[359]

NA h-EILTHIRICH
le Catrìona NicNèill

Bho chionn ghoirid is mi acoimhead airson rudeigin ann an drabhair nach bàbhaist dhomh a bhith fosgladh, thàinig mi tarsainn air pasgan beag de sheann dealbhannan nach robh cuimhne agam a bhith agam.

Shuidh mi sìos a choimhead orra agus cha bfhada gus an robh mi, ’nam chuimhne, air ais anns an sgoil agus, air latha àraid nach dìochuimhnich mi, bha sinn air achidhe am Bàgh aChaisteil is sinn afàgail beannachd aig ar càirdeans ar luchd-eòlais a bha falbh gu beatha ás ùr a dhèanamh ann an Canada.

Bha iad air bòrd abhàta-aisig a bha gus an toirt a dhionnsaigh a luingeis mhòir, am Marloch, a bha feitheamh taobh a-muigh aBhàigh, oir bha i ro mhòr airson faighinn a-staigh.

Mar tha fios againn uile chan eil ach truas is gainne fad ùine mhòr ás dèidh gach cogadh, agus bha seo bliadhnaichean ás dèidh achiad chogaidh mhòir, 1914-18. Bha na fir, a bàbhaist a bhith aig an iasgach, fhathast gun chothrom tilleadh gus an iasgaich oir bha na bàtaichean is na lìn aca ann an droch staid, an dèidh iad a bhithnan laighe agrotadh fad cheithir bliadhna. Cha robh a-nis cothrom aig na daoine air cosnadh fhaighinn a bheireadh dhaibh airgead airson an càradh, is cha tug an Riaghaltasa bha cho taingeil dhaibh fad bhliadhnaichean achogaidh, ma bfhìordhaibh ach suarachas bheag airgid nach rachadh thall na bhos.

Bha an t-eilean acaoidh nam fear òga, a chaidh an call air muirs air tìr, agus gu h-àraid, bha sinne ag ionndrain Chaluim, an gille òg laghach a bàbhaist a bhith coimhead ás dèidh nan caorach againn. Chaidh a bhàthadh mus dfhuair e fàs suas.

Bha mo dhithis bhràithrean fhèin ro òg airson an togail dhan chogadh, ach bha am fear a bòigena ghille na teileagraf, adol mun cuairt an eilein air chois, a h-uile latha, gus an robh e cho sgìths a ghabhadh e bhith. Cha robh a leithid de rud ri baidhsagail comasach dha fhaighinn air an àm.

Bha an aon a baosda ag obair na croite, mar a bha sinn uile mar a bfheàrr a burrainn dhuinn. Bha sinn fortanach san dòigh sin oir bha gu leòr gun fearann idir, ach aig an aon àm dhfheumadh



[360]

sinn sìol bhuntàta agus coirce a cheannach gus a chur, airson an teaghlaich, an crodhs na cearcan, agus gun dìochchuimhn air Sally, ar deagh chù-chaorach, a bheathachadh.

Bha againn ri dhol don tràigh airson todhar a bhuains a thoirt thun na croite airson leasachadh an talamh. Bha feamainn, ás gach seòrsa, cho glan, cha ghabhadh na bfheàrr fhaighinn.

Chan fheumadh neach a bhith acrach is maorach san tràigh, a bharrachd. Be sin agus duileasg a bhiadhaich mises mo sheòrsa nuair a bha sinn òg. Cha e idir miliseagan mar a tha aig clann an-diugh.

Bha bàta beag aig mo bhràithrean is rachadh iad a-mach a dhiasgach a h-uile cothrom a gheibheadh iad, agus riaraicheadh iad an t-iasg air na nàbaidhean mar an teaghlach fhèin. Chan iarradh iad na bfheàrr na bhith mach leis abhàta bheag. Dhfheumadh sinn mòine a ghearradh cuideachd, airson connadh, is a dhol latha ás dèidh latha ga tionndadhs ga cruachadh, nuair bhiodh i tioram, ’s an uair sin a tarraing dhachaigh. Cha robh mòran ùine againn airson saorsa ach bha sinn toilichte nar staid.

Cha dfhuair mathair ach obair abristeadh chlachan airson dèanamh rathad-mòr, agus rinn e sin gu dìcheallach gus an deach

[Dealbh]
Na h-eilthirich a bha falbh do Chanada á Barraigh. Catrìona (air an taobh cheart) bi mo nàbaidh.



[361]

spealg den chloichna shùil, is chaidh e tro chràdh a bha uabhasach gus na chaill e a fhradharc innte gu buileach. An dèidh sin is uile thill e ris an iasgach a-rithist nuair a fhuair iad am bàtas na lìn air dòigh.

Chaidh an dithis ghillean gu muir ás dèidh achogaidh, air luingeas-bathair, ach cha do fhreagair amhuir air an fhear a baosda. Fhuair e obair anns aGhàrradh Iarainn (mar a theireadh iad ris), far an dfhuair e a dhroch dhochann nuair a thuit an àrd-ùrlar air an robh e fhèin agus am fear a bha ag obair còmhla risnan seasamh.

Is ann an uair a bha a h-uile rud cho ìosals a ghabhadh e bhith a thàinig riochdaire bhon Riaghaltas ann an Canada ag iarraidh dhaoine agus an teaghlaichean airson tighinn do Chanada, far am faigheadh iad obair agus dachaighean gu am miann. Is e comas uabhasach math a bha seo, agus bhon a bha eòlas aig muinntir an eilein air an duine seo thug iad a h-uile creideas dha na geallaidhean a thu e dhaibh.

Ged a bha e duilich afàgail an eilein, chuireadh an dòchasnan inntinn gum faigheadh an òigridh an cothrom nach faigheadh iad gu sìorraidh na bfheàrr, agus chaidh gu leòr aca a chur sìos an ainm airson falbh.

Bha mo phàrantan fhèin deònach an cothrom a ghabhail, ach dhfhàgadh sin mo sheanmhairna h-aonaran is cha dùraigeadh iad sin a dhèanamh.

Bha e math gu leòr a bhith bruidhinn air falbh, ach nuair a thàinig an t-àms a thuig iad nach fhaiceadh iad a chèile tuilleadh bha na deòir ann an sùilean cuid mhòr aca. Thubhairt a charaid rim bhràthair, “Ma thèid gu math leinn sgrìobhaidh mi thugad ga innse dhut ach mura tèid cha sgrìobh mi idir is bidh fios agad nach eil gnothaichean cho maths a ghealladh dhuinn.” Bha fios aig mo bhràthair gun cumadh e fhacal, agus nuair nach tàinig litir fad mìosan de dhùine thuig e nach robh gnothaichean mar bu chòir dhaibh.

Thàinig an sin naidheachdan nach robh anns na geallaidhean ach breugan gus a mealladhnach robh dachaighean no obair afeitheamh orra. Gun deach an cur ann an àite neo-bhuan car ùine gus an rachadh dachaighean a thogail, is an obair a thairgeadh dhaibhs e bhith geàrradh sìos chraobhan, rud nach robh eòlas aig gin aca air.

Am beagan a bhann an cothrom tilleadh air ais, thill iad dhachaigh, ach achuid mhòr aca bfheudar dhaibh cur suas leis, ach troimh na bliadhnachan, is achlann afàs suas, fhuair iad air adhart. Fhuair iad dachaighean is obair agus sheall iad an stuth a



[362]

bha annta. Tha iomadh àite le ainm Gaidhealach feadh na dùthchadh a-nis.

Bha seann duine còir ag ionndrain a bhràthars a theaghlaich nuair a dhfhalbh iad do Chanada. Bha e ann an droch shlàintes e air fhàgail leis fhèin. Rinn e òran tiamhaidh dha na h-eilthirich a ruigeadh an cridhe bu chruaidhe. Chaidh an t-òran fhoillseachadh, tha fiosam, is bfheàrr leam gum faighinn copaidh dheth.

Fhuair mi eòlas air Dòmhnall MacFhionghuin (Dòmhnall Iain Mhòir) nuair a bhithin adol air chèilidh air mo dheagh bhana-charaid, Màiri Nic Ghill Eathain. Bha ise cho coibhneilna nàdur is bha i atuigsinn aonranachd. Le cinnte cha robh neach a bha eòlach air nach iarradh a bhithna chuideachd. Dhinnseadh e naidheachd is sgeulachd cho maths gun rachadh an t-àm seachad cho luaths nach robh sinn afaireachdainn na h-ùine dol seachad.

Nuair a thiginn a-staigh air doras Màiri, chanadh eA-nis bhons tu fhèin a thann innsidh mi sgeulachd, agus dhèanadh e sinaguss ann dha fhèin a baithne sin. Nuair thigeadh an t-àm dhòmhsa dhol dhachaigh, is gun a sgeulachd ullamh, chanadh eComa leat, innsidh mi an còrr dhith an ath-oidhche”. Cinnteach gu leòr leanadh e air, bhon fhacal mu dheireadh achiad oidhche. Bha cuimhne uabhasach math aige.

Tha iomadh bliadhna bhon àm sin. Dheug Dòmhnall bochd is chaidh Màiri a dhfhuireach a Ghlaschu le teaghlach. An uair mu dheireadh a chunnaic mi i bha mi air mo rathad do Shasann a dhèanamh mo dhachaigh ann lem theaghlach fhèin. Bhon a dheug mo phàrantan cha robh reusan againn air fanail air an eilean. Thadhail mi air Màiri agus bha a fàilte cho blàths a bha e riamh. Thug e toileachadh mòr dhomh a faicinn a-rithist. Gu luath bha biadh aur abhòrd is bha sinn acuimhneachadh air na seann làithean nach tèid air dìochuimhn gu sìorraidh.

Tha còig bliadhna deug thar fhichead bhon àm sin. Chuala mi, le duilicheas mòr, nuair a dheug mo bhana-charaid choibhneil. Tha mise an seo, leam fhìn, bhon a thog mo mhic bhon dachaigh, ach chì mi fhathast iad bho àm gu àm, agus mo thriùir oghachan, ged tha iadsan nas fhaide bhuam.

Chan eil dad coltach ri saorsa na h-òige agus cha teid dìochuimhn orm an toileachadh a bhann dhuinn acluinntinn fuaim na pìob-mhòir atighinn ás an talla bheag iarainn air oidhche bhiodh dannsa innte. Ghriosadh sinn oimn a-nuas am bruthach. Bhiodh pìobaire agus mo bhràthair fhèin leis abhocsa-ciùil, mu seach, acluichd airson nan dannsaichean a tha nis air dìochuimhne aig an òigridh. Bha iad brèagha ri faicinn agus dh



[363]

fheumadh sinn an ionnsachadh, chan ann mar tha an-diugh, agluasad mun cuairt mar a thogras iad. BhaScotch Reel’, ‘Lancers’, ‘Strip the Willow’, ‘Quadrillesagus tòrr eile acur blàths oirnn air cho fuars gum biodh an t-sìde.

Bhiodh dealbh-chluichean gan sealltainn cuideachd agus rachte leotha dha na tallachan eile feadh an eilein, ás dèidh talla Bhàgh aChaisteil. Gun teagamh bhiodh cèilidhean aca cuideachd bho àm gu àm san talla agusnan taighean fhèin. Bha daoine na bu chuideachdail ri chèile aig an àm ud. Bheireadh na mnathan an cuid fighe leotha is rachadh iad air chèilidh air a nàbaidh. Bhiodh iad acuideachadh a chèile san dòigh sin mar nach eil atachairt an-diugh.

Ach, co-dhiù, than t-àm agamsa mo sgeul a thoirt gu crìch. Nach beag dùil a bhagam, nuair a dhfhosgail mi an drabhair agus a thug mi mach na dealbhannan, gun dùisgeadh e cuimhneachain dhomh air gnothaichean a bha air a dhol air dìochuimhne fad tòrr bhliadhnachan. Ach tha mi toilichte ás a sin, oir thug e air ais mi, fad greise, gun àm, nuair a bha mi òg, agus is e saoghal eile a bhann.

[Sanas]



[364]

Smuain is Cuimhne (5)
(air saor-làithean)
le Dòmhnall Iain MacIomhair

Turas

Bhuineadh mo mhàthair do Chirceabost an eilean Bheàrnaraigh Leòdhais. Gach samhradh nuair bha mise agus mo phiuthar òg, bhiodh an teaghlach adol gu Circeabost airson ar saor-làithean. Am bitheantas, bha sinn grùnn sheachdainean an Circeabostcaochladh ùine bho bhliadhna gu bliadhna, ach chan eil mi asmaoineachadh gun mhair ar saor-làithean uair sam bith na bu lugha na ceala-deug.

Bhiodh sinn adol gu seann dachaigh mo mhàthar. Chaochail mo sheanmhair còrr air bliadhna mus do rugadh mise, ’s mar sin cha baithne dhomh a-riamh i. Bha gach neach a bha eòlach oirre ag ràdh gur e boireannach càirdeil, toilichte a bha innte. Agus, bho sheann dhealbhan, be sin a coltas. Is ann gu math -dheimhinn a tha mo chuimhne air mo sheanair an Circeabost. Tha cuimhne agam e bhith ann, ach chan eil cuimhne mhionaideach agam air mar dhuine. Le sin tha mo chuimhne air saor-làithean an Circeabost san fharsaingeachd ceangailte ris an àm san robh bràthair agus piuthar mo mhàthar acòmhnaidh san taigh aig Aireamh 4. Bha àite gu leòr ann dhuinn uile, agus chòrd gach mionaid ruinn.

B ann air bhana a bhiodh sinn asiubhal bho Loch Croistean gu Iarsiadar, le gin-math bho nàbaidh ás Na Bàighcha burrainn dhuinn càr a thoirt a Bheàrnaraigh, oir aig an àm cha robh drochaid ann. Agus eadhon nam bliadhnaichean sin a bha gu mòr saor bho olc, cha robh e glic càr fhàgail an Iarsiadar fad cheala-deug no na bfhaide. Nuair ràinig sinn Iarsiadar, bha ar bagaichean air an cur ann an geòla fhosgailte fa chomhair an turais ghoirid thairis air aChuan Siar. Be gu dearbha An Cuan Siar a bha eadar Beàrnaraigh agus mòr-thìr Leòdhais.

Bhuineadh agheòla do fhear air an robhSuilidhmar fhar-ainm, agus gu dearbha cha robh fios agam a-riamh air ainm ceart an duine. Agus gu cinnteach baithne dha agheòla a



[365]

luchdachadh, agus cha bann aon uair a smaoinich mi gu faodadh unnsa eile de chudrom seann shràbh an t-seanfhacail a riochdachadh. Cha do thachair sin, oir cha deach an t-unnsa a bharrachd a chur ris an luchd.

Nuair ràinig sinn taobh thall achuain an ceann deich mionaidean no mar sin (càite bheil Concorde a-nise?) bhiodh bhana gar togails gar toirt gu Circeabost. Ach cha robh cho fada ri taigh bràthair mo mhàthar, oir cha robh an earrann mu dheireadh den rathad, ma bairidh e air an ainm, freagarrach airson càraichean a ghiùlan. Fhuair sinn cho fada ri Crois an Rathaid, agus thug sinn leinn ar bagaichean nar làmhan airson achòrr den t-slighe, mu leth mhìle no mar sin. Ach bfhiach e an t-saothair. Bha smuaintean mu dhà sheachdain no barrachd ann an Circeabostnam misneachd gu leòr do neach sam bith a bha eòlach air an àite.

Còmhdhail

Cha robh mòran charbadan am Beàrnaraigh aig an àm ud, agus bfheudar do charbadan a dheidheadh chun an eilein a bhith air an aiseag le batà rudeigin na bu mhotha na geòla Shuilidh. Bha càr aig abhanaltram, agus tuigidh neach carson, agus aig an dotair, Bha an dotair stèidhichte am Miabhag an Uig, agus dhfheumadh e càr eile airson siubhal am Beàrnaraigh. Saoilidh mi gun robh comasan lèigh-lann aige am Beàrnaraigh a h-uile Diciadain, ach, nan robh an èiginn ann, bha obair aciallachadh gum faodaist iarraidh a-mach mar a bha fìor a thaobh achòrr de Uig. Bha coimhearsnachd fharsaing aige.

Bha carbad no dhà eile ann. Bha bùth-siubhail ann, agus bha làraidh aig an fhear leis an robh i air mòr-thìr Leòdhais. Bha achuibhreann ud den Chuan Siar aciallachadh gum feumadh daoine coimhead romhpa agus dèanamh da rèir.

An càr falaichte

Tha cuimhne agam air aon chàr sònraichte ann am Beàrnaraigh. ’S dòcha nach eil sin buileach fìor, oir chan fhaca mi dheth ach na seallaidhean bu shuaraiche tro sgàinidhean ann an dòras garaidse. Be fìor sheann chàr a bha ann. Chan eil beachd sam bith agam an seòrsa a bha ann, ged bhithinn ag aisling bhon uair sin mu Isotta Fraschini no mu Delage no eadhon mu De Soto no mu rudan eile, ach be dath dorch a bha air, mar bha san fhasan aig an àm. Bhuineadh e do cheannaiche ann an Circeabost, air an robh Nial Alasdair, agus cha chuimhne leam a-riamh esan fhaicinn ga dhràibheadh. Model T? Is cinnteach nach be. Vauxhall 30/98? Cha



[366]

be a bharrachd.

Bha agharaids eadar Crois an Rathaid agus taigh bràthair mo mhàthar. Bhiodh adhbhar againne mar chloinn a dhol gu Crois an Rathaid, oir bha bùth an sin (cha bi bùth Nèill Alasdairbha i sin shìos ris achladach far an robh an taigh aige) agus cha dèanadh sinn dearmad air dhà no thrì shiùcairean fhaighinn mar dhuais air turas ceannaich do athair, do mhàthair, do bhràthair no piuthar màthar. Agus, gach uair a bha turas agam gu Crois an Rathaid, bha mi astad agus acoimhead tro na sgàinidhean a bha san doras. Agus feumaidh mi aideachadh gun deach mi air achuairt ud uair is uair nuair nach robh feum air càil a cheannach aig Crois an Rathaid. A-rèir coltais cha robh ùidh aig neach eile anns an rud a bha am broinn na garaidsud. Bu tric a smaoinich mi thachair don chàr ud. Dìomhaireachd gun fhuasgladh. Bu mhiann leam gum biodh e agamnam chruinneachadh meanmnach nach eil ann.

Bùthan

Gu dearbha bha bhùth an Circeabost. Gheibhte chun na bùtha aig Crois an Rathaid leis an rathad mhòr a ghabhail, agus bha ina h-àite anns am biodh daoine acruinneachadh agus abruidhinn, cha bann mar atharrais air Pàrlamaid Hiort, ged nach eil teagamh nach biomadh uair a chaidh nithean cudromach a dheasbad innte. Bhuineadh abhùth do fhear a bha suas ann am bliadhnaichean agus a bhana rudeigin de bhàrd baile. Tha cuimhne agam air cuid de na dheasaich e a chluinntinn, achs iongantach gun deach mòran dheth, ma chaidh càil idir, a ghleidheadh airson nan ginealach a bha gus teachd.

Cha robh e buileach cho furasta faighinn chun na bùtha eile, oir bfheudar do neach coiseachd tro ghrùnn chroitean airson faighinn thuice. Ach bha frith-rathad ann a bha air a mhion-chleachdadh, agus bho nach fiaradh neach sam bith sachoiseachd, aruith bho cheann a tuath abhaile far an robh taigh bràthair mo mhàthar. Asealltainn air ais, ’s dòcha gu bheil ena iongnadh gum burrainn do Chirceabost, nach robh idirna bhaile mòr, bhùth a chumail adol.

An coineanach

Bha aon rud air leth math mu shaor-làithean ann an Circeabost, agus be sin an t-saorsa. Cha mhòr gun robh trafaic ann; am bitheantas cha robh idir bho dheidheadh duine seachad air Crois an Rathaid. Dhfhaodadh neach na cnuic agus na glinn a shiubhal le làn shàbhailteachd, agus daonnan bha rudeigin ás ùr ann ri lorg.



[367]

Aon uair rug mi air coineanach air cùl achnuic a bha tarsainn bho thaigh bràthair mo mhàthar. Thàinig mi air gun fhios dha, agus bha mi ro chlis airson gum faigheadh e ás. Be creutair fiadhaich a bha ann, ach thug mi air ais chun an taighe e, ’s mi acur romham a cheannsachadh. Lorg mi bocsa cairte an àiteigin, oir be sin a bha gu bhith aige mar dhachaigh, agus chruinnich mi beagan feòirs ghoid mi beagan leatais, agus thug mi biadh don bheathach.

Dìreach ro àm cadail rinn mi cinnteach gun robh e seasgairna dhachaigh, agus bha planaichean mòra agam airson mo charaid ùr a fhrithealadh samhadainn. Ach samhadain cha robh sgeul air Bunaidh. Cha robh mi cho gòrach. Bha fios agam gun deach a shaorsa a thoirt dha nuair nach robh mi an làthair agus mo bhruadairean. An robh Bunaidh air a bhith mìmhodhail? Cha do dhfhaighnich mi a-riamh agus cha dfhuair mi a-riamh a-mach.

An tobar

Ann an Circeabost anns na làithean ud chan robh an t-uisge aruth tro phìoban san taigh, agus cha robh taigh-beag a-staigh, ach bha sinn cleachdte ri sin. Bhiodh sinn aslaodadh an uisge le peileachan á tobar a bha air achroit aig Aireamh 3, agus bha e coltach gun robh cothrom aig achoimhearsnachd uile air an tobar. Cha chuimhne leam a-riamh gun thiormaich an tobar, eadhon nuair bu teotha an samhradh. Agus cha do ghearan na daoine còire aig Aireamh 3 a-riamh mu chothrom a bhith aig daoine eile air goireasan an tobair. Bhatar adèanamh deagh chleachdadh air an tobar feasgar Disathairne, oir cha deidheadh neach sam bith faisg air air an t-Sàbaid. Bha peileachan uisge alìonadh làr achidsin aig Aireamh 4 air oidhche Shathairne. Agus bha cothrom aig an tobar na Sàbaid a stoc uisge ath-nuadhachadh fa chomhair na seachdaine a bha ri teachd.

Daoine

Bha dòigh-beatha Chirceaboist gu math coltach ri dòigh-beatha Loch Croistein. Bha na feasgaran sònraichte airson nan cèilidhean, agus cha robhar cho trom air cloinn nach deidheadh tràth don leabaidh. Gu dearbha, cha bu sinne an aon fheadhainn a bhiodh atadhal an Circeabost. Cha mhòr gun robh taigh sabhaile nach robh acur fàilte air buill ás-dhùthchach teaghlaich bho air feadh Bhreatainn. Bha cuid air fàgail bliadhnaichean mòra roimhe sin agus aircuideigin bho air falbha phòsadh, ’s tha mi asmaoineachadh gun ghabh a h-uile neach dhiubhsanbho air falbhtlachd air leth ann a bhith atadhal an Circeabost. Gun



[368]

teagamh, maille rin cèileans rin teaghlaichean fhèin, thigeadh iad gu riaghailteach. Bha Circeabost acòrdadh riutha a cheart cho maths a bha e acòrdadh ruinne.

S iomadh neach a dhfhaodainn ainmeachadh, cuid a theirinn a bha annasach gun an dìmeas bu lugha a dhèanamh orra, ’s a bha acur loinn air Circeabost dìreach le bhith afuireach ann. Bha na daoine toilichte agus gun uallach, agus ma bha sgeulachdan pearsanta air an lìomhadh le bhith acur ris an fhìrinn, cha robh diofar. Bfheudar gum biodh deagh sgeulachd aig an fhear a bha acumail a-mach gun robh iuchair aigesan airson ionad dìona ris an robh sàbhailteachd ceann a tuath Alba gu lèir an urra. Bha sgeulachd mhath cuideachd aig an fhear a chunnaic taibhse ri oir cnuic no a chunnaic sìdhichean adannsa ri taobh tolmain. Guaineas no eile, cha robh diofar. ’S dòcha gun robh sgeulachdan mu chogadh na bfhaisge air an fhìrinn, ged bhiodh iongnadh orm aig amannan, ach bu mhath a bhith ag èisteachd riutha. Bha fìor ghaisgich an siud. Biongantach an comas a bha aig daoine cumanta air sgeulachdan innse, oirs e comas a tha ann mar a bha aig na seanchaidhean bho shean, eadar gum bfhìrinn iad no fìrinn fo bhuaidh mac-meanmna. Is iongantach gun robh an tàlant seo, oir gu dearbha bu tàlant i, am follais gu coitcheann ann am mòran àitean eile aig an àm. Achs dòcha nach be sluagh coitcheann a bha an seo.

Bha Circeabost ainmeil airson na bha ann de ghillean, agus seann ghillean cuid dhiubh, gun phòsadh. Bha an àireamh air leth àrd an co-chòrdadh ri àireamh-sluaigh abhaile. Agus biomadh cas a chaidh a tharraing air a sgàth. ’S dòcha gun ràinig an tarraing-coise àirde aon sheachdain nuair nochd sanas ann an Gasaet Steòrnabhaigh, ma bfhìor bho bhaidsealair á Circeabost agus e asireadh mnatha airson a pòsadh. Bha an t-àite air bhoil le còmhradh agus bha a h-uile fear adol ás àicheadh gum besan cuspair an t-sanais. Mo nàire mhòr!

Cha robh ainm ris an t-sanas idir, dìreach àireamh-bocsa. Bha fathann adol gun chuir aon seann ghille abhanais aige fhèin dheth airson bliadhna co-dhiù, mus smaoinicheadh achoimhearsnachd gum besan a chuir an sanas don phàipear. Ach a bha ann ach fealla-dhà! Agus tha mi atuigsinn gun thàlaidh an sanas freagairtean bho àiteans bho fheadhainn a chuireadh iongnadh air neach. Biomadh gàire a rinn iadsan a bha a-staigh air achleasachd. Gu -fhortanach, cha bu mhises minam ghille òg, fear de na bha a-staigh oirre. Cuideachd tha mi atuigsinn gun bhrosnaich an sanas fear-deasachaidh Gasaet Steòrnabhaigh aig an àm gu dealbh-chluiche a sgrìobhadh stèidh-



[369]

ichte air aghnothaich.

Closach carbaid

Sgrìobh mi mun àireamh bheag de charbadan a bha am Beàrnaraigh nuair bha mise òg. Cuimhnicheam a-nise air aon a bha ann, ach nach mòr a bha ann idir. Bha achlosach suidhichte air taobh thall an rathaid bho thaigh bràthair mo mhàthar. Tha mi atuigsinn gum buineadh i do bhràthair màthar eile a bha, airson adhbhar air choreigin, air a leigeil seachad. Co-dhiù mus dfhuair mise mo làmhan oirre, cha ghabhadh i a sàbhaladh.

Be bhana rudeigin mòr a bha air a bhith innte air an robh trì chuibhlichean, agus tha pìosan einsein, aisealan agus bocsa-ghèaraichean atighinn gum chuimhne, ged bfhada bho bha sgeul air corp na bèiste. Air dhòigh air choreigin, agus gu h-iongantach, bha e ceadaichte dhomh cluiche leis an ionmhas seo.

Nuair thuig mi nach robh i adol a ghluasad, thainig e a-steach orm gun tugadh spanair no dhà piseach air cùisean. Fhuair mi spanairean, càite chan eil fios agam. Agus thug mi an rud ás a chèile pìos bho phìos, thairis air grunn shamhraidhean. Biomadh achmhasan a fhuair mi airson staid maodaichs mo làmhan, ’s iad le chèile còmhdaichte le ola dhubhs mi afeuchainn ri pìosan den trì-chuibhlear ud a shàbhaladh.

S ann mar chnàmhlach mheirgeach a tha mo chuimhne mu dheireadh oirre, adol sìos air a socair, bliadhna an dèidh bliadhna, fo uachdar na talmhainn. Chan eil mi cinnteach an deach a gluasad mu dheireadhs i ma bfhìorna cùis -thlachd, ach cha do dhfhairich mise a-riamh -thlachd da taobh. ’S dòcha gu bheil a cnàmhan fhathast ameirgeadh an àiteigin. Ma tha, guidheam sìth dhi!

An t-iasgach

Be an t-iasgach prìomh bhith-beò muinntir Chirceaboist, gu sònraichte iasgach aghiomaich. Binntinneach an comas a bha aig bràthair mo mhàthar, agus aig gu leòr eile, air clèibh ghiomach a dhèanamh. Agus binntinneach a bhith gan coimhead ris an obair. Saoilidh mi gur ann le rionnaich shaillte a bhiodh iad abiathadh nan cliabh.

Bha àireamh de bhàtaichean cuimseach mòr ann, agus bu tric a chuireadh na h-iasgairean an t-seachdain seachad aig muir, atogail orra tràth madainn Diluain agus atilleadh an ath Dhihaoine no Dhisathairne. Tha cuimhne agam a bhithnam sheasamh le prosbaig nuair nochdadh iad air fàire san tilleadh, ’s mi afeuchainn ri dèanamh a-mach na bàtaichean a bha rim faicinn



[370]

mus ruigeadh iad an cidhe. Bha amhuir gu mòr san fhuil aig na daoine seo, agus bu shàr mharaichean iad. Amhuir. Be sin aon chuing a bha air ar saorsa mar chloinn ann an Circeabost. Bha òrdugh teann againn cumail air falbh bhon chladach, oir bha e air a mheas anabarrach cunnartach do òganaich nach robh eòlach air. Sachumantas bha sinn umhail don òrdugh, geds dòcha nach robh sinn atuigsinn iomagain ar pàrantan. Ach dhearbh nithean duilich a thachair do theaghlaichean eile bhon uair sin gum bu ghlic an comhairle.

Biomadh bliadhna roimhe seo bho bha iasgach nan giomachna bhith-beò an Circeabost. Thog mo sheann-seanair òb ghiomach gus an gabhadh giomaich a fhuaireadh aig muir a bhith air an cumail fa chomhair nam margaidhean aig deas agus thall-thairis. Bann air giomaich bheò a bha iarrtas, agus smaoinich e gum biodh òb, air a thogail gu cunbhalach agus aceadachadh don t-sàl a bhith aruith troimhe, ’na mheadhon air na giomaich a ghleidheadh.

Thog e air gu Astràilia airson airgead a chosnadh a chuireadh taic ri a smuaintean, agus an ceann dhà no thrì bhliadhnaichean thill e agus aige na thogadh an t-òb. Chuala mi gun dfhuair e airgead air lotaraidh an Astràilia. ’Na bhatar ameas an òib mar fhìor euchd einsearachd, agus stuth is uidheam doirbh am faighinn aig an àm. Tha an t-òb an siud fhathast, agus e air a chleachdadh gu riaghailteach. Choisich mi chun an òib uair no dhà, ged, is duilich a ràdh, nach robh mòran ùidhe agam ann nuair bha mi òg.

Achuirm

Am measg rudan eile, bha sònraichte atachairt ar saor-làithean, agus be sin achuirm bhliadhnail aig Aireamh 3, air a deasachadh a dhaon ghnothaich dhomh fhìns dom phiuthar. Gach bhiodh sinn adol tron fheansa agus acromadh achnuic a thadhal air na daoine còire aig Aireamh 3, am bitheantas thuras no trì san . Tha mi an dòchas nach robh sinn nar crois; air dhòigh air choreigin chan eil mi den bheachd gun robh oir bha fàilte daonnan romhainn. Co-dhiù, gach bliadhna am feasgar mus biodh sinn afalbh dhachaigh, bha cuireadh againn gu Aireamh 3, far an robh sinn afaighinn deagh chuid de bhiadh, de dheochs de shiùcairean. Bha an coibhneas bliadhnail sin aciallachadh mòrain do dhithis cho òg.

An drochaid

Mar thuigeas duine, bha bailtean eile am Beàrnaraigh a



[371]

bharrachd air Circeabost. Bha Brèacleit, Crothair, Tòbsann agus Tàcleit ann. Bha eòlas aig mathairs aig mo mhàthair air mòran dhaoine anns na bailtean sin, ach cha robh eòlas againne mar chloinn air uibhir dhiubh, ged bhiodh grùnn á bailtean eile atadhal an Circeabost. Bha cùisean na bfhasa aon uairs gun deach an drochaid a thogail, oir bha sin aceadachadh cha be a-mhàin dràibheadh a Bheàrnaraigh ach a dhol gu baile sam bith san eilean. Bu drochaid a bha seo a bha adol tarsainn air aChuan Shiar. Chaidh a fosgladh nan 1950an agus bha mi sachiad bhus a chaidh a-null oirre (cuirm sgoile no sgoil Shàbaid, tha mi asmaoineachadh). Bha seo mus deach an drochaid fhosgladh gu h-oifigeach.

Bha dùil aig cuid gun tugadh an drochaid atharrachadh air Beàrnaraigh, ’s chan eil teagamh nach do thachair sin. Bha an saoghal mòr na bu dlùithe, ach ma dhatharraich gnè an eilein bhig seo, chan urrainnear achoire gu h-iomlan a chur air an drochaid. ’S dòcha gun robh ina meadhon air slighe an atharrachaidh, ach bha an t-atharrachadh adol a thighinn co-dhiù. Tha cuid de nithean aig nach eil spèis do astar, no eadhon do chuan, mòr na beag gum bi e, eadar Cuan Siar no eile.

Atharrachadh

Mu dheireadh chuir bràthair mo mhàthar roimhe nach biodh e air àireamh air fear de na baidsealairean na bfhaide, agus phòs e. Bha seo aciallachadh, gu nàdarrach, nach robh àite ann do gach neach aig an robh cleachdadh saor-làithean a chur seachad aig Aireamh 4. Mar sin, agus feumaidh gun robh ena dhearbhadh air ar miann saor-làithean a chur seachad am Beàrnaraigh, thog sinn taigh-samhraidh air achroit tarsainn an rathaid bho Aireamh 4. Be co-phroiseact a bha ann eadar mo phàrantan agus piuthar mo mhàthars a cèile an Obar Dheadhain, air bha iadsan atighinn gach bliadhna cuideachd.

Be taigh-samhraidh beag a bha ann, ach gu math na bu mhotha na àirigh; co-dhiù bha na seòmraichean beag ged bha ceithir dhiubh ann, air a dhèanamh de fhiodh le mathair aig an taighs air a thoirt gu Circeabost aon Disathairne ann an làraidh airson a chur ri chèile. An dèidh làimhe, chaidh slige de bhlocaichean seamaint a thogail mun cuairt air airson a neartachadh. Bha grùnn sheachdainean de shaor-làithean sona againn san-taigh-samhraidh. Ach bha crìoch ama gu luath adlùthachadh. Bha mise gu cinnteach mothachail air sin, mar a bha atharrachaidhean atighinn am follais. Chan eil cinnt agam an robh càch, co-dhiù chun na h-ìre ceudna.



[372]

S a-nis?

Is ann ainneamh a thèid mi a Bheàrnaraigh a-nis. ’S toigh leam coire a chur airrèis an radianagus mi fhìnnam fhìor radan ann an cabhag an . Ach an e sin is coireach? Tha e furasta a dhol a-null air an drochaid, ’s tha piseach mòr air tighinn air na rathaidean. Dhatharraich Cireabost. Chan eil mi idir afeuchainn ri bhith tarchuiseach le sin a ràdh, ach an dèidh do phiuthars do bhràthair mo mhàthar bàsachadh, cha do shaoil mi gun robh mòran adhbhair a bhith atadhal ann. Agus mar a bfhaide a bha mi gun a dhol ann, bann bu duilghe a bha e tilleadh. Chan eil sgeul air mòran de na baithne dhomh agus air am bithinn adol a chèilidh. Ach mhair mo chuimhne.

Corra uairs dòcha gun tèid mi a-null cuairt leis achàr air feasgar samhraidh Sàbaid, ach tha e doirbh dhomh a dhol a Chirceabost. ’S dòcha gun tèid mi a Bhòstadh, ’s gu seall mi a-null thairis air achaolas gu Beàrnaraigh Bheag far a bheil cuid dem shinnsireannan tàmh, agus far na thadhail mi uair no dhànam òige. Tha cladh ann am Bòstadh cuideachd. Bha Bòstadh uaireiginna bhaile don bheò, agus chithear fhathast ann comharran air tuineachadh sluaigh. Cha robh uisge aig muinntir Bhòstaidh no taighean-beaga a-staigh, ach a-nis tha na goireasan sin ann don luchd-turais. Abair saoghal!

Tha cuimhne agam cluinntinn gun rinn an sluagh imrich á Bòstadh air sgàth cho doirbhs a bha e bith-beò a thoirt ás an fhearann. Thog iad orra gu Circeabost. Agus thill mòran dhiubh a Bhòstadh air an turas dheireannach. Bho chionn ghoirid thatar air a bhith acladhach am Bòstadh, aguss dòcha gum faigh sinn fiosrachadh ùr mu eachdraidh abhaile bhig seo, mu eachdraidh Bheàrnaraigh san iomlanachd agus, ’s math dhfhaodte, mu eachdraidh nas fhersainge na sin.

An dàrna taobh

Mar theaghlach, saoilidh mi gun robh sinn na bu dlùithe air càirdean mo mhàthar na bha sinn air càirdean mathar. Chan fhaic mi adhbhar cothromach airson seo. Bha dachaigh teaghlach mathar an Loch aGhainmhich, fear de dhà bhaile an Leòdhas nach eil ris achladach. Agus bha fàilte mhòr romhainn gach uair a thadhaileadh sinn. Ach cha deach sinn a-riamh ann airsonsaor-làithean”. ’S dòcha gun robh Beàrnaraigh eadar-dhealaichte air sgàth uisge aChuain Shiair. Bha e furasta faighinn air an rathad mhòr gu Loch aGhainmhich agus gu Gearraidh na h-Aibhne far an robh piuthar mathar afuireach, agus bha turas latha bho àm gu àm adaingneachadh fallaineachd achàirdeis. Be saoghal eile



[373]

a bha ann am Beàrnaraigh, ach cha be an Loch aGhainmhich.

Tha mi an dòchas nach eil mi acur ann an suarachas. Gu dearbha chan e sin a tha fa-near dhomh. Chuir mi seachad iomadh tlàchdmhor an Loch aGhainmhichs an Gearraidh na h-Aibhne. Ach cha robh cothrom ann eòlas a chur air sluagh nam baile sin, agus cha robh faireachdainn maireannachd co-cheangailte ri ar tursan a dhfhaicinn ar càirdean.

Ach tha mo chuimhne air mo sheanairs air mo sheanmhair air taobh mathar nas soilleire na mo chuimhne air mo sheanair eile. Bha mo sheanair an Loch aGhainmhich 88 bliadhna a dhaois nuair chaochail e, ’s bha mo sheanmhair beò gu aois 91. Tha cuimhne agam oirrena caillich ann an cathair an tac an teine, agus is e mo chuimhne mu dheireadh oirre tadhal oirre còmhla ri mathair goirid mus do dhfhalbh am bàs leatha. Bha ina sìneadh gu sìtheil san leabaidh. Tha cuimhne agam gun chuir mathair a làmh air a mala. Ged a bha an rùm blàth, thuirt e rium gun robh a gnùis fuar. Bha fios againn nar dithis, oir cha robh mi buileach cho òg an uair sin, nach robh sinn adol ga faicinn tuilleadh. Thig ginealach is falbhaidh ginealach. Carson fon ghrèin a tha sinn ann?

Làithean eile

Thig saor-làithean eile a-steach orm. Biad sin saor-làithean san Oban anns na 50an airson ùine a chur seachad còmhla ri bràthair mo mhàthar agus ri a bhean a bha afuireach sabhaile sin. ’Nam shùilean-asa bha an t-Oban mar shaoghal eile, lome làn de luchd-turais an àirde an t-samhraidh. Ged a bha tomhais de iomagain mu dràibheadh air tìr-mòr, chuir sinn romhainn an càr a thoirt leinn. Bha càr mòr Vauxhall Velox uaine againn (CJS 954) le mòran de chròmium mar bha san fhasan aig an àm.

Choinnich bràthair mo mhàthar sinn aig aChoingheal, agus dhràibh esan á sin don Oban. Anns na làithean ud dhfheumadh neach falbh taobh Caol Loch Aillse, oir bann don Chaol a bha an Loch Seaforth aseòladh á Steòrnabhagh. Bha an t-aiseag afàgail mu mheadhon-oidhche agus mar bu trice ruigeadh i an Caol aig 4.30 samhadainn. Agus cha robh ach aon dòigh air càr fhaighinn air bòrd, agus be sin a thogail le crann bhon chidhe a-steach a tholl abhàta. Biomadh càr a dhfhuiling cuairteagan briste ri linn na dòigh-luchdachaidh sin.

Bha misenam dheugaire nuair chaidh sinn air na saor-làithean ud don Oban, agus tha cuimhne agam gur mi a fhuair dreuchd seòladh na slighe a thogail bhon mhapa. Ràinig sinn, agus thill sinn gun bheud. nan saor-làithean chaidh sinn a Dhùn Eideann (bràthair mo mhàthar aig achuibhle a-rithist) a



[374]

dhfhaicinn piuthar mathar a bha pòsta an uair ud sabhaile bhrèagha sin. Ma bha an t-Oban mar shaoghal eile, bha Dùn Eideann mar chruinne- ùr. Bhon uair sin tha mi fhìn air dràibheadh san bhaile sin, gun mhòran trioblaid, ach corra uair gun deach mi air chall!

Bfhada an dèidh sin mus tàinig saor-làithean san Roinn Eòrpas mi an ceann mo chosnaidh. Feumaidh mi aideachadh gur e cas afalbh is chois atighinn a bha agam daonnan a thaobh siubhal don Roinn Eòrpa. Bfheàrr leam gu mòr saor-làithean saghàrradh. Ach bhuadhaich nithean eile, agus thug an Cuan a Tuath agus an Cuan Sasannach mi gu iomadh àite san Roinn Eòrpa. An Fhraing. An Olaind. AGhearmailt. An Ostair. An Eadailt. An Eilbheis. An Danmhairg. Poblachd nan Seice. An Ungair. An Spàinn. APhortagail. Bha rud sònraichte mu gach aon dhiubh sin. An t-àite a bfheàrr leam? Tha e doirbh a ràdh, achs dòcha gur iad An Eilbheis agus cuideachd mòr-lochan na h-Eadailte. Ach cha dhìochuimhnich mi Circeabost!

titleNa h-Eilthirich
internal date2000.0
display date2000
publication date2000
level
reference template

Catrìona NicNèill in Gairm 192 %p

parent textGairm 192
<< please select a word
<< please select a page