Leabhar-Latha Mhgr. Ailein Domhnullaich
II
MART 2rna (Di-ciadain). Tha’n latha ’n diu aithneachadh beag na’s fheàrr, ged a tha ghaoth ’n iar a’ séideadh fhathast. Ràinig mi a’ Choilleag (1) as a’ mhaduinn. Air mo thilleadh ghabh mi suas taobh Abhainn ’ic Caoithein (no ’ic Cuithean). Chunnaic mi seana-làthrach taighe no gàraidh air a leigeil ris le tuil na h-aibhne. Thug mi deagh-shùil mun cuairt, fiach am faicinn torr shligean timchioll a dhearbhadh gum b’ e làthraich tigh còmhnuidh a bh’ ann, ach cha n-fhaca mi leithid goirid dhomh. Theagamh gun tig an torr shligean am barr fhathast, nuair a ruisgeas an sìoban an t-àite beagan na’s luime. Dh’fhaoidte nach robh ann an deaghaidh h-uile rud ach gnè de ghàradh-dìon bh’ air a thogail ri bruach na h-aibhne air eagal i bhith dianamh tuille ’s a chòir a chladhach as na bruthaichean gainmheacha.
As an lianaidh os cionn a’ Bhaile, de dh’ amais ruinn a’ snàmh ann an claisidh bhig as an robh uisge ruith, ach deala. Thug mi leam dhachaidh i, ’s chàraich mi ann am botal i. Tha e coltach nach robh sian a dh’ fhios aig muinntir an àite gu robh a leithid ri fhaighinn as an eilein. Na daoine dha’n do sheall mi i, thuirt iad nach fhac’ ’ad gin riamh roimhe dhiubh.
Thadhail mi aig Fear nan litrichean is fhuair mi dà Ordan Airgid bhuaithe, is tha e ’nam bheachd an cur air falbh am màireach a dh’ Ionarnis a phàigheadh nan leabhraichean a fhuair mi air an t-seachdainn so chaidh. ’S ann a stigh aige-san a chuala mi mu bhàs D. ’S ann ’s a’ mhaduinn Di-luain a dh’ eug e. ’S e duine tapaidh a bh’ ann thun an t-saoghail-se. Bha cothrom math aige rud a chur cruinn gu dearbh, ach ged a bha fhéin, mura biodh dòigh is eanchainn aige fhéin, dh’ fhaodadh e ’n cothrom a leigeil seachad mar a leig gu leòir a bharrachd air. Tha e ’san ainm gun do dh’fhàg e cunntais mhór mhìltean as a dheaghaidh. Thuirt e rium fhéin uair is uair gur ann ann an Eirisgeidh a rinn esan a chuid airgid air an eisg, ’s nach cumadh na bha e dianamh ann an Uibhist ris a’ mharsantachd an còt’ air a dhruim. Bha langa dianamh airgid mhóir ri linn-san, cha robh a’ phrìs a bha esa toirt oirre ach beag. Bha truas ann an déidh a h-uile rud. Tha e air a gh-ràdh nach do tharruinn e duine riamh gu cùirt air son fhiach, ’s nach robh e idir dona mu fhuasgladh a dhianamh air duine a bh’ ann an éiginn bidhe. Tha mi cinnteach gum faigh mi fiachadh an nochd thun an tòrraidh. Ma bhios latha math ann, théid mi ann, ’s mura bi, cha déid.
(1) Tràigh bheag ann an Eirisgeidh, an t-àite far na chuir Prionnsa Teàrlach cas air tìr an toiseach nuair a thàinig e a dh’ Alba.
Tha ’m feasgar a’ fàs rapach, ’s tha neimh is fuachd gu leòir as a’ ghaoith fhathast, ach tha mi ’n dòchas gur ann dol am feabhas a bhios i tuillidh, ’s gun do dh’fhalbh an dubh-dhùldachd buileach.
Tha ’n fhiasag agam air dol am fiadh, ’s cha n-uilear dhomh taghadh na h-ealtainn mum fàg mi mi fhéin cho fìor-lom as a’ bhus ’s as fheudar dhomh bhith, ma thig orm a bhith ’n cuideachd urracha móra na dùthcha aig Caibeal Bhaghasdal am màireach. Nach mi leig cead ruith leis a’ pheannt’. Tha ghlagaireachd fuaighte rium co-dhiubh, a Beurla ’s a Gàidhlig, ach tha mi air dol bhuaithe buileach, an am teannadh ris a’ sgròbaireachd-sa chur sìos a Gàidhlig.
Chuir mi air falbh dà litir—té dhiubh do Raonailt bhig a bh’ agam fhéin bho chionn fhada ’s i ’n diugh ann an Ceann Loch Iall ’ga cosnadh. An litir eile chuir mi dh’ Ionarnis agus sia tasdan diag agus trì sgillinnean ’na cois. Chuir mi dh’ iarraidh an Leabhar Sgialachd a chuireadh a mach le Mac an Iarl’ Ilich (2) anns an litir chiadna. Chuir mi pàipeir a fhuaradh ann am botul air an tràigh a dh’ ionnsaigh Fear-gnothaich nan Staidean ann an Glaschu.
Fhuair mi ’ghruag a thoirt dhiom aig Eóghann còir ’s bha mi ’n làn-am a toirt dhiom. Is cianail fhéin mar a dh’ fhàsas i agam ann an ùine aithghearr.
’N Treas Latha dha’n Mhàrt (Diardaoin).
Cha robh latha idir dona. Cha robh a bheag a ghaoith ann. Beagan a bh’ ann, bha e cho gearrte ri gaoith a bh’ ann ach ainneamh. Rinn i beagan reothaidh a raoir.
Ràinig mi Poll a’ Charra eadar 10 is aon uair diag. Fhuair mi litir o’n Easbuig agus seachd puinnd Shasunnach ’na broinn a chuireadh a mach leis a’ Chuideachd a tha ’n ainm a bhith cumail air dòigh a h-uile gnothach airgid a bhuineas do’n Sgir Easbuig-sa. Tha mi’n dùil gur e deich a chuireadh a mach dhomh aig a’ choinneamh a bh’ ann mu dheireadh. ’S e sin am brath a leig an Rùn-chléireach hugam ged nach d’ fhuair mi ach £7. ’S fheudar dhomh brath a chur ’ga ionnsaigh a dh’ fhiach co dhiubh ’n e e fhéin no ’n t-Easbuig a chaidh iomrall.
Fhuair mi litir o Mhac ’Ille Mhìcheil ann an Dun-Eideann ’s tha e coltach nach urrainn da fhéin ’s no dha’n Ollamh MacEanruig sealltainn a mach an taobh-sa an dràsda. B’ e sin an call dhomhsa nach d’ fhuair mi greis dha’n seanchas.
Fhuair mi litir thiaruinnte o Chailleach bheag nam Bòcan (3) agus litir eile. Chuir i air adhart dealbh Mhr. Seòrus a Dhalabrog (4) air chùram Mhr. Somhairle (ach tha i daonnan a’ dianamh “Dughallach” ’s dh’ fhaodadh e bhith gun deach an dealbh a Bheinne-bhaoghal ri linn sin). Tha i air dol gu àite còmhnaidh eile ris an can iad Bushey Heath. Chaidh eachdraidh Mhr. Seòrus a losgadh oirre le lamp a spreadh air a’ bhòrd ’s a theab an taigh a chur ’na theine air an dìol-
(2) Iain F. Caimbeul, Ile. (Iain Og Ile).
(3) Miss Goodrich Freer. Is i sgrìobh an leabhar “The Outer Isles” agus bu mhór an cuideachadh a fhuair i bho Mhgr. Ailean. Is gann gun d’ rachadh aice air an leabhar a chur r’a chéile idir gun e fhéin a bhith ’ga cuideachadh.
(4) Mgr. Seòras Rigg, sagart Dhalabrog, a chailleadh le bhith frithealadh luchd an fhiabhruis mhóir anns a’ bhliadhna 1897. Rinn Mgr. Ailean marbhrann dha.
W. B. Blaikie, A’ Bhean Uasal Moore, A’ Bhean Uasal Goodrich Freer (Cailleach Bheag nam Bòcan) agus Mgr. Ailean. (Le cead P. J. W. Kilpatrick)
deirc. Fhuair i losgadh cuideachd, an truaghan, ’s bha i greis gun a bhith gu math as a dheaghaidh. Tha ’n litir cho laghach ’s cho caoimhneil ’s cho fosgarra. Fhuair mi buigean( ?) a’ phinnt bhuaipe, ’s cha robh ioghnadh ged a gheibheadh. Bha sgrìobhadh agam cho anabarrach duilich a dhianamh a mach, ’s gu robh i faighinn dragh an t-saoghail ’ga dhianamh. Bha chùis dona gu leòir leis a’ Bheurla, ach nuair a bheir i ionnsaigh air facal Gàidhlig sam bith a bha shìos agam a sgrìobhadh, cha robh sian a dh’ fhios aice, co-dhiubh a bha i ceart no cearr. Chuir i hugam blaigh de’n phàipeir a sgrìobh i air na Lochlannaich ’sna h-Eileanan an Iar air son nan ainmnean Gàidhealach a bha air fheadh a chur air dòigh dhith.
Bha litir ann cuideachd o cheud dhotair lighiche na Siorramachd, ag iarraidh fiosrachadh mu Eirisgeidh. Tha mi cinnteach gur fheudar rann air choireigin a chur huige.
An déidh sùil a thoirt air na litreachan am Poll a’ Charra is glaine do dh’ uisge beatha a ghabhail ann an ceann uisge, ghabh Eoghann Cléireach ’s mi fhéin sìos ri bruach cladach Smercleit. B’ e sin an t-slighe nach robh tlachdmhor. Torran de bhrùig loibh is lòin bhreuna a’ sruthadh a mach bhuapa is fàileadh asda a leagadh an t-each iaruinn nam faigheadh e’n còir a chuinnleannan. Struthan de na staimh air càradh air gàraidhean ìseal de phluic air bàrr an Rodha, an dùthaich uile cho bàithte, ’s na bha ’m bàrr dhith cho mi-thuarail. Is minig (5) a tha caitheamh an saoghail as an àite robach. ’S ann a tha Eirisgeidh ’na àite uasal glan eireachdail seach an Ceann-a- Deas as a’
(5) minig .i. mairg.
cheart-am, ’s gun e ach ’na aon eabar ’s na aona pholl air fad. Chum sinn romhainn gun d’ ràinig sinn taigh Iain ’ic Néill ’ic Caluim am Baghasdal, is ghabhadh romhainn gu math ann. Cha robh duin’ aig taigh ach bean-taighe ’s i tachras.
Thiot an nighean bhàn aige, Sìne, a stigh mionaid no dhà. Có nochd a staigh ’gam choimhead ach Iain MacIain ’ic Ruairidh, ’s cha robh a dad a dh’ ùine a staigh nuair a thòisich e air seanchas—air blàir, air mar a bha na daoine ’gan toirt air falbh dha’n arm—air Domhnall Gorm (Mac ’ic Ailein)—’ s air ciad rud. Cha robh mi gearain dad ach nach robh a dh’ ùine agam na leigeadh leam suidhe greis ’ga éisdeachd. Nochd an tòrradh a nuas o thaigh Eachainn ’ic Aonghuis Bhàin. Ghabh sinne ’na choinneamh aig Crois Bhaghasdal. Tha e air a ràdh gu robh aon 400 duine air an tòrradh. Cha n-fhaca mise riamh a leithid. Cha chreid mi gu robh aona bhoireannach fhéin ann. ’S ann aig an taigh a bha chosgais, ’s cha robh ach duine no dithis ann aig an robh boinne a chòir na ghiùlaineadh e.
Cha robhas fada mu’n tiodhlacadh uile.
Phàidh mi £1 do Mhac R. Shaoir air son na lice a chuireadh aig ceann Mhic Iain ’ic Ruairidh. Chuala mi so durrghal bruidhne is mi ann am broinn Caibeal Fir Bhaghasdal. Cha d’ rinn mi mach dé bha ’n duine ’g ràdh. Fhuair mi Eóghann is tharruinn sinn ’s nuair a bha sinn sìos mu’n Abhainn Mhóir ’s gu math mu dheas oirre, chluinneamaid éibh o am gu am as a’ Chaibeal. Cha robh ’n ùpraid ud iomchuidh ann an leithid sud a dh’ àite, ’s gu seachd àraid dol a thòiseachadh air an leithid mun robh an uaigh cóig mionaidean air a dùnadh sìos. Chuala mi rithist gur ann mu dheidhinn an Dotair a bha ’n ùpraid uile.
Fhuair sinn sgoth air an Lùdaig, is ràinig sinn Carraig an Rodain beagan an deaghaidh dol fodha na gréine. Cha robh ach sianar a Eirisgeidh air an tòrradh ’s bha sin cho math. Ghabh mi deagh-shuipeir an taigh a’ chléirich—’s an fhiacail gu math sgaiteach.
Thug mi sùil air na pàipearan-naidheachd, ’s ann a chunnaic mi mu bhàs Alasdair Thòisich a bha pòsda aig piuthar mo mhàthar. Nach iongatach nach dug duine dhiubh fonear sgriobag a chur hugam m’a dheidhinn. Fois Dhé dha.
4mh Màrt (Di-h- Aoine).
Cha d’ rinn mi bheag sam bith an diugh ach an latha chur seachad gu diomhain. Bha Cràbhadh Slighe na Croise againn feasgar, ach cha robh móran sam bith anns an Eaglais. Thadhail am Maighstir-Sgoil as deaghaidh na seirbheis, ’s chuir e seachad greis dha’n oidhche ann an seanchas air iomadach ni.
Bha reothadh ann ann an am dhuinn a bhith dol a chadal.
5mh Màrt (Di-Sathuirne).
Bha dùil agam gur e reothadh a bhiodh againn an diugh ach ’s ann a th’againn gaoth deas agus uisge. Tha mi ’n dòchas gun cuir i fuachd air fògradh. Cha robh againn ach sìde neimheil mhosach bho’n Fhéill Brìde, ’s leis na shil i a shneachd cha n-urrainn nach bi deireadh an earraich is toiseach an t-samhraidh na’s blàithe na bha ’ad an uiridh.
Tha a’ mhòine ’ga teireachdainn. Tha dhìol aig na bha mu làthrach na cruaiche cumail ris an taigh am màireach.
Bha tàirneanaich ann feasgar, ach cha robh e ro-ghoirid a làimh. Bha corra mheall de dh’ uisge trom reamhar dhith mu’n am, ach ’s e latha balbh socair a rinn i. Bha strùladh gu leòir as a’ mhuir.
Thug mi làmh air corra mhearachd facail a bha sgrìobhte anns an t-seanchas aig Miss Freer mu na Lochlannaich a chur ceart. Tha mi an dòchas gun dearg i air an sgrìobhadh agam a leughadh. Chuir mi diachainn gu leòir oirre as na sgrìobh mi huice mu dheireadh. ’S math fhéin na pinn a chuir i hugam. Tha mi an dòchas gun tig an dealbh aig Mgr. Seòrus hugam gun a bhith dol air seachran sios rathad nam Fadhlaichean gu Mgr. Alasdair Dubhghallach. ’S cinnteach gun gabh e mar sin ma sgrìobhadh Rev. McDougall air an taobh a muigh aige ’ga sheòladh hugam.
Bha i bial ri seachd uairean an nochd mun tàinig oirnn solas a lasadh. Cuiridh mi uidhireachd mhór as an fhad a tha tighinn as a’ latha—ceum fada foghainnteach a’ ghiomanaich a’ dol ris a h-uile latha, mar a bha ’n sean-duine aig an robh beachd air a h-uile rud ag ràdh:—
Mar ghiomanach a’ dìreadh sléibh’
Feasgar éibhinn earraich.
Cha tàinig a bheag dha’n éibhneas fhathast mura teann e ri tighinn a nis fhéin. Is math dùil a bhith ris, agus is math a mhisneach do dhuine fios a bhith aige gum beil a’ chuid as miosa seachad.
Dh’ fhan am Mgr. Sgoil ’s a phiuthair greis air chéilidh eadar 8 is 10 uairean.
Eaglais Mhgr. Ailein. (Le cead P. J. W. Kilpatrick)
title | Leabhar-Latha Mhgr. Ailein Domhnullaich II |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Ailean Dòmhnullach in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |