[371]

An Sgeilp Leabhraichean

The Highland Economy, 1750-1850, ”le Malcolm Gray. Clo-bhuailte le Oliver & Boyd, Dun-éideann. 25/ -.

Tha móran fhathast den bharail gu robham bainne air an lòn mar dhriùchd, ’s amhil afàs air bhàrr an fhraoichanns aGhaidhealtachd a bhann roimh àm Chuil-lodair. Their iad gur ann ri linn fuadach Theàrlaich a ghabh cansar amhì-sheilbh gréiman cansar ris an abrar gu coitchionn an diugh, droch staid na Gaidhealtachd. A réir an fheadhainn a tha asearmonachadh air acheann-teagaisg sin, cha robh ann an long mhór nan eilthireach ach bàta an dìoghaltais a chuireadh air sàl an fhuadaich le guin nan uachdarans nan Sasunnach.

Ach tha taobh eile air amhaoil, nach eil cho inntinn-tharraingeach do luchd nan òran, no idir cho mìn ri bus nan leth-Ghaidheal leis an caomh caoineadh. Tha sgrìobhte air an taobh sin, ann an dubhs an geals ann am figeirean gu robh sgiùrsadh an t-sluaigh do-sheachnaichte, agus gu robh taoman an fhuadaich air a dhol fo shluagh na Gaidhealtachd anns an naoidheamh linn deug ged nach robh Teàrlach Stiùbhard air cas a chur riamh air tràigh Eirisgeidh.

Anns an leabhar so, tha Malcom Gray adeanamh sgrùdaidh air staid na Gaidhealtachd anns abhliadhna 1750, agus adearbhadh gu robh barrachd sluaigh anns acheann-a- tuath, an crochadh air an fhearann, na burrainn an talamh a ghiùlan. Tha e anochdadh dhuinn mar a thachair sinmar a bha an dùthaich roinnte eadar uachdarain mhóra (cinn-feadhna, mar bu trice) ris an robh na ciadan de thuathanaich bheagas de fhir-dàimhe an crochadh. Bha iad sin asealbhachadh an fhearainn air bheag màil, ann an linn anns nach robh móran feuma aig uachdaran no ìochdaran air airgead. Ach, anns an naoidheamh linn deug, ri linn siubhails ri linn foghluim, bhuail feum an airgid an t-uachdaran, agus cha robh dòigh air na buinn fhaotainn ach am fàsgadh as an tuath aig nach robh na buinn rin seachnadh. Aig acheart àm, le biadhs le aodach Gallda atighinn asteach, bha barrachd feumas a bha riamh roimhe air airgead cruaidh ameasg an tuatha fhéin. Càitas an robh an t-airgead adol a thighinn? Cha burrainn dha tighinn as an fhearann, ’s gun aig gach fear ach beagan is leud a bhròige.

Tha Gray asealltainn nach robh leasachadh air achùis ach oibrichean airgeadach a thoirt asteach gus cur ris abheagan a bha an talamh agiulan, ach cha robh e furasda oibrichean astéidheachadh ann an dùthaich do nach robh oibrichean dual.

Gun teagamh, thainig ath-leasachadh ri linn na ceilp, agus thionndaidh feadhainn ris an iasgach. Ach cha robh ceilp agus



[372]

[Sanasan]



[373]

iasgach gu leòir, agus, co-dhiùbh, chaidh iad le chéile a spuilleadh le marsantan móra achinn-a- deas.

Tha Gray anabarrach math air eachdraidh na ceilp agus an iasgaich, agus tha e asealltainn mar a chrìon iad le chéile, agus mar a dhfhàg an crìonadh uachdarain is tuath na bu mhiosa na bha iad riamh.

Cha robh dol amach aig na h-uachdarain, ged a bha e searbh le móran aca, ach am fearann a reic ris na tuathanaich mhóra chaorach a bha abrùchdadh air aGhaidhealtachd bho dheas. Agus cha cheannaicheadh iad sin am fearann fhads a bha e fo dhaoine, no, nan ceannaicheadh, bann gus na daoine a chur dheth.

Caran mar sin tha Malcolm Gray acur an céill gu robh fuadach nan Gaidheal, mar a their sinn ris an diugh, do-sheachnaichte, agus tha e acur an céill cuideachd gu bheil buil is blàth nam bliadhnachan eadar 1750 agus 1850 air aGhaidhealtachd as aithne dhuinne.

Is fhada bhon a bha feum air leabhar fiosrachail, geur-chuiseach den t-seòrsa so, agus is ann amaideach a bhios am fear a dhfheuchas ri eachdraidh na Gaidhealtachd a sgrùdadh gun sùil a thoirt air a dhuilleagan.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Highland Economy 1750-1850)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page