Rob Macleoid agus a Chomhlan Ciuil
AIR an dùthaich cha toir iad smugaid air Bill Haley, ’s cha mhotha orra Elvis Pressley na tarbh a’ Bhùird. Agus airson Lonnie Donnegan . . . .
Thig is falbhaidh dùsgannan ann an saoghal a’ chiùil bhogadaich, ach, air feadh na mór-chuid de Alba fóghnaidh Rob MacLeòid is Jimmy Shand.
Seachdain an déidh seachdaine, tha ultaichean litrichean a’ ruigheachd Thobar-mhoire ag ràdha gur e Rob as fheàrr na Seumas: post an déidh puist, tha màileidean a’ ruigheachd Dhun-dé ag ràdha gur e Seumas as fheàrr na Rob. Tha saoghal a’ chiùil Ghaidhealaich gu ìre mhóir roinnte eadar an dithis.
An uair a thachras duine ri Rob MacLeòid, tha e duilich a chreidsinn gur e so am fear a bhios a’ cur dioglaidh ann am buinn nan gillean ’s ann an òrdagan nan cailleachan. Tha e cho modhail ri ministear ’s cho diùid ri dèacon.
Ged is ann air Tobar-mhoire a dh’ainmichear Rob, is ann do thaobh siar Rois a bhuineadh athair nach maireann, agus a mhàthair. Cha deachaidh iad do Thobar-mhoire gus an do ghabh iad seilbh á Tigh-òsda Mhisnis bho chionn beagan is deich bliadhna fichead air ais—goirid mun do rugadh Rob.
Ma bha dùil aig a phàrantan gum biodh e ainmeil mar fhear ciùil, b’i a’ phìob mhór a bhiodh ’nam beachd, oir cha robh e ach cóig an uair a thòisich e oirre. Fhuair e a dheagh theagasg cuideach, bho’n phìobaire ainmeil Uilleam Mac’Illeathain, agus anns an sgoil shamhraidh aig Uilleam Ros ann an Ceann Loch Iùbh. Tha buaidh na pìoba soilleir ’na chuid ciùil fhathast, oir tha e a’ tarraing air na puirt phìoba cus nas motha na tha gin de na còmhlain dannsa eile.
An uair a dh’fhàg Bobaidh an sgoil, thug e dà bhliadhna ’na ghille puist ann an Tobar-mhoire, agus b’ann an uair sin a thòisich e air fàsgannan a thoirt air a’ bhocsa. Mun deachaidh e do’n R.A. F. ann an 1943, bha iarraidh air aig dannsachan a’ bhaile, agus eadhon an uair sin bhiodh e a’ toirt drumair leis gus snag a chur anns a’ cheòl danns. An uair a bha an cogadh seachad, thòisich e fhéin agus Uilleam Low, a bhiodh a’ cluiche a’ phiàno, air a dhol chun nan dannsachan còmhla, agus b’ann mar sin, a thòisich an còmhlan ris an canar an diugh“Bobby Macleod and his Band” .
[Dealbh]
Rob fhéin. Dàibhidh Whitehead (Gouraig) a tha air a bhith còmhla ri Rob bho chionn seachd bliadhna . Bert Shorthouse (Ceann Rois) Dick McGill (An t-Oban) Seumas Ritchie (Gleann Sìth) Seumas Bell (Glaschu).
Ach cha robh an sin ach spòrs. Cha robh guth gum biodh an còmhlan gu bràth iomraiteach air feadh an t-saoghail. Gu dearbha, b’e rud mór a bh’ann an uair a fhuair iad cuireadh cluiche turus aig dannsa anns an Oban! Agus rud mór uabhasach an uair a fhuair iad fiathachadh gu cruinneachadh bliadhnail Chomuinn Mhuile agus Idhe ann an Glaschu ann an 1948.
B’i a’ bhliadhna 1948 a sheulaich an cliù. Rinn iad a’ chiad chraobh-sgaoileadh mar chòmhlan anns a’ bhliadhna sin, agus tha iad air 75 a dheanamh bho’n uair sin.
Bho chionn thrì bliadhna, rinn Phillips (muinntir nan clàr) cùmhnant riutha, agus tha iad air da fhichead clàr a dheanamh mar thà.
Am bliadhna, fhuair iad cuireadh cluiche trì seachdainean anns an“Empire”ann an Glaschu—cuireadh nach d’fhuair còmhlan dannsa Albannach eile riamh.
Dé barail Rob air an t-seòrsa beatha a tha fainear dha a nise?
Chan eil e uile gu léir cinnteach. Tha, mar a their e fhéin, bean agus triùir chloinne, eathar agus cù, aige ann an Tobar-mhoire, agus tha uaireannan seachdainean a’ dol seachad anns nach fhaic e iad. Tha Sìne, a bhean, agus a mhàthair a’ coimhead as déidh an tighe-òsda. Is e Rob a’ chiad fhear a dh’aidicheas gur ann orra-san a tha ceann trom a’ mhaide. Ach ged a tha sìth agus blàths teaghlaich ann an Tobar-mhoire, tha tarraing mhór ann am bualadh nam bas agus ann an deagh-ghean nan tallachan dannsa.
[Dealbh]
Grunnan ghillean a’ cur cheisdean air Rob. So an carbad anns an do shiubhail an còmhlan 40,000 mìle bho chionn bliadhna.
title | Rob Macleòid agus a Chòmhlan Ciùil |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |