faca mi murrag air choreigin air taobh eile an rubha. Cha robh ach leig mi timcheall an rubha i, agus bha sin ach geòla soithich air achladach.

Nuair a fhuair mi na bfhaisge oirre chunnaic mi gu robh rudeiginna deireadh. Ann an tiotan dhaithnich mi gur e corp a bha ann. Leig mi asteach an t-eathar beag gus an dfhuair mi a bhroinn na téile. Bha an corp ann a sud suainte ann an tarpalan is ena shuidhe air an sguit, afalmadair, a bha air falbh far na stiùireach, ’na dhòrn, agus a cheann sìos eadar a dhà chois.

Cha burrainn dhomh sian a dheanamh ach suidhe air an tobhtaidh mheadhoin is mi lag le tioma is struth om shùilean agul airson abhalaich bhochd a bha sud, ge air bith bu leis e. Co-dhiùbh nuair a fhuair mi seachad achiad smaointinn a chuir an sealladh brònach ud orm chaidh mi sìos air mo shocair dhan deireadh agus gu faiceallach, mar nach bithinn airson gun goirtichinn e thog mi an ceann fliuch fuar leis an fhalt dhualach dhubh.”

Stad Fearchar ann a so agus cha robh e air thuar an còrr a ràdha.

An ceann treiseig thuirt mi fhéin air mo shocair: “Seadh?”

Cha dubhairt Fearchar gabadh ach le glug achaoinidhna ghuth: “Somhairle mo mhac.”

An iongnadh leibhse a neisde ged a dhéirich luchd dhìomsa an uair ghlaodh afón. A dhaindeoin cho uabhasachs a bha an t-straighlich aige anns abhailbhe ud is ann a rinn mi rudeigin a ghàirdeachas ris is e atoirt cothrom dhomh air bruidhinn air rud air choreigin eile. ’S e fios a bha ann Fearchar a dhol a dhaiseag an dotair a bha atighinn gu bean aghlinne.

Gun ghuth gun ghabadh dhéirich Fearchar is chuir e uime na bòtunnan le làmhan cho altmhors a bha iad riamh.

Tha mi duilich gu feum thu falbh mar so,” ars esan, “gun fiù boinne tea a ghabhail.”

Leis a so chuir e sìos an tilidh agus le pleb na dhà chaidh i as. Shaoil leam anns an dorchadas gun do chabhagaich an gleoc a cheum mar gum biodh e agriosad nam mionaid gus am biodh anam eile air a thoirt dhan t-saoghalna saoil an ann acunntais nam mionaid a bha e gus am biodh seòldair bochd eile air a ghlacadh aig a nàmhaid, an cuan.

Chaidh sinn amach á dorchadas an tighe agus bha fìor oidhche rògach Fhoghair ann. Cùl beag gealaich os cionn nan cnoc, sgòthan móra dubha gu h-àrd agus guileag na guilbnich shìos ann an rubha acur an céill gu robh achruinne mhór adol air adhart mar a bha i riamh, manaidhean is innleachdan ann no as.

titleInneal A’ Mhì-Sheilbh
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Iain Peatarson in Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page