[347]

Eilean Heisgeir

Le D. A. MACDHOMHNAILL

Tha do thigheangan rùsgadh,
Sgeula tùrsach ri innse.”

ACH ma ghabhas sinn cuairt air eathar na cuimhne thar aChuain Sgìth, agus an sin tarsainnUibhist bheag riabhach nan cràdh-gheadh”, gu ruig Eilean Heisgeir, ’s dòcha aig deireadh na sgéile gu faod sinn a ràdh mar a thubhairt am bàrd Ranach

“ ’s an taica chéil tha mhils an gath

Mu cheud gu leth bliadhna air ais, bha ochd teaghlaichean deug, a bharrachd air coiteirean, acòmhnaidh agus atoirt am beò-shlaintas aghrunnan eilean sin ris an abrar Heisgeir. An diugh tha na tighean uile fàs, tha am fearann asìor dhol a dholaidh aig coineanaich agus tha na faochagan-dubha gun bhuain bhàrr nan sgeir. Cha chluinnear, mar a bàbhaist, caithreim aighearach na cloinne bige amires acluaineis air na lianagan agus mu na laimrigean. Gidheadh, tha fhathast an iomadh ceàrn den t-saoghal, fir agus mnathan a chaidh altrum agus àrach san eilean bheag, lethoireach so. Nach iomadh uair a bhitheas an cuimhnegan toirt sgrìobair ais, gu na làithean sona, sòlasach a chuir iad seachad aruith cas-ruisgte timcheall na machrach, nog amharc nam bàtaichean afàgail Phort Ròidh, nos dòcha atrusadh chaorach saCheann Iar.

Tha na cóig eileanan beagiomallach ris an abrar Heisgeirnan laighe ann an gàirdeanan luasganach aChuain Shiar, mu dheich mìle an iar air Uibhist a Tuath. Tha trì de na h-eileananCeann Ear, Sìthinis agus Ceann Iargu math nas motha na na dhà eileSillay agus Stocay. A rìs, tha an fhadhail a thagan sgaradh o chéile aig muir-làn, atràghadh ionnus gur aon eilean iad aig muir-tràigh. Air an làimh eile, chan eil Caolas Shillay no Caolas Stocay idir atràghadh. ’S e Sillay as fhaide an iar den ghrunnan aguss e Stocay as fhaide an ear agus as dlùithe do dhUibhist.

Mar a dhfhaodar a thuigsinn, tha seann eachdraidh an eilein gu tur air chall, ach tha ainmean mar a tha Hàkinis, Hearnis agus Heilleam anochdadh gu robh na Lochlannaich aon uair glé eòlach air cladaichean Heisgeir, dìreach mar a bha iad mion-eòlach air cladaichean eile Innse-Gall. Tha fios againn gum bu mharaichean treuna, calma na cinnich bhorba so agus iomadh linn nach robh cus bacaidh orra, gus an deachaidh am fuadach mu dheireadh le Rìgh Alasdair aig abhlàr ainmeil sin, Blàr na Leirge 1263. Aig Co-chòrdadh Pheairt a lean sabhliadhna 1266, fhuair Ailean MacRuairiic Shomhairle còir air Uibhist a Tuath agus bha so atoirt asteach Heisgeir. Tha e air innse gum be ogha dhà-san, Anna NicRuairi, a leasaich agus a mheudaich Teampull na Trianaid an Càirinis, agus Caisteal Bhorgh ann am Beinn nam Fadhla. Bha Anna pòsda aig Eòin, Triath nan Eilean, agus tha sgrìobhadh againn air gun tug am mac-san Raghnall, seachad Eilean Heisgeir don Mhanachainn an Idhe sacheathramh linn deug.


[348]

[Mapa]


[349]

San iomradh a sgrìobh an t-Ard Dheadhan D. Mac an Rothaich mu a thurus do na h-eileanan sabhliadhna 1549, tha e air ainmeachadh gum buineadh Heisgeir do ChailleachaDubha I Chaluim Chille. San iomradh cheudna tha an Deadhan adeanamh aithris air cho pailts a bha arbhar agus connadh cladaich san eilean. A rìs, ann an aon de Phaipeirean Stàta na h-Alba 1595, tha e air àireamh gu robh fichead fear aois cogaidh ann an Heisgeir, a thuilleadh orra-san aig a robh e mar chleachdadh fuireach aig an tigh ri obair an fhearainn. Tha e air aideachadh saphaipear so cuideachd, gur ann do Mhanachainn I Chaluim Chille a bhuineadh an t-eilean.

S ann saCheann Iar bha eaglais nan CailleachaDubha agus tha an seann làrach fhathast ri a fhaicinn dlùth do Sgeir nan Cailleach. ’S eudar gum be boireannaich fhoidhidneach, chalma bha sna CailleachaDubha, oir tha beul-aithris ag ràdh gum biad fhéin a bhitheadh ag iomradh nam bàtaichean móra, mòna bho Chlachan Aird Heisgeir an Uibhist a Tuath, tarsainn Caolas Heisgeir, don Chròic saCheann Iar. Bha CailleachaDubha ann an Heisgeir fadan déidh àm an Ath-leasachaidh agus ma bheir sinn géill do bheul-aithris, ’s ann san eilean a chaochail iad sin. Chan eil fios againn thug air na boireannaich dhiadhaidh a dhol do leithid de dheilean an toiseach, ach gun teagamh, ’s e comaraich da-rìribh a bhitheadh ann an Heisgeir, oir chan eil amach air àite eile ann an Albainn cho fìor-iomallach.

Bha manachainn aig na Mànaich ann an Sillay, no mar a theirear, Eilean nam Mànach. ’S ann fon ainmHelskyr na Monichtha na h-eileanan so air an comharrachadh amach air cairt-iùil na bliadhna l654. Thadhail Màrtainn Màrtainn san eilean an 1695 agusna leabhar-san gheibhear iomradh air gu robh altair airHawsker Nimannich, id est monksrock” .Ach mur a bheil fios againn thug air na CailleachaDubha a dhol don Cheann Iar, chan eil fios againn idir thug air na Mànaich a dhol do Shillayàite cho beag agus cho uaigneach. ’S e daoine seirceil, cneasda bha annta co-dhiùbh agus dhfhaodadh e bhith gum bann gu sanais air choreigin a thoirt do mharaichean a dhfhaodadh a bhith tighinn ro-dhàna san dorchadas air na sgeirean cunnartach mun cuairt.

Gheibhear iomadh iomradh earbsach air Heisgeir san t-siathamh agus san t-seachdamh linn deug, ach amach air a bhithg ainmeachadh dom buineadh an t-eilean, chan eil na h-iomraidhean sin atoirt fiosrachaidh sam bith dhuinn air caitheamh beatha an t-sluaigh. Ann an aon de sgrìobhaidhean na bliadhna 1623, tha e air aideachadh le Rìgh Seumas VI gum bàbhaist Heisgeir a bhith aig CailleachaDubha Idhe. Chan eil teagamh nach ann mun àm sin a dhealaich na boireannaich dhiadhaidh ris an eilean.

Tha cunntas air gu robh Heisgeir san oighreachd aig aMhorair Seumas MacDhòmhnaill Shléibhte sabhliadhna 1644sgrìobhadh a tha air aideachadh a rìs sabhliadhna 1657. Bha na Dòmhnallaich nan uachdarain air Uibhist agus Heisgeir gus an do cheannaich am Morair Iain P. Orde an oighreachd sabhliadhna 1856. Bha Heisgeir, agus achuid mhór de dhUibhist a Tuath, aig an teaghlach sin gus an do ghabh Dìuc Hamilton an oighreachd sabhliadhna 1944.



[350]

[Sanas]



[351]

[Dealbh]
Aon de na Seòid

Be Alasdair Dòmhnallach (Alasdair Bàn mac Iainic Uisdean Ghrìminis) a bhana mhaor-fearainn, aig aMhorair Dòmhnall Dòmhnallach, air Heisgeir, mu dheireadh na seachdamh linne deug. Bu chòir cuimhne a chumail air Alasdair Bàn, oir besan a rinn cobhair gun dàil air na dhfhàgadh de a luchd-cinnidh an Gleann Comhann, an déidh Mort Ghlinn Comhainn 1692. Chuir e a bhirlinn làn mine á Heisgeir gu Baile Chaolais gu fuasgladh a dheanamh orra-san a bha ann an cruaidh chàs. Feumaidh e bhith nach robh gainne bidhe air muinntir Heisgeir, eadhon anns an linntean fadas, oir chuir e fìor iongnadh air Màrtainn Màrtainn cho torrachs a bha an t-eilean le arbhar, feur agus crodh dubh. Thug an Deadhan Mac an Rothaich an aire dha so iomadh roimh àm Mhàrtainn.

Bann aig Iain mac Alasdair Bhàin bha tuathanas Heisgeir an uair a chaidh aBhan-Tighearna Grange a ghiùlan, an aghaidh a toile, don eilean sin sabhliadhna 1732. Bha abhean uasal bhliadhna anns an eilean agus gun co-chomunn sam bith ceadaichte eadar i fhéin agus a càirdean air tir-mór. Bann as a so a chaidh a toirt do Hiort far an do chuir i seachad ceithir bliadhna, aguls acaoidh, mun do chaochail i san Eilean Sgitheanach sabhliadhna 1745.

A réir cunntais na bliadhna 1764, be trì fichead duines a deich a bha an Heisgeir. Goirid an déidh so bha Gilleasbuig MacIlleathain, air a shloinneadh, Mac Iainic Ghilleasbuig Oig Heisgeir, ’na mhaor-fearainn san eilean aig an Ridire Seumas MacDhòmhnaill. Bann do Ghilleasbuig a rinn Raonaid NicDhòmhnaill an t-òran— “Oran Fear Heisgeir”. Tha e coltach gu robh Raonaid ri port san Eilean Sgitheanach, ach air do Ghilleasbuig tighinn don Eileanna bhirlinnAm Peargthug e aiseag dhi do dhUibhist. Chan eil teagamh nach robh an laoch cho sgairteils a shuidh riamh air tobhtaidh, oir so mar a thubhairt abhana-bhàrd

Cha chuireadh eagal on stiùir thu,
An càs non cunnart air bith;
Ged bhiodh tonnan taobh-uaine
Fuasgladh fuaghal a slios.”


[352]

Bann dha cuideachd a rinneadhOran Molaidh do Ghilleasbuig Og Heisgeir”. Bha dùil gum pòsadh am fleasgach Siùsadh NicDhòmhnaill, Vallay, ach cha robh sin an dàn. ’S e bràthair do ShiùsaidhMàidsear Alasdaira bhana bhàillidh aig an àm agus chaidh e-fhéin agus Gilleasbuig amach air a chéile. Mar is minig a thachair, nach ann thug an siad Canada air. Ma bha gaol aig Siùsaidh air Gilleasbuig, bha an chuid meas agus ionndrainn aig a phiuthar dhalta, Anna NicDhòmhnaill, air agus so mar a labhar ise

Bu tu sgiobair na fairge
Ri gailbheachs droch shìde.”

agus a rìs

“ ’S e do thurasIlleasbuig
Thug an leagadh dom inntinn.”

Anns achunntas a thug an t-Ollamh Alasdair Mac Ille Mhìcheil dhuinn air Heisgeir, tha e air ainmeachadh gu robh mu mhìle de stoc san eilean, a bharrachd air caoraich, mun bhliadhna 1800. Sachunntas cheudna tha e air aithris gun dfhalbh uachdar an fhearainn mun bhliadhna 1810, ionnus nach burrainnear curachd a dheanamh no stoc a thogail. chóig bliadhna deug cha robh fuireach san eilean ach aon teaghlach. An sin chuireadh muran, gu uachdar gainmheacha na talmhainn a cheangal ra chéile, agus cha robh am fonn fadadol am feabhas. Chaidh na teaghlaichean a bòige air ais agus cha bfhada gus an robh muinntir an eilein ri àiteach, ri iasgach agus ri sealg mar a bàbhaist. Riamh bhon chaidh am muran a chur, chinn e gu math agus bha sluagh an eilein adeanamh

[Dealbh]
Aig an eadradh sachuithe.


[353]

[Dealbh]
Ag aiseag ghamhna á Heisgeir.

móran feuma dheth. Chan eil teagamh nach robh na plàtan-sìl, no plàtan-muilinn, cho annasach ri aon sam bith do na nithean bhatar a deanamh den mhuran. ’S ann annta bhitheadh na fir atoirt an t-sìl don mhuileann agus bha iad cho dìonachs nach leigeadh iad a dhaona chuid uisge na sàl chun an t-sìl.

Chunnaic Luchd-cùraim nan Tighean Soluis iomchaidh tigh-soluis a chur air Sillay gu rabhadh a thoirt do mharaichean. Leagadh achlach stéidhe, dìreach air làrach na seann h-altrach far am bàbhaist na mànaich a bhith acumail an adhraidh-fheasgair le solus crùisgein. Chaidh crìoch a chur air an togail agus chaidh solus Shillay a lasadh achiad uair sabhliadhna 1864. BhaMonachgus an do bhris an Cogadh Mór mu dheireadh amach asgaoileadh a ghathan lainnearach fadis farsainn.

Ach a dhaindeoin rabhaidhean Mhonaich, bha cladaichean Heisgeir cunnartach, gu h-àraidh ri ceò-mara. Aig toiseach buana sabhliadhna 1894 chaidh an soitheach mór, anInflexibleá Sunderland i bhriseadh air Sgeir Mhór Shìthinis. Chan eil fhios na bha de dhìmis de chàise, de dhfheòil agus de mhin air an t-soitheach so, agus cha robh neach an Heisgeir gun luaidh air iomadh teaghlach an Uibhist nach dfhuair a chuid fhéin den bhiadh mhath sin. An 1903, chaidh long mhór eile, a’ “Vanstableá Dunkirk, a mhilleadh air na Diurabergs, sia mìle tuath air an tigh-sholais. Ma thug anInflexiblebiadh gu muinntir an eilein, thug i so deoch thuca. Bha de bhocsaichean agus de thogsaidean den stuth a bfheàrr eadar uisge-beatha agus fìon atighinn air achladachs nach robh, mas hìor, fhio s aig muinntir an eilein dhéanadh iad ris.


[354]

[Dealbh]
Tigh-soluis Monach.
Airde133 troidhean.
Ri fhaicinn18 mìle.

Bha Sgoil Ghàidhlig Bhan Uasal anns aCheann Ear airson iomadh bliadhna. An déidh sin bha sgoil aig an Eaglais Shaoir san eilean gus an deach tigh-sgoile ùr, grin a thogail sabhliadhna 1874. ’S anns aCheann Ear a bha an sluagh afuireach ged bha aig aon àm theaghlach saCheann Iar. Bha eaglais bheag aig anWest Coast Missionanns aCheann Ear. Ged bha oifig-puist san eilean, cha robh bùth idir ann. Air an aobhar sin dhfheumadh gach teaghlach ullachadh a dhèanamh, mun tigeadh bristeadh san t-sìde agus mun séideadh doineann agheamhraidh. Bha e mar chleachdadh aig muinntir an eilein biadh a chur mu seach mu dheireadh an Dàmhair a chùms nach bitheadh gainne no éis orra ged bhitheadh an aimsir fiadhaich, gailbheach agus na tonnan móra abeucaich mu na cladaichean. Fhads a bha min sachiste, siùcar agus tea saphreas agus tombaca aig na fir, cha robh aobhar gearain aig neachcha robh ach a dhol a dhiarraidh iasg na mara, sidheann na machrach agus maorach achladaich.

S ann ri àiteach an fhearainn, ri togail stuic agus ri iasgach aghiomaich bha an sluagh achuid bu mhotha den bhliadhna. Bhitheadh iad glé thric ri iasgach an éisg ghil, ri sealg nan eun fiadhaich agus ri togail nam faochag. Bha am fearann air a roinn-ruith agus bhitheadh acur chruidh is chaorach air feurach saCheann Iar. Chithear fhathast làrach nan àirigh saCheann Iar.

Anns an t-samhradh bhitheadh iasgairean á Griomsaidh ag iasgach aghiomaich agus bhitheadh iadsan afuireach ann an àirighean. Bu mhór an toileachadh a dheanteadh ris achiad sgoth-ghiomach a nochdadh amach á Beul aChaolais mu mhuir-làn air madainn bhrèagha Earraich. Bha fios gum bitheadh càch aleantainn agus nach bfhada bhitheadh dìth luchd-céilidh air muinntir an eilein.

Thug móran de dhòigridh Heisgeir Canada agus Astràilia orra, far an robh an chuid obair-cosnaidh agus fearann na bu phailte. Aig toiseach aChiad Chogaidh be theaghlach dheug bha an Heisgeir. Anns abhliadhna 1928 bha an àireamh so air crìonadh gu ochd, agus sabhliadhna 1934 gu theaghlach.


[355]

Thainig doilgheas air an eilean sabhliadhna 1936. Chaidh triùir de luchd-frithealaidh an tigh-sholuis a bhàthadh air feasgar fiadhaich foghair an Caolas Shillays iad adol air ais ann an geòlaidh bhig, an déidh a bhith saCheann Ear le litrichean. Cha robh a ghabhadh dèanamhcha robh aig na mnathan agus aig an aon fhear a dhfhàgadh san tigh-sholuis ach seasamh ag amharc air luchd an gaoil afeuchainn ri greim-bàis a dheanamh air na sgeirean sleamhainn: Achbheir an cuan a cuid féin amach”.

Beagan bhliadhnachan an déidh so, dhùnadh an sgoil agus gann mun do thàrr an Cogadh Mór mu dheireadh briseadh amach, chuireadh an solus as ann am Monach. Rinn an cogadh cùisean na bu duilghe don theaghlach bha air saothrachadh leotha fhéin fad iomadh bliadhna san eilean. Cha robh air, sabhliadhna 1942, ach cead a ghabhail de dheilean am breith, agus imrich a dheanamh gu tir-mór far an do ghabh iad fearainn a bu ghoireasaiche do na margaidhean mu Dheas.

Chan fhaicear leus á Shillay a nis, ach tha Monachan dara tigh-soluis as àirde an Albainn— ’na sheasamh gu h-eireachdail an sud fhathast, mar gum bannna charra-cuimhne orra-san a bu mhinig a rinn toileachadh ri a bhoillsgidhean, agus cluinnear osna thiamhaidh aChuain Shiar mu chladaichean Heisgeir mar gum bann acaoidh na dhfhalbhs nach till tuilleadh.

titleEilean Heisgeir
writersDonald Archie MacDonald
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

D. A. MacDhòmhnaill in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page