Mana an Nisich
le IAIN MOIREASDAN
BHA e ’na chleachdadh aig na Nisich o linn Oisein a bhith dol a dh’eilean Shùlaisgeir, le sgothan fosgailte, a dh’iarraidh ghugannan. Tha Sùlaisgeir suas ri dà fhichead mìle tuath is an ear-thuath air Rubha Robhanais. Chan eil an t-eilean ach leth-mhìle bho cheann gu ceann, agus tha e dà cheud troigh os cionn na mara. Chan eil bàgh ann anns an gabh eathar tìr, agus is ann suas aodann na creige aig ìochdar geodhaidh a tha na h-eathraichean air an tarruing.
Buinidh an guga do dh’àl an t-sùlaire. Their cuid de Earraghàidheal ‘amhsan’ ris, agus ann an àiteachan eile is e ‘caraid-nan-Gàidheal’ a tha air. Is minig a bha e ’na charaid do Ghàidheal is do Ghall an uair a stiùir a bhualadh an t-iasgair chun a’ chatha.
Tha sùil an t-sùlaire cho geur ri sùil na fainge; tha a neart cho làidir ri fhradharc. Nan tachradh maide bhith roimhe air an fhairge an uair a bhiodh e a’ feuchainn fodha, tha e air a ràdha gun deidheadh a ghob òirleach troimh an fhiodh. Bhiteadh uaireigin a’ cur éisg ’na laighe air maide air a’ mhuir airson an sùlaire a ghlacadh.
Chan iongnadh ged a bhiodh an sùlaire làidir—nan deanadh càil e! Thilg caraid dhomh uaireigin trì rionnaich dheug, fear an déidh fir, gu sùlaire a bha snàmh faisg air. Shluig e a h-uile h-aon aca, gus mu dheireadh nach b’urrainn dhà sgeith. Bha na rionnaich ann am meud cumanta.
Tha còrr air ceithir cheud bliadhna bhon dh’innis Domhnull Rothach dhuinn gum biodh na Nisich ’na latha fhéin a’ dol do Shùlaisgeir agus a’ fuireach seachd latha no ochd air an eilean, agus a’ toirt air ais leotha làn an eathair de dh’eòin is de dh’itean.
Cha togadh iad an seòl ri Sùlaisgeir gus an cuireadh nithean aig a’ bhaile solus air cor an eilein. An uair a bhiodh am muir cho séimh air creagan àraidh ann an Nis agus gun gabhadh eathar tìr orra, bhiodh e a’ cheart cho séimh air an aon àite tìr a tha ann an Sùlaisgeir. Bha an guga ag abachadh aig an aon ám ris an eòrna. Ach bha aon rud ann nach b’urrainn dhoibh fhàisneachd—an seòrsa aimsir a bha dol a choinneachadh riutha air an t-slighe null no nall.
Is tric a ruith sgoth gu math caol ag iarraidh nan gugannan. Chaidh an dàrna té de na h-eathraichean am bliadhna a chall aig an eilean, agus an ceathrar Mhoireasdanach a bha innte fhàgail am measg nan sùlairean gus an tug eathar-sàbhalaidh Steòrnabhaigh cobhair dhaibh an ceann ceithir latha. Chothaich an t-éile—Mairi Dhonn a Beàrnaraidh—troimh fhairge air leth le ochd ceud guga gus an tug i mach Steòrnabhagh. Mus do chuir i Abhainn Ocaisgeir as a déidh, is iongantach mur robh Niseach agus Uigeach ag aontachadh le facail Mhic an t-Srònaich “Nan gleidheadh tusa beanntan Uige, ghleidheadh beanntan Uige thusa.”
“Màiri Dhonn.” An déidh dhith tilleadh a Sùlaisgeir am bliadhna. (Stornoway Gazette))
Cha robh eathar Shùlaisgeir ann an 1912 fada air fàgail an uair a thainig stoirm neo-chumanta. Bha an sgìre ann an teagamh an do ràinig iad sàbhailte. An uair bu chòir dhaibh tilleadh, cha do thill. Chaidh am bàta-freiceadain (am fishery-cruiser) a chur chun an eilein ach chan fhaca i sgoth no duine. Ann an ceann mìos, thill na Nisich gu am “bantraichean” le sgoth mhath ghugannan, agus na bailtean an déidh an tighean-faire a chur seachad.
Chaidh dhà no trì chuairtean a bhriseadh ann an sgoth eile ri fasgadh Eilean Shanndaidh agus a’ ghaillionn air breith oirre anns an Stac.
Cha tàinig call air muinntir Shùlaisgeir riamh ach aon bhliadhna agus tinneas aithghearr air fear aca thoirt a mach—Alasdair Moireasdan a Dail fo Thuath.
A dh’aindeoin gach gàbhaidh anns an robh an Niseach, cha tàinig air riamh an rud a rinn an Hiortach a dhèanamh an uair a ghlas droch shìde e ann an Stac an Armuinn; rinn e dubhanan de na sginean airson breith air iasg a chumadh beò e.
Tha cunnart agus obair ann an lorg ri beò-shlaint an Nisich. Bhiodh duine cho streapach ri Niall Beag nan Creag mus cuireadh e cas air Sùlaisgeir. Tha cuid de na gugannan cho duilich faighinn thuca ris na maidean a chuir Domhnull Domhnullach Lionail ’nan seasamh air Stac Eilean Shanndaidh. An aon uair a chuir mise cas air tìr anns an eilean, bha dùil agam nach ithinn a’ chopag mus do ràinig mi a mhullach—a’ sporghail anns na sgeirbeanan.
Tha fear Shùlaisgeir ag obair dian bho mhoch gu dubh fhad’s a tha e air a’ chreig. Eadar marbhadh, slaodadh, spìonadh, dathadh, glanadh agus sgoltadh, chan eil duine dìomhain. Bhiodh uiread ri naoi cairtean mònach aig eathar Shùlaisgeir ’gan toirt leatha o chionn fhada, is cha bhiodh fàd de’n sin nach biodh air a losgadh airson an dathaidh. Bhiteadh cuideachd a’ cleachdadh closaichean nan gugannan a bha air an glanadh airson dathadh nan gugannan a bha air an spìonadh. Bha an seann duine ag ràdha gun robh mìle a shlighe eadar an Càrn Mór agus Sròn a muigh Lunnasdail a réir an rathaid chaim agus charraich air am biodh iad a’ dol. Bheireadh Iain Caimbeul Thàboist ’na latha, o mhoch gu dubh a’ giùlan fichead guga anns gach eallach troimh na bha’n sin de sgeirbeanan, is gun buille air anail aig deireadh an latha. Bu phailteas do dh’Aonghas Greum, no Aonghas Bàn, e an tréin an neirt.
Cha bu rud annasach uaireigin do dhà no trì mhìltean guga bhith tighinn do’n sgìre a h-uile bliadhna. Thug am “Pride of Lionel” ’na h-aonar dhachaidh bliadhna dà mhìle is seachd ceud guga. Is iongantach gum bheil uibhir de chluasagan glasa ann an sgìre ’san domhain is a tha ann an sgìre Nis.
A rèir coltais, bha na Hiortaich a’ dol na bu neimheile chun a’ ghuga na bha an Niseach fhéin. An uair a bha Màrtainn Màrtainn ann an Hiort, bho chionn còrr is dà cheud bliadhna gu leth, bha na naoi fichead duine bha ’san eilean ag ithe sia ceud is dà mhìle fhichead sùlaire ’s a’ bhliadhna. Nach ann aca a bha an latha dheth!
Triùir Niseach a’ streap suas cladach creagach Shùlaisgeir an tòir air gugachan. (Stornoway Gazette)
Tha cuid a’ faighinn coire dhuinne an diugh airson gu bheil sinn ag ithe eun blasda. Chan eil sinne ag ithe an diugh ach am biadh a bha air bòrd an rìgh an dé. B’e sia sùlairean anns a’ bhliadhna am màl a bha air a phàidheadh do’n rìgh airson a’ Bhass Rock.
Tha an guga measail fhathast. Cha chanainn nach eil cuid aca air an eàrrlaiseachadh mus tig iad as an ugh. Có-dhiùbh, tha earrainn mhath aca air an eàrrlaiseachadh mus tig iad as a’ chreig. Cha luaithe thig eathar Shùlaisgeir dhachaidh na chithear Nisich as gach ceàrnaidh a’ falbh bho thighean an sgioba le drannag. Mìos as déidh sin, cha cheannaicheadh òr na h-Ophir spòg ann an sgìre Nis.
Tha an guga a’ dol nas fhaide air falbh air a’ phost na tha an sùlaire air an sgéith. Chan ann a mhàin eadar Tigh nan Cailleachan Dubha an Uig agus Tigh Mhic Dhùghaill an Nis a tha iad air an ithe, ach ann an tìrean céine anns am bheil Nisich a’ gabhail còmhnaidh. Is minig a dh’ fhairich cailleach uasal ann an Glaschu, fàileadh ’na tigh fhéin air nach robh i eòlach!
Tha càil an Nisich cho fosgailte do’n ghuga ’s a tha càil an Hiortaich do’n eun-chrom. Canadh coigrich na throgras iad, ach is e an guga annlan a’ bhuntàta. Chan fhaca an Niseach a’ chearc sin air truinnsear a b’ fheàrr leis na guga air asaid. Cha bhiodh féidh Dhiùra, càis Cholla, tonnagan an Rubha, no bughaidean Tholastaidh ach mar shealbhag ann an sùilean an Nisich taca ris a’ ghuga ghlas.
title | Mana an Nisich |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Iain Moireasdan in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |