[227]

LATHA MOR NAN GEARANNAN
le Seonag Mhoireasdan

Nuair thàinig mise a Chàrlabhagh bho chionn naoi bliadhna thar fhichead bha teaghlaichean fhathast afuireach ann an taighean-tugha nan Geàrannan. Bha iomradh orra anns na meadhonan agus bha aChomhairle atogail taighean ùra spaideil dhaibh. Rug cuid aca air na taighean sin ach do chuid eile bha e ro anmoch. Chaidh an t-sràid bàs agus cha robh cus air fhàgail ach na tobhtaichean.

Air ceann sreath chaidh Urras nan Geàrannan a chur air chois agus thòisich am baile air ath-bheothachadh. An toiseach chaidh aon taigh ath-leasachadh agus òsdal a chur air chois. Troimh na bliadhnachan thadhail na ceudan mòra ann bho fheadh an t-saoghail, ach gu h-àraidh ás aGhearmailt. Is iomadh uair a smaoinich mi gu a chanadh muinntir an taighe sin an àm aChogaidh Mhòir nam biodh fhios aca na bha de Ghearmailtich fo na cabair aca! Achs e tha seo linn eile gun mòr ghuth aca air na nithean uabhasach a bhanan eachdraidh, daoine òga modhail, dèantanach, cuid aca air aGhàidhlig ionnsachadh. Uairean ri fìor dhroch thìde agus an òsdal làn, bhiodh luchd nam pàilleanan ri fasgadh a-measg nan tobhtaichean. Troimh na bliadhnachan chaidh fear an dèidh fir de na taighean a leasachadh, cuid aca air a leagail gu làr agus air an togail a-rithist.

Tha trì taighean ann air mhàl airson làithean saora a chur seachad ann an taigh-dubh. Chan eil sgeul air cagailte na air cabar-sùith no sileadh, agus tha a h-uile goireas aca. Tha lìnig fhiodha air leth ìosal nam ballaichean agus os cionn sin tha achlach thioram. Tha dealan agus uisge aca, cidsean snasail agus taigh-beag dha rèir, telebhisean anns an t-seòmar-suidhe agus chan eil sgeul air sèis. Tha rùm-leapa unnta ach ann a fear de na taighean airson mìos nam pòg cha ghabh e ach dithis! Nach bochd nach cuala Madonna seo ann an tìde agus bhiodh ar sgìre ataomadh thairis le luchd-turais agus mnathan-òsdach Chàrlabhaigh lobhte le airgead.



[228]

[Dealbh]
(1) Fionnlagh Mòr agus Iain Moireasdan acèilidh anns an taigh-dhubh gus an tig aBhana-Phrionnsa Anna.

[Dealbh]
(2) Tha Iain acur thuige na Tilley a thug e fhèin dhaibh, air choinneimh nan daoine uasal. Is ann aig banais a phàrantan a nochd achiadh tilley ann an sgìre Chàrlabhaigh ann an 1933preasant pòsaidh. Tha i sin anns an taigh-dhubh cuideachd.



[229]

[Dealbh]
(3) Seo i tighinn. Tha i gu bhith staigh.

[Dealbh]
(4) Sgrìob leinn troimhna bhaile.



[230]

Tha taigh eile ann airson buidhnean fuireach còmhladh agus dèanamh air an son fhèinsgoilearan agus a leithid. An uiridh chaidh seann thaigh Iain Chocair mar bhùth agus taigh-bithidh. Anns abhùth tha leabhraichean, deilbh, fighe agus iomadh obair-ciùird ri cheannach. Tha seo acuideachadh nan Geàrannan a chumail, le tughadh, tuarasdal don luchd-obrach agus beagan airgid do luchd an eilein tha reic an cuid obrach riutha. Faodaidh sibh cuideachd taigh-dubh a thogail air achompiutair gun idir an sàrachadh a bhaig na daoine a dhfhalbh, acruinneachadh chlach agus gan snaidheadh ri chèile. Anns acheann eile de thaigh Iain Chocair gheibh sibh brot, ceapairean, sconaichean agus cèicean, agus cofaidh air an ùr dheasachadh air an làthair.

An uiridh chuir iad air dòigh taigh-tughaidhanns na leth-cheudan”, taigh snasail le lìnig air na ballachan, agus an teine le cagailtean a-staigh anns an t-siomailear. Tha Màiri NicCriosnaidh ri moladh airson na chruinnich i de dhàirneis airson an taighe, agus taing dha na daoine bha cho fialaidh dha thoirt seachad. Rinn fear-ceàird leabaidh dhùinte airson achùlaist, agus rinneadh cùirtearan a dhaon ghnothaich dhaibh. An còrr chaidh a thional feadh na sgìre. Tha an cidsean daonnan le teine mòr mònach agus fear no a-staigh airson fàilte agus fiosrachadh thoirt do gach duine a thadhlas anns an taigh-tasgaidh bheò-inntinneach seo. Anns aceann shìos tha beart le clò-mòr innte, cliabh, inneal lìonaidh iteachan, agus cuinneagan le uisge bhiodh ri làimh a-staigh gus nach tigeadh orra bhith falbhs atighinn ás an tobair cho tric.

Air achòigeamh latha den Og-mhios thàinig aBhana-Phrionnsa Anna a dhfhosgladh an t-seann bhaile ùr seo. Bha an latha fuar, bagarrach le frasan. Tràth air amhadainn bha a h-uile duine air a làrach fhèin, agus bha na daoine a fhuair cairtean-aoigheachd agabhail bus bhon sgoil chun abhaile, oir bha carbaidean air an toirmeasg anns na Geàrannan air an latha sin. Air ceann sreath thàinig Anna anns a heilicoptair agus chaidh i cuairt troimh an bhaiilean toiseach gu taigh Iain Chocair, far an robh Eiric Iain Chocair, an aon tha beò dhe na bha afuireach mu dheireadh air an t-sràid seo. Chaidh a toirt ás an ospadal, far a bheil i measg nan seann daoine, airson an latha. An uair sin rinn iad air an taigh-dhubh far an rabh Calum Iain MacArtair trang afighe clò-mòr, agus deas gu freagairt iomadh ceist a chuir aBhan-Phrionnsa air, aleigeil fhaicinn dhuinn gu robh i fiosrach agus gu robh ùidh aice anns na bha daoine air a dhèanamh. Suas leatha



[231]

[Dealbh]
(5) Am broinn an taigh-dhubh. Seall an fheòil rèisgte atiormachadh air an t-sìoman còmhla ris na stocainnean bobban!

[Dealbh]
(6) Màiri trang adèanamh aran-coirce.



[232]

[Dealbh]
(7) Agus Seonag atoinneimh leis an dealgan.

[Dealbh]
(8) Fìor ghnothaich an latha.



[233]

[Dealbh]
(9) Tha Alec Dòmhnullach, comhairliche Chàrlabhaigh, tha cuideachdna phrìomh fhear saChomhairle, glè thrang an-diugh.

chun an teine far an robh Màiri chòirna màl adèanamh aran-coirce air a coinneamh. Anns achùlaiste bha Seonag Mhoireasdan atoinneamh snàth clò le dealgan agus le cuibhle-shnìomh. Is iomadh ceist thuigseach a dhfhaighnich abhean-uasal mun ghnothaich, agus sheall i le pròis agus aoibhneas gur e seacaid clò-mòr bha oirre fhèin. Chuala sin bhon uair sin gur e sin an t-seacaid a fhuair i bho bùthSave the Childrenamhadainn sin fhèincha be bha aca staigh ach a dhealbh agus a rinn boireannach á Nis, Leòdhasan dearbh a dhealbh an trusgan a bha air aBhanrigh ag ath-fhosgladh Pàrlamaid na h-Alba an dèidh ceudan bliadhna dùinte. Agus cuin a riamh a chunnacas aBhanrigh air a sgeadachdh cho bòidheach?

Dhfhalbh Anna an uair sin a dhfhosgladh achùirteir agus abhaile. Chuir Fionnlagh Mòr suas aphìob, ach an dèidh beagan phuirt ghabh an nighean a-null aphìobaireachd. ’S e sàr phìobairean a thannta le chèile. Rinn an t-Urr. Murchadh Caimbeul, tha ann an Eaglais na h-Alba an Càrlabhagh, ùrnaigh agus chaidh seirbheis an latha air chois. An dèidh sin sheinn clann na sgoileCàrlabhaghdhan bhean-uasal. Chan eil ach ceathrar chloinne ann am baile nan Geàrannan agus thug dithis



[234]

aca basgaid shìtheanan dhi, agus an dithis eile dealbh den bhaile-tughaidh annasach seo.

An dèidh blasda biadh fhaighinn air leth leotha fhèin, mheasgaich i le muinntir Chàrlabhaigh bha deanamh an seacaid air abhiadh bhlasda a bha aChomhairle air ullachadh dhaibh ann am pàlainn mhòr am pàirc nan càraichean. An uair sin thàinig latha nan seachd sian a-mach agus bha ceist orm a faigheadh a heilicoptair a-nuas ann an Eilean Chanaidh, an ath àite tadhail aca. Chuala mi air naidheachdan an fheasgair gun deach gach cùis leotha fad an latha.

Is iomadh bliadhna bhios cuimhne is iomradh air latha mòr nan Geàrannan, ann an seanchas is anns aChomann Eachdraidh. Bha abhean-uasal cho faguis agus cho iriosal a-measg nan daoine.

titleLatha Mòr nan Geàrranan
internal date2002.0
display date2002
publication date2002
level
reference template

Seonag Mhoireasdan in Gairm 199 %p

parent textGairm 199
<< please select a word
<< please select a page