Aithisg Bhliadhnail an Runaire
Le DOMHNULL GRANND.
So an t-iomradh a thug Rùnaire Comunn Gallda Dhuisdeil Mhóir agus Dhuisdeil Bhig—no an t-iomradh bu mhath leis a thoirt—do na buill aig a’ cheud choinneimh bhliadhnail—agus an té mu dheireadh.
“A mhnathan agus a dhaoin uaisle, tha e a’ toirt toileachaidh, gu dearbh fìor thoileachadh, dhòmhsa, a bhith a’ cur mu’r coinneamh mo chiad aithisg bhliadhnail mar rùnaire Comunn Gallda Dhuisdeil Mhóir agus Dhuisdeil Bhig, Aonaichte. Tha mi cinnteach gun aontaich sibh uile gum bu mhath an ceum a ghabh na fògaraich a dh’fhàg Duisdeal Mhór, agus Duisdeal Bheag, nuair a chuir iad air chois an comunn ùr so an uiridh.
“Tha cuimhne agaibh mar a bha na Gàidheil eile ud, mas e Gàidheil a th’annta, ag ràdh ruinn gu robh comuinn gu leòir anns a’ bhaile so mar thà. A bheil iad a’ smaointeachadh gun dì-chuimhnich sinn mar a rinn iad ruinn aig an céilidhean-san, a’ coimhead oirnn uaireannan mar choigrich; agus uaireannan eile, feumaidh mi aideachadh, mar naimhdean? Ciamar a b’urrainn muinntir Dhuisdeil a bhith riaraichte leis a’ bhiadh—an dà chuid biadh spioradail agus biadh làitheil—a bha acasan aig an cuid coinneamhan? B’ann dìreach ’na ám a fhuair sinn cothrom a bhith a’ cruinneachadh mar so, gu bhith a’ seinn òrain Dhuisdeil—òrain a tha fada os cionn òrain eile am bàrdachd ’san ceòl, agus a bhith a’ gabhail dà chupa tea agus dà bhonnach mhilis an àite aon chupa agus aon bhonnach mar a tha aca aig na coinneamhan a dh’ainmich mi.
“Nach minig a bha sibh air ur claoidh ag éisdeachd ris a’ Ghàidhlig leibidich a bh’aca. Rinn sinne anns a’ chomunn so, gnothach mór ann a bhith a’ cumail fuaran na cànain glan réidh mar bu chòir dhith a bhith. A nise, tha mi a’ dol a dh’innseadh dhuibh rud a chòrdas ruibh. Bha mi a’ dol a sgrìobhadh òrain do’n chomunn so. Cha robh de dh’ùine agam ach na chuir crìoch air a’ cho-sheirm, ach an uair a dh’innseas mi dhuibh gun tug mi ceithir-la-déug air, aontaichidh sibh gum feudar gu bheil e math. So agaibh e—
“Deagh shlàinte Dhuisdeil Mhòir
Deagh shlàinte Dhuisdeil Bhig.
Ni sibhse othail mar as còir
Is cumaibh càch gun diog.”
“Nach e an t-àgh a chuir ’nar rathad Ceann-suidhe cho comasach ’sa tha againne ’nar ciad dol-a- mach? Tha fhios agaibh uile dé’n t-ainm a choisinn e dha fhéin mar òraidiche, agus thoireamaid meal-an-naidheachd dhà mar a rinn e an gnothach air fear-na-cathrach aig a’ chruinneachadh bhliadhnail. Ghabh fear-na-cathrach da fhichead mionaid is a trì, ach ghabh ar Ceann-suidhe leth mionaid a bharrachd. Sin agaibh ùine, tha sinn an dòchas, a ghleidheas an t-àite mullaich fad iomadh bliadhna.
“Bha seachd coinneamhan aig na buill fad an t-seisein—a dhà a’ cluich chairtean; céilidh; céilidh is cairtean; cairtean is céilidh; cairtean is dannsa, agus an cruinneachadh bliadhnail. Cha robh e ’na chleachdadh thuige so a bhith a’ cluiche chairtean aig a’ chruinneachadh bhliadhnail, ach bha innleachd ùr againne am bliadhna a tha fìor ghealltanach. Thug sinn cothrom do fheadhainn a bhith a’ cluich chairtean ann an seòmar ri taobh an talla mhóir. Cha b’urrainn dhuinn ach seòmar beag a thoirt dhaibh am bliadhna, ach tha mi toilichte a ràdha nach do chuir an ùpraid anns an talla mhór dragh sam bith orra. ’S dòcha, an ath bhliadhna, gum biodh e glic an cruinneachadh bliadhnail a chur do’n t-seòmar bheag agus na cairtean a chur do’n t-seòmar mhór.
“Sin, matà, mar a tha sinne a’ deanamh ar dìchill, an tomhas beag, gu bhith leantainn dlùth ri cliù ar sìnnsrean an Duisdeal.
“An co-fharpuis nan cairtean, eadar comuinn Ghlaschu, fhuair a’ bhuidheann againne an dara duais. Nan robh barrachd de chothrom aca air cluich roimh-làimh, cha b’e an dara duais a bhitheadh aca. Bheothaich an fheadhainn a tha a’ deanamh am beòthachd air cluich chairtean beagan mì-rùin anns na coinneamhan againne mar an coinneamhan eile, ach nuair a thainig e gu sabaid, thug sinn dhaibh cho math ’s a fhuair sinn. ’S gnothach duilich a th’ann nach eil na fir cho ealanta ris na mnathan air an obair ghrinn so; bhitheadh e iomchuidh sgoil-fheasgair chairtean a chur air chois gu beagan teagaisg a thoirt dhaibh. Bho nach robh móran aig an aon chéilidh a bh’againn, is dòcha gum bu chòir duinn cairtean a chur ’na àite an ath turus.
“Tha sinn fada an comain a’ phaipeir ainmeil sin “Tìm nan Eilean” airson a’ chòmhraidh thròcairich a bh’ann mun chruinneachadh bhliadhnail againn, agus gu h-àraidh a chionn gun do chuir iad sìos àireamh air an àrd-ùrlar na bu mhotha na bha aig comunn sam bith eile; chuir fear-nan-naidheachd aca sìos móran ainmean de fheadhainn nach robh air an àrd-ùrlar idir—nì a tha a’ foillseachadh an duine choibhneil ghlic a th’ann.
“An lorg nan riaghailtean air a bheil an comunn so air a stéidheachadh, thug sinn seachad suimean airgid air a’ bhliadhna so mar a leanas.—
Comunn Gàidhlig Dhun-éidinn (N.Z. ) £20
Mòd Vancouver £10
Obair-coille Lochlainn £5
Dachaidh Seann Daoine Dhuisdeil £2
Gairm £1
Dhiùlt sinn cuideachadh sam bith a thoirt do Chomunn Streupaireachd a’ Chuilthinn, a chionn gun do mhaoidh an t-ionmhasair againn aon uair eile gun tilgeadh e bhuaithe riaghladh an ionmhais nan toireamaid dhaibh £25, mar a b’àill le cuid. Tha mi deimhin gu bheil rudeigin de mhathas ann an raigead an ionmhasair, nam bitheadh ùine aig duine coimhead air a shon.
“Tha sinne cho dealasach ris na comuinn eile ann a bhith a’ sealltainn do dh’òganaich ’s do chaileagan mar a chaitheas iad na feasgair a th’aca saor, agus mar sin, chuir sinn air chois Buidheann Baidmeantan Dhuisdeil. Thaisbean iadsan do bhuidhnean eile mar
“Fhuair an comunn so cuireadh iad fhéin a cheangal an dàimh ri comuinn mhór eile, coltach ri Comunn nan Cruithneach, Comunn nan Crònan, Co-chomunn nan Comunn, agus mar sin air adhart. ’Se ar riaghailt-seòlaidh-ne sinn féin a cheangal ri comunn sam bith nach eil cheana ceangailte rinn. ’Se bhuil a th’ann gu bheil sinn ceangailte a mhàin ri Co-chomunn nan Comunn. Phàidh iadsan a’ chìs a dh’iarr sinn, dà ghini: agus phàidh sinne dhaibhsan a’ chìs a dh’iarr iadsan, aon ghini. Tha mi an dòchas gum bi ar beachdan an còmhnaidh farsuinn gu leòir gu ceadachadh dhuinn dàimh a bhith againn ri comunn sam bith air na cùmhnantan sin.
“Tha fhios agaibh uile nach d’fhuair a’ choisir a chuir sinn do’n Mhòd mhór an Dumfries a’ chiad duais ris an robh dùil againn. Faodaidh mi a ràdh, gun uaill no guth mór, nach robh duais sam bith eile math gu leòir airson seinneadairean Dhuisdeil. Tha fhios agaibh cuideachd mar a thachair anns an rannsachadh a bh’againn an déidh a’ Mhòid, mar a chuir muinntir Dhuisdeil Mhóir a’ choire air muinntir Dhuisdeil Bhig, ag ràdh gu robh blas Gàidhlig Chelbhinside air an seinn, agus mar a bha muinntir Dhuisdeil Bhig a’ cumail a mach gu robh muinntir Dhuisdeil Mhóir a’ coimhead air na breitheamhan an àite sùil a chumail air an fhear-iùil.
“Le rùn tuilleadh còmhstri agus as dòcha sileadh fala a sheachnadh tha a’ chomhairle a nis a rùnachadh gum bi dà chomunn ann an ath bhliadhna—Comunn Dhuisdeil Mhóir agus Comunn Dhuisdeil Bhig. B’ann fialaidh a bha muinntir Dhuisdeil riamh, agus chan eil e ’na annas dhuinne gun do rinn iad còrdadh càirdeil mu roinn iommhas a’ chomuinn so, gun a dhol gu lagh m’a dheidhinn. Mar sin, bithidh an crùn a bh’aca air fhàgail air a roinn, 2/9d do Dhuisdeal Mhór agus 2/3d do Dhuisdeal Bheag.
“Faodaidh mi innseadh dhuibh gu bheil a nise dà òran agam deas, òran do gach comunn. Cluinnibh an t-séisd:—
Oran Dhuisdeil Mhóir:—
Suas le Duisdeal Mhór
Sìos le Duisdeal Bheag
An strì no sìth am fagus oirnn
Cha tainig iad ’s cha tig.
Oran Dhuisdeil Bhig:—
Suas le Duisdeal Bheag
Sìos le Duisdeal Mhòr
Ge b’e raon ’sam fiach iad ruinn
Bheir sinne dhoibh an leòir.
“Bu mhath leibh, tha mi cinnteach, fios a bhith agaibh dé an comunn a tha mise mi fhìn a’ dol a leantainn. Matà, ghabh mi cuireadh a fhuair mi gu àite a ghabhail mar chiad rùnaire comuinn ùir a tha gu bhith air a stéidheachadh an ath bhliadhna, Comunn Gallda Chamuschrois.”
[86]title | Aithisg Bhliadhnail an Runaire |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Dòmhnull Grannd in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |