[77]

So an Lagh

(1) TIOMNADH ACHROITEIR.

Le DOMHNULL IAIN MACCUMHAIS.

THA a lagh fhéin aig achroitear agus bhitheadh e a chum feuma dha nan cuireadh e barrachd eòlais air. Is ann mar sin a mhàin a mheallas e gu h-iomlan na sochairean a bhuilicheadh air an uair a chuir aPhàrlamaid air chois lagh na croite.

Tha e dual do dhuine a bhith seachnadh an lagha mur a cuir an cruaidh fhortanna luib e, agus a bhith beò an dòchas nach cuirear dragh air fad a bheatha le ceistean mar a tha: “Gu mo chòirichean ma leigeas mi dhiom achroit? ,” no, “Gu mo chòirichean ma dhfheuchar ris achroit a thoirt bhuam?” Ach ma tha duine deònach a dhleasdanas a dheanamh a thaobh nan càirdean a dhfhàgas e an uair a thig e gu deireadh a latha, tha aon cheist ann co-dhiùbh air am bu chòir dha a bhith ameòrachadh agus is e sin a shealbhaicheas mo chroit an déidh mo bhàis?”

Aig sgàth fuasglaidh fhaighinn air an t-seòrsa ceist sin, feumar beachd a chur air meur den lagh a tha ariaghladh còirichean oighre agus dìleabaich. Faodar an cuspair a roinn ann an phàirt, aon phàirt abuntainn ris an oighre a ghabhas sealbh air achroit an uair nach eil dìleabach air ainmeachadh; aphàirt eile agabhail gnothaich ri dìleabach achroiteir agus ri còir achroiteir air dìleabach ainmeachadh.

OIGHRE ACHROITEIR:

An uair a chaochaileas croitear gun tiomnadh a dhèanamh, tha an lagh asteòrnadh a mach an t-oighre as fhaisge air. Is ann am measg àl achroiteir a choimheadar an toiseach air son oighre. ’Nan déidh-san, theidear a dhionnsaigh a bhràithreans a pheathraichean agus an cuid àil; agusnan déidh-san a rithist, a dhionnsaigh cuideachd athar.

Is ann mar so a tha an lagh ataghadh oighre a measg nan càirdean sin:

(a) Thig na mic air thoiseach air achloinn-nighean;

(b) Thig an duine as sine air thoiseach air an duine as òige;

(c) Ma tha teaghlach aig mac no aig nighinn, tha còir an teaghlaich a réir còir an athar no na màthar.

Faodar so a dheanamh soilleir le bhith agabhail, mar eisimplear, croitear a dhfhàg dithis mhac agus dithis nighean. Tha còir amhic


[78] nas fheàrr na còir na cloinn-nighinn, agus tha còir an duine as sine nas fheàrr na còir an duine as òige. Is e am mac as sine, mar sin, an t-oighre as fhaisge air athair. ’Na dhéidh-san thig am mac as òige; ’na dhéidh-san an nighean as sine; agusna déidh-se an nighean as òige. Ma chaochail am mac as sine roimh athair, afàgail teaghlaich, gheibhear an t-oighre am measg an teaghlaichair thoiseach air a’ mhac as òige agus air an dithis nighean. Air amhodh cheudna, thig teaghlach amhic as òige air thoiseach air an dithis nighean, agus teaghlach na h-inghne as sine air thoiseach air an nighinn as òige.

BRAITHREAN AGUS PEATHRAICHEAN:

Mur do rugadh duine cloinne riamh don chroiteir, no mur eil aon de àl beò, is e a bhràithreans a pheathraicheans an àl as fhaisge air ann an sealladh an lagha. Tha còir nam firionnach a rithist nas fheàrr na còir nam boirionnach, agus ma tha teaghlach aig duine aca tha còir an teaghlaich a réir còir an athar no na màthar. Ach am measg bràithrean achroiteir, chan eil e fìor a ràdh gun tig am fear as sine an còmhnaidh air thoiseach air an fhear as òige; ma tha àireamh bhràithrean annfeadhainn nas sine na’n croitear agus feadhainn nas òigeis e a’ cheud bhràthair as òige na e-fhéin an t-oighre as fhaisge air. ’Na dhéidh-san, thig an ath bhràthair as òige, agus mar sin air adhart gu ruigear am bràthair as òige air fad. Am measg nam bràithrean as sine nan croitear, thig acheud bhràthair as sine na e-fhéin air thoiseach air an ath bhràthair as sine, agus mar sin air adhart gus an ruigear am bràthair as sine air fad. Am measg nam peathraichean, air an làimh eile, tha còir na as sine an còmhnaidh nas fheàrr na còir na as òige.

Mar eisimpleir air a so, canaibh gun dfhàg croitear bràthair is piuthar nas sine na e-fhéin, agus bràthair is piuthar nas òige. Is e am bràthair as òige an t-oighre as fhaisge air. ’Na dhéidh-san thig am bràthair as sine; ’na dhéidh-san aphiuthar as sine; agusna déidh-se aphiuthar as òige. Ma tha teaghlaichean aca, thig teaghlach abhràthair as òige air thoiseach air abhràthair as sine agus an dithis pheathraichean; thig teaghlach abhràthair as sine air thoiseach air na peathraichean; agus thig teaghlach na peathar as sine air thoiseach air aphiuthar as òige.

CUIDEACHD ATHAR.

Nuair nach eil duine ann de na càirdean a chaidh ainmeachadh, is e athair achroiteir an t-oighre as fhaisge air. As eugmhais athar, lorgar an t-oighre am measg bràithrean is peathraichean athar, agus an àl, le bhith aleantainn mac samhail na riaghailtean a tha leagte a thaobh bràithrean is peathraichean achroiteir fhéin. Mar sin, tha bràthair as òige na athair atighinn air thoiseach air bràthair athar as sine. Chan urrainn màthair achroiteir, no duine sam bith a tha càirdeach dha a thaobh a mhàthar, a bhith gabhail sealbh air achroit mar oighre.

An déidh cuideachd athar, feumar a dhol a nis anns an dòigh cheudna a dhionnsaigh cuideachd seanair achroiteir (is e sin ri


[79] ràdh, a sheanair air taobh athar den teaghlach) agus mar sin air adhart troimh na ginealaich.

Bu chòir don oighre achroit a churna ainm fhéin cho luaths as urrainn dha ged nach eil an lagh acur ùine àraid roimhe a thaobh so. Faodar a ràdh nach eil móran feuma oighre a bhith tighinn air adhart aon uairs gun ruith bhliadhna an déidh bàs achroiteir ma ghabh cuid-eigin eile còir air achroit na h-ùine sin. Ma tha teagamh sam bith ann an inntinn an uachdarain a thaobh bu chòir ainm fhaighinn anns achroit, no ma tha barrachd air aon duine ag iarraidh còir oirre, feumar an gnothach a chur air beulaibh Cùirt an Fhearainn agus iad-san ceartas eadar duine agus duine.

Mur tig oighre air adhart, tha ùghdarras aig aChùirt a bhith cur an céill nach dfhàg an croitear oighre idir a ghabhas sealbh air achroit agus faodaidh an t-uachdaran an uair sin achroit a thoirt seachad do dhuine sam bith a thogras e. Mus dean aChùirt a leithid sin, feumaidh an t-uachdaran dearbhadh a thoirt gu bheil sia mìosan co-dhiùbh bhon a chaochail an croitear, nach tàinig oighre air adhart fad na h-ùine sin, agus gun drinn e a dhìcheall oighre a lorg. Agus ma bha e comasach dha aithne fhaighinn air an oighre as fhaisge agus air an ath oighre as a dhéidh, feumaidh an t-uachdaran a bhith dearbhadh gun tug e rabhadh dhaibh le chéile agus nach do dhiarr fear seach fear aca còir air achroit.

Bu chòir a bhith atoirt an aire anns an dol seachad gu bheil e uaireannan comasach do bhanntrach croiteir achroit a mhealadh a dhaindeoin còir an oighre. Tachraidh sin an uair nach eil ionmhas a fir nas motha na £500 agus nach eil duine ann de àl fhéin. Ann a leithid sin a shuidheachadh tha Achd Pàrlamaid ann a tha toirt còir don bhanntraich air achroit agus gach a bhuinneadh da fear. Ach ma tha luach na chaidh fhàgail nas motha na £500, ged a dhfheumar an t-suim sin a chur an làimh na banntraich, faodaidh an t-oighre gréim a chumail air achroit.

DILEABAICH ACHROITEIR:

Faodaidh e bhith gum bu mhath leis achroitear fearann fhàgail aig an oighre as fhaisge air a réir an lagha agus ma tha sin mar sin, chan eil feum idir air tiomnadh. Ach faodaidh e bhith air achaochladh cuideachd. Nach tric a thachras e anns aGhàidhealtachd fhéin gun sgap teaghlach air feadh an t-saoghail ach gum fuirich aon duinemac no nigheanaig an tigh acoimhead as déidh na dachaidh agus na seann daoine. Nuair a thig iad-san gu ceann an turuis is docha gur e duine den teaghlach a tha air falbh a mhealas achroit mar oighre, agus gu bheil an duine a rinn a dhleasdanas air fhàgail aig acheann mu dheireadh gun dachaidh, gun chuid. No a rithist, faodaidh e bhith gum fàg croitear banntrach agus gur e cuideigin fada as ann an càirdeas a tha an lagh asteòrnadh a mach mar oighre air an dachaidh. Cha bu chòir gun tachradh a leithid sin agus cha leigeadh e leas tachairt nan toireadh an croitear fa-near gum faod e-fhéin an t-oighre a thaghadh am measg a luchd-dàimh.

Faodaidh croitearfhearann fhàgail mar dhìleab aig duine sam bith a burrainn sealbh a ghabhail air mar oighre. Is e sin ri ràdh,


[80] aig duine sam bith am measg nan càirdean a dhainmich mi a cheana. A bharrachd air a sin, faodaidh e fhàgail aig a mhnaoi no aig a chliamhainn; is iad an aon dithis nach eil càirdeach, a réir na fala, as urrainn croitear ainmeachadh mar dhìleabaich. Chan fhaod e duine air taobh a mhnatha ainmeachadh.

Ged a tha e soilleir gu leòir gum faod croitear achroit a chur seachad air an fheadhainn as fhaisge dha, mar a tha a chlann fhéin; agus a toirt do chuid-eigin a tha fada as ann an càirdeas, chan eil e an còmhnaidh farasda don oighre as fhaisge air a bhith tuigsinn gu bheil sin laghail no ceart. Ach cuimhnichidh e gu faod an croitear uair sam bith a bheatha achroit a leigeil dheth agus luach a chodach innte fhaighinn bhon uachdaran, agus gu faod e an t-airgead a gheibh e mar sin a thoirt seachad do dhuine sam bith a thogras e. Ma bheachdaichear air aghnothach mar sin, chitear nach eil aobhar gearain aig an t-oighre nuair a chuirear achroit seachad air.

Tha aon ni sònraichte eile nach fhaodar a leigeil air dhì-chuimhne, agus is e sin nach eil e laghail croit fhàgail aig barrachd air aon duine. Chan eil e ceadaichte, mar sin, croit fhàgail eadar dithis mhac no aig banntrach fhads as beò i agus an déidh a bàis aig duine den chloinn.

Tha sin aleigeil fhaicinn gum bu chòir do dhuine a bhith glé fhaiceallach ann a bhith deasachadh tiomnaidh agus a bhithdèanamh cinnteach gun téid a stòras an déidh abhàis a dhionnsaigh duine ris am bu mhath leis math a dhèanamh. Tha e farasda a bhith adol iomrall agus is e duine glic a dhiarras stiùireadh bho chuid-eigin don aithne an gnothach.

Cha bhitheadh e ceart, air an làimh eile, a bhith saoilsinn gu bheil e doirbh tiomnadh a dheasachadh. Cuiridh an lagh an céill toil duine a thaobh a chuid ma dhfhoillsicheas e a thoil ann a leithid de dhòighs nach eil teagamh sam bith gu a bhana inntinn, agus ma tha e dearbhte gur e a thoil fhéin a tha ann. Aleigeil fhaicinn an seòrsa tiomnaidh a dheanadh an gnothach, canaibh gu bheil croitear ann (bheir sinn Seumas Stiùbhard mar ainm air) a tha deònach uile stòras fhàgail aig a mhac (bheir sinn Ruaraidh mar ainm air-san). Dhfhaodadh tiomnadh Sheumais a bhi rud-eigin mar so:

Tha mise, Seumas Stiùbhard, croitear ann am Baile an Dùin, Eilean Fada, afàgail mar dhìleab aig Ruaraidh mo mhac muile ionmhas eadar chroit is stoc is airgead is gach eile a bhuineas dhomh aig mo bhàis; agus mar fhianuis air a sin, tha mi acur mainm ris an tiomnadh so ann am Baile an Dùin air an dara den Mhàirt anns abhliadhna naoi ceud deug fhicheads a dhà dheug an làthair an dithis fhianuis Uilleam Domhnullach, maighstir-sgoile ann am Baile an Dùin, agus Domhnull Caimbeul, ceannaiche anns abhaile sin.”

Uilleam Domhnullach, fianuis.”

Seumas Stiùbhard.”

Domhnull Caimbeul, fianuis.”


[81]

Chuireadh Seumas ainm ris an tiomnadh so an làthair dithis fhianuis agus chuireadh iad-san an ainmean fhéin ris aig an aon ám, gach fear asgrìobhadh an fhacailfianuisan déidh ainm le làmh fhéin, dìreach mar a tha sin air a dhealbhachadh ann an tiomnadh Sheumais. Ma theidear timcheall air aghnothach mar sin, seasaidh an tiomnadh ann an Cùirt lagha.

Tha e comasach do dhuine tiomnadh a dheanamh gun fhianuis idir a bhith làthair, ma sgrìobhas e an tiomnadh air fad le làimh fhéin. Ach an déidh a bhàis, ma tha duine sam bith acur teagamh ann an leithid sin de thiomnadh, feumar a bhith dearbhadh gur e làmh-sgrìobhaidh achroiteir fhéin a tha ann.

Anns an àite mu dheireadh, gu a dhfheumar a dhèanamh an uair a chaochaileas croitear a tha fàgail a chroit aig cuid-eigin mar dhìleab? Tha Achd nan Croitear ariaghladh aghnothaich mar so:—

(1) Feumaidh an dìleabach leigeil fhaicinn don uachdaran (no don bhàillidh) gun deach achroit fhàgail aige. Feumaidh e sin a dhèanamh mus ruith mhìos bho bàis achroiteir, no, mur eil e comasach dha sin a dhèanamh (faodaidh e bhith tinn no air falbh bhon tigh), cho luaths as urrainn dha.

Ged a bhitheadh an dìleabach fadalach a thaobh so, faodaidh nach leig an t-uachdaran leis a sin seasamh anns an rathad, ach chan eil e glic a bhith ag earbsa gum bi sin mar sin.

(2) Nuair a chuireas an dìleabach fios air an dìleab a dhionnsaigh an uachdarain tha sin asealltainn gu bheil e deònach sealbh a ghabhail air achroit.

(3) Mur eil an t-uachdaran deònach achroit a chur an ainm an dìleabaich, feumaidh e rabhadh a thoirt dha air a sin mus ruith aon mhìos bhon an latha a fhuair e fios air an dìleab.

Ma théid amhìos seachad gun ghuth bhon uachdaran, thig an dìleabach a steach an àite achroiteir.

(4) Ma tha an t-uachdaran acurna aghaidh, faodaidh an dìleabach achùis a chur air beulaibh Cùirt an Fhearainn. Ma tha breth na Cùirte fàbharach don uachdaran, théid an dìleab a chur an dara taobh agus thig oighre achroiteir a steach air achroit. Ach ma théid achùis leis an dìleabach, mealaidh e an dìleab.

Is ann ainneamh a chuireas uachdaran an aghaidh dìleab, agus is ann glé ainneamh a théid an gnothach leis.

Tha móran eile ann co-cheangailte ri còirichean oighre is dìleabaich air nach urrainnear iomradh a thoirt ann an cunntas aithghearr mar so. Ach nan gabhadh gach croitear air leth suim den bheagan a chaidh a ràdh agus na foighnicheadh e dheth fhéin acheist a dhainmich misan dol a mach—“ a shealbhaicheas mo chroit an déidh mo bhàis? ”—is mór an t-ana-cothrom agus an aimhreit agus an t-strì lagha a ghabhadh a sheachnadh.


[82]
titleSeo an Lagh (1): Tiomnadh a’ Chroiteir
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Dòmhnull Iain MacCumhais in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page