[81]

IOMAIN ANNS AN FHUIRNEIS
le Ruairidh MacLeòid

Anns an ochdamh linn deug bha baile beag sàmhach ann suidhichte mu ochd mìle deas air Inbhir Aora ri taobh Loch Fìn ann an Earra Ghàidheal air an robh Inbhir Leacainn. Chan eil sgeul air abhaile sin an-diugh.

S e a thachair gun do dhatharraicheadh seann ainm abhaile nuair a thòisich gnìomhachas ùr anns achoimhearsnachd a dhfhàg a làrach fhèin air beatha agus air eachdraidh na sgìre. Tha an seann bhaile ann fhathast, ach fo ainm eile.

Anns abhliadhna 1755 dhfhosgail còmhlan á Sasainn leaghadair ann an Inbhir Leacainn airson a bhith ag obrachadh iarainn. Nuair a bha cogaidhean anns an Roinn Eòrpa agus thall thairis bha feum air an obair seo airson gunnachan mòra agus uidheam eile a dhèanamh do dhArm Bhreatainn.

Bha suidheachadh Inbhir Leacainn glè fhreagarrach airson leaghadair a bhith stèidhichte ann. Bha fiodh ann am pailteas anns na coilltean a bha mun cuairt air abhaile gus gual-fiodha a chruthachadh. Bha uisge gu leòr anns an abhainn, An Leacainn, a bha aruith tron bhaile. Bha an leaghadair faisg air amhuir airson an t-iarann leaghte a thoirt air falbh. Agus bha luchd-obrach pailt anns achoimhearsnachd, gu h-àraidh ann am baile Ach an Droighinn, a bha beagan tuath air Inbhir Leacainn.

Anns abhliadhna 1813 thàinig obair an iarainn gu ceann anns an Fhùirneis. Bha gual a-nis air a chleachdadh an àite fiodh, agus ghluais obair an iarainn gu àiteachan a bha na bfhaisge air na mèinnean-guail.

Chrìon obair an leaghadair ann an seann bhaile Inbhir Leacainn. Chithear fhathast faing mhòr chloiche a thog an luchd-obrach nuair a sguir an gnìomhachas agus bha aca ri cosnadh ùr a lorg ann an dòigh eile. Ach ged a dhfhalbh obair an iarainn, mhair an t-ainm ùr a thug an luchd-gnìomhachais air Inbhir Leacainnan Fhùirneis.

Tha baile na Fuirneis air ainm a chosnadh dha fhèin ann an eachdraidh na Gàidhealtachd airson barrachd air aon adhbhar. Chaidh obair an iarainn á sealladh, ach ann an 1841 thòisich ghnìomhachas eile anns abhaile. Aig an àm seo cha robh ach trì fichead agus còig deug neach afuireach anns an Fhùirneis. Ach thàinig mòran dhaoine a-steach ri linn nan obraichean ùra a chaidh a stèidheachadh agus mheudaich àireamh an t-sluaigh.



[82]

Ann an 1841 dhfhosgladh ionad anns an Fhùirneis airson fùdar-gunna a dhèanamh, agus tha sràid bheag de thaighean fhathast anns abhaile air a bheilThe Powdermills. Ann an 1883 bha spreadhadh mòr ann am factoraidh an fhùdair. Chaidh cuid de na togalaichean co-cheangailte ris aghnìomhachas a sgrios anns an spreadhadh agus chan fhaicear dhiubh an-diugh ach càrn de chlachan. Thachair seo air feasgar Disathairne nuair nach robh mòran sluaigh mun cuairt no dhfhaodadh milleadh mòr air a bhith ann. Ach bhuail clach a chaidh a thilgeil don adhar air manaidseir aghnìomhachais, Uilleam Robinson. Thurchair dhàsan a bhithna sheasamh a-muigh faisg air an taigh aige fhèin na ceudan de shlatan air falbh on àite far an do thachair an spreadhadh. Bha e air a dhroch leòn agus chaochail e an ceann beagan ùine.

Cha do dhfhosgail taigh-gnìomhachais an fhùdair an dèidh na tubaist seo ann an 1883. Bliadhnachan roimhe sin bha riaghailtean ùra air tighinn tron Phàrlamaid a bha ag ràdh nach robh cead aig obair chunnartach den t-seòrsa seo a bhith cho faisg air taighean-còmhnaidh agus a bha factoraidh na Fùirneis.

Ann an 1841 dhfhosgail gnìomhachas eile anns an Fhùirneis a tha fhathast adol an dèidh còrr is ceud gu leth bliadhna.

Thuig fear a bha ri obair rathaid ann an Glaschu, Uilleam Sim, cho freagarrach agus a bha na clachan faisg air baile na Fùirneis airson cabhsairean abhaile mhòir. Fhuair e cead o Dhiùc Earra Ghàidheal cuairidh fhosgladh anns an Fhùirneis, agus bha sinna thoiseach tòiseachaidh air obair a bha glè chudthromach. Is ann á cuairidhean Loch Fìn a tha pàirt den chloich a tha fhathast acòmhdach cabhsairean baile Ghlaschu. Anns an fhicheadamh linn chaidh clach á cuairidh na Fùirneis a chleachdadh ann a bhith atogail rathaidean mòra anns aGhearmailt agus bha am baile glè thrang anns na bliadhnachan sin.

Bha mòran de na fir a bha ag obair ann an cuairidh na Fùirneis sgileil leis achàman, agus bha sgioba-iomain abhaile cliùiteach anns na làithean a dhfhalbh. Bha cuid dhiùbh air tighinn chun na cuairidh á coimhearsnachdan far an robh an sluagh dèidheil air an iomain. Ann an 1878 chaidh sgioba-camanachd a chur air bhonn gu foirmeil leis an ainmFurnace Excelsior. Ann an 1900, 1908, 1909 agus 1910 ràinig sgioba na Fùirneis achuairt mu dheireadh de Chupa na Camanachd, ach gu -fhortanach rinn an sgioba eile achùis orra a h-uile turas. Ann an 1900 rinn Cinn aGhiùthsaich an gnothach orra 1-0 ann am Peart, an dèidh don sgioba a bhith co-ionann anns achiad oidhirp ann an Inbhir Nis. Anns na bliadhnachan eiles e BailUr an t-Slèibhe a ghabh air an



[83]

[Dealbh]
1. Eaglais Chumlodain anns an Fhùirneis a thogadh ann an 1841, abhliadhna a dhfhosgladh factoraidh an fhùdair agus achuairidh. Am measg nam ministearan a bha air ceann achoitheanail bha sgoilear Ghàidhligan t-Urr. Donnchadh Caimbeul, a rinn cruinneachadh mòr de sheanfhaclan, agus an t-Urr. Eachann Camshron, a dheasaich saothair nam bàrd Thirisdeach, Tiree Bards.

Fhùirneis.

Ach ann an 1923 choisinn sgioba na Fùirneis àite ann an leabhraichean-eachdraidh na camanachd nach eil aig buidhinn sam bith eile agus a dhfhàg gu bheil iad air an ainmeachadh anns an leabhar iomraiteach, The Guinness Book of Records. Anns achuairt dheireannaich ann an Inbhir Nis fhuair an Fhùirneis thadhal agus cha dfhuair na seann nàimhdean, BailUr an t-Slèibhe, gin. Achs e a bha gu sònraichte -àbhaisteach, nach do chaill gillean na Fùirneis aon tadhal eadar achiad chuairt den fharpais agus achuairt mu dheireadh. Anns na cuairtean eile bha iad air an t-Oban, BailaChaolais agus Caolas Bhòid a cheannsachadh. Agus cha do bhuannaich sgioba eile an Cupa gun tadhal a chall romhpa no ás an dèidh, ged a chaidh Cinn aGhiùthsaich glè fhaisg air aon turas. Tha am ball a chaidh a chleachdadh anns aChuairt Dheireannaich ann an 1923 fhathast aig teaghlach fir de na cluicheadairean, air a ghlèidheadh gu cùramach ann an cèis ghlainne.



[84]

A bharrachd air cho soirbheachail agus a bha iad ann an Cupa na Camanachd ann an 1923, choisinn sgioba na Fùirneis Cupa Comann Ceilteach Ghlascu ann an 1908,ann an 1912, agus a-rithist ann an 1914.

Nuair a thàinig mise a dhfhuireach don Fhùirneis ann an 1985 bha Donnchadh MacColla, a bhana bhall den sgioba ainmeil ann an 1923, fhathast beò. Duine fìor ghasda aig an robh cuimhne smaointinneach air gach gèam anns an robh e fhèin an sàs. Is iomadh naidheachd thlachdmhoragus annasach cuideachda chuala mi aige mu na seann làithean. Dhinnseadh e dhut a bhuannaich, an seòrsa aimsir a bha ann air an latha, agus an rèitear a bha gan cumail fo smachd. Bhiodh an duine calma seo fhathast acoiseachd don eaglais Latha na Sàbaid agus e còrr math is ceithir fichead. (Bann ann an 1841 a thogadh eaglais Chùmlodainan dearbh bhliadhna a dhfhosgladh cuairidh na Fùirneis agus taigh-ghnìomhachais an fhùdair.)

Chuir an Cogadh Mòr stad air na farpaisean iomain mar a chuir e casg air iomadh rud eile. Bha cuimhne mhath aig Donnchadh MacColla air achiad ghèam a chumadh eadar an Fhùirneis agus Inbhir Aora an dèidh aChiad Chogaidh. Chaidh sgioba na Fùirneis suas air bàta gu Inbhir Aora, oir bha na h-eithrichean na bu phailte aig an àm sin na bha na carbadan-siubhail. Bha an latha fuar fliuch agus bha còta mòr fada, sìos gu a shàilean, air an rèitear airson a chumail blàth agus tioram.

An-diugh ma thionndaidheas cluicheadair air rèitear, ann am ball-coise no ann an iomain, gheibh e latha dubh. Anns achiad ghèam sin eadar An Fhùirneis agus Inbhir Aora an dèidh aChiad Chogaidh chaidh am ball òirleach seachad air an loidhne taobh na pàirce, ach gun fhiosda don rèitear sguab fear de chluicheadairean Inbhir Aora air ais e le a chaman. Fhuair Inbhir Aora tadhal anns abhad an dèidh sin.

Chaidh sgioba na Fùirneis air bhoil. Rinn iad gearan ris an rèitear, ag ràdh gu robh am ball taobh a-muigh na pàirce mun dfhuair an sgioba eile an tadhal. Ach chan èisdeadh e riu. Mu dheireadh rug bràthair Dhonnchaidh Mhic Colla air a chluais air an rèitear agus shlaod e chun abhrithimh e a bhana sheasamh ceann shuas na pàirce, a chionn gu robh esan na bfhaisge air an àite far an do thachair achuilbheart. Dhaidich am britheamh gu robh am ball gun teagamh air a dhol seachad air an loidhne an toiseach, agus nach robh an tadhal laghail. Ghabh an rèitear ri casaid muinntir na Fùirneis agus chuir e abhinn a thug e an toiseach an dàrna taobh. Agus chaidh an cluicheadair a ghabh grèim air a chluais ás gun pheanas. (Anns aGhiblean 2000 chaidh



[85]

[Dealbh]
2. Donnchadh MacColla, nach maireann, a bhana shàr chluicheadairna latha, afaighinn buinn o Ruairidh MacLeòid aig co-fharpais iomain anns an Fhùirneis ann an 1986 a chuireadh air chois a chur urraim air Donnchadh, am fear mu dheireadh a bha beò den sgioba iomraiteach a choisinn abhuaidh-làraich ann an 1923.

cluicheadair ás aMhanachainn a chur bhàrr na pàirce fad dhà bhliadhna gu leth a chionn gun do bhuail e an rèitear le a chaman!)

Anns na seann làithean bhiodh iad acumail a-mach gu robh rèitearan àraidh ann a bhiodh na bu cho-fhaireachdaile ri cuid de sgiobannan na bha iad ri feadhainn eile. Bha fear de na rèitearanna riochdaire aig companaidh a bhiodh areic dup-chaorach. Bha grùnn de na cluicheadairean aig Inbhir Aora aig an àm sinnan tuathanaich. Nuair a bhiodh sgioba na Fùirneis acluich an aghaidh Inbhir Aora agus a chitheadh iad an rèitear sin atighinn air aphàirc, chanadh na cluicheadairean le tàmailt, “Cha reic thu mòran dup ann an cuairidh.”

Bha sgioba na Fùirneis turas eadar an Chogadh adol tarsaing Loch Fin airson dùbhlan a thoirt do bhalaich Caolas Bhòid. Bha an rèitearnan cuideachd air abhàt-iasgaich a bha iad air fhasdadh airson an turais. Bha luchd-taic na Fùirneis afaireachadh caran teagmhach, oirs e Sgitheanach a bha anns an rèitear. Agus nach ann ás an Eilean Sgitheanach a thàinig sliochd Chloinn MhicNeacail, a bha cho lìonmhor ann an sgioba-iomain a



[86]

Chaolais?

Co-dhiù, chaidh an latha an aghaidh na Fùirneis, agus dhfhiach an luchd-leantainn aca ri grèim fhaighinn air an rèitear nuair a bha an gèam seachad agus iad den bheachd gu robh taobh aige ri sgioba Caolas Bhòid. Rinn muinntir aChaolais cabhair air an duine bhochd, agus thug iad comraich dha gu Diluain nuair a bha e sàbhailte dha a dhol dhachaigh air rathad eile!

Ach bha aon rèitear ann a bhuineadh don Eilean Sgitheanach, agus dhèanadh fir na Fùurneis toileachadh ris-san nuair a chitheadh iad e atighinn. Besan Iain MacGhilleathain (An Kaid). Bha e fhèin uaireigin acluich don Fhùirneis, agus bha fios aca nach biodh esan co-dhiùnan aghaidh air aphàirc. Rinn An Kaid òrain mu na sgiobannan iomain a bainmeile ann an Albana latha, agus nuair a fhuair buidheann na Fùirneis Cupa na Camanachd ann an 1923 rinn e òran dhaibh-san cuideachd. Seo sèisd an òrain a chluinnear fhathast aig luchd na h-iomain anns abhaile

Good old Harry, do not tarry,
Haste and o'er the brine,
And stop me at the Quarry,
On the shore of dark Loch Fyne.
There'll I'll never ramble,
And neither will I stray,
Where I'll meet with Doctor Campbell
And the boys who won the day.

Tha mi asmaoineachadh gur e Harry an t-ainm a bha air abhàta a bhiodh ag aiseag dhaoine tarsaing air Loch Fìn anns na làithean sin. ’S e an Caimbeulach a tha air ainmeachadh anns an rann, An Dotair Gilleasbaig Caimbeul, dotair na sgìre, a bhana cheann-suidhe air sgioba na Fùirneis ann an 1923. Bhuineadh e fhèin don bhaile, far an robh athairna lighiche roimhe, agusna latha bha Gilleasbaig fhèinna chluicheadair comasach. Nam faigheadh cluicheadair buille agus gun tigeadh e bharr na pàirce bheireadh an Dotair Caimbeul aon sùil air an leòn a dhfhuiling e. “Cha dfhuair e làn-neart abhuille,” chanadh e, agus air ais don bhlàr leis achluicheadair.

Bha iomadh sgeulachd aig Donnchadh MacColla mun duilgheadas a bhiodh aig na cluicheadairean asiubhal gu geamachan iomain. Cha robh na goireasan ann a tha aig daoine an-diugh. Uaireannan dhfhalbhadh e fhèin agus feadhainn eile deagh astar air baidhsagal agus aca ri dhol an sàs anns an iomain goirid an



[87]

dèidh dhaibh aphàirc a ruighinn.

Ann an 1923, nuair a choisinn sgioba na Fùirneis Cupa na Camanachd ann an Inbhir Nis, dhfhàg na cluicheadairean agus an luchd-leantainn an taigh madainn Dihaoine, agus cha robh iad air ais dhachaigh gu Dimàirt. An toiseach chaidh an sgioba agus an luchd-taic a bhanan cuideachd tarsaing Loch Fìn ann am bàt’ -iasgaich. Fhuair iad bus an uair sin on taobh thall gu Dùn Obhainn. A Dùn Obhainn ghabh iad bàt-aiseig gu ruige Grianaig, agus trèan á Grianaig gu Glaschu. Bha trèan Inbhir Nis gam feitheamh ann an Glaschu.

Bha beagan trioblaid aca air an t-slighe air ais. Stad an trèan fad leth-uair ann am Peàrt, agus ghabh cuid de mhuinntir na Fùirneis an cothrom a dhol a-machairson drama a ghabhail, a-rèir iomraidh. Dhfhalbh an trèan agus aon duine deug den chòmhlan fhathast gun tilleadh. Bha càch glè chas riu agus aca ri bagaichean nam fògarrach a thogail leo agus feitheamh riu ann an Glaschu gus an tàinig an ath thrèan á Peart.

Bhiodh na cluicheadairean uairean asiubhal ann an carbad mòr. Dhinnis Donnchadh MacColla dhomh mu thuras agus iad atilleadh ás an Oban. Pìos a-mach á Dail Mhàillidh, air leathad air an t-seann rathad a tha adol seachad air carragh-cuimhne Dhonnchaidh Bhàin nan Oran, nach ann a stad an carbad. Cha robh boinne peatrol aca. Bha Donnchadh MacCollana bhall de chomann Stuamachd agus cha robh ach dithis air bòrd, e fhèin agus Donnchadh eile, Donnchadh Mac an Rothaich, a bha air chomas eirbheirt an dèidh am feasgar a chur seachad anns an Oban. Choisich an Dhonnchadh le soitheach air ais gu Dail Mhàillidh. Chaidh aca air fear na garaids a dhùsgadh agus lìon esan an soitheach dhaibh. Bha uaireannan beaga na maidne ann mun do ràinig iad an Fhùirneis agus uallach air an teaghlaichean gu robh tubaist air tachairt dhaibh air an t-slighe.

Agus an do bhuannaich sibh an dèidh na bha an sin de dhrip is de shaothair?” dhfhaighnich mi do Dhonnchadh.

Cha do bhuannaich,” fhreagair Donnchadh gu searbh. “Rinn ministear Aird Chatain foill.”

Mhìnich e dhomh mar a thachair.

Bhiodh an t-Urr. Alasdair Dòmhnallach acluich do sgioba an Obain. Bha an sgioba co-ionann nuair a chaidh am ball pìos beag tarsaing air an loidhne taobh na pàirce. Tharraing an Dòmhnallach am ball a-steach gu h-ealamh, agus leis abhuille sin fhuair an t-Oban tadhal. Cha do leig sgioba na Fùirneis riamh air dìochuimhne mar a chaill iad an gèam sin!

Nuair a bhiodh na balaich acluich air falbh on taigh bhiodh



[88]

fadachd air an fheadhainn a dhfhàg iad ás an dèidh gus an cluinneadh iad ciamar a chaidh dhaibh. Bha fear afuireach anns an Fhùirneis aig an robh calmain. Nam biodh an sgioba acluich an aghaidh Caolas Bhòid air taobh thall an locha bheireadh iad calman leo. Letheach-slighe tron gheam agus aig achrìch leigeadh iad an calman ás le teachdaireachd ceangailte ri a chois ach am biodh fios aig an fheadhainn a dhfhuirich aig an taigh ciamar a bha adol dhaibh.

Bhiodh innealan na badhartaiche air an cur gu feum airson fiosrachadh a sgaoileadh.

Bha Iain Mac an Aba air fear eile aig an robh sgeulachdan mu na làithean nuair a bha an sluagh gu lèir air chuthach mun iomain. Bha e ro-òg airson a dhol a dhInbhir Nis airson cuairt dheireannach Cupa na Camanachd ann an 1923. Dhinnis e dhomh mar a fhuair e an naidheachd aoibhneach gu robh sgioba na Fùirneis air Cupa na Camanachd fhaighinn mu dheireadh thall. Bha e fhèin agus balaich òga eile ag iomain air an rèidhlean faisg air achuairidh anns an Fhùirneis air an latha mhòr, nuair a thàinig Chattie Mhàrtainn air baidhsagal a dhinnse dhaibh gu robh teleagram air tighinn gu oifis aphuist leis an teachdaireachd gu robh na fir air Cupa na Camanachd a bhuannachadh. (Bha Chattie beò nuair a thàinig mi fhèin don sgìre corr is trì fichead bliadhna an dèidh sin.)

Chuir Cogadh Hitler stad air an iomain dìreach mar a thachair ri linn Cogadh aCheusair. An dèidh aChogaidh mu dheireadh thòisich sgioba ùr anns achoimhearsnachd air an robh an t-ainm Taobh Loch Fin. Bha cluicheadairean anns an sgioba ás an Fhùirneis agus á Inbhir Aora, bhaile a bhiodh uaireannan glè nimheil agus nàimhdeil an aghaidh a chèile air aphàirc-iomain. ’S e buidhe agus dubh na dathan a bha riamh aig Inbhir Aora, agus dearg agus geal aig an Fhùirneis. Bha seann òran-brosnachaidh aig sgioba Inbhir Aora

Hip hip hurrah for the Yellow and the Black,
For these are the colours gay
Worn by the Inveraray boys
When they at shinty play.

Bha an dearbh sheòrsa fhaclan ann an dàn a bhiodh aig luchd-taic na Fùirneis, ach bha iad air na dathan agus ainm na buidhne atharrachadh. ’S eHip hip hurrah for the red and the Whitea bhiodh acasan.

Thàinig an sgioba aonaichte a chuireadh air chois an dèidh a



[89]

[Dealbh]
3. Buidheann de chluicheadairean òga iomain á Earra Ghàidhealsgoilearan á Ceann Loch Chille Chiarain aig co-fharpais ann am Meadhon Earra Ghàidheal far an robh sgiobaidhean ás an Fhùirneis agus á ceithir deug de bhun-sgoiltean eile. Tha an iomain air tighinn air adhart bho chionn beagan bhliadhnachan ann an àiteachan leithid an Tairbeirt agus Aird Driseig far an robh i air a dhol bàs.

Chogaidh gu còrdadh mu na dathan a bhiodh iadsan acaitheamhbha ceàrnagan buidhe agus dearga air na lèintean. Bha e mar gum biodhRangersagusCelticair tighinn còmhla agus lèintean le ceàrnagan gorma agus uaine aca.

Bha sgioba Taobh Loch Fìn glè shoirbheachail. thuras, ann an 1947 agus ann an 1950, ràinig iad achuairt dheireannach ann an Cupa na Camanachd, ged a chaill iad gach turas ri BailUr an t-Slèibhe. Ann an 1959 agus ann an 1953 choisinn iad Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu, ann am fìor sheann cho-fharpais a thòisich ann an 1879.

An ceann beagan bhliadhnachan bha sgioba na Fùirneis air ath-nuadhachadh, agus chaidh buidheann Taobh Loch Fìn ma sgaoil. Ann an 1958 fhuair sgioba ùr na Fùirneis Cupa aChomainn Cheilitich.

Ri tìde chaidh sgioba na Fùirneis ás an t-sealladh aon uair eile, ach ann an 1977 thàinig sgioba ùr am follais air an tugadh an t-ainm Cille Mhoire, ainm a bha air seann sgioba á Meadhon Earra Ghàidheal a chaidh á bith bliadhnachan mòra roimhe sin. Bhuineadh cuid mhath de na cluicheadairean anns an sgioba ùr seo don Fhùirneis.

Choisinn balaich Chille Mhoire corra dhuais. Ann an sèasan 1983-84, nuair a bha ceithir roinnean anns acheann a deas, biadsan a bha air thoiseach air càch anns acheathramh roinn. Beag is beag thàinig an sgioba air adhart. Ann an sèasan 1985-86 agus a-rithist ann an 1991-92 fhuair iad Cupan an Fhrisealaich agus iad air an Dàrna Roinn ann an ceann a deas Alba a bhuannachadh. Ann an 1989 agus ann an 1992 ràinig iad cuairt dheireannach Cupa aBhaile Mhòir. Bha mi aig an ghèam sin, anns aGhearasdan agus ann an Taigh an Uillt. Tha cuimhne agam



[90]

cho tàmailteach agus a bha an luchd-leantainn afaireachadh aig deireadh gnothaich agus an sgioba air a bhith cho dìcheallach an aghaidh nan sgiobannan on cheann a tuath a rinn achùis orra. ’S e latha sònraichte a bha ann ann an 1989 nuair a chaidh sinn gu Grangemouth far an do rinn na gillean achùis air Tayforth anns achupa air an robhSouth Qualifying. Ach ann an 1992 chaidh an latha le sgioba Bhaile aChaolais aig Taigh an Uillt agus choisinn iadsan an cupa sin. Ann an 1979 agus ann an 1992 fhuair Cille Mhoire Cupa Bullough. Ann an 1986 thugadhAn Fhùirneisair an dàrna sgioba aig Cille Mhoire.

Bho chionn beagan bhliadhachan chaidh sgioba Chille Mhoire a-rithist á bith. Bha cuid de na cluicheadairean aca air a dhol a dhobair ann an àiteachan an taobh a-muigh de dhEarra Ghàidheal. Bha feadhainn eile a-nisnan oileanaich ann an colaisdean anns na bailtean mòra.

Ach an-uiridh chaidh sgioba Chille Mhoire ath-bheothachadh aon uair eile. Tha taghadh math de chluicheadarean òga aca agus acumail taic riu sin tha seann laoich eòlach a bha acluich do Chille Mhoire nuair a bha iad aig ard-îre. (Chan eil ena annas ann an iomain do mhac agus athair a bhith air aphàirc còmhla.) Ghabhadh Cille Mhoire a-steach anns an dàrna roinn mu dheas, agus nuair a chaidh an t-iomradh seo a sgrìobhadh bha iad air deich geamannan a chluich, cha robh iad air aon ghèam a chall, agus nas iongantaiche buileach, bha iad air trì fichead tadhal fhaighinn, gun fiùs aon tadhal a chall. Is ann ás an Fhùirneis a tha am fear-bàire eadar na puist nach do leig aon bhall seachad air. Buinidh grùnn de na cluicheadairean eile don bhaile seo cuideachd. Nuair a sgrìobh mi seo bha sgioba Chille Mhoire air achuairt dheireannach de Chupa Bullough a ruighinn. Ràinig an sgioba fo sheachd bliadhna deug aig Cille Mhoire cuairt dheireannach Cupa MhicUisdein.

Anns an Lùnasdal 1996, chaochail Donnchadh MacColla, am fear mu dheireadh den sgioba ainmeil a thug Cupa na Camanachd dhachaigh gu baile na Fùirneis ann an 1923. Bha e ceithir fichead agus ceithir deug. Anns an Og-mhìos gach bliadhna bidh clann nam bun-sgoil anns achoimhearsnachd astrìth air pàirc-chluiche na Fùirneis airson Sgiath Dhonnchaidh MhicColla a chosnadh, duais a thugadh seachad ann an 1986 mar chuimhneachan air an t-sàr chluicheadair seo. Nuair a thòisich acho-fharpais seo bha Donnchadh fhathast beò agus bhiodh e an-làthair airson an Sgiath a thoirt seachad don bhuidhinn a thug buaidh. Nam biodh Donnchadh air mhaireann an-diugh, ’s e a bhiodh moiteil ás na balaich ás ábhaile aige fhèin a tha fhathast aleantainn gu dlùth ri cliù an sinnsear air pàirc na h-iomain.

titleIomain anns an Fhuirneis
internal date2000.0
display date2000
publication date2000
level
reference template

Ruairidh MacLeòid in Gairm 193 %p

parent textGairm 193
<< please select a word
<< please select a page