[128]

Facal mun aimsir
le Torcuil MacRath

Chan eil beachd sam bith agam e an seann duine air an robh mo dhaoine gu tric abruidhinn. Faodaidh e bhith gu robh e ann cho fada air ais ann an eachdraidh ri linn nan draoidhean. Co-dhiù, cha ghann nach cuala mise mun t-seòrsa aimsir bha esan ag iarraidh fa chomhair gach ràithe bhanns abhliadhna. Be seo a mhiann:

Geamhradh reòthanach
Earrach ceòthanach
Samhradh breac riabhach
Foghar geal grianach.

Ach mar a tha an sean-fhacal ag ràdhnach iomadh rud a chì an duine bhios fada beò. Thug mi greis ameòrachadh air an iarrtas a bha aig an t-seann duine ud aguss e mo bheachd nach leigeadh e leas mòran dùil a bhith aige ri geamhradh reòthanach nam bitheadh e timcheall san latha thann. Sin gu dearbh brìgh mo sheanchais gun tàinig caochladh air an aimsir thairis air na bliadhnachan a dhfhalbh. Mar dhearbhadh air a sin bheir mi iomradh air loch uisge tha goirid dhomh far a bheil mi afuireach.

Gluaisidh nàdar beag air bheag agus mus sheall thu riut fhèin, tha an a thaice san amhairc air a thighinn gu buil. Sin mar a thachair dhòmhsa thaobh an loch a bha siud. Aon latha anns na 1970-an fhug mi an aire nach robh mi a-nis afaicinn air an uisge ud anns an ràithe gheamhraidh ach sgàilean beag de dheigh an siuds an seo. Mar sins e loch an t-slat-thomhais a thagam air mar a dhatharraich an aimsir.

Tha e furasda thuigsinn gu bheil na h-uiread de bhuaidh aig anail na mara air an reothadh; ach eadhon anns na h-eileanan Siar bhiodh dùil ri geamhradh reòthanach anns an aimsir a dhfhalbh-làithean goirid grianachsn oidhche atuiteam gu cabhagach le reothadh trom. Seo an rud ris an canadh iad sìdena h-ionad.



[129]

Bhiodh dùil ris a sin, uair no uaireigin, anns an ràithe gheamhraidh le dòrtadh sneachd aig toiseach na cùis.

Gu nàdarrach, ’s ann a-rèir neart areothaidh bhios tiughad na deighe. Bidh sin buileach fìor ma leanas areothadh airson ùine mar a thachair anns abhliadhna 1935. Air agheamhradh sin bhan deigh air an loch cho tiughs gum bitheadh sinne bha nar balaich acluiche ball-coise oirre. Cuideachd, ràinig sinn eilean a thann am meadhon alocha, agus a chiad uair a chuir mi mo chas air tìr ann shaoil leam gu robh minam sheasamh air talamh nuadh air nach do choisich duine riamh.

Tha amharas agam gun tàinig sinn tarsainn an sin air seann eachdraidh air am bfhiach dhomh iomradh a thoirt san dol seachad. Tha sloc ann am meadhon an eilein agus chan eil an teagamh as lugha ann nach e làmh duine a dhealbh i. Chanainn gum bhiodh ceithir troighean de dhoimhne innte an latha chaidh a dèanamh, nos dòcha barrachd. A-nis tha mòran lochan uisge air an astar seo agus grunn eileanan air feadhainn dhuibh, ach chan eil ach aon eilean eile air a bheil sloc dhen t-seòrsa ud. Saoil an e seo far am bhithe acur an deoch làidir air falach?

Atilleadh air ais gu fàth mo sheanchais, feumaidh mi a ràdh nach eil lorg sam bith agam gu an tiughad a bhanns an deigh ris na dhearb sinne sinn fhìn adol chun an eilein. Ach mar a chì sinn, chan eil teagamh sam bith ann nach robh i làidir. Mar a bha chùis, bham baile air an dàrna taobh dhen loch agus am monadh air an taobh eile. Am-muigh an sin bha mòine dhubh agus bhithte ga buains ga tughadh far na robh i nuair a bhitheadh i deiseil. Bha i air leth tioram agus bheirte dhachaigh i o àm gu àm, ann am poc no ann an cliabh.

Latha dhe na bhann, anns agheamhradh 1935; thàinig boireannach òg tarsainn air an deigh, pìos a-mach bho òs alocha, le cliabh air a druim, làn dhen amhòine dhubh air an tug mi iomradh. Cha be eallach aotrom a bhaice agus cha robh i fhèin air an fheadhainn a baotrom a bharrachd.

Cha robh geamhradh rim chiad chuimhne nach fhaicte abhiast-dhubh, an tighinn an latha no tuiteam na h-oidhche, adol thairis air an deigh gu taobh eile locha. Bitheadh gach allt is loch anns amhonadh reòtha is bha ise adèanamh chun na mara an tòir air an iasg bha ri faighinn an sin. ’S fhadas fhada bho nach fhacas làrach na spògan aice anns an t-sneachd air an loch ud. Ma theid i tarsainn an-diughs ann air an t-snàmh: rud a thana comharradh air mar a dhatharraich an aimsir.

Mar a bha geamhradh 1935s ann cuideachd a bha geamhradh 1947 air leth reòthta. Lean areothadh gu math a-steach dhan



[130]

earrach. Air abhliadhna sin, air loch ann aLeòdhas, fhuaireas bric ann, a-rèir aithris, a bha reòthta anns an deigh. Feumaidh e bhith gu robh an loch sin ann am meadhon na mòintich no aig astar math air falbh bho anail na mara. Ach biodh sin mar a dhfhaodas, tha fios agam air mo shon fhìn gu robh na geamhraidhean a thàinig ás dèidh achogaidh gu math reòthanach.

Aig an àm sin bha mi astrì ri crodh is caoraich. Lean mi ris an obair sin tro na 50-an agus suas gu deireadh na 60-an. Thairis air na bliadhnachan sin chan fhaca mi aloch ud gun e còmhdaichte le deigh, uair no uaireigin, anns an ràithe gheamhraidh. Gun teagamh, cha threabh gach bliadhna ga chèile: gidheadh, sann ainneamh a chunna mi geamhradhma bha e idir annnach fheumainn an òrd mòr airson an deigh a bhriseadh am bòrd alocha ach afaigheadh an crodh deoch.

Mar sin bhithinn ag iarraidh an aiteamh: bhiodh mo shùil air an àirden Iar-Dheas ach a faicinn casan carbad fo na grèinecomharradh na gaoithe mòire. Nuair a thigeadh an aiteamh bhiodh fuaimean sònraichte ann nach cluinn mi an-diugh.

Cha bu luaithe a chailleadh areothadh a ghrèim, na leigeadh an deigh ràin aiste agus chìte sracadh oirre tarsainn alocha. Bhriseadh i ás a chèile, beag air bheag, ’na leacan. Leanadh a fuaim airson latha no trì fhads a bhiodh gaoth làidir asluaisreadh na leacan ri cladach alocha. Tha co-dhiù deich bliadhna fichead ann bho nach cualas na fuaimean sin air an astar seo.

Mar a dhatharraich an aimsir, ’s gann gun chreid an òigridh an eachdraidh a thagam ri aithris: chan fhaca iad a-riamh aloch dùinte le deigh. An-diugh ma chithear sgàilean de dheigh ri bòrd alocha, their cuideigin, “bha reòthadh trom ann a-raoir.” Achs ann diombuan a bhios an deigh sin. Mar cheò na maidne cha bhi lorg oirre mus tig meadhon latha. Mar an ceudna, chunna mi anns an Dùbhlachd an Cliseam le còmhdach geal de shneachd oirre. latha ás dèidh sin bha mi ga faicinn air fàire liath-gorm gun sneachdna còir.

Gu bu choireach gun tàinig caochladh air an aimsir, chan eil fios agam le cinnt sam bith, agus tha mi adèanamh dheth gu bheil luchd-saidheans anns an aon cheò rium fhìn thaobh achuspair seo. Faodaidh e bhith gu robh an aimsir o thùs adol timcheall ann an cearcall mar gum bitheadh. Mas fìor sin thigeadh caochladh bho àm gu àm. Co aige tha fhios nach fhaca mi an eachdraidh sin sgrìobhte anns amhòine air an robh mi cho eòlachnam òige.

titleFacal mun Aimsir
internal date2000.0
display date2000
publication date2000
level
reference template

Torcuil MacRath in Gairm 190 %p

parent textGairm 190
<< please select a word
<< please select a page