Air An Spiris
AN uair a tha an leanabh air na cóig bliadhna a dhùnadh, anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò, thig air a dhol dha ’n sgoil. Gu tric, ionnsaichidh e modh an sin, ged nach biodh aige dhith ach glé bheag nuair a bha e a’ riagail mu chùl an tighe. Ionnsaichidh e iomadach rud eile a tha feumail dhà: cruas, math-dh’fhaodte, no is dòcha irisleachd; farsaingeachd-inntinne, comas breithneachaidh, dìcheall. Tha e buailteach air rudan a chall cuideachd, mar a tha ionracas, is tomhas de shaorsa is de chomas an iongnaidh.
Tha Gairm a nis a’ dùnadh nan cóig bliadhna. Bha cuid de’n bheachd mura toireadh galar nan cóig oidhche leis e, nach ruigeadh e co-dhiùbh ìre sgoile. Is dòcha gu bheil cuid agaibh-se, a luchd-leughaidh, de ’n bheachd gu bheil dìth oideachaidh air, is nach bu misde e a dhol greis do ’n sgoil, ged nach b’ ann ach airson litreachadh no speiligeadh ionnsachadh. Ach ged nach eil sinn ach òg is moath fhathast, ’s fheudar aideachadh gun d’ fhuair sinn corra leasan air a’ chuspair sin—bho ar luchd-leughaidh.
A thaobh modha, chan eil gealltanas sam bith againn gu bheil ràitheachan cho soitheamh ri leanabh, is tha sinn an dòchas nach eil. Oir tha modh is modh ann: modh a tha ’ga dheanamh taitneach do dhaoine a bhith beò an cuideachd a chéile, is modh a tha a’ cleith na fìrinne is a’ dorchnachadh comhairle. Tha sinn an dòchas gun ionnsaich sinn an tuilleadh de ’n chiad sheòrsa, is nas lugha de ’n till seòrsa eile.
Cha bu mhath leinn gun dùineadh sinn cóig bliadhna eile gun dad as ùr ionnsachadh, is cha bu mhath do Ghairm mura tigeadh piseach is atharrachadh air o àm gu àm. Tha cànain agus litreachas an còmhnaidh a’ caochladh, is chan eil an sin ach rud fallain nach bu chòir dhuinn a bhith caoidh. Tha sinn an dòchas nach bi Gairm dad air dheireadh ann a bhith gabhail brath air na caochlaidhean sin is a’ lorg brìgh as ùr anns an t-seann stoc as na dh’ fhàs an cànain agus an litreachas againn. Ma bhìos sinn beò is an anail againn, nì sinn sgal no dhà fhathast mus teid sinn do ’n sgoil mhóir.
’S e sìbhse, a luchd-leughaidh, an sgoil a tha Gairm a’ frithealadh. Na biodh eagal oirbh rud ionnsachadh dhà, is criomag foghluim a chur ’na cheann. Ach na bithibh coltach ri sgoiltean na Gaidhealtachd—thoiribh dhà a chuid foghlaim ann an Gàidhlig. Is na biodh eagal oirbh stràic a thoirt dhà—tha a chraiceann is a bhathais cruaidh, is cha dean e cron air gille tapaidh.
title | Air an Spiris |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |