Gnothaich Bhoireannach
Le MURDAG NICCOINNICH
IS farumach gu dearbh an còineal a chluinnear mu gach teanntachd agus cruadal a tha romhainn; agus is dòruinneach a chaoidhear na h-aimsirean sona a dh’aom, ach fhad ’s a tha ’bhliadhna fhathast ’na pàisde thoireamaid sùil eile air 1957. Saoileam gur h-ann le osna thaingeil a dh’aidicheas sinn cho sealbhach ’s a tha ar crannchur le cothrom a bhith againn astar troimh bhliadhna so nam mìltean innleachd, agus nan goireas gun chunntas.
Slàinte—so focal a bha tric an iomadh beul bho chionn greis, agus focal làn brìgh do’n phobal gu h-iomlan a nis—tha lan dùil aig an dream a tha a’ cumail aire air na gnothaichean sin, gum bi am mór shluagh nas fallain am bliadhna na bha iad a riamh roimhe so. Tha dòchas beatha gach neach a’ dol nas fhaide agus feumar aideachadh gu bheil ar cuid cloinne nas tapaidh, slàn gach là tha tighinn orra. Chan eil mìos anns nach eil an luchd rannsachaidh ealanta a’ foillseachadh ìocshlaint ùr eile gu cobhair chlisg a thabhairt.
Cha deifir an e trom-inntinn no sproc, mì-mhisneachd no beag-dànadais a tha cur dragh ort, cuirear ruaig orra ann an clisgeadh. Bha call fola ’na mhór dhoilgheas do dh’iomadh neach, gu h-àraid aig tarraing nam fiaclan; ach an diugh cleachdarADRENOXYL , ’s cha bhi càil ach blas na fola ’nar beul an ceann uair a thìde—furtachd anabarrach do’n dream a bhiodh le’m bannasan a’ sileadh car seachdain.
Bho chionn bliadhna cuideachd, thàinigHYDRO -CORTISONE—an acainn ro mhìorbhuileach sin—amach do’n mhór chuideachd. Chan eil móran bhriseadh craicinn air nach toir so buaidh mhaireannach, agus ged a tha i car daor fhathast, ’s ann nas saoire tha i dol.
[Sanas]
Ged a sgrìobhainn car mìos cha chuirinn an céill gu h-iomchuidh meud na cobhair ’s an fhaochaidh a fhuair mi fhéin r’a linn.
’S E sean-fhocal a tha ann amplastica nis, ach tha seòrsa dhe a ghabhas a spùtadh air gach gearradh is lot, an àite bannan-ceangail, a tha nas comhfhurtail, nas saoire, ’s nas fhurasda thoirt dhiubh. Gun iomradh a thoirt ach air a’ bheagan sin, amach as a mhór àireamh, chì sinn brod an aobhair misneachd anns an ré sam bheil sinn beò. Ach, fhad ’s a tha mi cur amach air cor a’ chuirp, cuiridh mi geall nach tàinig smuain an cridhe móran agaibh air an ath rud a th’agam an so. ’S e cheist a tha tric romhainn ciamar a ghabhas an fhàrdach a cumail san chor as fheàrr bho là gu là—an teas an t-samhraidh no am fuachd an reothaidh. Fuirichibh oirbh, gu ta, cha ruig sibh a leas ach cùirteinean a cheannachd, agus ni an aon fheadhainn a’ chùis. Cumaidh iad an seòmar fionnar am bruthainneachd, no blàth an teis meadhon nan doireann. Chan eil mo reusan air m’fhàgail fhathast idir—tha an dearbh rud sin anns na bùitean a nis. Tha an t-aodach-sa air a dheasachadh le còmhdach de stuth a tha tilgeadh teas dheth; is tha fios math gur h-e an stuth a chuireas dheth an teas a ghleidheas e. Mar sin an uair a tha blàths astigh cumaidh iad astigh e. ’S e na mìltean de ghràinean beaga de dh’aluminium measgaichte le seòrsa de ròsaid a tha air a chur air an aodach-sa, cho tana ’s nach mór gun gabh e chreidsinn, agus theirearMILIUMris. Cha bhi umhail sam bith r’a chur air. Gabhaidh iad an crochadh cho réidh, snog ’s a b’àbhaist; ’s chan eil paidhir chùirteinean ach mu ùnnsa nas truime.
Chan ann an aodach chùirteanan a mhàin a gheibhear so. BithidhMILIUMair còmhdach a’ bhùird iarnaigidh a dh’ aithghearr. Nuair bhios sinn a’ cleachdadh an iarainn air an dàrna taobh, mar bho thùs, ’s ann a tha an teas ag éirigh bho’n aodach còmhdaich ’s a’ cur crìoch air an obair an leth na tìde. ’S dòcha nach faic a’ bhliadhna-sa e, ach chan fhada gum faighear còmhdach-leapa agus chathrach, is eadhon paipeir-balla leMILIUM, gus gach seòmar a chumail an staid fhreagarraich, gun a bhith ro fhuar no ro theth anns gach gnè aimsir.
CHAN eil tè sam bith aig a bheil tlachd ann an culaidh mhaisich, thaitnich nach faod a sùil a thogail gu math meanmach ris an Earrach is ris an t-Samhradh, oir chan fhacas a riamh uimhir de thrusgain àluinn. Bidh a’ Chàisg, tha iad ag ràdh, a’ cur miann rudeigin ùr an inntinn na cuid as motha, agus gu dearbha deimhinn, tha earradh is sgeadachadh nam ban gu mór nas banail, tlachdmhor an diugh na bha iad bho chionn greis mhath. Bha àm ann, anns na làithean matha a dh’aom nach b’ urrainn dhuinn gùn soilleir, maiseach a cheannachd air eagal nach gabhadh e ghleidheadh ann an coltas grinn as déidh caitheamh no dhà. Chan eil deacaireachd sam bith an cois eireachdais, is dreach àillidh, an diugh. Is ann a tha e duilich aon stuth a thaghadh a measg na tha mu’r coinneamh, ann an dathan fìnealta, furasda an cumail maiseach.
Ged is e seann chàirdean a tha ann anTERYLENEis anNYLONtha iad air an taisbeanadh am móran riochdan ùra, le cnapan ’s le pleatan. ThaTERYLENE ORGANZAairson ghùintean dannsa, a tha mar gu robh stuthaigeadh ann, nach feum ach a thogail as a’
bhùrn nighe agus a chrochadh bog fliuch. Tha anart a nis leTERYLENE ’na mheasg, a tha gleidheadh riochd an anairt, agus nach eil deònach a dhol loirceach—naidheachd glé mhath, oir tlachdmhor ’s ged tha an t-anart, tha e doirbh a chumail snog car àm.
ThaORLONa’ dol nas fheàrr ’s nas fheàrr. Gheibhear e an riochd clòimh(jersey) ,cho mìn ris an t-sìoda agus cho blàth ris a’ bhian. Chunnaic mi an gùn àluinn so ann anORLONgeal, làn phleatan. Gabhaidh e nighe cho tric ’s a thogras sibh. Tiormaichidh e an ùine ghoirid, cha dhearg an leòmain air, cha teid e steach san nighe is cha chaill e a shnuadh ùr gus am bi sibh seachd sgìth dheth. Tha am breacan cuideach, leth clòimh is lethORLON, buileach feumail airson féileadh na cloinne, nach caill pleat agus nach feum iarann. Ach ’s e an naidheachd as motha bheir de iolach a measg nam ban, sean is òg, gu bheil mu dheireadh thall, MEILMHEID r’a faotainn a ghabhas nighe mar aodach sam bith eile; agus chan e sin, ach a h-iarnaigeadh cuideach. Tha còrr air fichead eadar-dhealachadh dhath anns na bùitean, air dhà dheug ar fhichead is sia sgillin an t-slat. Am faca sibh na cleòcaichean meilmheid a tha am fasan a rithist?
[Dealbh]
Aodach eile, a th’air a thighinn anall a Ameireaga—ACRILAN .Tha so glé choltach riORLON ,ach tha e beagan nas daoire fhathast.
Biodh Earrach ann no as, ’s e an tè ghlic a bheir brod na sùil anns an sgàthan mun téid i amach a cheannachd a culaidh ùir, ge be air bith na th’ aice ’na sporan. Eadar gu bheil am meadhon aig na h-achlaisean no aig an t-sliasaid air caileaganDIOR ,is math a’ chomhairle do gach tè a cruth fhéin a chumail an aire. Ma tha i goirid, no car leathann, ’s e gùn de ’n aon dath, gun treallaich sam bith mu mheadhon, a chuireas àirde oirre, is a bheir tainead mealltach d’a cruth. Cha deifir gur e sgiort agusblouseris a bheil i cleachdte. Na biodh grìogag no bràiste faisg air tè a’ mhuineil gheàrr—mar as ìosail a cheanglas i a gùn, gun ball suas mu a sgòrnan, ’s ann as dlùithe i ri loinn na h-eala.
Chan urrainn do gach tè caol na coise bhith mar an earb, ach ’s math a dh’ fhaodas i an rud as fheàrr a tha ’na comas a dhèanamh. Cha robh brògan a riamh cho taitneach ’s cho comhfhurtail, anns gach gnè shnuadh, ach cuin a thuigeas móran nach eil cus de mhnathan, thar fichead, snasail ann am brògan gun chnaip? Feuchaibh oirbh brògan le cnaip cho àrd ’s a tha glic, agus chan aithnich sibh sibh
fhéin anns an sgàthan. Tha na stocainnean cuideach a’ fàs nas làidir ’s nas taine; ’s tha aon nì glé fhìrinneach—chan eil leisgeul aig tè sam bith nach eil sgiobalta mu na casan am bliadhna.
Nan toirinn iomradh air na tha anns na bùitean gu ar deanamh nas òige, ’s nas bòidhche, bhithinn a sàs gu’n ath bhliadhn’, ach mur eil an cuailean deònach fuireach àillidh car greis, bogaibh ann an leann e as déidh an ath nighe; mo bhriathran gun cuir so boillsgeadh air.
[Dealbhan]
ANNS gach baile mór is beag chì sinn curragan de dh’ iomadh gnè air mullach nam fàrlas — nithean a tha ro fheumail ann an dùthaich cho gaillionnach ri so. Is ainneamh a tha an currag cho feumail ’s bu mhath leinn; is tha a’ cheò deuchainneach gu leòir. Chì sibh an so dealbh na h-innleachd a bhios aca an ceàrnaidhean ànradhach an Roinn-Eòrpa. Tharraing mi mar gum b’e dàrna leth dhuibh, gus am faiceadh sibh an taobh stigh aige leis an innleachd a tha aig a’ mhullach. Tha an rud so(deflector)a’ deanamh dà leth air gach osaig gaoithe, ’s ’ga cur sìos dà thaobh troimh an chlais a chì sibh, agus mar sin a’ cumail na deathaich bho thilleadh sìos air ais. Os bàrr sin, ma tha uisge trom ann, tionailidh e am bùrn agus stiùiridh e sìos na claisean e. Cosgaidh so beagan is ceithir punnd Sasunnach. Gheibhear anns an dùthaich-sa e bhoOMNIA CONSTRUCTION Ltd.
Eadar gu bheil sibh car sgìth, no nach eil, chan fhaod sibh fiù leisgeul norrag fhad anns a’ mhadainn a ghearain, oir gheibh sibh a nis innleachd a dhùisgeas sibh, a dh’ ìnnseas gu dé an uair a tha e, a chuireas air an solus agus nì cupan tea dhuibh, gun sibh cas a chur amach as an leabaidh.
Gu dé, matà, an còrr a tha sinn ag iarraidh, gu brosnachadh agus deagh mhisneachd a thoirt dhuinn, mu’n bhliadhna tha gu mór romhainn fhathast? Bu mhath leam fhéin gun deanadh iad briogais balaich, as nach falbhadh am màs ann am mìos no dhà; ach có aig tha fios nach toir 1957 sin am follais cuideach?
Tha Gaidheil Dhun-éideann air àite coinneachaidh ùr a lorg—co-dhiùbh an fheadhainn dhiùbh a tha an toir air cupa tea na coifi! Is e sin an “Laigh” mar a their iad ris, tigh coifi ùr a dh’fhosgladh an uair a bha an Fhéis Eadar-nàiseanta ann an Dun-éideann an uiridh.
Buinidh an “Laigh” do Mhoultrie Kelsall, actar aig a bheil ùidh mhór ann an seann togalaichean ’s ann an seann àirneis agus seann nòsan Albannach. Tha e air an ùidh sin a chur gu buil anns an tigh coifi aige, oir tha teine mòna an sud le cathraichean is beingeachan as gach oisinn de Alba mun cuairt air. An uair a thadhail sinn ann an latha roimhe, ’s ann a chuireadh fàilte òirnn ann an Gàidhlig, agus có a bh’air cùl a’ chuntair ach Flòraidh a’ Chodaidh á Barraidh.
[Sanasan]
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |