Dachaigh nam balach aig Sgoil Phortrìgh – “Hostail Eilginn”
le Aonghas Mac-a- Phì
Dh’fhosgail Sgoil Phortrìgh an Eilean Sgiathanaich anns a’ bhliadhna 1875; chaidh a togail gu inbhe Ard-Sgoil ann an 1905 airson na bha do sgoileirean a’ sireadh foghlam suas gu ìre a dhol dhan Oil-thaigh. Anns a’ chiad dol-a- mach, bha 250 sgoileirean ag ionnsachadh ann le 15 tidsearan a bha a’ teagasg – “Laideann, Greugais, Frangais, Matamataic, Eachdraidh, Ealain agus Gàidhlig” – is shaoilinn cuideachd, gu cinnteach, Beurla?
Bha ’n dùthaich ás an robh i a’ faotainn sgoileirean nas fharsainge na bha iomadh àit’ eile, bhon a bha i a’ frithealadh eileanan an t-seann Siorrachd Inbhirnis a bha a’ toir a-staigh na Hearadh, Uibhist-a- Tuath ’s a Deas (co-dhiù na Pròsdanaich, oir bha clann nan teaghlaichean Caitligeach a’ dol uirige ’n Gearasdan) is na h-eileanan beaga teann dha ’n Eilean Sgiathanach a bharrachd air an t-Eilean fhèin.
Ged a b’ e baile beag trang agus fàsail Portrìgh aig toiseach na linne, bha e doirbh loidseadh fhaotainn ann aig prìs reusanta, ’s bha seo ’na dhuilgheadas do na sgoileirean àrd-mhiannach air foghlam, a bha tighinn ’nan dròbhan dha ’n Ard-Sgoil. B’ e glè bheag do bhusaichean, no carabadan-giùlain do sheòrsa sam bith a bha air rathaidean an eilein aig an àm ’s gun dòigh aig sgoileirean, eadhon anns an eilean fhèin, air faighinn dhachaigh gach latha, mar a dh’ fhaodas iad an-diugh. Bha ’n gainne seo do loidseadh air fàs fìor-dhraghail mu na bliadhnaichean mu dheireadh de na 20’ean.
Bha Urras Charnèigidh, fo stiùireadh Iarla Eilginn is Cinn Chàrdain, air an duilgheadas seo a rannsachadh agus bhàtar air airgead a chur ma seach airson ceithir hostailean a thogail ’nan àitean-fuireach do na sgoileirean anns na h-eileanan. Bha fear dhiubh seo ri thogail air pìos fearann falamh ri taobh Sgoil Phortrìgh airson gillean, le ainm an fhear-stiùiridh – Hostail Eilginn. Chaidh fhosgladh gu h-oifigeil air an 12mh. latha den t-
Sultaine 1933, leis an Diùc York agus a bhean-phòsda a thàinig gu bhith ’nan Rìgh is Ban-rìgh aig a’ cheann thall ’s i-fhéin beò fhathast aig deireadh na linne.
Bha àite-fuirich gu bhith ann airson 40 balaich, aon bhean-taighe(matron)dithis mhaighsteirean-sgoile, aon chòcaire is ceathrar shearbhantan. Bha’n togalach air a tharraing suas le ailtire a fhuair òrdan gum biodh e – “coltach ri togalaichean tuath, taighean-dùthchail is taighean-beaga nan croiteirean anns an 18mh/19mh. linn.” – ailtireachd gu math annasach ann an sùilean an fheadhainn a chuir a-mach an t-òrdan. ’S e cliù a choisinn an ailtire a tharraing suas na planaichean dha fhèin, oir ’s e togalach grinn a th’ ann ’na shuidhe air cnoc bheag ri taobh na sgoile ’s air taobh a-muigh Phortrìgh.
Chaidh na h-àiteannan-fuireach a ghabhail gu grad, ged a bha ’n roinneadh air a dheagh dhèanadh leis na riaghladairean. Thàinig balaich ás iomadh eilean uirige an hostail ’s iad òg is suas am bliadhnaichean-sgoile. Bha seo riaraichte, oir bha e ri fhaicinn gum biodh leanailteachd anns an taghadh le sgoileirean ann fad na h-ùine anns an àrd-sgoil. Dh’fhaodte gun robh cuid dhiubh a’ fàgail an dachaigh rudeigin òg cheana, ach bha seo bitheanta gu leòr air feadh na dùthcha co-dhiù.
Bha cuid eile, coltach rium-fhìn, fortanach gun robh bun-sgoil teann againn nar sgirean fhèin a bheireadh foghlam dhuinn gus aois chòig-deug. B’ iad-seo na“Junior Secondary Schools”a bha cumanta aig an àm ’s a bheireadh trì bliadhna foghlam do sgoileirean academaiceach is eile, an dèidh dha ’n bhun-sgoil. Chaidh mise gu Sgoil Dhunbheagain – “Dunvegan Public School”mar a bha e air ainmeachadh, far an robhar a’ teagasg ’syllabus’ làn do chuspairean academaiceach, ged nach robh anns an sgoil ach còig seòmairean-sgoile ’s bha ’m maighstir-sgoile fhèin a’ teagasg fad ùine, cuide ri càch.
Aig ceann mo threasa-bliadhna an sin, aig aois chòig-bliadhn’ -deug, chaidh mise agus grunnan eile de mo cho-aoisich a thaghadh airson falbh dha ’n Ard-sgoil ann am Portrìgh, prìomh-bhaile an eilein. Bha mi fortanach gun d’ fhuair mi àite ann an Hostail Eilginn nan gillean. Bha hostail eile ann airson na caileagan air ainmeachadh air Mairead Charnèigidh á teaghlach an tairbheartaich, ach bha esan pìos math air falbh bho hostail nan gillean. Cha robh riaghladairean an dà àite uamhasach dèidheil air na balaich ’s na caileagan a bhith còmhla, ach nuair a bhiodh commandair a’ cumail sùil orra! – nach iad a bha glic?
B’ e seo a’ bhliadhna 1943 agus bha Hostail Eilginn air a bhith fosgailte deich bliadhna le tìde gu leòr air “tradiseantan” a bhith
[Dealbh]
[Dealbh]
Fionnlagh ann an 1944.
[Dealbh]
Ali Hassan ann an 1944.
’g éirigh ann. B’ e mo chiad cuimhne, a’ dol a-steach an dorais ann, cho fada ’s a bha na trannsan ’s mar a bha iad a’ deàrrsadh le“polish” ’s an t-àileadh cùbhraidh a bha dheth. Bha seòmar fada a’ ruith sìos aghaidh an togalaich air a’ chiad ùrlar bho ’n talla aig an doras-aghaidh. B’e seo an seòmar-obrach gach oidhche. Pìos bhuaithe bha seòmairean-obrach bheaga eile airson na balaich a bu shine, far am biodh fois aca roimh àm nan deuchainnean mòra. Bha seòmar-cluiche ann an togalach cruinn aig ceann-a- deas an togalaich. Bha togalach cruinn aig ceann-a- clì an togalaich le staidhre ag èirigh suas chun an dara ùrlar far an robh na seòmairean-cadail.
Bha seòmar mòr ithe le cidsean agus seòmairean dha na searbhantan ann an sgiath den togalach aig a’ cheann-a- tuath. B’ ann an seo a bha seòmar-suidhe aig na maighsteirean ri taobh an doras-aghaidh. Bha sgiath eile a-mach bho cheann-a- deas an togalaich le“locker-room”far am faotadh na balaich gnothaichean a ghlasadh air falbh, le preasa aig gach fear. Bha seo teann air an doras-cùil ’s air na pàircean-cluiche air chùl na sgoile.
Shuas an staidhre bha na seòmairean-cadail air trì taobhan sguair, os cionn an“study”agus an dà sgiath eile. Bha ceithir leapannan singilte, iarainn agus ciste-dhràbhraichean ann an sin dhuinn. Bha na seòmairean-nighe, ceithir dhiubh, air taobh thall na trannsa is bha againn uile a bhith faicilleach nach biodhmaid uile annta aig an aon àm, oir cha robh iad mòr. Ach bha‘bath’anns gach fear dhiubh a bharrachd air bòbhlaichean nighe is taighean-beaga is bha“balcony”beag air an taobh ud den trannsa cuideachd a’ coimhead sìos air an“quadrangle”cùil.
Bha na balaich-òga, air a’ chiad ’s an dara chlas, a’ cadal anns na seòmairean tuath, teann air seòmairean nan searbhantan agus a’ bhean-taighe is na maighstirean. Bha na balaich a bu shine anns na seòmairean deas, ged nach robh iad dad na b’ fhèarr air dòigh sam bith. Ma ’s math mo chuimhne be“Dorm 8” (neò ’s dòchaDorm 7) a b’ fheàrr leinn uile ’s e a’ coimhead sìos air a’ bhaile ’s air an sgoil fhèin, ach b’ e seo an dorm a thaghadh am prìomh-ghille dha fhèin ’s dha na caraidean aige.
Ged nach b’e ìomhaigh na“public schools”, leithid Eton is Harrow mu dheas, a bh’ againn an seo, le clann nan croiteirean anns an hostail, bha feum againn air dòigh-riaghlaidh ann an leithid do theaghlach cho mòr do bhalaich-dheugach. Mar sin, bha e tradiseanta a-niste gach bliadhna gun taghamaid Prìomh-bhalach agus“Prefect”no dhà airson ar guth a chluinntinn nam biodh feum air còmhradh leis na maighstirean, neo fois a chumail nar measg ann an deasbad sam bith a bhiodh againn, rud a bha
tachairt tric gu leòr.
’Nam latha-sa b’ e am Prìomhaire (is gu dearbh b’ e siud an t-ainm a lean ris fad a bheatha a-measg balaich a’ hostail a b’ aithne dha) duin’ òg cothromach le rudeigin do thogail ’na dhreach, eadhon an uair ud, a thuigeadh tu a bhiodh fad-ruigheach, oir bha e ri fhaicinn uaireannan a’ cleachdadh“plus-fours”an àite briogais, coltach ris na maighstirean-sgoile aig an àm! – Cha b’ e a h-uile balach a bha cho gaisgeil! – Bha fios aig gach duin’ againn gun d’rachadh“Prime”fada, ge b’ e àite dha ’n deànadh e obair, ’s mar a thachair ri teachd, cha robh sinn ceàrr.
B’ esan balach Hearach dha ’m b’ ainm Fionnlagh Iain Dòmhnallach, a bha ’na dhuine ainmeil bliadhnaichean an dèidh sud airson a chuid obair air T.Bh., réidio agus ’na sgrìobhadair leabhraichean mu dheidhinn làithean òige anns na Hearadh a-niste air an ceannach air feadh an t-saoghail. Chan eil Fionnlagh truagh maireann an-diugh, ach nach iomadh nì a rinn e a thug toileachas dhuinn.
Bha sinn beò ann an droch làithean an uair ud agus bhiodhamaid a’ cruinneachadh gach oidhche aig doras seòmar nam maighstirean aig naoi uairean a dh’ èisdeach ris na naidheachdan air an rèidio. Bha ’n cogadh a-null ’s a-nall anns na làithean ud ’s bha cuideigin againn uile air falbh an àiteigin ann an èideadh-an-rìgh ’s bhiodh seo ’na dhragh dhuinn. Cha b’ e sin a-mhàin, ach bha fios againn uile a cheart cho luath ’s a bha sinn aois ochd-bliadhn’ -deug a ruigeil, gum feumamaid fhìn falbh dha ’n chogadh. Aon uair ’s a ruigeadh tu ochd-bliadhn’ -deug bha agad ri falbh gu“Medical Board”ann an Inbhirnis a dh’ fhaicinn gu dè cho freagarrach ’s a bha thu airson seirbhis-chogail. Bha sinn uile ann am buidheann-òigridh air choireigin a bhoineadh do luchd-chogail, gu sònraichte ann am Portrìgh, bha balaich a’ hostail anns anA .T. C. (Air Training Corps).
Nuair a thainig fios gu“Prime”gun robh aige ri dhol gu Inbhirnis gu“medical”dh’òrdaich e gun d’rachadh e ann ann an èideadh anATC. Chuir e seann chleachdadh nan saighdeirean an grèim an oidhche mu ’n d’fhalbh e airson filleadh fìor-gheur a chur air a bhriogais ghorm. Mus do thòisich e air iarnaigeadh, chuir e siabann bog air a bhriogais agus anns a’ mhadain bha na filleadhan cho cruaidh, ’s cho geur ris an ràsar.
Bha sinn uile ri gàireachdaich an oidhche a thill e, ged tha, ged a bha sinn duilich air a shon nach gabhadh iad ris aig a’ mhedicalairson ’s nach robh e cho fallain ’s a bu mhath leis – ach dh’ inns e dhuinn le gàire mar a thachair dha ’n bhriogais air sràidean a bhaile-mhòir ann am fras uisge. Bha Fionnlagh gu spaideil ’na
èideadh, ach bha cop-geal a’ ruith sìos aghaidh na briogais!
Dh’fhàg e ’n sgoil a dh’ionnsachadh diadhachd ’na mhinistear ach cha b’ fhada gun do thuig e nach dèanadh e ministear idir agus chaidh e gu saoghal an rèidio is an T.Bh. . .. taghadh brosnachail air leth. ’S e call mhòr a bh’ ann gun do chaochail e cho òg, an dèidh bhith cho math aig obair anns a’ mhedia ’s anns na leabhraichean aige. Bi cuimhn’ againne a b’ aithne dha anns na làithean ud, air cho dèidheil ’s a bha e air a bhith a-measg a chinne-daonna ann am bruidhinn, dàimhealachd is càirdeas – cha dì-chuimhnich sinn a chuid caomhalachd Ceilteach, pearsanta.
Tha mi cinnteach gum fàs sinn uile suas cuide ri cuideigin a dh’ fhàsas ainmeil aig ìre air choireigin. Bha Fionnlagh ’na dhuine ainmeil gu dearbh, mar a bha“character’eile a bh’ air an aon chlas ris anns na làithean ud agus b’ iad dithis cho aon-choltach ri chèile ’s a chunnacas riamh. Cha chreid mi nach biodh e fìor gu leòr a ràdh gun robh iad ’nan co-dheuchainnichean cho mòr ’s a chunna mise riamh ann an sgoil, oir bhàtar le chèile cho fòghlamaichte. Tha e duilich ri ràdh nach eil iad le chèile maireann an-diugh, ach rinn iad le chèile an comharradh fhèin air an t-saoghal anns an do dh’ èirich iad.
B’ aithne dhuinn uile am balach seo anns an sgoil air ainm, Alan Hasson. Cho fad ’s is aithne dhomh b’ e balach“boarded-out”a bh’ ann an Ailean á teaghlach briste. Bhiodh e fhèin is Fionnlagh tric a’ dol troimhe-chèile, oir bha iad le chèile gu math feargach, nuair a bhualadh e orra. Bhiodh còmh-stri an dràsd ’s a-rithist mu iomadh cuspair – poileataic, saidheans, litreachas, diadhachd, no ealain – no uaireannan boireannaich!
Bha Ailean fìor-theth, nuair a thigeadh e gu cainntearachd (rud a thug e leis dhan t-saoghal annasach a lean e) ’s bhiodh e cho dian ann an deasbad ’s gum biodh cop air a bhilean. Nuair a dh’ fhàg e ’n sgoil chaidh e dha na Camshronaich far an do ghabh e èideadh an oifeigich ’s a chuir e na h-oifeigeirean eile bun-os-cionn leis cho“bolshie” ’s a bha e ’nam measg. Ghabh e ainm an rèiseamaid, oir b’ e Ailean Camshron a bh’ air an dèidh seo – ’s cinnteach nach do chòrd Hasson ris an“officer’s mess”. Ach fhuair e urram bho na saighdeirean ’s bha e math dhaibh.
Beagan bhliadhnaichean an dèidh seo ’s mi fhìn air trì bliadhna a dhèanadh ann an èideadh an rìgh, thachair mi ri Ailean ’s mi ’nam oileanach ann an Glaschu. Bha e fhathast ann an èideadh an airm ’s ’na fhèileadh, ach ’s gann gum b’ urrainn dhomh a chreidsinn nuair a dh’ inns e dhomh gun robh e a’ dol gu Colaisde Diadhachd a bhith ’na mhinistear.
Chùm mi sùil air na pàipeirean-naigheachd anns na bliadh-
naichean an dèidh seo agus cha tug e fada gus am faca mi ainm Ailean a’ tighinn am follais. Cha robh e air atharrachadh ’s bha obair ’na mhinistear gu bhith a cheart cho làn còmh-stri, deasbad is aimhreit ’s a bha e riamh. Chaidh e fhèin is an Eaglais troimhe-chèile buileach glan ann an iomadh cuspair gus mu dheireadh thilg iad a-mach e an dèidh dha teicheadh airson greis, an dèidh ùpraid, uirige Canada.
Ach thill e an ceann beagan bhliadhnaichean ’s e fhathast ann an èideadh is colair a’ mhinisteir, ged nach eil mi ’n dùil gun d’ fhuair e taic sam bith bho Eaglais Alba. B’ ann a rinn Ailean eaglais den t-sràid ann an Dun Eideann ’s bidh cuimhne mhath agaibh air a’ cluich na pìoba aig a’ Mhound anns a’ bhaile-mhòr le fèileadh air is lèine ghorm le crois-gheal oirre ’s le boineid-leathann. B’ ann mar seo a chruinnicheadh e còmhlan ris am bruidhneadh e mu iomadh cuspair.
Duine garbh, borb a bh’ ann nuair a bha ’n caothach air, ach duine còir cuideachd a dhèanadh cobhar do iomadh neach. ’Na dhòigh fhèin tha sinn ga ionndrain a cheart cho mòr ri Fionnlagh còir ’s bidh mi tric a’ gabhail iongnadh am bheil iad ri còmh-stri fhathast, ge b’ i càite a bheil iad?
Tha mi deimhinn nach biodh iad uamhasach toilichte le staid Hostail Eilginn an-diugh. Bha mi ann am Portrìgh bho chionn ghoirid is chaidh mi a choimhead air an togalach a tha ann an droch staid seach mar a bha. Chan e hostail ghillean a-nist idir e, ach measgadh do dh’ oifeisean na Comhairle is clasaichean-sgoile is cha bu mhist e beagan càradh is sgrìob pheanta.
Nuair a fhuair sinn atharrachadh anns na Roinnean ’s na Siorrachdan bho chionn bhliadhnaichean air ais, chaidh Roinn ùr a chruthachadh le Comhairle nan Eileanan Siar, a dhealaich na Hearadh is Uibhist bho Shiorrachd Inbhirnis, mar a b’ àbhaist. Mar sin, ghabh Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh àite Sgoil Phortrìgh do chlann-sgoile nan eileanan mu dheas, is cha robh uiread do dh’ fheum air hostail ann am Portrìgh. Eadar sin is àrdachadh mòr ann an àireamh nam busaichean a tha siubhal rathaidean an Eilein a-niste, is miann phàrantan gum biodh clann-òga aig an taigh nas fhaide, cha robh cho mòr feum air hostailean. Tha e ceadaichte do chlann an eilein a-niste a h-uile latha sgoile aca, suas gun an t-siathamh bliadhna, a chur seachad, ’s fuireach ’nan dachaigh fhèin ge b’ e càite anns an eilean a thàtar a’ gabhail tàmh. Co-dhiù a tha seo math dhaibh gus nach eil, chan eil mi ro-chinnteach, oir tha e gu math trom air clann-òga a bhith siubhal nam mìltean gach latha ann am bus le moch-eirigh dha na h-uimhir dhiubh?
Chòrd mo bhliadhnaichean anns an hostail riumsa gu dearbh agus rinn mi caraidean ann a tha teann dhomh fhathast an dèidh còrr is leth cheud bliadhna. Dh’ionnsaich mi cuideachd mòran mu thighinn-beò ann an còmhlan, rud nach do dh’ ionnsaich mi ann an clas, no bho leabhar ’s bha tlachd mhòr agam anns an àite, is tha fhathast.
Tha grùnn bheag fhathast a’ fuireach ann an hostail Mhàiread Charnèigidh – measgadh do bhalaich ’s do chaileagan – ó, bhóbh, nach e cùisean a tha air atharrachadh, seach mar a bha ann an 1944, an oidhche a chuir na gillean bhon hostail bratach an crochadh air crann ann an gàrradh a’ Mhàiread Charnèigidh le“Stalag Luft XXII”air a pheantadh air!
Tha fiù an t-seann sgoil fhèin air a leagail. Chaidh Comhairle gun rian ’s gun chiall an grèim ann an 1971 is leag iad an t-seann thogalach a bha cho bòidheach le a thùr agus a chlach-dhearg-ghainmhich; cha robh e buileach air a’ cheud bliadhna a dhèanadh dheth ’s bu mhòr am beud. Chuireadh togalach grannda do choncrete is gloinne ’na àite ’s bhiodh daoine ga coltachadh ri – “factoraidh charpeitean Ruiseanach” no “bocsa-bhrògan a bha air fàs”. A bharrachd air a mhì-thlachd ann an ailtireachd, chaidh a dhroch thogail, ’s ann an taobh a-staigh fichead bliadhna tha e a-nis air a dhìteadh gu bhith mì-shàbhailte dhan chloinn ’s dha na tidsearan a tha ’g obair ann. Tha muinntir an Eilein air cur an aghaidh an sgoil seo a chumail agus tha ’n Comhairle a-nis a’ gabhail ris gum feumar sgoil ùr a thogail ’na àite.
title | Dachaigh nam Balach aig Sgoil Phortrigh |
internal date | 2001.0 |
display date | 2001 |
publication date | 2001 |
level | |
reference template | Aonghas Mac-a-Phì in Gairm 196 %p |
parent text | Gairm 196 |