Bho Bhaile Bhóid gu Baile Bhóid
le NIALL MACGHILLE SHEATHANAICH.
DA fhichead bliadhna ’s a ceithir! Is e sin an àireamh bhliadhnachan a bha eadar an ceud Mhòd a bha ann am Baile Bhóid agus am Mòd a chumadh anns a’ bhaile sin am bliadhna. Nach iomadh rud a thachair feadh an t-saoghail ré nam bliadhnachan sin agus is ann an uair a smaoinicheas mi air mo cheud Mòd a thig e fo m’aire gu bheil mi cho sean is a tha mi.
Bha Mòd 1908 air a mheas ’na Mhòd mór soirbheachail agus bha e sin, ach an coimeas ri Mòd na bliadhna so cha robh e ach mar a tha na Mòdan Dùthchail an diugh. B’e àireamh nan ainmean a bha ris a’ chlàr-iomairt 458, agus mi fhéin ’nam measg! B’ann air son a’ Mhòid sin a dh’ionnsaich mi “An Dubh Ghleannach,” aon de na h-òrain mhóra a dh’fhaodamaid a sheinn. Cha d’fhuair mi duais ach cha robh mi fada bhuaith. Sheinn Maighstir Iain á Beinn a’ Bhaoghla an t-òran sin aig a’ chuirm mhór a chumadh anns a’ Chaisteal agus bidh mi fhathast ag ràdh nan robh mi air a chluinntinn seachdain roimh an ám gun deach leam na b’fheàrr! Taobh a mach de sin is e a’ chuimhne as fheàrr a tha agamsa air Cuirm a’ Chaisteil am fliuchadh a fhuair mi a’ sealltainn do dhaoine far am faigheadh iad àite suidhe. Cha bu dhòrtadh no snidhe ach a leithid.
Bha Còisir Oigridh againn fo stiùireadh an t-seann duine chòir, Seumas MacArtair, agus choisinn iad a’ cheud duais am measg an luchd-ionnsachaidh. Lean iad air dol gu Mòd bliadhnachan an déidh sin, agus bha iad an còmhnaidh a’ deanamh gu maith.
Dà bhliadhna mun deach am Mòd gu Baile Bhóid chuir sinn Meur de’n Chomunn air bonn anns a’ bhaile, agus rinn sinn cuideachadh leis an Fhéill Mhóir a chumadh ann an Glaschu ann an 1907. Tha riadh an airgid a chruinnicheadh aig an Fhéill sin a’ cumail, ann an tomhas mór, a’ Chomuinn air a chasan gus an so. Bha céilidhean gasda againn, agus an lorg sin dhùisgeadh spéis do’n chànain agus iarrtas a h-ionnsachadh. Ré dhà Gheamhradh bha mi a’ teagasg Gàidhlig ann an sgoil a’ bhaile, aon oidhche ’san t-seachdain. Ged a b’ann an Gàidhlig a fhuair mise m’ fhòghlum cha deach a’ chànain a theagasg dhomh mar chuspair sgoile. Mar sin bha mi am feum a bhith gu math faicilleach gu robh leasan na h-oidhche agam air a dheagh chnuasachd, oir bha, am measg nan oileanach, luchd-teagaisg a chuireadh ceistean glé chudthromach orm. Chaidh dhuinn gu math ach bha mi riamh de’n bheachd gun do dh’ionnsaich mi fhéin barrachd air neach de’n chuideachd. Chumadh an sgoil so air aghaidh le Iain MacDhomhnaill an déidh dhomhsa am baile fhàgail.
An uair a tha duine òg agus speuran a’ chinn air togail le cuspair sam bith a dh’fhaodas a bhith air aire, ni e iomadh seòl air a thoil a riarachadh. A dh’fheuchainn an robh Gàidhlig aig muinntir a’ phuist an Grianaig sheòl mi cairt-phostail thugam féin mar so: “Niall Mac Ghille Sheathanaich, 103 Sràid Montague, Baile Bhóid.” Chaidh
An déidh Baile Bhóid bha Sruighlea agus fhuair mi a’ cheud duais air son leughaidh agus aithris. Fhuair mi duais an leughaidh a’ bhliadhna roimhe sin agus sguir mi dheth an déidh Shruighlea. Chuir mi aithne air Niall MacLeòid, am Bàrd Sgitheanach, aig Mòd Shruighlea—duine uasal gasda a bha an còmhnaidh a’ misneachadh ghillean òga mar bha mise aig an ám.
Goirid an déidh a’ Mhòid sin chaidh mi air cuairt-chuain gu Muir a’ Mheadhon-Tire far an do chuir sinn seachad mu ochd mìosan. Thadhail sinn ann an còrr is trì fichead baile puirt; ’nam measg bha Naples bho an deach mi gu Pompeii, am baile sin a chaidh a sgrios mu cheithir fichead bliadhna mun do rugadh Crìosd, an uair a bhrùchd Vesuvius thairis agus a chomhdaich i am baile cho tur agus nach d’ fhuaradh a mach e gu ochd ceud deug bliadhna ’na dhéidh. Ann am Venice bha gondola agam dhomh féin g’am thoirt air tìr gach maduinn a’ dol fo Dhrochaid na h-Ochanaich chun a’ mhargaidh. Bho Piraeus chaidh mi trì uairean gu baile na h-Aithne; sheas mi air Areopagus agus chuir mi mo chas, far an do chuir na muillionan romham, air làraich coise an Abstoil Pòl. Ràinig sinn cho fada ri Baile Mór an Turcaich agus chaidh an sgiobair, Ailean MacThòrcadail, is mi fhéin a dh’fhaicinn na h-eaglais ainmeil, Santa Sophia. Tha e mar fhiachaibh orrasan nach eil ’nan luchd-leanmhain air Mohamed am brògan a chur dhiubh, ach air son goireas luchd-turuis tha cuarain mhóra aca anns an teid a’ bhròg as motha agus thugadh sin dhuinn. Cha deachaidh sinn fada air ar n-aghaidh an uair a mhothaich mi fhéin buille fann air mo ghualainn agus có bha an so ach aon de’n luchd frithealaidh agus mo chuarain aige ’na làimh. Cha d’fhairich mise gun d’fhàg mi am dhéidh e! A thaobh is gun deach sinn cho fada co-dhiùbh air a’ chuairt-chuain sin chaidh sinn a mach am Bosphorus is b’urrainn dhuinn a ràdh le firinn gum faca sinn a’ Mhuir Dhubh.
Bha Gàidhlig aig a’ chuid bu mhotha de’n sgioba agus mar sin cha robh eagal gum fàsadh neach meirgeach innte. Bha earran litreachais a’ Mhòid an comhnaidh air m’aire-sa agus bhithinn a’ cur rannan ri chéile mar a gheibhinn cothrom. Bha sinn uair air acair mu choinneamh baile beag do an ainm Itea anns a’ Ghréig, am baile puirt as fhaisge air an àite iomraiteach, Delphi, far am biodh na sean Ghréigich ag aoradh do Apollo. Tha an teampull ’na seasamh an sud fhathast. Bu mhotha mo thlachd-sa, ged thà, a bhith a’ coimhead air Beinn Pharnasuis a tha ag éirigh còrr is ochd mìle troigh air cùl a’ bhaile bhig so. Bhiodh e dàna a ràdh gun tàinig mi fo bhuaidh na Ceòlraidh ach is ann an uair sin a thòisich mi air sgrìobhadh an duain, “A’ Chuairt Mhaidne,” leis an do choisinn mi a’ cheud duais aig Mod 1912. Air son Mòid 1911 thugadh dhuinn, mar chuspair, “Am Mòd,” agus b’éiginn tòiseachd as ùr air a’ chuspair sin. Shoirbhich leis an fhear sin mar an ceudna agus tha iad le chéile air an clò-bhualadh anns “An Deo Gréine.”
Air dhuinn tilleadh air ais gu Cluaidh chaidh sinn air son dà mhìos gu taobh an iar na Hearadh, gu Amhuinnsuidhe, far an do
Cha d’fhuair mi gu Mòd Dhun-éideann (1910) ach chaidh an duais air son òran ùr àbhachdach a roinn eadar mi fhéin agus Donnchadh Mac Naoimhean, Ile. Is e “An t-suirghe thubaisteach” a thug mise mar ainm air an òran agam fhéin agus bha Donnchadh air an aon chuspair fo’n ainm “A’ ruith nan gruagach.”
Goirid an déidh so bha Rùnair a dhìth air a’ Chomunn Ghàidhealach agus chuir mi m’ainm a steach. Bha mi air mo roghnachadh am measg triùir eile gu coinneachadh ris a’ Chomhairle ach cha robh e ’nam chomas frithealadh agus mar sin chaidh e seachad orm gun taghadh.
Bha mi aig an ám so ann an eilean Ruim, a’ cur seachad nam feasgar a’ sgrìobhadh rosg is bàrdachd. Bha An Comunn air tighinn gu ìre agus bha ullachadh mór ’ga dheanamh an Inbhirnis a chum Mòd na bliadhna sin (1912) a bhith airidh air teachd gu aois a’ Chomuinn. Mar thubhairt mi cheana choisinn mi duais na bàrdachd. Bha bàrd na bliadhna ri bhith air a chrùnadh ach gu mì-shealbhach cha do chuireadh fios thugam-sa mu dhéidhinn so agus chaidh an t-urram sònraichte sin seachad orm. Aon bliadhna deug an déidh sin chaidh an sàr sgoilear agus am fìor bhàrd, Seumas MacThómais, a chrùnadh aig Mòd am baile Inbhirnis. B’e so an ceud chrùnadh, is docha, ann am mìle bliadhna agus bu ro-mhath a b’ airidh Seumas air an àrd urram.
Mun deach an Geamhradh ’na dhéidh sin seachad thug Rùnair a’ Chomuinn suas an dreuchd agus air comhairle chàirdean thug mi m’ainm aon uair eile do’n Chomhairle. Chaidh mo thaghadh aig Coinneimh Araidh de’n Ard Chomhairle ann an Sruighlea air a 24mh là de’n Cheitein, 1913, agus mu mheadhon an Oig-mhìos chaidh mi an ceann na h-obrach a chùm a’ dol mi gu ruig so. Cha robh ach trì mìosan agam a dh’ullachadh air son Mòd Dhundeagh ach bha càirdean dealasach air mo chùl agus shoirbhich leinn gu math.
Chuireadh mi fhéin agus Ruairidh MacLeòid, an sàr sheinneadair, a’ riochdachadh a’ Chomuinn aig an Oireachtas a chumadh air a’ bhliadhna sin (1914) ann an Cill-àrnaidh. Sheòl sinn á Cluaidh gu Còrcaigh is chaidh leinn gu gasda ged a bha gnothaichean gu math troimhe chéile ann an Eirinn aig an ám. Bha gach ullachadh air a dhèanamh roimhe sin fa chomhar Mòd an Obain ach air do’n Chogadh Mhór briseadh a mach ’san Lùnasdal b’fheudar am Mòd a chur dheth agus chaidh cóig bliadhna seachad mun d’fhuaras cothrom air Mòd eile a chumail.
Mu mheadhon an Fhoghair, 1916, chaidh mi gu Sasunn gu aon de Réiseamaidean nan Camshronach. Cha d’fhuair mi caoidhte ’san t-arm gu toiseach an Earraich 1919 agus cha bu luaithe air ais mi na thòisich sinn air Mòd a chur air ghleus. Cha robh e comasach do’n Oban gabhail ruinn air a’ bhliadhna sin ach rinn Dun-éideann còmhnadh oirnn.
Am feadh is a bha an Cogadh Mór a’ dol air aghaidh ’san Roinn Eòrpa agus òigridh na dùthcha ach beag gu léir ’san Fhraing bha na
Ri linn a’ Chogaidh Mhóir cha robh e comasach do mhóran de Mheuran a’ Chomuinn an coinneamhan a chumail agus mar sin chaidh iad á bith. Na bliadhnachan a bha an t-Ollamh Urramach Seòras MacAoidh, ministeir Chill-fhinn, ’na Cheann Suidhe (1919-1922) chuir e fhéin agus mise cuairtean air a’ Ghàidhealtachd. A’ tòiseachadh aig Inbhir Thòrsa cha robh sgoil no talla eadar sin agus Ceannloch Chill-Chiarain anns nach do chuir sinn rùintean a’ Chomuinn an céill. A bhàrr air tìr-mór thug sinn sgrìoban do’n Eilean Sgitheanach, Muile, Ile, Diùra agus Giogha. Chuir sinn móran Mheuran air bonn as ùr agus móran eile far nach robh Meur riamh roimhe. Bha an t-Ollamh MacAoidh ’na Fhear-gairme air Comhairle a’ Chraobh-sgaoilidh aig an aon ám agus mur an robh esan eudmhor, dealasach cha robh neach eile a bha riamh air Comhairle a’ Chomuinn.
Chuir mi fhéin a’ cheud Feachd de Chomunn na h-Oigridh air bonn ann am Baile Chaisteil am Barraidh am mìos an Dàmhar, 1934, agus bho sin gu so chuir Domhnall MacPhàil agus mi fhéin còrr agus ceud Feachd air bonn. Ghabh sinn a steach ann an Comunn na h-Oigridh uile gu léir suas ri dà mhìle dheug balach agus caileag a labhradh Gàidhlig gu réidh siùbhlach. Ma chumas iad ri am bóidean chan fhàigh a’ Ghaidhlig bàs.
Tha móran eile a dh’fhaodainn a sgrìobhadh uime, ach theagamh gur leòir so aig an ám.