TAOBH LOCH FIN MAR A BHA E
le Ruairidh MacLeòid
Thèid mi nunn gu tìr mo rùin,
Thèid mi nunn thar a’ mhonadh,
Thèid mi nunn gu tìr mo rùin,
’S mòr mo shunnd bhith tilleadh dhachaigh.
Nuair bha mi òg ri taobh Loch Fìn,
’S math mo chuimhn’ bhith cluich le caman;
Tha mi ’n-diugh ri taobh chanàil,
Och, a rìgh, chan fhaigh mi dhachaigh.
Ach ma gheibh mise saogh’l,
Gabhaidh mi sgrìob gu fairge fhathast,
’S togaidh mi rith’ na siùil bhàn’ –
Gur e a b’fheàrr na putadh ghlasan.
’S iomadach balach math bha leam,
Nuair bha mi òg ’s mi fàgail dhachaigh;
Ach an-diugh chan eil iad ann,
Tha iad fon ùir ’s cha till iad dhachaigh.
’S math mo chuimhn’ nuair bha mi òg,
Là na Bliadhn’ Uir’ an Loch Giorra,
Gach òigearach ’s a chaman ùr,
Dol a dh’ionnsaigh na Dail Ghiorra.
Fhuair mi faochagan lem dhà bhràth’r,
’S chuir sinn iad gu margadh Shasainn;
Iad an-diugh mar tha mi fhèin,
Uile pòsd’ ’s air falbh bhon dachaigh.
O gur e siud an t-àm bha mòr,
Le m’ath’r ’s mo mhàth’r an àm na Nollaig;
Bha iad cridheil càirdeil ciùin,
Cumail cuideachd ris na balaich.
Fhuair mi an t-òran siud on bhàrd a chuir ri chèile e, Calum Mac a’ Bhiocair, nach maireann, agus tha e sgrìobhte dìreach mar a dh’aithris e fhèin dhomh e, ann an Gàidhlig bhlasda Meadhon Earra Ghàidheal.
Rugadh Calum Mac a’ Bhiocair ann an Loch Geàrr – no Loch Giorra, mar a chanas muinntir na sgìre, air Loch Fìn, baile beag eadar Inbhir Aora agus Ceann Loch Gilb, anns a’ bhliadhna 1902. Anns na seann dealbhannan a thogadh aig an àm sin, chì thu gu leòr de thaighean-tughaidh anns a’ bhaile.
Bha teaghlaichean mòra glè chumanta a-measg nan Gàidheal aig an àm a rugadh Calum. Bha ochdar anns an teaghlach dam buineadh e fhèin. Gann gu bheil an àireamh sin de chloinn aois sgoile ann an Loch Geàrr air fad an-diugh, oir ’s e daoine a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh, a thàinig bharr Ghalldachd agus á Sasainn, a tha anns a’ mhòr-chuid den t-sluagh a tha a’ còmhnaidh ann nar latha, agus chan eil teaghlaichean òga aca.
Chaidh Calum agus an còrr agus an còrr den teaghlach àrach ann an taigh ris an canar An Caisteal Biorach, seann togalach le ballachan tiugha a tha ’na sheasamh gu greadhnach a-muigh air rubha. Tha an taigh ann an suidheachadh àlainn, agus gheibhear sealladh brèagha bhuaithe a-mach air Loch Fìn, sìos chun an Tairbeirt. Faodar dealbh a dhèanamh air teaghlach Chloinn a’ Phiocair ag èirigh suas an siud an cois a’ chladaich. Is ann air làithean sona na h-òige, agus air coibhneas a phàrantan, a tha Calum a’ cuimhneachadh anns an òran. Tha e ag innse cuideachd mar a bhiodh e fhèin agus a bhràithrean a’ togail a’ mhaoraich a bhiodh pailt mu na cladaichean agus a’ cosnadh beagan beò-slaint anns an dòigh sin.
’S e bràthair Chaluim, Seonaidh, an duine mu dheireadh a bha a’ fuireach anns a’ Chaisteal Bhiorach. Sin far an robh e nuair a thàinig mise a dh’fhuireach ann am Meadhon Earra Ghàidheal ann
an 1985. A chionn gu robh an t-àite rud-eigin iomallach nuair a bha an aois a’ laighe air, ghluais Seonaidh on Chaisteal gu taigh a bha e air a thogail na b’fhaisge air an rathad mhòr air an tug e fhèin an t-ainm Gàidhlig, “Taigh a’ Mharaiche.”
Mu cheithir bliadhna deug air ais rinn Murchadh MacLeòid prògram air Taobh Loch Fìn anns an t-sreath, “Fàilt’ air a’ Bhaile.” Thadhail sinn air Seonaidh Mac a’ Bhiocair anns a’ Chaisteal Bhiorach agus dh’innis e beagan mu eachdraidh na coimhearsnachd. Bha fìor dheagh Ghàidhlig aig Seonaidh, mar a bha aig Calum. Anns a’ phrògram sin cuideachd sheinn Caitrìona Nic a’ Bhiocair òran-cianalais a seanar a tha sgrìobhte gu h-àrd.
Anns an òran tha Calum a’ cuimhneachadh air a’ chur-seachad a
bhiodh aige nuair a bha e ’na bhalach ann an Loch Geàrr. ’S e latha mòr a bha ann an Latha na Bliadhn’ Uire air taobh Fìn, oir bhiodh iomain a’ dol ann am mòran de na bailtean.
Anns an Fhùirneis, far a bheil mi fhèin a’ fuireach, bhiodh farpais eadar na daoine a bha a’ fuireach air gach taobh den abhainn, an Leacainn. Air an dàrna taobh den abhainn, a tha a’ dèanamh dà leth den bhaile, tha oighreachd Diùc Earra Ghàidheal. Air an taobh a deas tha an oighreachd aig Caimbeulaich Chrà Rè. Air Latha na Bliadhna Uire bhiodh blàr iomain eadar “Fir Shir Seòras” agus “Fir an Diùc.”
Tha Calum ag innse dhuinn anns an òran mar a bhiodh na balaich ann an Loch Geàrr a’ dèanamh air pàirc air a bheil an Dail Ghiorra air Latha na Bliadhn’ Uire. Is iad a bhiodh moiteil agus caman ùr aig gach gille. Bha fiodh gu leòr timcheall a dhèanadh caman agus bha daoine ann a bha eòlach air an cumadh ceart a thoirt orra. Tha fear de na h-oghaichean aig Calum, Mitchell Mac a’ Bhiocair, ’na chluicheadair sgileil, a’ leantainn ann an cas-cheuman a sheanar.
Shiubhail Calum Mac a’ Bhiocair gu sìtheil sèimh anns an Fhaoilleach 1997. Fhuair e aois mhòr, oir bha e seachad air ceithir fichead agus ceithir deug. Bha dithis mhac aige, Seonaidh, agus Eairdsidh Calum, agus nighean, Cairistìona. Aig àm a bhàis bha sia oghaichean agus seachd iar-oghaichean aige. Tha ionndrain fhathast air a’ Ghàidheal uasal chàirdeil seo, agus tha mi toilichte gun d’fhuair mi eòlas air, agus gun d’fhuair mi cothrom an t-òran aige a thoirt am follais an seo. Tha mi a’ creidsinn gun ionnsaich ogha Chaluim, Caitrìona, an t-òran do na balaich aice fhèin, agus cha tèid e air diochuimhne air a’ ghinealach ùr.
Nuair a rugadh Calum Mac a’ Phiocair bha Loch Geàrr, mar a bha na bailtean beaga eile air Loch Fìn, làn Gàidhlig. Bha e fhèin ag innse dhomh gu robh cuimhne aige a bhith a’ tadhal air Mionard, baile-iasgaich eile a tha mu chòig mìle á Loch Geàrr agus e ’na bhalach òg, agus cha chluinneadh e facal Beurla ann. Ach nuair a chaidh iasgach an sgadain air Loch Fìn sìos, ghluais mòran de na daoine a bhuineadh don bhaile air falbh airson cosnadh eile a lorg. An fheadhainn a thàinig a-steach ’nan àite, cha robh Gàidhlig aca. Bha buaidh aig seo air a’ Ghàidhlig agus air cleachdaidhean Gàidhealach, agus air an Eaglais Shaoir cuideachd, oir b’ann ceangaite ris an Eaglais sin a bha a’ chuid mhòr de na daoine a bha ann o thùs. An-diugh ’s e glè bheag de Ghàidhlig a chluinnear ann am Mionard agus ann an Loch Geàrr, agus chan eil ach grunnan air fhàgail aig an Eaglais Shaoir far an do chleachd an togalach a bhith làn aig toiseach na linne a
[Dealbh]
Tha na bàtaichean seo a chìthear air Loch Geàrr anns an dealbh seo glè eadar-dhealaichte ris na bàtaichean-iasgaich a bhiodh Calum Mac a’ Bhiocair a’ faicinn roimh àm a’ Chiad Chogaidh agus e ’na bhalach. Thogadh an dealbh air latha sònraichte nuair a bha rèisean-bhàtaichean agus cur-seachad eile air an loch.
dh’fhalbh.
Ach air an dàrna Sàbaid a h-uile mìos cluinnear Gàidhlig gu leòr ann an Loch Geàrr, mar a bha i ri linn Chaluim Mhic a’ Bhiocair. Tha seirbheis Ghàidhlig ga cumail anns an eaglais, agus bidh luchd-adhraidh a’ tighinn thuice á ceàrnaidhean cho fada air falbh ri Dùn Omhainn. An dèidh na seirbheis bidh fileantaich agus luchd-ionnsachaidh a’ gabhail cupan tì ann an talla na h-eaglaise, far am bi conaltradh agus co-chomann. Tha Uibhistich, Sgitheanaich, Tirisdich, Colaich, Leòdhasaich, Hearaich agus Gàidheil bharr tìr-mòr a’ coinneachadh gach mìos anns a’ bhaile bheag seo a bha uaireigin cho Gàidhealach.
Aig toiseach na ficheadamh linn bha mòran de na fir ann an Loch Geàrr trang ris an iasgach. Bha Dòmhnall Mac a’ Bhiocair, a bha ann an càirdeas do Chalum, ag innse dhomh gu robh cuimhne aige fhèin ann an làithean òige air sia deug de bhàtaichean a bhith ag iasgach a-mach ás a’ Chamas gu h-Iosal, a’ chuid sin de Loch
[Dealbh]
Tha balaich òga fhathast ris a’ chamanachd ann am Meadhon Earra Ghàidheal, mar a bha iad nuair a bha Calum Mac a’ Bhiocair ’na ghille ann an Loch Geàrr. Tha na ficheadan de sgoilearan ag iomain an-diugh ann am bailtean leithid Aird Driseig agus an Tairbeirt, far an robh an spòrs air a dhol á bith. Air an làimh chlì anns an dealbh seo chìthear Ruairidh Greum, a bha a’ cluich aig an àm sin do Chille Mhoire, sgioba a tha stèidhichte air na bailtean timcheall air Ceann Loch Gilb, agus a tha an-diugh a’ cluich do dh’Inbhir Aora. Thogadh esan ann am Baile a’ Chaisteil, faisg air Loch Geàrr. Buinidh màthair Ruairidh do dh’Uibhist a Deas. A bharrachd air a bhith ’na shàr iomainiche, tha e ’na dheagh phìobaire.
Geàrr far an robh e fhèin a’ fuireach.
Ghabh Dòmhnall Mac a’ Bhiocair e fhèin compàirt anns a’ phrògram, “Fàilt’ air a’ Bhaile”, a dh’ainmich mi mar-thà. Dh’innis e ’na dhòigh shocair chùramach fhèin mu na fiosrachaidhean a bha aige aig àm a’ chiad Chogaidh. Chaidh a leòn anns a’ bhlàr agus chaidh fhàgail fad latha gu leth ’na laighe air an talamh agus càch a’ smaoineachadh gu robh e marbh. Ach mhothaich oifigeach Gearmailteach dha anns an dol seachad, agus thuig e gu robh an deò ann fhathast, agus thug e gu ospadal e. Bha eagal air càirdean Dhòmhnaill aig an taigh gu robh e air bàs fhaotainn, ach chaidh aige air cairt a chur gu a theaghlach an
ceann grunn mhìosan a leigeil fhaicinn gu robh e beò.
Fhuair Dòmhnall Mac a’ Bhiocair dhachaigh ás a’ Chogadh, agus chuir e seachad a’ chuid mhòr de a làithean anns a’ Chamas gu h-Iosail far an robh e ’na òige, ag obair air na rathaidean agus aig Coimisean na Coilltearachd. Air taobh thall an uillt bha a phiuthar, Seònaid, a’ fuireach leatha fhèin, agus b’ann anns a’ Ghàidhlig a bhiodh i fhèin agus Dòmhnall a’ bruidheann ri chèile fad am beatha. Bha e faisg air ceithir fichead agus deich nuair a dh’eug e ann an 1989. Fhuair a bhean, Mairead, bàs toiseach na bliadhna seo agus i fhèin air ceithir fichead bliadhna agus deich fhàgail ás a dèidh. Gu crìoch a latha bha Dòmhnall a’ giùlan chomharraidhean a’ chogaidh anns an robh e an sàs air tìr-mòr na Roinn Eòrpa. Bha eag ’na chluais far an deachaidh peileir Gearmailteach troimhpe.
Cha robh ràdio aig Dòmhnall le VHF airson am prògram a chluinntinn anns an robh e fhèin a’ bruidheann. Ach thug cuideachd inneal dha air iasad. Chòrd an gnothach ris cho math agus nach ann a cheannaich e fhèin ràdio le bann beag ach an cluinneadh e a h-uile prògram Gàidhlig a bha a’ dol aig an àm. Tha cuimhne agam a bhith a’ tadhal air greis an dèidh dha an ràdio ùr fhaighinn, agus bha e a’ faighneachd dhomh dè a’ Ghàidhlig a bha agamsa airquarter to seven. Thuig mi anns a’ mhionaid dè a bha aige. ’S e “ceathramh gu seachd” a bhiodh Dòmhnall còir a’ cleachdadh fad a bheatha, agus cha robh e air “cairteal gu seachd” a chluinntinn riamh gus an d’fhuair e an t-inneal ùr. Dhearbh mi dha gu robh an dòigh aige-san a cheart cho math, seadh gu robh e na b’fheàrr na Gàidhlig nan eilean a bha e a’ cluinntinn aig a’ BhBC!
Ach tha mi air a dhol seachad air mo sheanachas. ’S ann air Calum Mac a’ Bhiocair, a rinn na rainn a tha againn aig fìor thoiseach na h-aithisg a tha mi a’ labhairt.
Nuair a chaidh e air ceann a chosnaidh, bha Calum Mac a’ Bhiocair ag obair ann an Ceann Loch Gilb agus aig tuathanaich ann an Cinntìre, ann an Taigh a’ Bhealaich agus ann an àiteachan eile ann am Meadhon Earra Ghàidheal.
Ach ’s e maraichean agus chan e tuathanaich a bha ann an Cloinn a’ Bhiocair Loch Giorra. Anns na bliadhnachan an dèidh àm a’ Chiad Chogaidh chaidh Calum gu muir. Anns an linn sin bha gheataichean aig mòran de na h-uaislean, agus sin far an d’fhuair esan obair toiseach. Bhiodh a bhràthair, Seonaidh, cuideachd air na gheataichean, agus chuir iad eòlas le chèile air seòladairean òga eile ás a’ Ghàidhealtachd agus ás na h-eileanan.
An dèidh a bhith air na gheataichean bha Calum greis ag obair
air bàtaichean Chluaidh. Agus ged a thàinig e air tìr, ’s ann ri bàtaichean agus ri luchd na mara a bha a ghnothach fhathast, oir fhuair e cosnadh aig clais-uisge a’ Chrìonain. Chuir e seachad mu dheich bliadhna fichead ris a’ chosnadh sin.
Bha Calum ag obair aig a’ chlais-uisge nuair a rinn e an t-òran a tha againn an seo. Tha e ag innse anns an òran gum b’fheàrr leis gu mòr a bhith air ais anns an t-seann dachaigh air Loch Geàrr mar a bha e ’na òige seach a bhith ri taobh a’ chanàil a’ “putadh ghlasan”.
Nuair a leig am bàrd seachad an obair air a’ chanàl, fhuair e cothrom tilleadh chun nan ceàrnaidhean sin de Mheadhon Earra Ghàidheal air an robh e eòlach ann an làithean na h-òige agus air an robh e cho measail. Bha e fhèin agus a bhean a’ fuireach ann am Baile a’ Chaisteil, faisg air Ceann Loch Gilb. Bha iad beagan bhliadhnachan cuideachd ann an Ceann Loch Gilb.
Chuir Calum seachad sia bliadhna ann am Mionard, far a bheil a mhac, Seonaidh, a’ fuireach. Fhuair Calum agus a bhean gach cuideachadh agus cofhurtachd on teaghlach ghasda sin ann am Mionard. Nuair a bha an aimsir freagarrach bu toigh leis a bhith a’ gabhail cuairt, agus bhiodh e an sin a’ coiseachd gu dìreach, air a chòmhdach an còmhnaidh gu sgiobalta grinn, bata ’na dhòrn agus ad dhubh ma cheann.
Chaochail bean Chaluim, agus anns an dà bhliadhna mu dheireadh de a bheatha, nuair a bha e a’ cur feum air frithealadh o luchd-eiridinn, bha e ann an Dun Cuain, ionad nan seann daoine ann an Ceann Loch Gilb.
[Dealbh]
Fhathast air canàl a’ Chrìonain tha glasan gam fosgladh agus gan dùnadh dìreach mar a bhiodh a’ tachairt nuair a bha Calum Mac a’ Bhiocair ris an obair. Thogadh an dealbh seo aig a’ Chàrn Bhàn, àite air an robh Calum glè eòlach aig an àm a chuir e an t-òran ri chèile.
Smuain is Cuimhne (4)
(air làithean na sgoile)
le Dòmhnall Iain MacIomhair
San toiseach
A’ tilleadh gu Loch Croistean, sin far an deach mi don sgoil an toiseach aon Lùnastal. Bhithinn còig bliadhna, a dh’aois an ath Shamhainn, agus mar sin bha mi beagan na b’ òige na càch sa’ chlas, ged a bha feadhainn eile ann nach robh buileach còig. Cha robh diofar. Aig an ìre sin ann am beatha neach, cha chreid mi gu bheil mìos no dhà a’ buileachadh cèille no gliocais air a’ mhòrchuid de òigridh. Bha mi deiseil airson a dhol don sgoil, ’s co-dhiù cha robh fada agam ri coiseachd innte.
Bha dà rùm san sgoil, fear aig a’ chùl agus am fear bu mhotha aig beulaibh an togalaich a’ sealltainn chun an rathaid. Bha m’ athair san rùm mhòr, agus thòisich sinne nar pàistean san rùm cùil. Cha robh ann ach dithis thidsearan ’s bha na clasaichean aig caochladh ìrean, ach bha iad beag. Cha robh seòmar thidsearan idir ann.
Cleachdadh
Tha cuimhne agam air a’ chiad là san sgoil. Bha mi san t-suidheachan aig beulaibh an t-seòmair. B’ e là rudeigin fada a bha ann. ’S iongantach mur do dh’ionnsaich mi rudeigin. Gu dearbha chan eil fios agam.
Bha Sgoil Loch Croistein dà-chànanach, agus gun feum aice air poileasaidh airson a gnè a dhearbhadh. Bha Gàidhlig againn uile, agus bha an dà chànan, Gàidhlig agus Beurla, air an cleachdadh gu saor ’s gu nàdarrach sa’ chlas. Tha mi cinnteach gun robh an sgoil dà-chànanach gus am b’ fheudar dhi dùnadh, grùnn bhliadhnaichean an dèidh dhuinne a fàgail.
Bha ar tidsear, Miss Matheson, a bhuineadh do Uig, glè choibhneil ruinn. Agus, mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, thuig sinn gun robh an dearbh thè gu math comasach ’na dreuchd. An àite leabhraichean-sgrìobhaidh bha sinn a’ cleachdadh sglèatan airson nan eacarsaich làitheil a tha ’nam pàirt cho
cudromach de sgoilearachd. Bha an sglèat mu mheud duilleag A4 phàipear an là ’n-diugh, agus bha cèis fhiodha timcheall oirre, ’s dòcha airson sàbhailteachd na sglèat agus an sgoilear. Bha sliotain anns na deascaichean far am biodhte a’ gleidheadh nan sglèatan rè na h-oidhche. Bhiodh sinn a’ sgrìobhadh le peansail cruaidh, agus e fhèin air a dhèanamh de sglèat. Bha leabhraichean-sgrìobhaidh ann airson obair a dh’fheumte a ghleidheadh. Bha loidhnichean air cuid de na sglèatan, agus bocsaichean airson cunntais air feadhainn eile. Bhatar gan glanadh le luideig nuair dh’fheumte na sgrìobh sinn a dhubhadh ás. Saoil cia mheud a tha air lorg de na sglèatan ud, agus càite a bheil iad? Cha do chuir sinn sùim sam bith annta, ach a-nise, coltach ri mòran de sheann nithean, feumaidh gu bheil iad luachmhor, ged ’s dòcha nach eil a thaobh airgid. Tha dòighean eile ann air luach a thomhais.
Bhiodh amannan eadar-ùine gan comharrachadh le seirm chruaidh air clag mhòr pràise, seann rud luachmhor eile ma tha sgeul oirre. Bha an sgoil air a teasachadh le teine fosgailte san rùm bu mhotha; bha an teine a’ teasachadh seann rèididheatar meatailt san rùm eile. Mar sin, bhatar a’ buain mhònach, cha b’ ann a-mhàin don mhaighistir-sgoile, ach cuideachd don sgoil fhèin. Mas math mo chuimhne, bha buain na mònach air a leigeil a-mach gu h-ionadail, seòrsa de phrìmheideachadh ’s dòcha. Dè fon ghrèin a tha ùr?
Bha obraichean eile a dh’fheumte a dhèanamh timcheall na sgoile air an leigeil a-mach gu h-ionadail cuideachd, a leithid nan gàrraidhean cloiche a chàradh. Corra uair thigeadh ionmhas falaichte am follais anns na ballachan. Tha cuimhne agam gun lorgadh seann uaireadair-pòcaid ann am fear de na ballachan. B’ fhada bho bha an t-uaireadair air sgur mar inneal a dh’innseadh an uair, ged a bha e ann an deagh staid a thuilleadh air sin, agus ’s dòcha gur e dìreach goireas a shadail air falbh a-measg nan clach an aon adhbhar gun robh e ann. No ’s dòcha gun robh adhbhar eile ann, air nach bi fios againn gu bràth. Chan urrainn neach ach smaoineachadh. Feumaidh gu bheil sgeulachd an sin an àiteigin. ’S dòcha gum feuch mi ri a sgrìobhadh uaireigin!
Ealain
Bho àm gu àm bhiodh tidsearan-siubhail agus luchd-sgrùdaidh a’ tadhal san sgoil. Bhiodh tidsearan-siubheil a’ tighinn airson ealain, airson chleasan agus airson ciùil. Aon uair thàinig tidsear ealain, air an robh Mgr Caimbeul, agus dh’iarr e oirnn loidhnichean a chur air pàipear ann an dòigh sam bith ach gum
bhiodh iad a’ dol tarsainn air a chèile, sìos is suas, bho thaobh gu taobh, càm agus dìreach. Rinn sinn sin, agus b’ e a bha againn, co-dhiù b’ e sin a shaoil sinn, truidhleis de sgròbail. Ach chunnaic an tidsear mòran a bharrachd anns na loidhnichean na chunnaic sinne. Gun fhios dhuinn, chruthaich sinn caochladh chumaidhean – eòin, iasg, lusan agus eadhon ìomhaighean dhaoine. Chaidh iarraidh oirnn dath a chur orra, agus faodaidh mi a ràdh gun robh againn aig crìoch cùise taghadh de dhealbhan a chuireadh nàire air cuid de ealain an là ’n-diugh. Clas de Phicassothan a-measg beanntan Uige? Carson nach bitheadh?
Sgrùdadh
Anns na seann làithean bha eagal am beatha aig luchd-teagaisg ro thadhal an neach-sgrùdaidh, ged ’s e duine coibhneil a bhruidhinn ruinn ann an Gàidhlig a’ chuimhne a tha agamsa air a leithid de thadhal ann an Uig. B’ e Murchadh Moireach ainm an fhir-sgrùdaidh, agus bhuineadh e don Bhac an Leòdhas. Bu sgoilear fìor chomasach e, mar thuig mi bliadhnaichean an dèidh sin ’s mi a’ leughadh ’s e’ sgrùdadh a chuid litreachais mar phàirt de m’ adhartas fhìn ann am foghlam.
Tha cuimhne agam nuair bha mi òg ann an Loch Croistean gun tàinig e ’s gun dh’iarr e fosgladh air ceist cunntais shìmplidh air gille á Enecleit. B’e Aonghas a bha air a’ ghille. Thurchair gun robh mòran chaorach aig athair Aonghais, agus bha ùidh mhòr aig Aonghas anns na caoraich. Dh’fhaighnich Mgr Moireach dha, “Nam biodh trì caoraich agad agus gun tugainn-sa dhà eile dhut, cia mheud a bhiodh agad?” Sheall Aonghas ris an duine chòir le uabhas, cha b’ ann air sgàth dìth comais a leithid de cheist a fhreagairt, eadhon aig aois sia bliadhna, ach le ana-creideas gun robh duine sam bith cho aineolach ’s gun robh e an dùil gun robh na thuirt e eadhon a’ tighinn faisg air treud chaorach a riochdachadh. Thug Aonghas sùil gharbh eile air an duine, agus fhreagair e an làn stòldachd, “Gu dearbha cha bhitheadh mòran!” Tha mi a’ smaoineachadh gun chòrd freagairt Aonghais ris an fhear-sgrùdaidh mòran na b’ fheàrr na ged bhiodh e air am freagairt a bha e a’ sireadh fhaighinn.
Foghlam
Bha mòran cudroim ga chur air foghlam san dachaigh againn. Bhatar a’ meas foghlaim mar phrìomh mheadhon air beatha èifeachdach agus adhartach a choileanadh, agus, a’ sealltainn air
ais, feumaidh mi a ràdh gu bheil mi ag aontachadh ris an t-sealladh sin. B’ fheudar do m’ athair, mar a b’ fheudar do mhòran eile den ghinealach sin, fhoghlam foirmeil fhèin a leigeil seachad, airson a dhol an sàs ann an strìth a’ Chiad Chogaidh Mhòir. Nuair thill e (agus theab nach do thill, ach ’s e tha sin sgeulachd eile) chuir e roimhe a dhol a-steach airson teagaisg, agus b’ e sin a rinn e.
Bha ochdnar ann an teaghlach m’ athar, ’s a’ mhòrchuid dhiubh le “foghlam” mar is aithne dhuinne am facal an-diugh. Chaidh faighneachd do phiuthar m’ athar, a bha air a bhith ’na tidsear cuideachd, agus ise suas gu mòr ann am bliadhnaichean, ciamar a b’ urrainn do theaghlach cho mòr a dhol tron fhoghlam anns na làithean ud, agus an t-airgead cho gann. “Cha robh feum againn air airgead,” ars ise, “bha eanchainn againn!” An dearbh seòrsa freagairt a dhùilicheadh neach bhuaipe!
Ged roghnaich mo mhàthair gun a dhol do dhreuchd phroifeiseanta, b’ e boireannach foghlamaichte a bha innte. Nuair fhuair i a teisteanas ann an Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh, roghnaich ise, mar a roghnaich mòran de a co-aoisean, a dhol a shireadh obrach thar cuain ann an Canada. Bha ise còmhla ri Buidheann UrraisSun Life. Ach, cha robh a slàinte gu tur math, agus thill i. Bha i sònraichte comasach air cànanan, neach-labhairt na Gàidhlig a bha eòlach air uile thoinnteachd a’ ghràmair. Cuideachd, bha i gu math fileanta ann am Fraingis. A thaobh gràmar na Beurla, fhuair sinn ar deagh ionnsachadh. ’S fhada bho chaidh mìneachadh fhacal agus sgrùdadh coitcheann ás an fhasan maille ri mòran de rudan matha eile (ro dhoirbh do na gràdhan beaga? ), ach tha cuimhne agam orra, chan ann a-mhàin mar innleachdan gràmair ach mar nithean a chuireadh beatha don inntinn. Loidig agus saidheans a’ chànain, ’s dòcha? Bha m’ athair cuideachd fileanta ann an Gàidhlig, ach, gu neònach, ged leughadh e Gàidhlig gun mhearachd cha b’ urrainn dha a sgrìobhadh. Cha do thuig mi sin a-riamh. Ach, cha do chuir sin stad air bho leasanan Gàidhlig a thoirt dhuinn san sgoil.
Bha mi fortanach nuair chaidh mi don sgoil mus robh mi còig bliadhna a dh’aois gun robh mi gu tur dà-chànanach, agus gum b’ urrainn dhomh Beurla a leughadh gu cothromach, ged tha mi cinnteach nach robh mo sgrìobhadh càil na b’ fheàrr na dhèanadh neach eile san t-sreath. Cuideachd, b’ urrainn dhomh cunntadh ann an Gàidhlig ’s am Beurla. Ach dh’ionnsaich sinn mòran san sgoil – Beurla, Gàidhlig, Eachdraidh, Cruinn-eòlas, Cunntas, Bàrdachd, Sailmean, òrain Ghàidhlig is Bheurla. Abair grèis-bhrat de eòlas. Cha robh 5-14 idir ann. Chan eil mi a’ faireachdainn gu
bheil easbhaidh sam bith orm airson sin!
Duaisean
Bha aon sgoil eile ann an Uig aig an àm, ann am Bhaltos. Bha pàirt dhith ’na h-àrd-sgoil don chloinn a b’ òige. B’ ann gu Bhaltos a dheidheadh na sgoilearan bho loch Croistean nach d’fhuair tro dheuchainn 11+ , agus b’ ann innte a bha a leithid de sgoilearan á Bhaltos fhèin cuideachd. Seach gun robh àireamhan nan sgoilear san dà sgoil cho beag, bhiodh an dà sgoil a’ cumail làithean spòrsa còmhla. Bha sin air a chumail air aon de na h-ionadan gainmhich ann an Uig faisg air baile Bhaltois. Bha gach nì àbhaisteach ann – rèisean thrì-chasach, rèisean le uighean is le spàinean, ruith, rèisean phoca, leum de gach seòrsa. Gu h-iongantach bha sinn uile a’ faighinn dhuaisean. A bheil fios carson?
Cha robh luchd a’ cho-ionannachd, iadsan a bha cho dèidheil air dòighean ùra eadar-mheasgachaidh, air an co-ionannachd innleachadh. Ach, fhuair sinn uile duaisean. An robh Uig air thoiseach air an àm? B’ e là air leth a bha ann do chloinn agus do thidsearan, agus cha robh neach a’ dol a dh’fhàgail achadh na spòrsa fo sgòth de bhriseadh-dùil. Bha sinne mar chloinn a’ cur sùil ris fad na bliadhna, ged is iomadh là spòrsa a mhallaich mi bhon uair sin.
Cuideachd bhiodh sinn a’ faighinn dhuaisean airson obair sgoile. An Loch Croistean cha robh seirbheis nan duaisean ach beag. ’S bha a h-uile neach a’ faighinn an urraim. Tha cuimhne agam leabhraichean Gàidhlig fhaighinn mar dhuais bhon Chomunn Ghàidhealach, agus chan eil glè fhada bho bha mi a’ sealltainn ri fear dhiubh – Clàrsach an Doire. Ach bha na h-àireamhan de chloinn cho beag ’s gur dòcha gun robh an neach a bha air dheireadh anns an treas àite, no eadhon san dàrna àite!
Roghainn
Cha do chuir mi seachad ach dà theirm (earrach is samhradh) an Sgoil Airidhantuim. An dèidh deuchainn-tuigse no dhà agus deuchainn 11+ , bha thìde fàs suas agus a dhol don àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh. Chan eil mòran chuimhneachain agam, ’s an fheadhainn a tha ann cha dhroch chuimhneachain iad, air mo làithean an Sgoil Airidhantuim, ’s dòcha seach gun robh mo làithean innte cho beag ann an àireamh. Ach feumaidh gur e rudeigin de ùpraid a bha ann trì sgoiltean a fhrithealadh sa’ bhliadhna cheudna, ged nach cuimhne leam droch bhuaidh sam
bith. Tha mi a’ creidsinn gur i a’ chuimhne as motha a tha agam air a bhith ’nam sgoilear an Airidhantuim cho mòr ’s a bha àireamh na cloinne an taca ri sàmhchair Loch Croistein. Cuidheachd, tha cuimhne agam gun robh sinn a’ faighinn botal bainne an Sgoil Airidhantuim a h-uile là, agus, airson adhbhar gòrach air choreigin, gun robh mi a’ gleidheadh cinn nam botal.
An dèidh faighinn tro dheuchainn 11+ agus nuair thàinig an Lùnastal, bha thìde ann a dhol a chlàradh airson Sgoil MhicNeacail a fhrithealadh. Bha an clàradh seo air a chuairteachadh le ceannard na sgoile. Chaidh mo phàrantan còmhla rium chun na coinneimhe, aig an robh mi a’ dol a dh’fhaighinn sealladh air a’ chuibhreann seo den fhoghlam a bha air thoiseach orm. Bha an gnothach sìmplidh gu leòr, ach a thaobh aon nì. Bha mi ag iarraidh mo roghainn fhìn de chànanan a dhèanamh – Gàidhlig agus Laideann – ach cha robh e ceadaichte dhomh sin a dhèanamh. Dh’fheumaist Fraingis a dhèanamh, agus dh’fheumainn aon de na dhà eile a thaghadh.
Bha mi a’ dol a dhèanamh Gàidhlig gu air bith dè a thachradh. ’S mar sin b’ iad Gàidhlig agus Fraingis a bha gu bhith ann, a dh’aindeoin tomhais mhath de chudrom airson Laideann a thaghadh an àite Gàidhlig. Ghabh mi aithreachas nach b’ urrainn dhomh Laideann a dhèanamh, ach chan eil aithreachas sam bith orm gun thagh mi Gàidhlig. Agus chun an là ’n-diugh tha mi taingeil nach do dh’fheuch mo phàrantan ann an dòigh sam bith ri toirt orm gèilleadh don chudrom ud. Eadhon ’s mi ’nam òganach fo dhà bhliadhna dheug a dh’aois bha mi mothachail air cànan ’s air dualchas nach robh mi a’ dol a thrèigsinn, eadhon air sgàth argamaid a bha mi a’ meas fiù aig an àm ud mar iomrallachd foghlaim.
Ard-sgoil
Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil daoine uair sam bith a’ dèanamh cho math ’s a dh’fhaodadh iad san àrd-sgoil. Gu cinnteach cha do rinn mise, agus theirinn nach do rinn mòran de na bha air a’ chlas agam. B’ e buidheann mì-rianail a bha annainn. Tha e air a ràdh gur iad sin na làithean as fheàrr ann am beatha duine. Chan eil mise ag aontachadh ri sin. Chan eil mo chuimhne air a bhith ’nam sgoilear san àrd-sgoil a’ cur thairis le dìoghras. Gun teagamh bha spòrs againn aig amannan, ach b’ ann air taobh a-muigh rùm na sgoile a bha an spòrs. Chan e gu bheil mi a’ gearain mu dheidhinn sin, oir ann an iomadh dòigh fhuair sinn deagh oileanachadh, agus am bitheantas bhatar gar teagasg gu
dùrachdach. ’S dòcha gu bheil mi a’ feuchainn ri bhith bàidheil. Bha cuid de nithean a dhìth, ’s bha cuid de nithean gun fheum.
A’ sealltainn air ais, chan eil mi a’ faicinn cus adhbhair air a bhith a’ seinn mun Phoidsear Lionconach seachdain an dèidh seachdaine. B’ fheàrr leam a-nise gun robhar air ionnsachadh dhomh ceòl a sgrìobhadh, ged nach eil mise ceòlmhor a-rèir brìgh an fhacail. B’ fheàrr leam gun robhar air ionnsachadh dhomh inneal ciùil a chluiche; tha mi a’ tuigsinn gun gabh a leithid de sgil a h-ionnsachadh. Agus a dh’aindeoin m’ oidhirp air atharrais a dhèanamh air Picasso ann an Loch Croistean, cha neach-ealain idir mi, agus tha mi a’ cur coire air an dàn airson na h-easbhaidh tàlant sin.
Rinn mi tomhais de sgrìobhadh ’nam latha. Ach, cha chuimhne leam gun robh sgrìobhadh cruthachail air a bhrosnachadh gu ìre mhòir sam bith rè mo làithean san àrd-sgoil. Bha sinn a’ sgrìobhadh mu chuspairean, mar an teaghlach, mar pheatan agus mar shaor-làithean. Cha robh cruthachadh air a mhùchadh, co-dhiù a dh’aon ghnothaich, ach cha robhar ga bhrosnachadh. Tha mi a’ creidsinn nach dèan an neach nach eil cruthachail gu nàdarrach ath-fhreagairt ri brosnachadh air cruthachadh, ach bu chòir don chothrom a bhith aig na h-uile.
Ach, bha rudan eile ann. Bha neach a’ cur eòlais air raon clasaiceach litreachais, a bha gu ìre a’ toirt ar n-aire gu cruthachadh dhaoine eile. Taing airson Shakespeare, Chaucer, Wordsworth, Milton, Donnchadh Bàn, Uilleam Ros, Seann Sgoil, et al. Ach sin mar bu chòir dha a bhith, ’s mar sin carson taing? Chan eil teagamh nach do chuir sgrìobhaidhean nan ùghdar sin ri beairteas cultair is mothachaidh a bu chòir a bhith ’na phàirt de fhoghlam sam bith. Agus chan eil teagamh ’nam inntinn nach eil òganaich a tha a’ fàgail na sgoile an-diugh a’ call air nì a bu chòir a bhith ’na bhrosnachadh cultarach. ’S dòcha gu bheilear gan oileanachadh airson cur suas leis an linn anns a bheil iad beò, linn phlastaic na brèige, ach ’s fheudar gu bheil mothachadh cultarach air linntean a dh’fhalbh ’na bhunait làidir airson mothachadh cultarach a tha nas ùire ’na ghnè.
B’ iomadh càirdeas a shìolaich ri sgoilearan eile. Gu mì-fhortanach, chan eil cuid dhiubh an làthair a-nis, ach bithear gan cuimhneachadh bho àm gu àm. Tha feadhainn eile is chan eil fios agam càite a bheil iad. Agus feumaidh mi a ràdh gu h-onaireach gun shìolaich, an dèidh làimhe, càirdeas ri cuid de na bha gam theagasg, ged aig aon àm bha mi air fàidheadaireachd mu a leithid de shuidheachadh a chur ann an suarachas.
Tha caochladh chuimhneachain agam mun sgoil. Nuair bha mi
san àrd-sgoil cha robh mi fortanach gu leòr airson a bhith a’ siubhal dhachaigh gach feasgar, ’s cha b’ e sin deagh shuidheachadh do neach air iomall òigeachd. San fharsaingeachd bha deagh rian oirnn san ostail, ach cha ghabhadh i àite na dachaighe aig aois cho òg. Bha smachd oirnn, ach ’s dòcha nach robh fèin-smachd. Mar a b’ fhaide a bha mi innte, b’ ann bu duibhe a bha i a’ fàs. Uaireannan bha mi mar phrìosanach le geimhlean nach gabhadh am fosgladh.
Mar a bha fìor a thaobh mòran eile, bha tìde gu leòr ann airson a h-ana-caitheamh. Tha aithreachas orm airson sin. Mar a bha an ùine a’ dol seachad, an àite ciall nàdair làmh an uachdair fhaighinn, bha an obair a bha sinn a’ dèanamh a’ dol an lughad. Bha rudan eile rin dèanamh a thuilleadh air nithean co-cheangailte ri leasain. Bha teanas-bùird ri chluiche, ball-coise ri choimhead( ’s ri chluiche le cuid), òrain ghòrach agus sgeulachdan gòrach rin sgrìobhadh agus sràidean Steòrnabhaigh rin coiseachd. Tha eagal orm gun robh mi, maille ri feadhainn eile, an sàs ann am mòran dhiubh sin. Cha robh tòrr ùine air fhàgail airson foghlaim, rud nach robh cho cudromach ri dèidhean eile.
Rìoghalachd
B’ ann uaireigin anns na 1950an a chuir a’ bhàn-righ agus a cèile “urram” air Eilean Leòdhais le tadhal ann. Co-dhiù, chaidh iarraidh oirnne, sgoilearan na h-àrd-sgoil, fàilte a chur orra ann an Steòrnabhagh, ged bha saor-làithean na sgoile ann aig an àm, le seaamh air cabhsair Rathad MhicMhathain agus smèideadh ris a’ chàraid a dh’fhoillseachadh toileachais gun chrìoch air sgàth an làthaireachd nar measg.
Mu dheireadh nochd iad ann an Hillman Minx gorm gun mhullach, an seòrsa a bha ann ron fhear le na h-itean leth-chruinn san deireadh tha mi a’ smaoineachadh, a thàinig gu Leòdhas a dh’aon ghnothaich airson an turais. Agus ghlaodh sinn ar fàilte mar a chaidh òrdachadh, mar bhuidheann de ùmaidhean, oir gu dearbha b’ e sin a bha annainn an là ud. Tha mi a’ tuigsinn gun thadhail a Mòrachd uair no dhà bhon uair ud, ach bha rudan na bu chudromaiche agam rin dèanamh na bhith a’ seasamh ’s ag èigheachd, a leithid feansa a chàradh sa’ ghàrradh.
Tha eagal orm gun mharbh cleasan sònraichte rìoghail a ghabh àite bhon uair ud dìoghras sam bith a dh’fhoillsich mi le aineolas ’s le neochiontas anns na 1950an. Feumaidh neach àite a leithid de bhuidheann ann an saoghal an là ’n-diugh a cheasnachadh, ach tha sinn uile saor a chum tighinn gu co-dhùnadh – taing do
Shealbh! Tha mi cinnteach gu bheil an teilebhisean agus na pàipearan beaga air gràin a chur air a’ mhòrshluagh ann a bhith a’ còmhdach gach puing bheag, neo-bheantainneach a’ smaoineachadh gu bheil ùidh againn ’nan cuid goileim. Their iad eadhon ruinn gu bheil òraid na bàn-righ a-nise mar phàirt do-sheachainte de Là na Nollaige. Abair sgudal! ’S ann ainneamh a leughas neach nithean inntinneach anns na pàipearan beaga, eadhon an lùib ghnothaichean cudromach, gun luaidh air na nochdas an ceangal ri rìoghalachd leis a bheil iad a-rèir coltais air am beò-ghlacadh.
Criomagan
’S iongantach cuid de na nithean a thig gu cuimhne neach. Seo nì no dhà air a bheil cuimhne agamsa mu làithean na h-àrd-sgoile.
Eachdraidh: B’ e Adhamh Mac a’ Ghobhainn a’ chiad duine bha beò san t-saoghal, agus sin is coireach gu bheil an sloinneadh Mac a’ Ghobhainn cho cumanta. Bhatar a’ cur ás leth sgoileir, air nach bi ainm, ( ’s tha mi a’ daingneachadh gur ann a bhatar ga chur ás a leth) gun sgrìobh e seo mar fhreagairt ann an deuchainn eachdraidhe.
Gàidhlig: Sgeulachd mu eòin a’ falbh air iteig gu dùthchannan cèine.
Tidsear: Dè na h-eòin a bhiodh an sin? Cearcan?
Sgoilear: ’S iad.
(Bha sinn air ar teagasg tro mheadhon na Beurla.)
Saidheans: Dè a thachras do dheigh fo 4 puingean Centigrade? “Fàsaidh e deamhnaidh fuar,” fhreagair aon sgoilear. (Fhuair e sràic no dhà airson siud.)
Fraingis: Chan eil càil ri innse. Bha sinn nar cadal a’ chuid bu mhò den ùine.
Foghlam Teiniceach: Dè thachras nuair bhuailear iarann teth le òrd? Fhreagair aon sgoilear gun dèanadh e fuaim uabhasach. (Cha d’ fhuair e sràic!)
Bha sinn uabhasach. Thàinig grunn againn còmhla aon uair (tha mi a’ smaoineachadh gun robh sinn sa’ cheathramh bliadhna aig an àm) Thàinig sinn gu co-dhùnadh sònraichte. Dhèanadh sinn euchd-dhàn mun sgoil. Bhiodh gach tidsear san sgoil, agus bha mu 90 dhiubh innte, air an ainmeachadh sa’ bhàrdachd co-dhiù aon uair. Agus cha robh sinn a’ dol a sheachnadh a’ cheannaird. Bha fios againn nam faighist grèim air a’ bhàrdachd gum biodh trioblaid mhòr mar ceann.
Chuir sinn crìoch air a’ bhàrdachd. Ach cha deach a-riamh a
lorg. Chan eil leth-bhreac den t-sàr sgrìobhadh ud agam, agus eadhon ged bhitheadh chan fhoillsichinn e an seo. Bha e cruaidh ann an iomadh dòigh, ach cha robh sinn a’ ciallachadh cron sam bith leis – dìreach beagan fealla-dhà. Chan eil mi cinnteach gu measadh cuspairean ar n-aoir( ’s dòcha gu bheil am facal “aoir” ga àrdachadh gu ìre air nach robh e airidh) e mar spòrs. Ma tha cofhartachd a-nise ’na lùib ’s e gun robh peann tachaiseach no dhà mun cuairt, eadhon an uair sin.
Tha sgrìobhadh air a bhith cudromach do chuid againn bho dh’fhalbh na làithean ud. Bha feum againn air rudeigin a shaoradh ar faireachdainnean. Tha feum againn air sin fhathast.
Cha tug na sia bliadhna san àrd-sgoil fada a’ dol seachad. Ach bha e mìorbhaileach saorsa fhaighinn. Bha an saoghal mòr gar cuireadh, ’s a’ gabhail brath air ar n-aineolas. Bha sinn ’nar n-inbhich mu dheireadh thall. Fhuair sinn foghlam, ach cha robh sinn foghlamaichte. B’ iomadh rathad agus slighe a dh’fhalbh air fiaradh bho gheatachan na sgoile an là ud, rathaidean agus slighean air an siùbhladh gach neach againn air leth ’s sinn a’ fàgail aig crìoch AS6. Cha robh sinn nar n-inbhich idir. Cha robh sinn air ar n-ullachadh airson a bhith nar n-inbhich, ach nuair sheallas mi mun cuairt orm an-diugh saoilidh mi gur dòcha nach b’ e droch rud a bha sin. Bha sinn a’ togail oirnn air fìor thursan na beatha.
Chuala mi sgeulachd mu fhear eile a bha a’ fàgail na sgoile. Dìreach mus do dh’fhalbh e, rug e air sglèat agus sgrìobh e oirre, “Tha trioblaidean Thormoid sa’ bheatha seo a-nis air tighinn gu crìch.” B’ ann a bha iad gun tòiseachadh. An ann mar sin a bhiodh cùisean dhòmhsa?
title | Taobh Loch Fìn mar a bha e |
internal date | 2000.0 |
display date | 2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | Ruairidh MacLeòid in Gairm 191 %p |
parent text | Gairm 191 |