[319]

ATeagasg Sgoile air £70 sa’ Bhliadhna

Le MAIRI A. CHAIMBEUL, Tiridhe

MO chreach! Nach iomadh uisge ruith le sruth bhon uair ud, agus nach iomadh caochladh mór a thainig air an t-saoghal.

Nuair a thòisich mise air teagasg bha luchd na dreuchd sin, fir agus mnathan, dithis air peighinn, agus bha móran do na feadhainn a chrìochnaich anns acholaisd anns acheart bhliadhna riumsa nach do choisinn sgillinn riamh ann an teagasg sgoil, ach as déidh móran àmhghair asiubhal àite ann an dreuchd neo-thaingeil agus air a droch phàidheadh a dhèalaidh astigh do dhoibrichean no do réis air choreigin eile as déidh na chuir iad seachad de mhaoin agus de bhliadhnachan adeanamh ullachadh airson dreuchd-teagaisg.

Bha mise ann a measg nam feadhainn a bha fortanach, air neo dhfhaodte nach robh, a réir agus mar a sheallas sibh air, ach co-dhiùbh bha àite air a ghealltainn dhomh ann an de sgoiltean abhaile mhóir airson na h-ath bhliadhna.

Gus a sin dhfheumainn tighinn beò, agus chuir mi stigh tòir airson àite ann an sgoil a bha dhìth bean-teagaisg ann am fear de na h-eileanan an Iar; agus a rithisd bha mi fortanach an t-àite fhaotainn amach as móran iartaichean; a thaobh, tha micreidsinn, gun do rugadh agus do thogadh mi air eilean, ged nach be sud an t-eilean.

Mar sin, air brèagha foghair, le speuran cho gorm ri sùilean leanaibh, agus le fairge cho ciùin ri loch, ràinig mise meilean le mchiste, agus le mchòta-uisge.

Anns na làithean ud cha bu mhór a bfhiach am fear no an a shiubhladh air turus gun chiste, agus bha ciste ghasda agamsa le mullach cruinn oirre, agus le slatagan adol thairis oirre ga deanamh rìomhach.

Thainig am bàta aiseig amach gu rèidh mar nach biodh fàth cabhaig ann a choinneachadh Bàta-na-Smùid anns an robh mise agus mo chiste.

Chaidh an toiseach a lìonadh le fiodh gus nach robh mìr dhith an uachdair, agus chaidh mise agus mo chiste ùr a chur air a mhullach sin, agus ghuidh mi gu dùrachdach mo theasraiginn oir bha mi cinnteach gum ben grunnd fo thuinn àite tàimh abhàta bhig mheirgeich, chosgte ud; ach cha do thachair beud dhi. Cha robh ach aon phearsa eile anns an iùbhraich còmhla rium fhéin agus ris an fhear-stiùraidh.

S e sean duine duthar, slaodach a bhanns an fhear-stiùraidh, ’s e tilgeadh amach anail le séid chruaidh, ach aon fhacal seanachais cha tainig as a bheul.

S e sean duine glé ghasda ann an coslas a bhanns an fhear eile, am fear leis an robh am fiodh mar a thuig mise; agus bha ena shuidhe air mullach an fhiodh aig mo chasan, agus en dràsd agus a rithisd atilgeil amach smugaid bheag fhrasach anns an uisge.

Mar a bha sinn gu bhith aig taobh an t-seòrsa cidhe, chunnaic sinn sean duine ciatach, ruiteach aturaman anìos an rathad mór le barra-roth. Sheall am fear a bhair an fhiodh aig mo chasan gu dùrachdach air fear abharra-roth agus sheall e sin ormsa dìreach anns an shùil agus thubhairt e:

Tha fhios gur abhean-teagaisg ùr, huh?”


[320]

Is ,” arsa mise.

Is dòcha gur h-ann an tigh Thormaid, Tormad MacRuairidh, a bhios tufuireachd”.

“ ’S e sin a chaidh a chur air dòigh dhomh”, arsa mise.

Matà”, ars esan, ’s ebruidhinn gu ciùin, duilich, “mar a còrd e riut, agus cha chòrd, oir tha iad daor, daor, na fan. Thig thusa a dhionnsaigh an tighe againne, an tigh mór geal, ceithir oiseineach, a tha làmh ris an eaglais. Cuimhnich. Umha. Slàn leat”.

Bha sinn aig an àm sodol air tìr, agus cha robh ùine agam air freagairt, oir choisich e air falbh gu grad: agus bha mise cur fàilte air an duine chòir a thainig gam choinneachadh.

Chaidh mo chiste chur air abharra, agus le iomadh osan bhon t-sean duine agus iomadh sgriach bhon bharra-roth, thog sinn oirnn.

Bha mu cheathramh amhìle againn ri choiseachd mun dràinig sinn an tigh fada, sàmhach, iomallach, anns an robh mise ris an ath naoi mìosan de mbheatha a chur seachad.

Geds ann sabhaile-mhór a bha mise ann an sgoil, an oil-thigh agus an colaisd-teagaisg, ’s ann air eilean a rugadh mi, ’s a bha mo dhachaidh, ach mar a chunnaic mi an tigh iomallach ud, thuit mo chridhe do mbhrògan agus dhubh mulad mo léirsinn air dhòighs nach robh mifaicinn idir aig an àm sin cho brèagha, glòrmhors bha sealladh an àite.

Ach ceadaichibh dhomh a ràdh mun téid mi nas fhaide nach do mhiannaich mi riamh dol don tigh gheal cheithir-oiseineach a bha faisg air an eaglais, nach do chuir mi riamh mo chas far na starsnaich aige; agus gu bheil cuimhneachain chiatach agus mhaiseach agam air iomadh coibhneas agus comain a chaidh a nochdadh dhomh ann an tigh Thormoid, agus gu sònraichte air abhean-uasail a bhaga riaghladh. Gus an tig crìoch mo latha cha dìochuimhnich mi i.

Cha robh anns an sgoil ach sheòmair-teagaisg air fad, ach bha deagh mheud annta; agus ged a bha aon dorus cumanta afosgladh astigh uca, bha dorus cùil eile air an ruim agam-sa cuideachd air am faodainn achlann a leigeadh amach agus astigh gun dragh a chur air an ruim eile, aguss ann dhionnsaigh an doruis sin a thigeadh pàrantan air uairean gu mfhaicinn.

S e duineachan beag glé sgairteil a bhanns amhaighstir-sgoil, ach bha esealltainn glé sgìth, agus na bu shinena aois, ged a bha e mar bhliadhna gu crìochnachadh a réis.

Chuir e fàilte ormsa le furan, aleigeil fhaicinn dhomh gu robh feum orm, agus acur as mo chuimhne mòige fhéin agus mannabachd.

Bha nis da-fhichead ceann anns an ruim aig amhaighstir bho aona-bliadhna-deug suas gu ceithir-deug, agus bha còrr agus da-fhichead agamsa bho chóig bliadhna suas gu deich. Mo chreach! Chan eil min dùil gu bheil deich fhéin anns an sgoil sin an diugh.

Nach bu deifreach na dòighean teagasg an uair ud. ’S ann air leughadh, sgrìobhadh agus cunntas a bhan cudthrom air a leagail, ged bha móran nithean-taoibh eile air aChairt-Thìmeil, mar a bha ealdhainean-làimhe, fuaigheal, figheadaireachd, tarraing-dhealbh agus seinn.


[321]

[Dealbh]
An Sgoil ùr an Còrnaig-mór an Tiridhe.

Bha cuideachd móran barrachd meas air a chur air teagasg Bìobuill agus aCheisteir na thaga chleachdadh air an -an-diugh.

Bha ceasnachadh Bìobuillga chumail anns gach sgoil uair sabhliadhna agus bha móran de na pàrantan anns acheàrn ud acur barrachd ùidh anns acheasnachadh sin na bha iad acur ann am puing sam bith eile de dhoileanachadh na cloinne.

Air a shon sin, bhachuid mhór de phàrantan an eilein ud anabarrach déidheil air gach cothrom a thoirt don chloinn, agus adeanamh oidhirp air an cuideachadhnan ionnsachadh, ach bha feadhainn ann aig nach robh mìr sgoil iad fhéin agus a bha ameas oileanachadh na cloinne mar fhaoineis.

Bha teaghlach mar so anns an ruim agamsa, ghille bheag agus nighean. Bha na balaich laghach, sìobhalta ach glé thiugh sacheann, ach bhachaileag cho beò, tapaidh ri greollan.

Bham fear a bu shine gu sònraichtena bhriste-cridhe dhomh, agus dhfheuch mi h-uile dòigh air: ’ga thoirt a leth-taobh, atrod ris, gus mu dheireadh an dubhairt mi ris aon gum feumainn iarraidh air a phiuthair bheag a chuideachadh aig an tigh le leasain.

An ath thàinig rapadh beag caol aig an dorus chùil, agus mar a dhfhosgail mi e bha seana bhean bheag sgiobaltana seasamh an sud, le cleòca sìoda dubh oirre, agus le bonaid shean-fhasanta agus cneapan deàrrsach oirre adeanadh fuaim mar chluig shìdhichean a h-uile uair a chrathadh i a ceann.

Mar gum biodh eagal oirre nach biodh cuimhne aice air na bha roimpe ràdh leig i sìos ròpa cainnte mar so:

Is mise seanamhair Sheumais. ’S ann còmhla rium a tha ecadal; ’s es docha leam don teaghlach, agus cha chùm apheallag bheag, mhì-mhodhail peathar a tha aige coinneal ris, agus chan eil thu ri dragh sam bith a ghabhail ri ionnsachadh. Chan eil facal


[322]

sgoil aig athair, no aig a mhàthair no agamsas thàinig sinn roimhn t-saoghal, ’s ni esan sin cuideachd.” Thàinig so amachna shruth gun anail idir a ghabhail.

Chuir i sin a làmh ann am baga beag dubh agus thug i mach dealbh as agus thubhairt i:

“ ’S tha nighean agam ann an Lunnainn, ann an Lunnainn. Chan eil facal sgoil aice nas , ’s fhuair i pòsadh math, ’s tha clann aice cho lurachs a chunnaic thu riamh.” Shìn i dhomh an dealbh, chaile bheag bhòidheach. “Nach iad tha grinn gu dearbh!” arsa mise, “Ciod than athair adeanamh?”

Tha Kebbie,” ars ise, gu bòsdail.

Rug i sin air làimh orm agus, ationndadh air falbh, thubhairt i:

Na cuireadh an gille beag dragh sam bith ort, a ghràidh. Ni e feum math gu leòir.”

An sin fhéin fhuair mise pacan beag do leabhraichean as Dun-éideann le posta nan litreach, agus thug mi fear an t-aon don chloinn dhiubh, oir ged nach robh mise beairteach aig trì-fichead agus a deich de notaichean sabhliadhna, cha robh dad idir aig móran de na pàrantan ud aig an àm ud. ’S eLeabhar Aithghearr nan Ceista bhann agus bha e mar fhiachaibh ormsa an Ceistear a theagasg don chloinn.

An ath mhadainn bha an t-seana bhean afeitheamh rium aig lùbadh an rathaid dhionnsaigh na sgoil, agus shìn i mach a làmh: “Eudail”, arsa ise, “ ’S ann a nis a tha misetuigsinn na bheil thusa feuchainn ridheanamh ris na pàisdean. ’S ann a ghabh mi nàire gun do bhruidhinn mi riut an mar a chuala mi gun tug thu dhoibh An Ceistear as do phòca fhéin. Gum beannaicheadh Dia thu; agus gabh do Sheumas cho troms a thoilicheas thu, agus buail e cuideachd. Chì mise gun ionnsaich e leasan as déidh so. Slàn leat.”

Thàinig aon ghille beag don sgoil airson achiad uair. Bha e air a sgeadach ann an éileadh fada neo-sgiobalta clò; bhachasan ris; agus a shròn salach.

Nuair a thug e buille da shùil ormsa thug e éigh as a thug air càch leumnan àite suidhe agus lean e air éigheach mar gum biodh cuilean air a thréigsinn aig a mhaighistir. Chuir e chorragan rishùilean agus bha e sealltainn ormsa gu dòchasach rompa.

Thug mi dhà rud milis feuch an cuirinn tàmh air, agus dhith e sud, agus thòisich e rithist.

Thug mi dhà sgillinn.

Sheall e oirre agus thòisich e rithist.

Mu dheireadh chuir mi dhachaidh caileag bheag leis, oir bhe efuireach faisg air asgoil.

Thàinig athair, duine ròmasach, feusagach, curs, air ais leis, agus thubhairt e rium nan cuirinn eagal air aghille bheag a rithist gum bitheadh esan adéileigeadh rium, agus dhfhalbh e.

Chuir e iongnadh mór ormsa ris a bha mi idir coltach ann an sùilean an leanaibh mar nach burrainn dha aon sealladh dhiom a shluigeadh agus aige risealltainn uile làithean goirid a bheatha air an duine ròmasach a bathair dha.


[323]

Co-dhiùbh, cho luath agus a dhfhàg athair an rium, thòisich an rànaich a rithist. Thàinig am maighstir-sgoil astigh, ’s chrath echeann agus a làmhan, ’s chagainn e a liobs e gun furtachd. Mar a chunnaic mise so dhéirich mo chabair orm agus chaidh mi agus thug mi mach as mo bhòrd-sgrìobhaidh crios leathraich agus thubhairt mi ris aghille bheag: “Aon sgriach eile asad-sa òganaich agus gheibh thu siarradh foghainnteach dheth so.”

O coma leat!” arsa esan. “Ach bheil rud milis no sgillinn no agad an diugh?” Cha robh an còrr dragh agamsa leis an fhear ud.

Bha bhalach agam anns abhuidheann a bu shine bhagam anns an rùim, clann cìobair, agus bha aca ri seachd mìle choiseachd don sgoil a h-uile thar monaidhean garbh. ’S iomadh uair a dhfheum mi an aodach agus an stocainnean a thiormachadh air iarunn-dìon an teine.

Cha robh dòigh teas againn ach teine fosgailte air a dhìon le bòdaichean iaruinn agus cha robh dìnneir ann air amheadhon-latha, no bainne samhadainn, no carbad feasgar a ghiùlan dhachaidh na cloinne ach biad sud achlann fhallain, ruiteach, bheòthail, agus mhodhail.

Bha miteagasg fuaigheal agus figheadarachd do na caileagan agus bha iad mór-mheasail air na h-oibrichean sin. Bha aon chaileag ann mu aois trì-bliadhna-deug a bha deanamh léine dhi fhéin agus bha mi teagasg dhi greimeannan rìomhach a chuireadh i air aghibean sin. Bha mhór-chuid glé bhochd, agus bha Bòrd na Sgoil atoirt dhoibh an aodaich a dhoibre leis, ach dhfhaodadh iad an gibean a rinn iad fhéin a cheannach air beagan sgillinnean. Bhachaile so anabarrach déidheil air a h-oibre fhéin a cheannach ach gu -fhortanach shluig i prìne-dùinte aig an tigh mar a bha isealltainn as déidh bràthair beag, agus chaidh a giùlan air falbh don tigh-eiridinn mun do chrìochnaich i an léine bha so. Am facal mu dheireadh a thubhairt i rimáthair mun dfhalbh i: “Feuch, o feuch, gum faigh sibh mfhuaigheal-sa bhon bhean-teagaisg”. Cho luaths a bha sgrùdaidh an fhuaigheil seachad chrìochnaich mise a cuid-se, agus thug mi ga màthair i. ’S ann a thug taingealachd na màthar ud na deòir gum shùilean.

Bha feadhainn den chloinn rin aiseig trasd air loch a thighinn don sgoil, aguss iomadh fiadhaich geamhraidh nach burrainn dhdhoibh fheuchainn. Ma choisicheadh iad mu chuairt ceann na loch air frith rathad corrach bha cóig mìle aca ri dheanamh, achs ann anabarrach ainneamh a bha iad a dhìth na sgoil.

Ameasg abhuidhinn so bha aon bhalach beag a bha mhàthair mór-iomagaineach gun ionnsaicheadh e. Bfheudar dhòmhsa a chur air ais leabhar airsons gun deanadh e suas an grùnnd a chaill e le tinneas agus le sìd mhosach, agus bha mitoirt dha uiread teagasg air leths a burrainn dhomh.

Cuimhnichibh gu robh còrr agus fhichead duine cloinne agam ri theagasg aig deifir aoisean.

Aon latha mhol mi gu blàth cho maths bha an gille beag so adèanamh agus thubhairt mi nach biodh fad gus am bitheadh e air ais


[324]

còmhla ri càch don leabhar a dhfhàg e, agus gum beatadh e iad cuideachd roimh dheireadh na bliadhna.

Chaidh an gille beag dhachaidh gu mireagach agus ruith e gu mhàthair agus dhinnis e dhi gu robh e air toiseach abhuidhinn an diugh.

Bha ise cho toilichte agus thug i dhà rudan milis agus sia sgillinn, agus mar a thàinig a phiuthar astigh thubhairt a màthair rithe:

Faodaidh tu nis sgur de dheanamh fanaid air do bhràthair. Bha e air thoiseachna bhuidheann fhéin an diugh, agus tha sin rud nach robh thusa.”

O mhàthair”, arsa ise, “bha e air thoiseach, ’s air dheireadh. Chan eil sabhuidhinn sin ach e fhéin.”

Seadh, bha iad gu dearbh geur gu an cloinn a bhith deanamh gu maith, agus deònach air an cuideachadh. Bha mi duilich mar a thainig an t-àm dhomh fàgail ged bha soluis abhaile deàrrsadh rium.

Bha teagasg ann an sgoil mhór baile uile gu léir deifreach ann an iomadh dòigh, agus as déidh a bhith sealltainn amach a h-uile fad dlùth air bliadhna bho uinneig mo sheòmar teagaisg air sealladh cho brèaghs tha air an t-saoghal so, ’s e briste-cridhe bhann a bhith spiorachadh air ballachan prìosain a h-uile h-uair a bheirinn buille dom shùil air uinneig; agus gu dearbh cha robh móran duais airson oibre chruaidh agus gu tric neo-thaingeil ann an tri-fichead agus a deich de notaichean anns abhliadhna.

[Dealbh]
An t-seann mhuilinn an Còrnaig-mór.

titleA’ Teagasg Sgoile air £70 sa’ Bhliadhna
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Màiri A. Chaimbeul in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page