An Dòigh Air an Rachadh Tigh Dubh A Thogail
Air aithris le Dunnchadh Dòmhnallach, (Peighinn na h-Aoirinn), nach maireann.
’S dòcha gur e Dunnchadh Dòmhnallach fhéin a thog am fear so.
NUAIR a bhiodh toil aig duine tigh a thogail air a’ chruit, bha e teannadh an toiseach ri dùsgadh chlach; agus nam biodh na clachan tuilleadh ’s a chòir mór, cha robh dòigh aige ri’m bristeadh ach teine chur orra.
Nist, bha roinn do chlachan ann a dh’fhalbhadh le teine fuathasach math, agus a sgoilteadh a dh’ionnsaigh a’ ghrunna; ach bha roinn eil’ ann, agus nam biodh teine orra, ’s e leacan a bhiodh ag éirigh bho’n teine; agus dh’ fheumadh duine an aire thoirt dha sin—nach biodh an teine tuilleadh ’s a chòir fad’ aige air uachdar nan leacan, a chionn cha deanadh teas an teine sian a dh’fheum dha’n chloich, gus an rachadh na leacan a bh’ann an so a shadadh air falbh, agus an teine fhadadh air ais.
Nist, bha dòigh eile aca cuideachd air fiachainn dé ’n ìre an robh a’ chlach a’ dol—shadadh iad uisge oirre fo’n teine air chor agus nam biodh sgàineadh an àite sa bith rachadh an t-uisge ann. Ach leis a h-uile dòigh a bh’aca co-dhiùbh, rachadh aca air a h-uile clach a bh’ann a bhristeadh air a’ cheann mu dheireadh, agus an tarraing a dh’ionnsaigh an tighe, no an roladh air dòigh air choreigin.
Nuair a shaoileadh duine gu robh roinn do’n chloich cruinn, bha e an uair sin a’ faighinn clachair, agus bha an clachair a’ tòiseachadh air an tigh, agus bha e teannadh ris an tobhtaidh. Bha e deanamh an tobhta le cuideachadh a gheobhadh fear an tighe o nàbuinnean mun cuairt; agus nuair a bha an tobhta sin ullamh aige, dh’fheumadh an duine an uair sin sgrathan a bhuain.
Agus mura b’aithnte dha fhéin sgrath a bhuain, bha e faighinn feareigin a bha e cinnteach a bha e math air an obair, agus toirt dha duais cuideachd air son an sgrath a bhuain; agus b’e ’n duais a bh’ann anns an àm, sia sgilinn anns a’ chiad. Cha robh e ’na phàidheadh mór, ach ged nach robh fhéin, bha e faighinn daoine a dheanadh e airson nan sia sgilinn.
Nist, nuair a bha an sgrath buainte, bhiodh e ’ga tarraing a dh’ionnsaigh an tighe, agus ’ga cur ’na torran sìos air gach taobh dha’n tobhtaidh. Agus bha e faighinn an uair sin fiodh, airson ceann a chur orra. Mura robh fiodh aige fhéin, dh’fheumadh e fhaotainn o chuideigin eile, agus mar bu trice, ’s ann o’n fhear a bhiodh gleidheadh a’ chladaich a bhichte faighinn roinn do’n fhiodh; agus nuair a gheobhte fiodh an uair sin, bha e an uair sin a’ faighinn saor a shàbhadh am fiodh, agus a cheamhladh na ceamhlaichean dha, agus a bhiodh ann an latha a bhichte ’ga chur air cheann cuideachd.
Agus nist, nuair a gheobhadh e ’m fiodh, ’s a gheobhadh e saor, ’s a bhiodh na ceamhlaichean air an ceamhal, ’s gach sian deiseil, bha iad an uair sin a’ cur air leth latha airson an ceann chur air an tigh; agus bha fear an tighe a’ fiadhachadh nan nàbuinnean mun cuairt uile gu léir, agus bhiodh féisd mhór aca an latha sin, mun tòisicheadh iad, bha iad a’ faighinn dramannan uile gu léir mun cuairt, agus neo-ar-thaing nach robh iad a’ tòiseachadh air an obair an uair sin ann an deagh-ghean.
Agus anns a’ chiad chrathadh rithe, bha na ceamhlaichean ri’n cur suas bho’n tobhta, ge brì co-dhiùbh a bh’ann, sia no seachd no ochd; agus bha an saor gu h-àrd ’gan suidheachadh anns an àite dhòigheil, a h-uile fear dhiùbh, fear an deoghaidh fir; agus nuair a bha na ceamhlaichean air an cur air, bha an uair sin corr-thulchain ri cur air gach ceann, bho’n tobhtaidh, a dh’ ionnsaigh bàrr a’ cheamhail bh’ aig a’ cheann. Agus bha an uair sin corr-oisean ri cur air gach taobh dhe gach corr-thulchain; agus nuair a bha sin diante, bha an uair sin na taobhain ’gan càradh air, dà shreath a thaobhain air gach taobh, an taobhan àrd, agus an taobhan ìseal.
Bha e an uair sin a’ cur fiodhaich nan ceann air, mun cuairt aig gach ceann; agus an uair sin bha e deiseil ach na cabair a chur air. Agus bhathar a’ cur suas duine dha’n mhullach aige chon na sparra-gaoitheadh ’na sheasamh agus maide fo chasan, agus bha an duine sin a’ càradh air bàrr nan ceamhlaichean a’ mhaide-dhroma, agus bha air a shìneadh an uair sin dha suas ceann an t-sìomain; agus bha a’ cheaille air an robh sìoman a bh’ann a shineachd, ann am broinn na tobhtadh. Agus shìnte cabar an deoghaidh cabair suas dha’n fhear a bha gu h-àrd ’na sheasamh air planga na sparra-gaoitheadh, agus bha e ceamhal cabar as deoghaidh cabair leis an t-sìoman o dh’fhalbhadh e o’n dàrna ceann dha na ceamhlaichean gus an ruigeadh
[Dealbh]
Ann an Leódhus. Faicibh an staidhir chloiche a’ dol chun a’ mhullaich.
e ’n ceann eile. A h-uile cabar mar a chuireadh e, fear an taobh so an dràsd, agus fear an taobh eile a rithist, bha car dha’n t-sìoman a’ dol mu cheann gach fear dhiubh.
Nuair a bha sin deiseil aige, bha e an uair sin mun tigeadh e anuas agus mun teannte ri sgrathadh, bha e cur maide-feannaig air gach ceann a bhiodh amach ro’ na sgrathan air a bhiodh an tigh air a sgrathadh, agus a rachadh an sìoman a bhiodh a’ dol a chumail an tughaidh air mu thimcheall. Nuair a bha nist sin deiseil aige, bha e tighinn anuas, agus dòcha gum biodh smoc an uair sin aca, agus dram eile, mun teannadh iad ris an tigh a sgrathadh, agus ma dh’ fhaoidte an dìnneir, gum biodh e àm dìnnearach mun do thachair na thuirt mi.
An déidh sin, bha iad nist a’ teannadh ri sgrathadh, agus cha deanadh a h-uile duine sgrathadh tighe, idir; bhiodh fear no dithis air an cur air leath a b’ fheàrr na chéile, agus fear a’ dol do gach taobh a sgrathadh an tighe, agus bha an còrr dha na daoine a’ sadadh nan sgrathan a dh’ionnsaigh na tobhtadh. Nuair a bha nist trì no ceithir do churan nan sgrath air a dhol mun cuairt air an tigh, bhiodh iad an uair sin suas mu’n taobhan ìseal, agus bhiodh fosglaidhean a nist eadar am fiodh a bha gu h-ìseal agus bonn ìseal nan cabar ann a shin.
Gheobhte maide beag goirid an dràsd ’s a rithist a dhùnadh na bealaich a bh’ann a shineach, agus a dheanadh feum eadar an dà thaobhan, agus a chumadh amach na sgrathan. Nuair a bha a nist iad air faighinn leis an sgrathaidh os a chionn sin, chon an taobhain àird, cha robh strìth anns a’ chùis aca tuilleadh; cha robh sian ach sgrathadh fhéin, agus ann an ùine glé ghoirid, agus an sgrathadair
ag obair air gach taobh, agus na daoine pailt ’gan sadadh uca chon na tobhtadh suas, bhiodh an tigh air a sgrathadh.
Nuair a ruigte am mullach, bha aon streath shònraichte an uair sin a’ dol gu sgrathadh air a’ mhullach, ris an canadh iad an sgrath-mhullaich, agus dh’fheumadh i bhith air a gearradh air leath o’n t-seòrs’ eile a chaidh air an tigh, dh’fheumadh i bhith na b’fhaide, air chor agus gun glacadh i ceann nan streath a bhiodh air gach taobh fòipe. An sgrath a rachadh a nist air a’ mhaide-fheannaig, bha toll r’a thoirt innte-se, agus an toll a chàradh mu’n mhaide-fheannaig air chor agus nach siabt’ as i.
Agus a nist bha an tigh air a sgrathadh gu dòigheil uile gu léir agus dòcha gu robh an t-anmoch ann. Cha bhiodh an còrr ri dhianamh aig na daoine a chaidh a thoirt a chur ceann air an tigh, agus dòcha nam biodh boinn’ ac’ air fhágail dha’n uisge-bheatha, gun cuireadh iad crìoch air an uair sin mum falbhadh iad dhachaidh, agus ma dh’fhaoidte nach ann dhachaidh a rachadh pairt dhiubh cuideachd, nam biodh boinne ri chothachadh an àite eile faisg orra, gun tadhladh iad ann.
Bha an tigh a nist r’a thughadh, agus uaireannan bhiodh an tughadh furusda fhaighinn, agus uaireannan nach biodh, ach co-dhiùbh bha dòigh aig daoine an uair sin barran a’ bhuntàta a thogail, an àm buain a’ bhuntàta; cha robh bàrr a bh’air a’ bhuntàta nach robh air a thogail gu dòigheil, agus bhiodh iad ’ga chumail air an dlòith cuideachd, agus mu thuairmeas raoide daonnan bha bann air a chàradh mu’n timcheall. Agus bha sin air chumail ann an tòrr gus am biodh am buntàta agus an dlùthadh agus a h-uile sian deiseil.
Bha iad an uair sin ’ga chàradh air an tigh ’na thughadh, agus neo-ar-thaing nach robh e ’na dheagh-thughadh dìonach, agus dheante an còrr le sealasdair agus le luachair dheth, agus feadhainn aig am biodh sin furusda fhaotainn, ’s feadhainn eile nach biodh; ach co-dhiùbh, cha robh duine ann nach robh deanamh a dhìcheall airson deagh-thughadh fhaighinn a dheanadh an gnothach air an tigh.
Dh’fheumadh an uair sin saor dorus a dheanamh dha’n tigh sin, agus dh’fheumadh an duine uinneagan. Nuair a bha a h-uile cuid dhiubh sin air fhaotainn, agus air an cur san tigh, bha e neo-ar-thaing, agus cha robh an uair sin aige ach a’ cur innsridh ’na bhroinn mar a b’ urrainn dha.
Tha nist a h-uile sian a bhuineadh dha’ n tigh air innse agam ann an so, agus tha mi smaointinn nach do dh’fhàg mi sian dha’n t-saoghal as, no ann an dìochainn, nach do dh’inns mi. Cha robh ròpa ruadh an uair sin airson gabhail aig tigh ann, no aig bàthaichean no aig rud eile— ’s e fraoch a dh’fheumte thoirt as a’ bheinn agus a shnìomh gu dòigheil. Agus mura snìomhte leis an duine fhéin e, dh’fheumadh e sìomain a cheannach aig duin’ eile; agus ’s e prìs an uair sin an t-sìomain-fhraoich, sia sgilinn a’ chuach, agus bha h-uile cuach deich lùba ar fhichead oirre, agus bhiodh a’ chuach a réir an duine bhiodh ’ga snìomh, bha i dol mun cuairt m’a dhruim agus m’a cheann a dhà choise amach bhuaidhe nuair a shìneadh e bhuaidhe i, agus sin agad fiach sia sgilinn. Bha grùnn mór dhiubh aig tigh air a shon sin.
Agus an àm sìomanachadh an tighe, bhiodh braisde briagha air a chàradh air gach ceann, agus bhiodh e sealltainn fuathasach briagha cuideachd air uachdar an tughaidh, agus na lùbannan o cheann gu ceann air an cumail cho cothrom ’s cho dìreach. Agus a bharrachd air sin bha màthair-shìoman mun cuairt air uile gu léir, mu thuairmeas dà throidh gu leath o’n tobhtaidh, agus a h-uile lùb air a ceamhal ris a’ mhàthair-shìoman agus acair air a chur innte eadar a’ mhàthair-shìoman agus an tobhta. Bhiodh a nist an tigh air a thughadh agus air a shìomanachadh leis an t-sìomain-fhraoich o cheann gu ceann. Bha an uair sin fiaragan a’ dol mun cuairt aig gach oisean dheth, a chumadh na h-oiseanan gun ghluasad, ’s nach fhaigheadh a’ ghaoth mu’n timcheall air dòigh sa bith. Agus a nist, tha an tigh air a thughadh agus air a shìomanachadh, agus seasaidh e nist ri gaoith agus ri usige, agus tha e ceart gu leòir.
[Bha Dunnchadh Dòmhnallach, Peighinn na h-Aoirinn, an sgeulaiche mór nach maireann, eòlach air obair nan clachairean. O chionn cóig bliadhna, thadhail e ann an Canaidh, agus dh’iarr mi air innse do’nrecordera h-uile sian mar a dheanadh esan agus na daoine a bha còmhla ris tigh-tughaidh sna laithichean a dh’fhalbh. Rinn e sin dhomh. Dh’inns e dhomh aig an àm gur h-e dusan not am pàidheadh a gheobhadh e airson tigh dubh a thogail aig an àm ud.
Sgrìobh Anna Nic Iain ’s mi fhìn na dh’inns e dha’nrecorder .
FEAR CHANAIDH. ]
[Dealbh]
Seòrsa Earra-ghaidhealach.
title | An Dòigh Air an Rachadh Tigh Dubh A Thogail |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Dunnchadh Dòmhnallach in Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |