Mairi NicLeoid agus a Leannan
(Mar a thàinig an fhine Chaimbeulach air tùs do na Hearadh)
Le NIALL MAC-AN-TUAIRNEIR
’S ann air leathad socair faisg air ceann shuas Loch Sìthphort a tha ’na chrìch eadar Leódhus ’s na Hearadh bha tigh-mór Mhàraig ’na sheasamh. Tha an aitribh tha ri faicinn ann an sud an diugh glé ao-coltach ris an tigh bha ri togail a chinn ann anns an àm mu bheil mo sgeul ri toirt cunntais, bho chionn 300 bliadhna.
’S ann de Shìol Thormoid a bhuineadh an Leòdach aig an robh Màraig aig an àm—duine mór foghainteach a réir eachdraidh, agus neach air an robh meas is cliù ro-mhór ’na latha airson a thuigse agus a dheagh-bheusan. Mar is tric a thachair do dheagh phàrant’ cha robh aig MacLeòid ach glé bheag de theaghlach—aon nighean air an robh Màiri agus chaidh Màiri fhàgail glé óg gun mhàthair.
Leag nàdur gach deagh bhuaidh maille ri maise air Màiri Og, oir càite am faicte té eile air latha féille no Sàbaid bu dìriche dreachmhoire na bu mhàlda na i? Cha bhiodh e mar iongnadh ged a robh balaich na tìre a’ strì ach fiach có a gheibheadh a fàilte ’s a furan, agus le cinnt bha gu leòir ag iarraidh làmh Màiri ann an cùmhnantan pòsaidh ach gu ruige so cha tug i a h-aonta do aon diubh.
’S ann aig an àm so bha mac do Iarla Earraghaidheil a’ dol troimh chùrsa fòghluim ann an Oil-Thigh Ghlaschu. Aon de na lathaichean gu dé ach chaidh Mac an Iarla agus fear de chuid chompanaich amach air a chéile mu dheighinn có am fear diubh bu mheasaile fine. Cha deanadh dad a’ chùis mur an rachadh là agus uair ainmeachadh air an coinnicheadh na suinn a chéile agus an deasbud a réiteach le claidheamhaireachd (sabaid chlaidheamh).
Gu mì-fhortanach, ann am braise na h-iorghaill, tharraing an Caimbeulach (b’ e so ainm mhic an Iarla) an claidheamh le buille cho teòma sgoinneil ’s gun do sgoilt e ceann an fhir eile bho’n chrùn a dh’ ionnsaigh amhaich. Bha e nis fo bhinn lagh na rìoghachd mar mhurtair agus ann an ùine ghoirid bhiodh luchd-dìoladh na fala an tòir air. ’S e a smaoinich e gun grad theicheadh e do na Hearadh, e-féin agus Mac do MhacLeòid Dhun-bheagain, a bha a réir coltais ’na dhlùth chompanach do Mhac an Iarla. ’S ann mar sin a thachair; ràinig iad na Hearadh gu sàbhailte. Cha robh e fuathasach fada sna Hearadh nuair chuir e eòlas air Màiri NicLeòid, nighean Fear Mhàraig.
Tha e coltach gum biodh i féin agus an Caimbeulach an comunn a chéile gu math tric agus bha an t-eòlas a’ sìor dhaingneachadh. Bha an gille ’na dhuine ro-bhrèagh, eireachdail air a bhonnan, deas-bhriathrach agus cuireadach, làn foghluim is deagh-bheusan, agus neach dha ’m b’ aithne ciamar a bu choir dha e féin a chleachdadh ’s a ghiùlan ameasg cuideachd. Bha Màiri an trom-ghaol air seach neach air an do chuir i eòlas.
Cha robh dad aig Fear Mhàraig an aghaidh an leannanachd bha eadar a nighean agus an Caimbeulach agus ’s ann bha e ro-thoilichte nuair chaidh là na bainnse a shuidheachadh. Bha nis dlùth-dhàimh a réir coltais gu bhith eadar e féin agus neach cho urramach ri Iarla
Earraghaidheil. Ach man do labhair an seann duine “dean nì anns a’ chùil ’s thig e dh’ ionnsaigh an teine” gu dé ach chaidh innse do MhacLeòid os ìosal an t-aobhar thug an Caimbeulach a thàmh do na Hearadh.
Ghairm e a nighean a thaobh agus a chuir e fa comhair gach nì mar a chual e. “Mar sin, a Mhàiri, a rùn mo chridhe, cha dean math an còrr bhith eadar thu féin agus an Caimbeulach. Tha mise duilich, ro dhuilich, m’ eudail, gu feum a’ chùis bhith mar so, ach bhithinn deich uairean na bu duillidh fios bhith agam gu robh mo nigheanag pòsda aig fear tha fo bhinn an lagha airson dòrtadh fala.”
Thog Màiri a sùilean maoth-bhog ciùine agus iad a cheana air fàs trom fo chudthrom nan deur, agus, ars ise: “Athair, tha fios agaibh nach deachaidh mi uair riamh thar ur comhairle, ni motha tha a rùn orm dhol a nis, cruaidh ’s mar tha i, ach O! athair, a bheil sibh cinnteach an i an fhìrinn a tha anns a’ chùis? Am faod mi fhaicinn is coinneachadh ris aon uair eile?
“ ’S e, a Mhàiri, an fhìrinn tha anns a’ chùis; dh’ innis MacLeòid Og Dhun-bheagain a bha ’na shùil-fhianuis air an t-sabaid dhomh gach nì mar a thachair, ach bheir mi dhut cead fhaicinn agus coinneachadh ris aon uair eile—ach aon uair a mhàin.”
Le so, thionndaidh iad bho chéile, an t-athair ’dol sìos dh’ ionnsaigh a’ chladaich far a robh bàta beag aig ri a h-acrachadh, agus Màiri gu trom-inntinneach a’ dìreadh an aonaich bha os cionn an tighe far an do gheall i gun coinnicheadh i a leannan. Cha robh an dàil feitheamh aice ro-fhada nuair a chunnaic i fear-a- rùin le sràid-cheum sunndach a’ tighinn air fàire. Cha b’ ann bho bhun na h-ursann a bha an laoch ud air a choiseachd a thoirt air an fheasgar ud, ach á Ròghadail á ceann a deas na Hearadh, ach ’s e ro-bheag a dh’aithnicheadh neach sud air a cheum eutrom guanach.
Le aoibhneas a’ lasadh ’na chliabh chuir e fàilte air Màiri, agus, ars esan: “ ’S mi tha toilichte t’ fhaicinn cho math. Bha eagal orm gum bithinn fadalach, oir is ann á Ròghadal tha mi air tighinn an dràsda. Ghabh mi tarsainn Beinn Loisgeineir agus gualainn an iar an Toideim airson aithghearrach agus ged bha an dìreadh cas, ’s mór na chuir na leòidean asteach rium agus nach mi tha taingeil nach robh mi bonn air dheireadh air an uair a gheall mi do choinneachadh. Ach taing do Dhia nach bi an ùine nis fada gus an coinnich sinn ’s nach dealaich sinn gus an sgar am bàs sinn.”
Bha Màiri, gu ruig a so, mar té bhiodh ann am plathadh, i ri cluinntinn cainnt a leannain agus gun i gabhail ro-mhath asteach brìgh a chòmhraidh; ach nuair a bhuail fuaim briathran dìreach a sheanachais air a cluais bhrist i amach: “O, nach mise bhiodh aoibhneach gum b’ fhìor so ach chan eil so an dàn, ’s i so an uair mu dheireadh tha e ceadaicht’ dhòmhsa t’ fhaicinn no an comunn as lugha bhith agam riut.” Dh’ innis Màiri an uair sin gach nì mar a bhà agus gur ann le teann òrdugh a h-athar bha a’ chuibhle air tionndadh.”
“O, a Mhàiri, a ghràidh mo chridhe, a bheil a’ chuis air tionndadh mar so? Bheil rathad idir air faotainn thairis air an t-sliabh uabhasach so tha an saoghal mealltach air togail fo mo chomhair? Nach bu
shuarach leamsa cruadhlach cas an Toideim sin thall a dhìreadh air mo ghlùinean na robh e gu dorus fhosgladh dhomh troimh an rachamaid le chéile. Ach bhon is ann mar so tha a’ chùis agus gu feum mi lùbadh fo’n eallach, fiachaidh mi ri ghiùlan le cuideachadh bho’n Airde. Mar sin, fágaidh mise anochd an t-ionad anns an d’ fhuair mi iomadh aobhar sòlais agus anns an do chuir mi seachad iomadh là is oidhche shona. Theid mi gu muir far am faod mi smaoineachadh air gaol na maighdinn a ghoid mo chridhe agus a rithist a dh’ fhuathaich mi.”
“Stad, a Ghilleasbuig. Na leòn mo chridhe le lot nas miosa na tha ann; tha fios agad nach e t'fhuathachadh tha mi a’ deanamh ach an nì so a thachair is e m’athair is ùghdair dha, agus cha phòs mise gu bràth gun a chead-san. Ach ni mi so riut, a ’Leasbuig, ma dh’ fhuiricheas tu rium gus an caidil m’athair maille r’a aithrichean, bithidh mise ro-dheònach gun coimhlion sinn na bòidean a thug sinn.”
“Taing dhutsa, a Mhàiri, airson t’fhocail agus do ghealladh as ùr; tha nis misneach tri-fìllte agam agus gu cinnteach fanaidh mise ri mo Mhàiri gus an àm as roghnaiche leatha.” Shìn e an uair sin dhi am fàinne bha e ri chur mu meòir air là a’ phòsaidh, agus le guth briste ag ràdh, “Cùm so gus an coinnich sinn a rithist—ma tha sin an dàn tabhairt a chaoidh.”
An déidh amharc gu geur air an fhàinne car greise chuir i gu cùramach ’na broilleach e aig an aon àm ag ràdh “Bheir mise dhutsa cuimhneachan beag bhios agad—ged nach eil e luachmhor ann féin cumaidh e a ghnàth an cuimhne dhut gu bheil a cridhe-se thug seachad e a cheart cho dearbhta ann an gaol dhutsa agus tha an t-òr.”
Cha robh ann an cuimhneachan Màiri ach ribean ghorm de shìoda anns an do rinn i le obair-ghréis an ainm le chéile a chur le snàth òir. Rinn i sud air choinneimh là na bainnse gus a chrochadh am broilleach a leannain. A’ gabhail an cead mu dheireadh d’a chéile ghuil iad gu cruaidh goirt, agus thionndaidh iad an cùl ri chéile.
Fàgaidh sinn Màiri a’ dol a dh’ ionnsaigh a dachaidh eadar a bhith coiseachd ’s a’ seòladh agus gun i fathast air a ghabhail ceart asteach gu dé bha air tachairt. Cumaidh sinn ar sùil air an òganach tha air togail air gu tuath agus tha’ m beachd baile Steòrnabhaigh a ruigheachd fo mhadainn.
Ged bha còrr ’s am feasgair air ciaradh mun do dh’ fhàg an laoch ud Màraig bha e ann am baile Steòrnabhaigh mun do ghabh a’ chuid mu dheireadh de shluagh an àite mu thàmh. Dh’ iarr agus fhuair e ionad fasgaidh airson na h-oidhche, ach ged a ghabh e leabaidh cha b’ ann gu cadal. Is iomadh car a chuir e dheth mun do ghlais an là agus is iomadh uair a chuimhnich e mar a bhuin an saoghal cho cruaidh ris.
Bha an Caimbeulach air a chois “mun do bhlais eun an t-uisge” agus e ri sràid-imeachd suas is sìos air tràigh a’ bhaile; e ri dian-amharc thar a bhàigh fiach am faiceadh e coltas long na bàta sam bith a bheireadh àite dha mar làimh. Cha robh e ùine ro-fhada ri coimhead nuair a mhothaich e do long mhór thrì-chrannach air acair sa’ bhàgh agus aig a cheart àm bàta beag a’ tighinn bhuaipe gu tìr airson uisge no ni-eigin a dh’ fhaodadh bhith dhith air na seòladairean.
Cha bu ruith ach leum do Ghilleasbuig an coinneimh a’ bhàta agus mun do ràinig i tìr dh’ éigh e ris an sgioba an robh iad gann de dhaoine. “Matà,” arsa h-aon de na gillean, “ghabhadh sinn aon làmh mhath eile”. “Ro mhath”, fhreagair Gilleasbuig, agus an uair a fhuair iad na bha dhìth orra chaidh e maille riutha air bòrd.
Tha nis cóig bliadhna bhon a dhealaich Màiri ri a leannan ach gu ruig an àm ud cha d’ fhuair i fios bu lugha mu thimcheall; cha robh eadhon fios aice bu bheò no marbh e, ach ged nach robh, bha a h-inntinn cho muinghineach làidir ’na ghealladh ’s nach tug i riamh suas a dòchas nach faiceadh i fathast e.
Aig an àm so chuir long mhór asteach airson fasgadh do Loch Sìthphort, agus thainig cuid de na seòladairean gu tìr ag iarraidh bainne is uighean do Thigh Mhàraig. ’S i Màiri a thachair bhith frithealadh dhaibh agus anns an t-seanachas bha dol thuit dhi feòrach diubh an do thachair a h-aon aca riamh air fear Gilleasbuig Caimbeul.
Fhreagair fear de na gillean gum b’i an long bha’n diugh san loch an dearbh shoitheach air an do sheòl e, ’s nach do dh’ fhàg e riamh i gus gu mì-fhortanach ri oidhche stoirmeil, bho chionn bliadhna an àm bhith riofadh na siùil a’ tighinn tarsainn Bàgh-Bhiscaidh gun tug muir trom e feir cheann na slaite agus gun deach a bhàthadh. Gu robh e ann am mór mheas aig na bha air bòrd agus air a throm-ionndrainn leo uile. Thug Màiri sgread goirt aisde air di an naidheachd so a chluinntinn, ’s ann am priobadh thuit i ann am plathadh air an ùrlair. Chruinnich a h-athair ’s na bha stigh mun cuairt dhi ’s gun a dhuan aig a h-athair ach “Mharbh mi mo nighean—ach O, nach mise bha riamh gun ur sgaradh bho chéile”.
Ach, a chàirdean, nach tric a chuala sinn “nach beir gad air aithreachas”, no gur “ionnan aithreachas crìche ri bhith cur sìl mu’n Fhéill-Mhàrtainn”.
Mun tàinig Màiri as a laigse san deachaidh i, bha na seòladairean faisg air an luing, oir nuair a chaidh luchd an tighe ’nam boile ’s ’nam breislich mun cuairt oirre thug iadsan an dorus orra ’s mar sin cha d’ fhuair Màiri cothrom an còrr ceasnachaidh dheanamh air gillean a’ bhàta. An glaiseadh an là-rna-mhàireach sgaoil an soiteach a siùil bhàna ri crannaibh.
Theann Màiri ri dol as, ’s an áite an rudhadh bòidheach daite air dhreach nan ròsan bha roimhe so ri fhaicinn ’na gruaidhean ’s e bh’ ann a nis ach glas-neul an airsneul le sgraing na duilchinn ’ga chuartachadh.
Fad dà bhliadhna bha Màiri san t-suidheachadh so—suidheachadh brònach air fad—gun ghean gun aighear ri fearas-chuideachd na sòghair-ceòlmhor an t-saoghail so.
Ach ma cheadaicheas sinn do chùisean an cùrsa nàdurra ghabhail, chì sinn gun dean Tìm, léigh gach lot, an cridhe goirt a shlànachadh. ’S ann mar sin a gheibh sinn Màiri aig an àm—tha i ri faicinn nach eil nì do stàth dhi bhith cumail suas a’ chaoidh ’s a’ chànran chianail a tha an déidh a snuadh thoirt buileach dhith. ’S ann tha i nis air teannadh ri pàirt a ghabhail ann am fearas -chuideachd na nàbaidhean.
De na bha do leannanan aig Màiri NicLeòid, cha robh a h-aon ann a chuireadh i faisg air a’ Chaimbeulach ach MacLeòid Hùisinis agus
mu thrì bliadhna an deaghaidh dhi fios mu bhàs a’ Chaimbeulaich fhaotainn thug i gealladh-pòsaidh do Fhear-Hùisinis le làn chead a h-athar.
Chaidh an latha ainmeachadh air an rachadh an snaoim nach gabhadh fuasgladh a cheangal agus nach sinn a dh’ fhaodas a bhith glé chinnteach gur ann an sud bha an t-ullachadh.
Mar a tha e ’na chleachdadh, eadhon gus an là-an-diugh, measg nan Gaidheal, ’s ann an tigh athair bean-na-bainnse bha a’ bhanais gu bhith air a cumail, agus chaidh fios chur air a’ mhinistear chùm tighinn gus a’ chàraid òg a phòsadh. ’S e am Faoilleach bha ann agus bha sìde glé ghailbheach air a bhith ann bho chionn beagan làithean. Cha robh am ministear air thuar faotainn g’an ionnsaigh agus leis na bha air cruinneachadh a dh’ ionnsaigh tigh-na-bainnse bha am branndaidh ’s am fìon air teannadh ri dhol mu làr air chor ’s gu robh e ’na cheist air Fear Mhàraig an deanadh e ’chùis gu crìoch chur air a’ chuirm.
Ach nach “cám a’ ghaoth nach séid dìreach a sheól feareigin”, agus an géile a chùm am ministear air ais cho-éignich e long mhór thrì-chrannaibh gu fasgadh a ghabhail an acarsaid Loch Sìthphort. Dh’ fhaodadh Fear-Mhàraig a nis gu leóir de bhranndaidh ’s de fhìon fhaotainn oir cha robh a h-aon de na luingis mhór ud nach robh gléidheadh stòras de dheoch-làidir. Chaidh e mach le bàta beag a dh’ionnsaigh na luinge. Fhuair e oifigich is criutha a’ bhàta gu coibhneil suilbhir agus chaidh na bha dhìth air a thoirt dà. Leis cho càirdeil ’s a fhuair e ’n sgioba cha deanadh dad an gnothaich ach iad thighinn gus na bainnse.
Bha am ministear a cheana air ruigheachd ’s ann an uair no dhà eile bhiodh Màiri NicLeòid agus Fear Hùisinis air an cur fo bhòidean daingeann. Leis na chruinnich de shluagh ’s ann a dh’ fheumt’ am pòsadh bhith dèanta san t-sabhal-mhór a bha air a réiteach deiseil airson an dannsa. ’S ann mar so a bhà. Bhrùchd an sluagh asteach ann, gach neach a’ fiachainn ri àite thaghadh anns am biodh sealladh ceart aige air càraid-na-bainnse. Ameasg na dh’ fhàgadh aig an dorus bha Caiptean is ciad-oifigeach na luinge, ach air dhaibh a bhith ’nan coigrich chaidh gairm orra suas gu suidhe am broilleach na cuideachd. ’S gann a bha iad air na suidheachain a ghabhail nuair thainig bean-na-bainnse ’s a cuid mhaighdeannan asteach air an dlùth-leantainn le fear-na-bainnse ’s a chuid fhleasgaich. Bha bean-na-bainnse ’na culaidh rìomhach de shìoda geal le gréis-obair de shnàth-òir, eireachdail ri faicinn—mar phlathadh de ghréin bhoillsgeach a’ Mhàigh ’na seasamh ameasg na cuideachd.
Bha am ministear air uidhe dhol air adhart leis an t-seirbheis nuair a dh’ éirich an ciad-oifigeach ’na sheasamh agus ars esan: “Tha mi creidsinn nach eil bean-uasal na fear-uasal an làthair nach do nochd an deagh-ghean do bhean-na-bainnse le bhith sìneadh dhi nì air choreigin bha ri bhith nochdadh so, ach bho nach do thachair dhomh féin air ùine fhaotainn gu nì freagarrach a cheannach, gabhadh i mo leisgeul agus gabhail bhuam a’ phaipeir bhig so anns a bheil paisgte mo dheagh-rùn dha taobh.” Le so shìn an t-oifigeach do Mhàiri paipear beag air a ghrinn-phasgadh ceithir-chearnaich. Gun
dàil dh’ fhosgail ise an nì a bh’ ann agus gu mór-iongnadh na cuideachd bha mun cuairt oirre thug i grad leum aisde ’s thilg i le glaodh cruaidh a dà ghàirdein mu mhuineil an oifigich.
’S e Gilleasbuig bh’ ann da-rìreadh agus e a nis ’na oifigeach luing-mhóir, agus a réir choltais air a stiùradh le ceadachadh an fhreasdail gu a leannan thoirt amach dha féin, an deidh ochd bliadhna.
Gu ruige so bha Gilleasbuig agus Màiri ann an gàirdeanan a chéile, ach air dhi tionndadh ris a’ chuideachd agus gu h-àraidh ri h-athair, ars ise: “Tha mise an diugh deònach na bòidean a thug mi do mo chiad-gràdh a choimhlionadh agus tha mi an dùil, athair, nach dean sibhse orm a nise mar a rinn sibh roimhe.” Cha leigeadh i leas sud a smuaineachadh. ’S ann bha h-athair a nis ri faicinn gum b’ e am freasdal féin thug cùisean mu chuairt agus nach robh ri fiachainn ri grabadh a chur air a làimh. Le sin an àite Fear Hùisinis ’s e a sheas ri taobh Màiri air beulaibh a’ mhinisteir ach Gilleasbuig Caimbeul, mar Iarla Earraghaidheil agus a ghlac air làimh an rìbhinn.
Abraibh féin gu robh banais air an oidhch’ ud ann am Màraig. Cha b’ e na botuil chaola dhubha as an robh an stuth-cruaidh ’ga tharraing ach pige m h-amhaich ghoirid ’s a’ bheòil fharsaing ’ga chur deiseil mu n bhòrd, ’s a’ chuideachd ri tràghadh nan sligean-creachain. Càraid òg na bainnse ann an ceann a’ bhùird agus fear-na-bainnse le bìdeig de ribein gorm de shìoda anns an robh litrichean òir air am fighe ’na bhroilleach. Sud na bha paisgte anns a’ phaipeir bhig ud a shìn Gilleasbuig do Mhàiri.
Air do’n bhanais bhith seachad, dh’ innis an Caimbeulach gach nì mar a thachair da bhon a dh’ fhàg e na Hearadh, ochd bliadhna roimh ’n sud. Ameasg gach nì dh’ innis e gum b’ i an soitheach aca thàinig asteach do Loch Mhàraig trì bliadhna air ais agus gum b’ e féin aon de’n sgioba thàinig a dh’iarraidh bainne agus uighean, ’s gur e a dh’ innis gun deachaidh an Caimbeulach a bhàthadh.
Thubhairt e so gu dearbhadh a chur air gaol Màiri, na robh e fathast cho diongmhalta ’s a bha e air tùs; oir air dha faicinn gu robh a h-athair beò slàn shaoil e gum b’ fheàrr dha gun e-féin a dheanamh aithnichte.
Ach air an uair bha so ’s e cruaidh éigin da-rìreadh chuir asteach a ghabhail fasgaidh iad. Cha robh nì a dhùil aca tighinn do’n loch: ’s ann bha iad an an rathad do Ghlaschu an déidh tilleadh á Ameireaga agus air do stoirm séideadh oirre bho’n ear-thuath bha an sgiobair coma ach greim chur air an fhearann a b’ fhaisge dha. Mar a chaidh innse, leag e chùrsa air Loch Mhàraig.
Cha leig sinn a leas ainmeachadh gun do sheòl an long-mhór an ceann là no dhà ach as aonais a’ chiad-oifigeach; bha e a nis bho’n latha ud amach air a ghairm ’na Fhear Mhàraig. Thu an seann duine thairis gach nì ’na làimh ’s bha gach nì a bhuineadh dha fo riaghladh a’ Chaimbeulaich.
’S ann bho’n an duine so a thàinig gach Caimbeulach tha san Hearadh, an Leódhus, an Uibhist, ’s san Eilean Sgitheanach—iomadh dhiubh bha cliùiteach is miosail ’nan là ’s ’nan lìnn.
title | Màiri NicLeòid agus a Leannan |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Niall Mac-an-Tuairneir in Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |