Catriona Air Monadh
Le ANNA NICCOINNICH
B’E là bruthainneach a bh’ann agus bha a’ mheanbh-chuileag lìonmhor. Cha robh neach anns a’ bhaile aig a robh cothrom nan cas nach robh air a’ mhòintich gu dian a’ cur gu rathad, agus sin air los speuradaireachd Mhurchaidh. Nach tric a chluinnear gu bheil a’ mhòine ag iarraidh a dòigh fhéin, agus bha e ’na mo làn rùn sin thoirt dhi, agus a fàgail seachdain eile anns an rùdhan mhór. B’e sin mun cuala mi an othail agus an ùpraid amuigh, agus mi eadar mo chadal ’s mo dhùisg, glé dhòigheil cuideachd. Có bha so ach Murchadh ’na threathal a’ lorg chléibh anns an t-sabhal, agus an dearg chaoich air a’ trod ’s a’ brunndail, as bith fo ghrian có ris a bha chorruich. Bha buill an teaghlaich fhathasd gun smuaisleachadh, agus iad an àird a’ mheadhoin oidhche gun ghuth air iris no eile, ach cha b’fhada gus a robh a h-uile mac màthar dhiùbh air a bhonnan agus fear an tighe a’ seirm ’nan cluasan gum b’e là eadar dà shian a bh’ann. Bha creideas mór againn ann an eòlas-aimsir Mhurchaidh, oir bha e ann an dlùth cho-chomunn ri obair nàduir, agus bha a shùil an còmhnaidh air na niùil. Bha ràbhairteach air a’ cheann baile a bha cumail amach gu robh a chluais na bu trice ris an radio, agus gur e speuradaireachd an t-Sasunnaich dhuibh a bha e craobh-sgaoileadh cho fileanta thall ’s a bhos. Co-dhiùbh no co-dheth thàinig a chuid fàidheadaireachd fo theach an uiridh agus bha sin fhéin gu leòir. Bhris an t-sìde agus a’ mhòine air na puill. Sheòl a’ mhòinteach, agus cha tugadh tu do chasan as an riasg. Ged a bha goirt an ceannach air a’ chaoran dhubh a’ bhliadhna ud, cha robh i leth cho sàraichte ri teanga Mhurchaidh.
A measg an fheadhainn a rinn breacan á baile bha Catrìona Chaluim agus i nis a’ streap ris a’ cheithir fichead. Ged nach robh a ceum cho abhsaidh agus a bhà e ’s i bha cumail ris. Bu bhuidhe leatha am Blàr Mór a ruighinn corra uair, agus a bhith làmhagan còmhla ri càch. Bha e ’na ùrachadh dhi a bhith measg na cuideachd, agus a sùil a leagail a rìs air raointean a h-èolais. Chan fhaicte móran d’a leithid air a là a’ dol fo’n eallach, agus théid mise an urras oirbh nach b’ann d’a deòin-se nach robh i ’na dronnaig an diugh fhéin. Ach ged a bha an inntinn mar a bha i riamh, ach robh an corp d’a réir, oir cha tig an aois ’na h-aonar. Gidheadh cha robh i ’na tàmh agus chan e mhàin gu robh i a’ tional na mònach do Pheigi a nighinn agus a’ togail nan cléibh oirre, ach ’s i bha mu na praisean cuideachd, agus ’s ann dhi fhéin a thigeadh.
Chruinnich grunnan an ceann a chéile ann an lagan feurach mu bhruaich an loch gu blas bidhe a ghabhail, agus cha bu ruith ach leum, oir bha mise mar aon té gus mo tholladh leis an acras. Thòisich Catrìona a’ tighinn air làithean bho chian, agus aotromas agus fealla-dhà na h-òige, agus b’ann oirre fhéin a bha am fonn. Anns a’ chòmhradh a bh’againn có thigeadh ach Mairi bheag, agus i air saorsa fhaighinn as an sgoil. Bha an deuchainn mhór a nise seachad, agus shad i cuid leabhraichean fad a làimh agus shocraich i i fhéin air
[Sanas]
sorchan ri taobh a seanmhar, ach an uair a chunnaic i gur e an runnach a bh’againn ’s ann a chuir i car ’na cuinnlean. “Seadh, seadh” ars an t-sean té, “chan fhiach càil an diugh ach biadh annasach a’ chanteen. Ginealach an là! Tha an leth bharaille sgadain a shaill mi le mo dhà làimh air a dhol a dhìth orm—sgadan beag Loch Fìn cuideachd, nach iarradh tu àicheadh. Adagan an Loch a Tuath cha mhotha oirbh agus hó-ró. Chan fhiach iasg ma bhios cnàmh ann, agus mur bì e air a leadraigeadh ann am flùr is bainne, agus ìm na bùtha ’na cheann. Feumaidh mileagan a bhith an cois gach mìr théid leth ruibh neo cha téid e sìos air na garbhain agaibh.” Cha b’ann gu gal a chaidh so do’n té eile, agus dh’aithnich mi air an t-sùil a thug a màthair oirre nach b’ainmig leotha a bhith targadaireachd mu’n dearbh chuspair so.
Bha gathan tlàtha na gréine agus fàileadh cùbhraidh an fhraoich a’ còrdadh ri Màiri ro-mhath, agus co-dhiùbh cha robh i ro-gheur air a’ chliabh. Thòisich i a dh’aon bhàghadh a’ piobrachadh a seanmhar, agus a’ tarraing aisde mu na seann nòsan.
“Am fear as fhaide saoghal is e as mò a chì” arsa Catrìona “agus nach iomadh sùileachan a th’anns an fhàsach? Seall fhéin air an togalach eireachdail anns a bheil foghlum air a liubhairt dhuibh cóig là na seachdain’. Sgoil mhór cloiche, a tha dìonach seasgair, agus craos teine romhaibh an uair a nochdas sibh anns a’ mhadainn, agus brod na dìnneir a’ feitheamh oirbh aig a’ mheadhon-là—chan eil agaibh ach suidhe rithe. Tha e glé choltach leam-sa nach e mhàin am biadh a thàtar a’ slaodadh thugaibh ach am bùrn cuideachd. Nach gabh sibh beachd a chàirdean. Tha an t-eilean tha so gu seòladh leis mar a thà, agus mise ’na mo dhà bhotuinn mhór a shamhradh ’s a gheamhradh ach beag. Ach nach innis thusa dhòmhsa dé tha ceàrr air tobair na feannaig’ againn fhéin, is i cho deiseil an sud air cùl na sgoile.” “Chan eil ihygienica sheanmhathair” arsa Màiri. “As bith dé seòrsa gnè eucail tha sin” fhreagair a’ chailleach, “buail fo do chasan e, agus leig seachad còmhradh dhaoine gun chonn. ’S e do sheanair a dh’fhosgail an tobar ud a’ chiad uair a thàinig e dhachaidh á Ceann-Phàdraig agus fuaran Dhonnchaidh air tràghadh. Bùrn nas blasda chan fhaigh thusa ri do latha, agus ’s e chiad cheàrd a nì thu an uair a bheir thu mach an tigh, an trusgan sin a th’ ort a chur dhiot agus a dhol le do chearcall a dh’iarraidh làd do’n dearbh thobair sin air a bheil sibh a’ dèanamh tàir.
“Cha ghann gun teagamh nach do chuir an saoghal car. Nuair a bha mise ’nam phàist bha trì mìle de choiseachd againn chun na sgoile. Nach ann air cuid agaibh-se a bhiodh a’ ghurmal nam biodh eadhon leth na slighe sin agaibh ri chur as ur déidh—cha spleucadh sibh sùil idir. Cha robh guth air pìobanan teith anns an là ud—no air meallan-crìona a bharrachd—agus dh’fheumte fàd an làimh an urra a thoirt leinn. Có” arsa Catrìona ’s i dèanamh fàite gàire, “a bha dol a shlaodadh iad trì mìle fo achlais ach duine gun seagh, agus na cruachan mònach cho goireasach an sud oir ri oir an dìg an rathaid mhóir ri taobh an sgoil. Bha na dha na thrì leabhraichean a bh’ air ar siubhal an làn phailteas leinne agus an t-astar cho buan, gu h-àraidh an dùbhlachd a’ gheamhraidh. Bha a’ chùis a’ dol leinn gu rianail dòigheil, ach là de na làithean bha Dòmhnall Iain rudeigin
fadalach, agus leis an rolais nach ann a tharraing e fàd as an stéideadh, agus sud leth na cruaich mu chlaigeann. Chualas éighe nan creach agus stairm a dhà bhròig thacaidich is iad a’ cùr smùid as a’ chabhsair. An uair a ràinig Dòmhnall còir an sgoil bha anail ’na uchd, ach bha fàd taisealach fo ghàirdean mar a chleachd. An là-rna-mhàireach an uair a bha sinn gu bhith aig na cruachan sin a chrean cho buileach air a’ ghealbhan againn, có bha ’na sheasamh an dorus na cruaiche ach Aonghas Mór fhéin, dùinte ’na chòta stùthach agus ’na bhonaid bileach, agus a bhata daraich cruaidh ’na dhòrn. Cha do rinn e fiù an là a bheannachadh anns an dol seachad dhuinn, agus ’s ann a chuir an t-sùil rògach a thug e òirnn dearg eagal ar beath’ òirnn. Thuig sinn le sin gu robh an ceòl air feadh na fìdhle, agus gum b’e an gliocas dhuinn teicheadh.
“Ri mo chiad chuimhne b’e sgoil bheag cheap a bh’againn le làr crèadha agus car mu leathad ann. ’Na theis-meadhon bhiodh gealbhan gasda, agus bu mhath bhith coimhead na toit a’ dol ’na cuairteagan bàna troimh tholl anns an tughadh agus na cailleachan-sùithe ’nan sléitich ris na cabair. Bha na suidheachain ceithir thimcheall a’ bhalla agus bha sinn glé shaorsainneil leis an turadh, ach is ann meadhonach a bha chùis leis na frasan. Bhiodh friog-frag aig an t-sileadh dhubh air do sgliat agus mas sealladh tu riut fhéin bhiodh na cuisdeanan agad ’nam brocalais gun lorg air an dàrna leth— ’s dòcha nach bu mhisde na liutan agam-sa sin aig amannan. ’S ann ’nur cinn fhéin bu chòir an t-eòlas a bhith, agus iad a’ tighinn thugaibh as gach ceàrn le foghlum.
Cha b’e sin dhuinn e. Chan fhaiceadh sinne ach an aon fhear—bodach cabhach ruadh agus feusag dhùint’ air—a bhiodh ’gar tadhal uair sa’ bhliadhna. Thigeadh e an còmhnaidh an uair nach robh dùil ris, agus h-abair ceasnachadh. Cha chuala mi dhà leithid bho bha an Gàidheal ’na bhalach. Chan e mhàin gu bheilear a’ teagaisg dhuibh an diugh mar a dhùinear gob stocainn, mar a chuirear bréid air toll, agus mar a ròsdar an sgadan nach ithear co-dhiùbh, ach tha iad ag ionnsachadh dhuibh mar a shuidheas sibh ’s mar a dh’éireas sibh, ’s mar a chrùbas sibh cuideachd. Bha là eile aig fear na mònach. Dé feum a bh’againn air eileabanachd de’n t-seòrsa sin. An uair a ghabhadh sinn a’ bhreacag eòrna agus an adag shaillt ri oisean a’ ghàrraidh aig meadhon latha bhiodh sinn a’ ruideil ’s a’ riagail mu na cruachan mòna agus a’ deanamh falach fead a measg nan torran coirce. An uair nach biodh an acha-dubh ann, sinn a bha aighearach a’ ruagadh a chéile air an reothadh no a spéileadh air an loch. Bhiodh na gillean mar bu trice ’nan teasaich air an raon-chluiche le ball is caman, no a’ feuchainn na dòrnaig, no ri àmhailtean air choreigin.”
An uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhà, chuir Catrìona casg air a còmhradh agus tharraing i osann. “Nach mise tha ’ga mo chall fhéin” ars ise, “a’ cur dhìom an so mar muilinn-bhualaidh, agus an là math ’s an cliabh ùr. Eiribh a chàirdean, agus feuch nach leig sibh air dìochuimhn’ fàistneachd Mhurchaidh.” Bha an t-anmoch ann mas tug Catrìona amach cala an oidhche ud, agus chan e mhàin gu robh i ’na h-aon bhroth aig a’ mheanbh-chuileig, ach cha robh smèach aice leis an tùchadh.
title | Catrìona Air Monadh |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Anna NicCoinnich in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |