ANNS A’ BHEAIRT
THA mìosachain, ràitheachain agus leabhraichean bliadhnail a’ tighinn o ’n chlò Ghàidhlig o àm gu àm, agus is dòcha gum biodh cuid de ar luchd-leughaidh buidheach air fios fhaotainn air càit am faighear iad, is dé tha tighinn am follais annta.
Tha An Gaidheal (65 West Regent St. ,Glaschu) a’ nochdadh gach mìos, fo stiùireadh an Urr. T. M. MacCalmain. Bho thainig a’ bhliadhna so tha e air cur an clò sgeulachdan le Cailean MacCoinnich, Niall MacDhòmhnaill agus Alasdair Camshron, agus bha òraid ann air “Luchd-stéidheachaidh a’ Chomuinn Ghaidhealaich”, le Niall MacGille-Sheathanaich. Thug am fear-deasachaidh dà chunntas luachmhor eile dhuinn air leabhraichean mu ’n Ghaidhealtachd a tha feumail do sgoilearan is do dh’ oileanaich. Tha dà ghearain againn an aghaidh A’ Ghaidheil (1) tha ro bheag de luchd-sgrìobhaidh timcheall air, agus (2) tha cus Beurla ann. Ach chan eil an sin ach dà nì tha furasda a leasachadh.
Ged is ann á Eirinn a tha Eigse a’ tighinn, tha corra chriomag ann a bhuineas do Ghàidhlig na h-Albann. Thug sinn iomradh mar thà air na sgrìobh Seumas Ros an uiridh air òrain Ghàidhlig. Anns an àireamh ùr tha Aonghas MacMhathain a’ sgrùdadh mu dhusan facal a bha cumanta ann an sgeulachdan nan seanchaidhean, mar a tha siorram suain, dòrn gulban, bearradh eòin agus amadain, agus dòrd Fianna. Anns an àireamh so cuideachd tha Fear Chanaidh a’ toirt breith air a’ mhodh deasachaidh a bha aig Alasdair MacGillmìcheil air cuid de na h-òrain a thionail e.
Bu chòir dhuinn fàilte chridheil a chur air an iris ùrScottish Studies,a tha air tòiseachadh a’ nochdadh bho ’nSchool of Scottish Studiesan Dùn-éideann. Anns a’ chiad àireamh tha trì cunntasan air nach bu chòir dearmad a dhèanamh, (1) “Scotsmen and Norsemen: Cultural Relations in the North Sea Area” ,le Reidar Christiansen. (2) “Am Ministear agus an Claban”, le Calum MacGilleathain, agus (3) “The Classification of Gaelic Folk-song”le Seumas Ros.
Anns an dara àireamh de Gwerin (Blackwell, Oxford), tha T. M. Owen a’ sgrùdadh nan cleachdaidhean co-cheangailte ri òrduighean is ri comanachadh ann an Innse Gall (anns na Hearadh, saoilidh sinn).
Ann anScottish Gaelic Studies (Oilthigh Obar-Dheadhain) tha Iain Mac Dhòmhnaill, am fear-deasachaidh, air Marbhrann Ruairidh Mhóir (ob. 1626), le Eóin Og O Muirgheasáin, a dheasachadh airson na ciad uaire; tha cunntas air a’ Chliar Sheanchain ann, a sgrìobhadh an 1693; tha solus ùr ’ga chur air Oran a’ Gheamhraidh (Mac Mhaighistir Alasdair); tha Nora Chadwick a’ sgrìobhadh mu ’n chuspair“Pictish and Celtic Marriage in Early Literary Tradition” ,agus Ruaraidh MacThómais mu ’n chuspair“Scottish Gaelic Folk-Poetry ante 1650” .
Tha Mgr Alasdair MacNeacail ag innse dhuinn gu bheil leabhar eile de naTransactions of the Gaelic Society of Invernessanns a’ bheairt. Chan e naidheachd ùr tha sin, oir bha i anns an àireamh o dheireadh, a fhuair sinn ann an 1953. Tha fadachd air buill a’ chomuinn gus am faic iad an leabhar so.
title | Anns a’ Bheairt |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |