[168]

Iosa Crìosda, dàn Dhè
le Maoilios Caimbeul

Nuair a tha Coleridge, ann amBiographia Literaria, a ’ comharrachadh na buadhan a gheibhear anns abhàrdachd aig Shakespeare tha e adèanamh luaidh air ceithir nithean. Aon dhiubh sins e mìlseachd agus beairteas achiùil agus na rannaigheachd agus mar a tha aonachd ag èirigh á iomadh mìr. Rud eiles e gu bheil astar eadar na cuspairean ris a bheil am bàrd adèiligeadh agus beatha phearsanta abhàirdgu bheil e comasach dha faighinnam broinnnan cuspairean sin agus an cur an cèill. An treas , ’s e gu bheil comas aig abhàrd seo ìomhaighean a thaghadh a tha adèanamh dealbh làidir dhuinn, mar gum biodh ann am priobadh na sùla, air beatha na daonnachd agus na h-inntinn, agus tha na h-ìomhaighean atoirt am brìgh agus an dath fhèin dha ge be am faireachdainn, suidheachadh no caractar a tha fa chomhair sùil abhàird agus an leughadair. Mu dheireadh tha e ag ainmeachadh doimhneachd agus neart na smuain agus gu feum doimhneachd agus lànachd inntinn a bhith ann cho math ris na nithean eile a chaidh ainmeachadh.

Saoilidh mi gu robh Coleridge glè cheart ann a bhith acomharrachadh na ceithir buadhan sin mar bhuadhan a tha co-cheangailte ri fìor bhàrdachd agus ceart cuideachd ann a bhith acur na bàrdachd aig Shakespeare mu ar coinneimh mar shamhla air leithid de bhàrdachd. Rud eile a tha Coleridge acumail a-mach, ’s e gu bheil cuid dhe na buadhan sin nach gabh an ionnsachadh, gu bheil iad ann an spiorad an duine gu nàdarra. ’S dòcha gu h-àraidh gu bheil sin fìor mun treas buaidh. Tha Shakespeare an-còmhnaidh asmaoineachadh ann an dòigh na h-ìomhaigh, an-còmhnaidh acoimeas aon ri eile. Tha a mhac-meanmainn ariaghladh a bheatha. ’S e dòigh na h-ìomhaigh agus dòigh amhic-meanmainn dòigh beatha-inntinn abhàird.

Anns an aiste seo bu toigh leam sùil a thoirt air mar a tha bàrdachd agus modh na bàrdachd ag èirigh ann am beatha Chrìosd. Saoilidh mi gu bheil e comasach dhuinn coimhead air na Soisgeulan agus faicinn gu bheil co-dhiù trì dhe na buadhan a chomharraich Coleridge follaiseach anns an dòigh-labhairt aig Iosa. Gun teagamh, tha iomadach buadh eile annna bheatha, agus nach boin do bhàrdachd, ach an-seo tha mi ag iarraidh coimhead gu h-àraidh air modh na bàrdachd. Agus tha amhodh sin air a taisbeanadh ann an shruth fharsaing: a) na faclan aig



[169]

Iosa agus b) na gnìomhan aige.

Sùil an toiseach air na faclan. Ma tha samhla agus cosmhalachd dualach do bhàrd agus air an snìomh san dòigh-smaoineachaidh aige/aice, tha e follaiseach gur h-ann mar sin a tha an suidheachadh a-thaobh Iosa. Tha sgoilearan ag innse dhuinn gun deach na Soisgeulan a sgrìobhadh grunnan math bhliadhnaichean ás dèidh na h-aiseirigh agus, gu ìre, mar a bhiodh nàdarrach, gu robh na sgrìobhadairean acur an dreach fhèin air an sgeòil. Ach a dhaindeoins gu bheil diofar ùghdar ag innse na sgeòil, tha faireachdainn làidir againn gur h-ann mun aon phearsa a tha iad alabhairt agus tha am pearsa sin atighinn far comhair le neart iongantach.

Aon dhe na h-adhbharan air sin, ’s e gu bheil an dòigh-smaoineachaidh aig aphearsa cho annasach agus cho neo-àbhaisteach. Cha burrainn ach sàr bhàrd bruidhinn coltach ris. Tha samhla agus cosmhalachd mar tharraing anail dha. Cha ghabh an gnè inntinn sin a bhith air atharrais.

Cha mhòr a h-uile uair a tha Iosa abruidhinn ris an t-sluagh, tha e abruidhinn tro shamhla no le cosmhalachd. Agus aon de na prìomh shamhlaidheans e rìoghachd Dhè: “tha rìoghachd Dhè am fagas; dèanaibh-se aithreachas, agus creidibh an soisgeul” (Marcus 1/15). Ach chan eil an rìoghachd ùr dad coltach ri rìoghachd a bha ann riamh roimhe. Chan eil i stèidhichte air cumhachd chlaidheamh no eachraidh. Tha a h-uile luach co-cheangailte ri rìoghachd air an seasamh air an ceann. Tha an rìoghachdan taobh a-staighdhiubh. Tha i coltach rigràinne mustairdno rifìon ùrno ri banais agus am fear nuadh-pòsda. Bidh buill na rìoghachd coltach ri cloinn agus an duine as lugha bidh esan mòr.

Tha mòran shamhlaidhean air an cleachdadh airson innse co ris a tha an rìoghachd agus muinntir na rìoghachd coltach. Cha toir deagh chraobh a-mach droch thoradh; tha an deisciobal mar thaigh air carraig. ’S e doras cumhang a tha gad leigeil a-staigh.

Tha an duine a tha air an taobh a-muigh mar chaora air chall; no mar bhonn air chall; no mar dhuine beairteach adèanamh seirbheis do Mhamon.

A bharrachd air na samhlaidhean sin, tha na cosmhalachdan mòra ann a tha le cumhachd na bàrdachd asoillseachadh nàdar na rìoghachd. Cosmhalachdan mar fear-cuir an t-sìl agus am mac stròdhail agus an deagh Shamaritanach.

Ach cuideachd, a thuilleadh air an rìoghachd, ann a bhith amìneachadh dad sam bith tha Iosa abruidhinn air mhodh bhàrdachdail; tha metafor no samhla ann airson gach . Tha an



[170]

neach glic mar choinneal no làmpa nach eilear afalach; cha bhithear atilgeil aran na cloinne chun nan con; feumar a bhith faiceallach mu thaois ghoirt nam Phairiseach; saillear gach neach le teine agus saillear gach ìobairt le salann; tha cupa aige ri òl; faodaidh na mairbh na mairbh adhlac; tha na deisciobail mar uain a-measg mhadadh-allaidh; tuitidh gach taigh a tha roinntena aghaidh fhèin.

Tha e soilleir nuair a bhruidhneas Iosa gu bheil e abruidhinn air mhodh bhàrdachdail. Tha sin acur spionnadh agus cumhachdna bhriathran. Ma choimheadas sin air na nithean a chomharraich Coleridge nuair a bha e abruidhinn air Shakespeare, chì sinn gu bheil iad cha mhòr uile fìor mu na Soisgeulan, gu h-àraidh na briathran a tha Iosa ag aithris. A-thaobh ciùil agus rannaigheachd, chan eil gnothaich aig sin ris achùis seach gur thann acòmhradh a bha Iosa. (Ach, mar a chì sinn anns an an-diugh, levers libreagus eile, faodaidh fìor bhàrdachd a bhith ann gun rannaigheachd.) Tha an dàrna agus an treas a dhainmich Coleridge gu math follaiseach anns achainnt aig Iosa. Tha e comasach dha, tro chumhachd mac-meanmainn, e fhèin a chur ann an suidheachadh dhaoine eile agus tha na h-ìomhaighean a tha e ataghadh adèanamh dealbh làidir dhuinn ann am prioba na sùla. Tro chumhachd amhic-mheanmainn, tha iad afuireach anns an inntinn.

Tha cosmhalachd amhic-stròdhailna eisimpleir math air na buadhan sin. Agus, anns an àite mu dheireadh, tha doimhneachd agus lànachd inntinn atighinn troimhe gu h-iongantach, gu h-àraidh ma ghabhas sinn beachd airan t-sealladh” – air beatha na daonnachda tha air a thaisbeanadh air fad. Thaan rìoghachd”, am prìomh shamhla, air a chuairteachadh le iomadh samhla nas lugha agus tha gach samhla acur ris gach samhla eile.

Chan e bàrdachd agus an samhla rìoghachd gach neach. Is toigh le daoine an casan a bhithair an talamh”. Is toigh leotha smaoineachadh nuair a tha Iosa abruidhinn air teine gur e teine litireil a thann. Nuair a bhàsaicheas an t-aingidh gum bi e ann an teine mar sin. Ach tha e gu math cunnartach a bhith atuigsinn briathran Iosa air mhodh litireil. Tha inntinn na bàrdachd ann agus ann a bhriathran bho bhun gu bàrr.

Nam biodh cùisean astad an-sin, bhiodh beatha Iosana iongantach agus luachmhor, ach tha car eile samhaide. Is iad sin na faclan aig Iosa, ach mu dheidhinn na gnìomhan?

Tha e soilleir gu bheil an grìomhna mhetafor do dhIosa. Tha an gnìomh ag èirigh ás an earail a tha anns an t-samhla. Is iad a mhàthair agus a bhràithreaniadsan a dhèisdeas ri focal Dhè



[171]

agus a e”. Tha an neach-leanmhainn fìor air a shamhlachadh ri talamh math far am fàs siol an fhacail gu torach. ’S e an toradh na gnìomhan matha a thanam beatha agus an gràdh a tha aca do dhuine is do Dhia. Faithnichear achraobh air a toradh.

Tha am metafor sin air a leudachadh agus air a dhoimhneachadh ann an Soisgeul Eòin, “Is mise am fìonan fìor agus is e mathair an treabhaicheagus tha na deisciobail mar gheugan den fhìonan. Tha am fìonan fìor acoileanadh àitheanta Athairfeumaidh e a bhith foirfe ann an gnìomh. Nuair a choimheadas sinn air beatha Iosa agus a ghnìomhan, chì sinn an-còmhnaidh gu robh an gnìomhna shamhla. Mar a tha faclan agus abairteannam pàirt de dhàn slàn, bha na gnìomhan ann am beatha Iosa mar fhaclan agus mar abairtean a bha aig crìoch a bheatha acruthachadh dàn beò. Bha beatha Iosa mar dhàn a bha Dia asgrìobhadh.

Bha Iosa gu math mothachail gu robh gach gnìomh aigenam metafor no mar shamhla ann an dàn a bheatha. Bha e aslànachadh dhaoine de dheucailean agus de thinneasan; bha na briathran agus na gnìomhan aige marsholasasoillseachadh beatha dhaoine; ghlan e casan nan deisciobal, asamhlachadh searbhantas; shuidhich e achàisg far an robh aran asamhlachadh achuirp agus am fìon asamhlachadh fhuil; chaidh e gu a bhàs fios aige gum biodh a bhàsna shamhla.

Tha e doirbh gun a thighinn gun chodhunadh gu robh Iosa Crìosda afaicinn a h-uile tro shùilean an t-samhla. Bha a bheatha, agus beatha a h-uile duine, air a crathadh tro shìolachan amhic-meanmainn. Chan e gu bheil sin adèanamh faclan agus beatha Iosa neo-fhìor. ’S ann an rathad eile a tha e. Nuair a thuigeas sinn ceart tha tachairt, chì sinn gu bheil fìrinnnas fìoraann am mac-meanmainn na tha ann an reusan agus ann am fìrinn litireil.

Bha am fear-saidheans agus am feallsanach an t-Ollamh Raynor Johnston acumail a-mach gun robh an cruinne- atighinn gun fhiaradh bho mac-meanmainn Dhè, gun robh e nas coltaiche ri obair mac-meanmainn na bha e ris an Reusan a bha Hegal afaicinn mar bhun-adhbhar an t-saoghail. Bha Hume cuideachd acur mac-meanmainn ann an dìmeas an taca ri reusan agus na comharran lèirsinneach a tha gar bualadh eadar an shùil. Ach mas e mac-meanmainn bun-adhbhar an t-saoghail, – agus tha saidheans an an-diugh nas coltaiche ri mac-meanmainn na tha e ri càil sam bith eile – ’s dòcha gum feum sinn tòiseachadh air leabhar na cruinne- a leughadh a-rithist.

titleIosa Crìosd, dàn Dhè
internal date2000.0
display date2000
publication date2000
level
reference template

Maoilios Caimbeul in Gairm 190 %p

parent textGairm 190
<< please select a word
<< please select a page