[19]

Nollaig Chridheil

le FIONNLAGH DOMHNULLACH.

CHA robh fa-near do bhalaich abhaile againne ach càraichean. Càraichean móra, dubha. Càraichean beaga dearga. Càraichean caola fada a dhèanadh ceud mìles an uair.

A nise, cha do bhuilicheadh gliocas mór sam bith ormsa nach do bhuilicheadh air càch, ach bhataing don t-Sealbhde thùrs de thoinisg agam a nochd dhomh nach robh biasdan den t-seòrsa ud gu móran maith air an atharrais rathaid a bhuilich Math agus Comhairle na Siorramachd air Scarasta Mhór. Mar sin, an uair a bhiodh càch ag aisling mu cheithir chuibhlichean, cha robh mise ach ag aisling air a dhà. Agus cha robh dhìth orm de stòras an t-saoghail mhóir gu léir ach . . . . bighsigeal!

Nollaig an déidh Nollaige, bhithinn ableideachadh mathar airson bighsigeal. Nam faighinn dad idir gheibhinn sglog an toll na cluaise, oir cha robh an duine bochd adol a chosg a chuids an t-saoghal air rud gun fheum a bha not na bu daoire na màl na croite.

Ach mur a faighinn-sa bighsigeal, gheibhinn iasad de dhfhear.

Chaidh mi leis an drochaid dheirg le bighsigeal bràthair mathar. Mar a rinn an Sealbh, sgailc mi mo cheann air creig agus chuir mi mi fhéin far na guailne. Cha do leig an truas le duine guth a ràdha, ged nach do rinn bràthair mathar ach am bighsigeal a reic ris acheud cheàrd a thàinig an rathad.

An atha turus, ghabh mi iasad gun fhoighneachd de bhighsigeal an duine dhuibh agus e mun cuairt aceannach luideagan. Leis an eagal a bhorm roimhn drochaid dheirg thug min tràigh orm, ach ged a chaidh ar slaodadh as aghainmhich bheò cha chreid mi gun dfhuair an duine dubh bochd na gràinneanan gainmhich as na h-aisealan riamh.

Rinn mi an ath oidhirp air feasgar brèagha samhraidh. Thainig balach Leódhasach an rathad, agus an uair a dhiarr mi greis den bhighsigeal aige thug e dhomh e gun ghuth gun fhacal. Mar a rinn am -shealbh, bha bean amhinisteir agabhail cuairt shocair air druim an rathaid. Leis gun robh dùil aice ri leasachadh teaghlaich, cha robh i cho sgiobalta air a casans a bàbhaist dhith bhith, agus chuir mi fhéins i fhéin car amhuiltein dhinn còmhla am fianuis abhaile. Cha do dhéirich móran dhòmh-sa, ach bha bangaid anns amhansa na bu tràithe na bha dùil. Mar a rinn am fortan, cha do dhéirich dad as an rathad, ach fada roimh ám a bhaistidh-eaglais bha an leanabh ainmeil fad is farsuinn marMurchadh Bighsigeal.”

An t-seachdain an déidh an tubaisde so, fhuair mise fios gum faodainn a dhol air adhart gu Oilthigh Ghlaschu ann an seachdain no dhà. Ach ged nach robh aon duinesan sgìreachd a thug dhomh an clàr an aodainn e, shaoileam gun robh fear bighsigeal an suds an so a thubhairt gum bfheàirrde am baile an cartadh.


[20]

Airson acheud turuisna mo bheatha, bha mise agus gliogna mo phòcaid cho luaths a ràinig mim baile. Le fialaidheachd do-thuigsinn, chùm Siorramachd Inbhirnis mo dhìol de chuid an t-saoghail rium, agus airson na bha agam ri dhèanamh anns an Oilthigh fhéin bha mi mar gum be duine air an dól. Gu dearbha, ’s ann a bha mi na bfheàrr na sin, oir cha robh fiamh no eagal orm na deich nota fichead a bhagam a chòrr a chàradh anns abhanc a bhan ath dorus.

Ach tha Glaschu daor don duine nach eil eòlach air cinn-uidhe nam busaicheans nan tramaichean. Agus, co-dhiùbh, tha iad sin le chéile adol mu thàmh ro thràths an oidhche. Achse a thanns an tagsaidh rud eile. Tha e daonnan an sud ri do ghualainn an uair as motha tfheum, agus ma tha deich nota fichead agad anns abhanc as fhiach leth-chrun no trì tasdain.

Agus am banc fhéin! Sud far am bheil an t-sochair seach mogan no seotal. Càirich àireamh notaichean ann, agus chan eil agad tuilleadh ach tainm a chur ri luideag phaipeir, agus pàidhidh tu do chuid fiachan gun dragh gun chunntais. Agus, rud eilecuiridh an luideag ud gu mór ri do chliù seach mar a not ghrannda shalach a rùraicheas tu mach a measg do thombaca.

Sin, matà, na rudan a chuir gu mór ri mo bheatha-sa ann an Glaschu. Sin agus Murchadh, an deagh charaide agus an seann eòlach a bha aroinn a rùms a leapa rium. Ghabh esan gu math ris na tagsaidhean cuideachd, aguss iomadh splaoid ghlan a bhagainn annta.

Ach rugadh mise le ròineag aghliocais a thaobh airgid. Aon lathas mi shìos am baile, bhuail orm gum bitheadh an tagsaidh daor dhuinn aig acheann thall, agus air dhomh beachdachadh air achùis chuir mi romham nach robh ach aon rud a fhreagradh air fear mo shiubhail anns abhailebighsigeal.

Thog mi mo lùdag ri tagsaidh agus, thar mo ghuailne, thilg mi ainm bùtha bhighsigealan chun achaoilteir a bhaig achuibhill. Ann an mhionaid bha mi aig abhùthaidh, agus ann an teis-meadhon sgaoilteach bhighseagalan cho snogs a chunnaic sibh riamh. Bha mi dìreach adol a cheannach fear brèagha liath an uair a chuimhnich mi nach biodh e freagarrach airson na h-eaglaise, agus, an àite sin, thagh mi fear seang dubh air an robh trì gìrichean. Le suaib thug mi ordugh banca do fhear na bùtha agus dhfhalbh mi leis abhighsigeal.

An t-airgead a shàbhail sinn fad nan trì làithean an déidh sin! Cha robh dad nach deanadh tu air abhighsigeal ud ach suirghe, agus cha do rinn sinn ach an t-suirghe a leigeil leis an t-sruth. An truas a bhagainn ri muinntir chàraicheans iad astrì ri sluaghs ri soluis sràide fhads a bha sinnefear air an diollaids fear air an t-sumaigsìos is suas an t-sràid mar an teine sionnachain.

Thainig an uair sin an latha roimhn Nollaig. Bha sinn agabhail na smochd mhaidne aig an teine, ’s abruidhinn mu rudan beaga a cheannaicheamaid airson nan càirdean, an uair a thàinig am post. Cha robh ann dhòmh-sa ach aon litirluideag bhon a’ bhanccunntas air an riadh a choisinn mo chuid, mar a shaoil leam fhéin, ’s cha do chuir mi diù innte. Agus litir bhon tigh do Mhurchadh.


[21]

An uair a chuala mi naidheachd Mhurchaidh, shrac min luideag agam fhéins mi deanamh mèaran. Ach nam faiceadh sibhse an sgrìobag shuarach a bhan sud. Litir bhon bhancair’s cha do ghabh e fiùs mainm baiste ormag ràdha nach gabhadh e cuid no gnothaich ris an òrdugh leis an do phàidh mi am bighsigeal na bu lugha na phàidhinn cóig nota deug dhà-san ann an trì lathaan latha a dhfhosgladh am banca an déidh na Nollaige.

Cha robh fiosam n taobh a thionndaidhinn! Mur a toireadh mathair dhomh bighsigeal aig an Nollaig roimhe, cha phàidheadh e fear dhomh niseseachd àraidh an déidh dhomh barrachds a choisinn e fhéin fad agheamhraidh air abheairt a chosg air tagsaidhean! Cha robhna mo phòcaid ach leth-chrùn, agus sgillinn Eireannach a lorg mi air an t-sràid! Cha robh aig Murchadh ach deich tasdain, agus e air a bhith ann an làn bheachd iasad iarraidh orm fhéin! Cha robh sgamhan anns abhaile gu léir air an robh sinn dàna! Cha robh air ach am bighsigeal a reic!

A nise, chan eil càil air an t-saoghal as fhasa ann an Glaschu na bighsigeal a cheannach. Ach feuchadh sibhse ri fear a reic an latha roimhn Nollaig aguss e a thann rud eile. Ach thug sinn truiseadh air le seann neapaige agus dhfhalbh sinn leis.

Cha tig aon rud gun rud! Agus an latha ud thàinig an sneachda. Chan e sneachda tioram glan air an robh sinne eòlach, ach sneachda bog glas abhaile mhóir. Ann an leth-uair bha mi fhéin agus Murchadh mar gum bitheamaid acoiseachd ann an clais liteadh.

Bùth an déidh bùth! Abradh sibhse gun robh iad laghach. Cheannaicheadh iad bighsigeal, ’s iad a cheannaicheadhairson trì notaichean! Cheannaicheadh iad bighsigeal aig toiseach an t-samhraidh’s iad fhéin a dhèanadh sin. Cheannaicheadh iad càr. Cheannaicheadh iad cairt. Cheannaicheadh iad rud sam bith ach am bighsigeal againne air an latha air an robh a dhìth oirnn a reic.

An uair a thug sinn dùil thairis, rinn sinn air na bùthan-gìll, far an robh sinn cìnnteach am faigheamaid cnapach de dhiasad mu choinneamh abhighsigeal. Fhuair sinn am -mhodh, ach cha dfhuair sinn an còrr! Dhfhàg iad oirnn gur ann fo choill a bha sinn. Dhfhàg iad oirnn gur e am bighsigeal a ghoid a rinn sinn. Cha robh dad air an t-saoghal nach do dhfhàg na trusdair ud oirnn, agus mu dheireadhbog chun a’ chraicinnthug sinn an tigh oirnn.

Bha na craobhan Nollaige a’ boillsgeadh anns gach uinneig air an t-slighena boillsgeanan beaga air na meanglain mar gum biodh iad abriobadh-mhagaidh oirnn. Dhéigh dithis bhodachNollaig Chridheilruinn anns an dol seachads cha do sheall sinn an taobh a bhà iad.

Bha teine brèagha air. Bha ar tea air abhòrd. Ri taobh truinnsear gach fir, bha litir. Ordugh banca dhomhsa bho Shiorramachd Inbhirnis; deich notaichean do Mhurchadh bho sheanmhair!

Dhéirich sinn agus dhfhàg sinn an tea gun bhlasad oirre. Chuir sinn oirnn ar deiseachan agus chaidh sinn sìos am baile airson dìneir.

Agus ghabh sinn tagsaidh gach rathad.

title‘Nollaig Chridheil’
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Fionnlagh Dòmhnullach in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page