Tir nan Og
le CAILEAN T. MACCOINNICH
Cian thar an t-sléibh ’s ri cois na h-aibhne àlainn
Thar nam beann àrdghorm, sìos ri taobh a’ chaoil,
’S ri balbh-chrith ghaoth ’s ri gréin ’na laigh an sàmhchar—
Eilean fo sheun a’ chuain ’s fo chulaidh fhraoich.
Is fad an ròd nuair bhios an tràth a’ ciaradh
Tha reultan soluis toirt dhomh cuiridh ’s fàilt’;
An t-anmoch binn le guth nan eun ’s an lìonaidh
Is sruthan ruith gu uchd a’ chuain le gàir.
Mac-talla freagairt fuaim an guth ’s gach seòmar,
Is ceum an cas a’ teachd o mhuir ’s o bheinn—
A’ chuideachd ghasd’ tha cruinn an sin ri ceòlraidh,
Le sgeula gaisgeachd, fìon, is dàin ’gan seinn,
A’ lorg air beucadh tuinn ’s air monadh ùdlaidh
An ceum nach siubhail ach na suinn as feàrr;
’S troimh thoirm nan dùl thig mis’ thoirt fàilt’ is ùmhlachd
Do an cheann-fheadhn’, is suidhidh mi ’nam àit.
title | Tir nan Og |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Cailean T. MacCoinnich in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |