Tir Nan Craobh ’s Nan Loch
NOTAICHEAN AIR SUÓMI (FINLAND)
Le SEORAS HAY
Sealladh am Päjänne Jämsä.
CO an duine nach cuala uair no uaireigin am fonn sin “Finlandia,” no iomradh air an fhear a rinn e—Jan Sibelius a tha fhathast beò còrr is 91 bliadhna a dh’aois? Buinidh an sean laoch sin do Shuómi—noFinlandmar a chanas Suainich is Sasunnaich—dùthaich mhaiseach taobh sear na Baltaic anns a bheil coilltean móra is mìltean de lochannan, dùthaich mu mheudachd Bhreatainn no Gearmailt an Iar gun innte ach mu 4,200,000 sluaigh.
EACHDRAIDH
A rèir coltais, thàinig sinnsirean nan Suómach an toiseach do’n tìr ri linn ar Tighearna agus fhuair iad an creideamh Crìosdaidh bho’n t-Suain san dara linn deug. Bho ’n uair sin gu tòiseach na naoidheamh linn deug, bha Suómi ceangailte ris an t-Suain fo’n aon rìgh, agus eadar 1809 agus 1917 bha i fo smachd aig Impireachd na Ruise. Aig an àm sin agus na Ruisich aig amhaich a chéile taobh astigh an crìochan féin, dhealaich Suómi i fhéin bho ’n Ruis agus ghairmeadh saor phoblachd dhith. Dh’fheuch na Comunnaich le còmhnadh na Ruise ri riaghladh na dùthcha a ghlacadh agus thàinig cogadh sìobhalta ’na lorg, ach an ceann mu bhliadhna fo stiùradh an t-saighdeir ainmeil sin, am Marasgal Mannerheim, fhuair an riaghaltas dligheach a’ bhuaidh agus ghairmeadh an t-sìth.
Eadar 1920 agus 1939 rinneadh adhartas mhór an Suómi agus
shoirbhich leatha gu math anns gach obair is ealain, ach an sin thug an Ruis ionnsaigh garg gun leisgeul oirre agus b’éiginn do na Suómaich iad fhéin a dhìon an aghaidh feachdan móra nan Sóibheiteach, rud a rinneadh le treubhantas iongantach rè “Cogadh a’ Gheamhraidh.” Ged a chuir iad an ruaig uair is uair air an nàimhdean, fhuair Helsinki, Viipuri is bailtean eile sgrios is sgiùrsadh mór le feachd adhair na Ruise agus cha robh aca mu dheireadh ach strìochdadh an aghaidh bhombairean is acfhuinn cogaidh an nàmhaid. Thugadh bhuapa ceàrnaidhean san taobh tuath agus Karelia air fad san ear-dheas. Cha b’ fhada gus an robh iad a’ cogadh an aghaidh na Ruise a rithist agus ged a shoirbhich cho math leò ri Karelia a chosnadh air ais, thachair mar a thachair roimhe agus b’ éiginn dhaibh géilleadh. Chosg an gaisge gu mór, chaill iad 12% de’n dùthaich, 32% de thighean-cumhachd na dealain a bh’aca agus móran eile, agus a bharrachd air sin, b’éiginn dhaibh suim eagallach a phàidheadh do’n Ruis. Rud eile, rinn na feachdan Gearmailteach a bha san dùthaich, a’ cuideachadh leò an aghaidh na Ruise, sgrios mór san àirde tuath mun d’fhàg iad. Air an làimh eile ghléidh Suómi a saorsa agus cha bu bheag sin. Sgìth, leòinte, sàraichte mar a bha i cha robh fada gus an do phàidh Suómi na Ruisich, agus an diugh chan eil lorg a’ choghaidh ri fhaicinn san tìr ach a mhàin anns na cladhan far a bheil clachan gràin(granite) ,sreath air sreath, a’ cumail cuimhne air na daoine calma a dh’fhalbh is “nach till gu bràth gu là na cruinne.”
DUTHAICH AGUS GNIOMHACHAS
Mar a dh’ainmicheadh cheana tha cuid mhath de’n tìr—faisg air
[Dealbh]
Tigh cumhachd an Tampere (Tammerfors).
deicheamh dhith—fo uisge agus tha mu dhà thrian dhith còmhdaichte le coilltean giuthais is beithe. Tha móran de na lochan ceangailte ri chéile le amaran—no canàlan—agus is urrainnear turusan fada a dheanamh troimh an tìr ann am bàta. Gu dearbh, chan eil e furasda (dhòmhsa, co-dhiùbh) maise na dùthcha so a chur an céill co-dhiùbh a chithear i a’ cadal fo speur grianach an t-samhraidh no glaiste fo reothadh is sneachd a’ gheamhraidh. Mar a bhiodh dùil againn, tha móran sluaigh ri obair forsaireachd no ri cosnadh ann am factoraidhean far a bheilear a’ deanamh paipear, pulp, cellulos is stuthan eile de’n t-seòrsa á fiodh. Tha feadhainn eile ri obair an fhearainn agus a’ togail cruidh bhainne.
Tha cladaichean Suómi, gu sònraichte san iar-dheas, car mar a tha taobh siar na h-Albann, le lochan, geodhachan is eileanan gun àireamh. An sin gheibhear obair iasgaireachd a’ dol, agus ann am bailtean puirt mar Helsinki (no Helsingfors) agus Turku (no Åbo), togail bhàtaichean. Tha an obair so agus oibreachan miotailt a’ dol am meud gu mór bho’n chogadh mu dheireadh oir b’ann le nithean de’n t-seòrsa a b’éiginn do na Suómaich an Ruis a phàidheadh. Ann am Tampere (Tammerfors), baile air leth eireachdail a tha air a shuidheachadh làimh ri easan eadar dà loch mhóir, gheibhear factoraidhean far a bheilear a’ fighe cotan, lìon-aodach agus clòimhean. ’S ann le cumhachd-dealain a tha na factoraidhean sin ag obair agus ’s ann bho na h-easan a tha iad a’ faotainn a’ chumhachd sin. Thàinig móran luchd-oibre Albannach is Sasunnach an toiseach do na muileannan sin agus ’s e Finlayson an t-ainm a th’ air fear as motha dhiubh fhathast.
TIGHEAN IS TOGLAICHEAN
Le coilltean a bhith cho pailt aca b’ann le fiodh a thog na Suómaich na bailtean agus na toglaichean a bu shine a bh’aca, ach loisgeadh a’ mhór-chuid dhiubh sin le teine bho àm gu àm. A dh’aindeoin sin, tha móran toglaichean fiodha ann fhathast, sean is ùr, am baile agus air an dùthaich—tighean, sgoilean is eaglaisean a tha an dà chuid comhurtachail agus snasail do’n t-sùil astigh is amuigh. Air an dùthaich làimh ri gach tigh beag is mór, agus am bitheantas ri oir locha na mara, gheibhear tigh beag fiodha le àmhunn is luidhear. ’S e sauna a theirte ris agus ’s e seòrsa tigh-failcidh Turcach a th’ann. The na saunaichean sin air a bhith aig na Suómaich fad linntean nan eachdraidh. Is àbhaist dhaibh-san a bhios ’gam failceadh annta am bodhaig a bhualadh le meanglan is duilleagan beithe a chùm am barrachd fallais a thogail, agus an déidh dhaibh an nigheadh a cho-dhunadh ni iad dubh-leum san uisge fhuar taobh amuigh. Daoine calma, cruadalach!
Gad nach eil Suómi cho saidhbhir ri cuid de dhùthchannan eile a thaobh thoglaichean móra aosda, tha móran de na sean eaglaisean maiseach is loinneil, gu sònraichte iadsan a thogadh rè nan linntean meadhonach. ’S i an te as motha a tha san tìr Ard-eaglais Thurku a tha mu mheudachd Ard-eaglais Dhùn Chaillinn, agus a chuireadh air bonn san treas linn deug. An cuid de na h-eaglaisean sgìre gheibhear dealbhan air an tarraing air na ballachan anns am faicear
[Dealbh]
Eaglais Espoo (Esbo).
cuspairean sgriobtaireil, naoimh ’s an leithid sin mar a b’àbhaist a bhith againn anns na linntean meadhonach ach de nach eil ach mìr no dhà againn an Albainn an diugh. Chithear deagh eisimplearan an Hattula, Espoo, Lohja, Pernaja agus an àitean eile. Còmhla ri eaglaisean gheibhear caistealan móra an Turku (Åbo), Hämeenkubba (Tavastehus) agus Olavinlinna (Olofsborg).
Ann an Helsinki (Helsingfors), ceann-bhaile na rìoghachd, gheibhear toglaichean snasail a thogadh san naoidheamh linn deug agus a dhealbhaich Gearmailteach mór, Carl Ludwig Engel. ’Nam measg tha an eaglais mhór, an oilthigh agus feadhainn eile. A thaobh iadsan a thogadh an Suómi san linn so, chan eil iad dad air dheireadh air na toglaichean as fheàrr a th’ againn agus a’ mhór chuid dhiubh fada air thoiseach orra. Le mo dhà shùil fhéin chunnaic mi tighean, flataichean, ospadalan, bùthan, sgoilean is eaglaisean air an togail a rèir nam modhannan is nan staoidhlean as ùire agus as fhèarr a tha ri fhaotainn san Roinn Eòrpa aig an là-an-diugh. An aon fhacal is urrainn dhuinn an Albainn móran ionnsachadh sa’ ghnothach so bho na Suómaich agus tha sin ceart a thaobh iomadh ceàird is ealain eile—àirneis tighe, obair ghloinne, airgid is fhigheadh, soithichean criadha is iomadh rud eile.
CANAIN, LITREACHAS IS DAOINE
Tha cànain na Suómi fonnmhor blasda do’n chluais agus, coltach ris a’ Ghàidhlig againn fhéin, gheibhear cudthrom an fhuaim air ceud lide nam facal. Tha còrr is 90% de’n t-sluagh a’ bruidhinn Suómais
agus tha mu 9% aig a bheil Suaineis agus dhiubh sin gheibhear a’ mhór chuid anns na h-Eileanan Alandach agus an taobh siar na dùthcha. Anns na bailtean móra mar Helsinki (Helsingfors) no Turku (Åbo), chithear ainmean is sanasan san dà chànain air na sràidean, am bùthan, an gàrraidhean an rathaid-iaruinn agus an àitean eile.
Thòisich litreachas na Suómi an ceart da-rìreadh san t-siathamh linn deug aig àm an Ath-leasachaidh. Chuir an t-Easbuig Mikael Agricola amach a chuid sgrìobhaidhean an 1548 agus ’nam measg an Tiomnadh Nuadh an Suómais. Rè nan dà cheud bliadhna an déidh sin, b’iad leabhraichean eaglaiseil is cràbhach gu sònraichte a chaidh a chlo-bhualadh an Suómais oir b’ann an Làidinn no Suaineis a sgrìobh a’ mhór chuid de sgoilearan aig an àm sin. Bha sgrìobhadairean Suaineach ann a rinn deagh bhàrdachd is rosg mar Runeberg, Topelius is Snellman, ach san naoidheamh linn deug dhùisg spiorad nàiseanta anns na h-ealainean air fad. An 1835 thàinig obair ainmeil amach an Suómais bho làimh Elias Lönnrot (1802-84), Kalevala, leabhar mór bàrdachd anns a bheil cruinneachadh de dhàin is beul-aithris na dùthcha. Ameasg feadhainn eile sgrìobh Aleksis Kivi (1834-72) bàrdachd, rosg is dràma, agus sgeul cho math ’s a tha ri fhaotainn an cainnt air bith, Na Seachd Bràithrean. An 1939 choisinn F. E. Sillanpää duais Nobel air son litreachais agus an diugh tha gu leòir de luchd-sgrìobhaidh comasach san tìr a tha “a’ leantainn gu dlùth ri cliù nan sinnsirean.” Chaidh móran de na leabhraichean aca eadar-theangachadh gu cànainean eile, beurla Shasuinn ’nam measg.
Ged a rinn na Ruisich san naoidheamh linn deug gach nì a b’ urrainn dhaibh a chùm cànain na Suómi a bhacadh tha i nis cho slàn fallain ’s a bha i riamh. Rud eile d’am bu chòir do na Gàidheil an aire a thoirt, tha nas lugha sluaigh nach urrainn an cànain fhéin a leughadh an Suómi na tha ri fhaotainn an dùthaich air bith fo ’n ghréin.
Nise, ciod a their mi mu mhuinntir Suómi? Ann am beachd an fhir-turuis tha iad car dùr, stòlda do’n t-sùil an toiseach ach chan fhada gus am faic e gu bheil iad glan, dèanadach, fialaidh agus coibhneil ’nan dòighean, agus glé choltach ruinn fhéin. Coltach ris na Gaidheil tha meas mór aca air cliù, gnathasan, creideamh is eaglais an sinnsirean (an eaglais Lùterach) agus gach nì a bhuineas dhaibh mar shluagh. Air an làimh eile tha iad a’ cur gu feum gach annas is goireas as fheàrr d’ar linn féin a bhitheas a chum math is leas na dùthcha. Cha bu mhisde sinn an Albainn am barrachd eòlais a bhith againn air Suómi agus a daoine, seach a bhith an còmhnaidh a’ leantainn na modhannan aig dùthchannan nas motha—dùthchannan nach urrainn gu tric an spògan a chumail á nithean ris nach eil gnothach aca.
Anns an earrann a tha shuas, far a bheil dà ainm-àite sgrìobhte còmhla ’s e an t-ainm Suaineach a tha eadar na bracaidean.
Tha sinn fo mhór chomain aig Comunn Turuis na Suómi (Suomen Matkailijayhdistys) a cheadaich dhuinn dealbh 2 a chur an clò. Thogadh na feadhainn eile leis an ùghdar.
title | Tìr Nan Craobh ’s Nan Loch |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Seòras Hay in Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |