[67]

Air Chul an t-Saoghail

le AONGHAS MACMHATHAIN.

THA suas ri fichead bliadhna a nis bhon a chuir mi seachad beagan ùine ann am baile beag ann an Conamara air taobh an iar Eireann. Baile beag sàmhach a bha ann, air a roinnna chroitean beaga. Cha robh a choltas air na tighean no air an àiteachadh gu robh an teachd-an-tìr cho math ri croiteirean na Gàidhealtachd againn fhéin. Cha robh móran eòlais air an t-saoghal mhór aig achuid bu mhotha dhiubh, ged a bhiodh feadhainn dhiubh afalbh gu togail abhuntàta agus oibrichean eile an Albainn agus an Sasainn bho ám gu ám. Bha fear dhiubh a bha air a bhith an Albainn uair afaighneachd dhomh an robh drochaid eadar Albainn agus Sasainn. Tha mi acreidsinn gu bheil agus drochaid, ach is iongantach mur robh e den bheachd gur e eilean a bha an Albainn!

Bi aGhàidhlig cainnt an t-sluaigh, agus bha e bhuam gun togainn na burrainn dhomh dhith fhads a bhithinnsan àite. Gu -rathail cha robh aGhàidhlig aig muinntir an tigh-òsda far an do chuir mi fodham. Ach coma, bha maighstir-sgoile còir faisg orm, agus làn a chlaigeann aige fhéin agus aig a theaghlach dhith, agus is annsan tigh aige-san a chaith mi móran de maimsir. Bha dithis mhac aige, am fear bu shine ris an lagh agus am fear a bòigena adhbhar sagairt, agus ena oileanach an Colaiste Magh Nuadhat aig an ám. Chaidh am fear bu shine a leòn, agus e


[68]na ghille òg, ri linn na trioblaide an Eirinn, agus bha de na làmhan aige gun móran feuma. Ach bha e cho math air aghunna ri duine a chunnaic mi riamh. Dhamaiseadh e eun air an iteig le .22!

Bha seann armlann, no barrack, nan saighdearan Sasannachna thobhta dubh bhon a chaidh a chur ri theine aig ám na trioblaide, sealladh a bha cumanta gu leòir air feadh na h-Eireann aig an ám. Is ann air faiche air beulaibh na togalach so a bhiodh Oglaich na h-Eireann, no am milisi mar a theireamaid, afaighinn an oileanachadh ann an lùthchleasachd an airm. Is minig a shuidhinn air balla air oir na faiche ag éisdeachd ris an t-seàirdsean, agus e aig a dhìcheall acur rian air na fleasgaich: “Ean, a dhà, a trì! Ean, a dhà, a trì! Mosg a thagad a sins chan e caibe!” Thug so orm a bhith beachdachadh air cuin a fhuair saighdearan Gàidhealach na h-Alba an oileanachadh ann an Gàidhlig mu dheireadh. Is cinnteach gur fhada o nach cualas “About turn” ann am Fort George mar so: “Cuir cas an t-sùgain air cùl cas an t-siamain, is tionndaidh do shròin far an robh do thòin a chianaibh!” Anns an t-seann aimsir chanadh na Gàidheil gu robh iadaig an ekercy!” an uair a bhiodh iad aig lùthchleasachd no drill an airm. Tha am facal air sgeul fhathast, ach tha a chiall air atharrachadh beagan: “ an eacarsaich a thoirbh?” cluinnear athair ag ràdh ri cloinn luathaireach. Tha am facal atoirtnam chuimhne an sgeul a tha air innse mu Iain Buidhe Mór a Innse Mhuilt, gìomanach gunna cho iomraiteach agus a bha ann ri a linn. Anns abhliadhna 1757 ghabh Iain Buidhe Mór ann an Réisimeid Mhic Shimidh, a bha air a h-ùr thogail le ceann-feadhna nam Frisealach, an Seanalair Sìm Friseal. Sheòl an réisimeid air ball gu ruige Ameireaga a chumail cogaidh ris na Frangaich. An uair a bha iad ateannadh ri tìr, chunncas Frangach air achladach agus e mar gum biodh e agabhail beachd orra. Chan eil teagamh nach robh am Frangachga fhaireachdainn fhéin tèarainnte gu leòir, agus e am beachd nach tilgeadh duine e aig an astar. Thubhairt cuideigin air bòrd, “Seall air an t-slaightire!” “Mac an Diabhail,” arsa Iain Buidhe Mór, “ an gnothach a thaige bhith gabhail beachd oirnne?” agus thog e a ghunna agus loisg e air an Fhrangach. Anns abhad thuit am Frangach air abhlàrna chlosaich gun deò. An uair a chuala Mac Shimidh an t-urchar, rinn e air Iain Buidhe Mór agus thubhairt e, “O, Iain, Iain, cuimhnich tekercy! Na dèan a leithid gu bràth.” “An diabhal ekercy no ekercy,” arsa Iain Buidhe Mór, “ach ekercy an fhéidh: far am faic mise fear de na biastan, bidh mo pheilear troimh chorp!”

Latha de na lathaichean dhfhaighnich an sagart òg dhìom am bu thoigh liom sgrìob a thoirt gu ruige Arainn, agus ghabh mi ris an tairgse le dealas. Fhuair sinn aiseag air bàta a bha dol gu Inis Mór le luchd mòna. Talamh gaineamhach a tha an Arainn, agus chan eil mòine aca ann. Bidh muinntir Chonamara mar sin acosnadh beagan airgid le bhith ag aiseag mòna a null ann, agusga reic ri muinntir an eilein. Sheòl sinn mu shia uaireansamhadainn agus sinn ann ceathrardithis bhràithrean dom buineadh an t-eathar, an sagart òg agus mi fhéin. Bha fear de na bràithrean


[69] agus a choltas air a bhith gu math leisg. Fhads a bha am fear eile astiùireadh, agus eadhon adèanamh beagan iomraidh nuair a bha aghaoth afannachadh, bha esan shìossan toll toisich gun tighinn as, agus sunnd aige air tea a dhèanamh gun sgur. Bha teine mòna aigesan toll, agus bha e adèanamh na tea ann an sgeileida’ cur nan duilleagansan uisge fhuar agus an singam bruith gu math. Bha na h-Eireannaich ag òl seipeanan dhe so fad an t-siubhail, sabhs goileach puinnseanta gun móran bainne no siùcairna cheann gus an droch bhlas a thoirt dheth. Air eagal gun saoileadh iad gu robh mi tuilleadh is coimheach, thàinig orm cupa den stuth so òl, an aghaidh mo chàile, agus dhfhàg e cràdhnam innibh a mhair fad an latha.

Mu aon uair deugsamhadainn chaidh sinn air tìr faisg air ceann-an-iar an eilein, agus dhfhalbh an sagart agus mi fhéin dhfheuch am faigheamaid sealladh air Dùn Aonghuis, an seann dùn ainmeil a tha air bearradh nan creag cas gruamach air taobh a deas an eilein. Nam faigheadh fir abhàta reic air an luchd mònasan àite sin, gheall iad feitheamh ruinn gus an tilleadh sinn, agus mura faigheadh bha rompa cumail orra an ear gu Cill Rònain, ceann-bhaile beag an eilein, agus dhfhaodadh sinne coiseachd sìos troimh an eilean air ar socair agus coinneachadh riutha an sin. Is e so a thachair. An déidh dhuinn tilleadh bho ar cuairt gu Dùn Aonghuis dhfhidir sinn gun dfhalbh bàta na mòna agus chum sinn oirnn air an rathad gu Cill Rònain.

Air ar turus chunnaic sinn seann chaibeal agus clachan-cuimhne ann le sgrìobhaidhean orra. Bha mhiann oirnn cuid dhiubh sin a leughadh, agus thug sinn ceum a steach don chladh. Cha robh sinn fada an sin nuair a mhothaich sinn gu robh clann sgoile ag éigheach ruinn. Bha seann bhodach cuide riutha agus nuair a thill sinn chon an rothaid thuig sinn bhuaidhe gum bann air talamh naomh a bha sinnnar seasamh, agus gum be sin a baobhar do sgreadal na cloinne. Cha chreid mi gu robh mo charaid air a dhòigh gun do rinn e iomrall den t-seòrsa so, agus on a thuig sinn air ball nach robh am bodach còir buileach toinnte co dhiùbh, leig e air gur e Sasannach a bha ann. Lean am bodach sinn ceum air acheum gu ruige Cill Rònain agus ged a bha mo charaid atarraing as fad an t-siubhail ann an Gàidhlig lìomhta ealanta, cha do smaoinich am bodach riamh air faighneachd ciamar a bha Gàidhlig cho siùbhlach aig Sasannach! An uair a bha sinn adol seachad air tigh àraidh mhothaich sinn gu robh am bodach atoirt sùl iomgaineach air agus gun chas e beagan far an rothaid agus ega chroiseadh fhéin. Tha e coltach gur e fear a mhuinntir an eilein a bha so a bha air móran dhe bheatha a chur seachad an Ameireaga agus gun tàinig e dhachaidh le creud neònach air choreigin air neo gun chreud idir. Bha e air a chur as a leth gum biodh e atogail teine air abhlàr a muigh Di h-Aoine agus gum biodh e aròstadh feòil muice air an aghann am fianais an t-sluaigh!

Ràinig sinn Cill Rònain mu thrì uairean feasgar, ach cha robh na seòid air amhòine a reic fhathast. Bha iad ag iarraidh deich tasdain fhichead air an luchd, ach cha robh am fear ris an robh an


[70] Na h-Eileanan Aranach (Irish Times) gnothach an Cill Rònain deònach air barrachd air cóig ar fhichead a thoirt air. Chùm iad air a chéile fad dhà uair an uaireadair, ach béiginn do fhir Conamara géilleadh. Bha iad ag innse dhomh a rithist gur e Albannach a bha an athair an fhir a Cill Rònain!

Bha e mar so mu chóig uairean feasgar mus tug sinn ar n-aghaidh air Conamara. Cha robh deò gaoithe ann, agus bha sinn fada bhon dachaidh mu ochd uairean an uair a dhatharraich an aimsir, agus a dhéirich doineann le tàirneanaich agus dealanaich. Mu aon uair deug thug sinn a mach fasgadh eilein bhig am bàgh Ghaillimh. Bha na tàirneanaich asìor tharraing dlùth, gus mu dheireadh gu robh e, ar linn, eucomasach dhuinn tèarnadh bhon dealanach. Thug an so fear de na bràithrean botal de uisge coisrigte a mach agus fhuair sinn ar baisteadh an ainm an Athar, aMhic agus an Spioraid. Bha misegam fhaireachdainn fhéin a nis car mar a bha Iònasan luing! Mu uairsamhadainn chaidh sinn air tìr agus ghabh sinn fasgadh ann an tighsan eilean. Bha luchd céilidh an sin nach dfhuair cothrom a dhol dhachaidh leis an stoirm agus bha sinn an sin acomhradh agus atuiteamnar cadal gus an robh e ceithir uaireansamhadainn. Bha sìde na bfheàrr ann a nis agus chuir sinn ar n-aghaidh a rithist air Conamara. Ràinig sinn an tigh mu ochd uaireansamhadainn agus gun fuireach ri biadh no dad eile rinn mi air an leabaidh agus chaidil mi gu cóig uairean feasgar. -rna-mhàireach bha mi adol a steach a Ghaillimh air bus, agus bha cailleach afaighneachd dhomh a robh eagal orm roimh na tàirneanaich agus na dealanaich an oidhche eile. Thubhairt mi fhéin nach robh móran. “A! is mi nach eilgad chreidsinn,” arsa ise,” ’s gun thu dhen chreud cheart co dhiùbh.”

titleAir Chul an t-Saoghail
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Aonghas MacMhathain in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page