[325]

B’ Aithne Dhomh Coinneach MacLeoid

EARRANN II

Le AONGHAS MACDHONNCHAIDH

AN oidhche a chuala mi Coinneach MacLeòid aig Céilidh nan Gaidheal an Glascho, thuirt cuideigin de na bha aig achoinneimh gum bann do Leódhus a bhuineadh e, ach thuirt e fhéin nach bann: gur h-ann air an Eilean Sgitheanach a bfhaisge e.

Bha so fìor ann an sheagh. Is ann an Sanda-bheag, an eilean Eige a rugadh e, agus is ann as an Eilean Sgitheanach a bha athair, a bhana mhaighstir-sgoile sgìre an Eige san àm. Is ann bhàrr na mórthir bha a mhàthair, Seònaid Humphrey, a chaidh àrach an Cul-cìnn, an sgìre Asaint agus Loch-an-Ionbhair, agus a phòs Dòmhnall MacLeòid ann an Tung, an ceann tuath Chataibh cóig fichead bliadhna an t-samhraidh so.

Chan eil teagamh agam nach do lean subhailcean cuideachd a mhàthar ri Coinneach, ach faodar a ràdh le cinnt gum bann on taobh eile a thainig an tlachd a bha aige, eadhonna òige, ann am beul-aithris agus ann an ceòl. Arsa piuthar-athar, “Bha cuideachda mathar, Clann aChomhairlich, iomraiteach airson seann òran is nithean den t-seòrsa sin. Nach ann mun deighinn a thuirteadh nach do chaill iad bàrdachd no beul-aithris riamh, ach asìor chur ris achàrn? ’S an uair a thainig mathair gu Tròndairnis, ma thug no nach tug e leis cuid is codach á DùthaichIc Leòid, thug e co-dhiùbh leis làn cruinne de bhàrdachd is de bheul-aithris”. Is fhiach an còrr den chòmhradh a chur sìos an so. An uair thubhairt càch, aspòrs rithe, “Cha mhór a bfhiach an dìleab sin!” thubhairt ise, “Nach mór? Is mi nach abradh e. ’S math gach a mhaireas. “Riaghladh goirid air an òr, ach riaghladh fada air an òran’. Chan fhada theid bonn òir ann an cuideachd, ach ruigidh òran math air làn cruinne de shluagh.” (Carmina Gadelica, V, 62; The Road to the Isles, 78) .

Theid dualchas an aghaidh nan creag”. Chaidh dualchas ChoinnichIcLeòid altrum agus oileanachadh nuair a chaidh e do sgoil Raining an Inbhirnis, ’s gun e ach trì-bliadhna-deug. Bha an sgoil so air a h-ainmeachadh air Iain Raining, a bhana cheannaiche am baile Norwich, an Sasuinn, o chionn còrr is cheud bliadhna, agus a dhfhàg mìle punnd Sasunnach aig a luchd-dùthcha an Albainn airson sgoil a chur suas. Roghnaich Ard-sheanadh na h-Eaglaise baile Inbhirnis airson na sgoile so; agus, an diugh, tha cuimhne agus meas air an ainnRainingair sgàth an sgoileir ainmeil, Alasdair MacBheathain, a bha air a ceann on bhliadhna 1880 gus an do ghabh Bòrd na Sgoile a cùram sabhliadhna 1894, agus a chaidh a gabhail asteach do Ard-sgoil Inbhirnis, far an robh MacBeathainna fhear-teagaisg gus an do chaochail e le bàs aithghearr sabhliadhna 1907.

Is iomadh naidheachd a bha aig Coinneach air an Ollamh Alasdair MacBheathain. Bha aon fhear-cuideachaidh aige, ach bha e fhéin ateagasg Laidionn agus Greugais, Gaidhlig agus Beurla, agus a


[326]

fàgail achòrr aig an fhear eile. Cha ruig sinn a leas comharra iarraidh air abhuaidh a bha aige air leithid Choinnich ach gun do chuir Coinneach chuige, on tigh, seann sgeulachdan an Gàidhligs am Beurla, agus gun e ach seachd-bliadhna-deug an uair sin. Chaidh cuid dhiubh sin a thoirt am follais anns amhìosachan anCeltic Magazine (1875-1888) ,air an robh MacBeathainna fhear-deasachaidh an bhliadhna mu dheireadh.

Rud eile a mhisnich agus a bhrosnaich Coinneach an car sgrìobhaidh is e gu robh iris-leabharga chur amach aig sgoilearan Raining iad fhéin, iris a bha an toiseach air a làmh-sgrìobhadh, ach a chaidh a chur an clò sabhliadhna 1887, agus e atighinn amach sia uairean sabhliadhna.

Mar tha fhios againn, bfheudar do Choinneach Oil-thigh Ghlascho fhàgail le cion slàinte, ach fhuair e cothrom on duine chòir, an Ridire Uilleam MacFhionghuin, a rugadh an Ceannloch, cuairt a chur san Aird an Ear air de na soithichean aige. Bha e mu fhichead bliadhna aig an àm. Fhuair e na bfheàrr, agus ged a chaidh bacadh air an car fòghluim aig an àm, chuir e ùine seachadna shoisgeulach an dusan àite saGhaidhealtachd mus do shuidhicheadh ena mhinistear air sgìre Cholbhasa agus Orasaidh— “Orasaidh nan cealls nan dìdean”, mar theireadh e fhéinagus chuir e mar sin eòlas air cainnt agus cleachdadh nan Gaidheal a tuath agus a deas. Cha robh dual-chainnt an eilean no am mórthir nach baithne dha.

Dheanadh e suas ri duine sam bith, ged be an ceàrd, airson naidheachd a bhith aige air. Chuala mi fear de na ministearan a chraobh-sgaoil òraid air achuspairAm Measg nam Bodachag ràdh ri Coinneach , san dol seachad, gu robh e abhcaideach, éibhinn dha a dhol ameasg nan ceàrdainnean, agus càch fhàgail aig na bodaich. Thionndaidh Coinneach air a shàil, agus thubhairt e, “Is e fìor chorra bhodach a tha cho math ri ceàrd”. Chan eil duine leughas an naidheachd a rinn an Ceàrd Mór mun fhear a dhiùlt a bhriogais dha nach bi buidheach air an fhear a dhinnis i. “Tha seòrsa de dhreuchd anns an Eaglais”, arsa an Ceàrd Mór ris an duine mhosach, “agus theid thu air do ghlùinean, moch is anmoch, a dhiarraidh fichead air an Fhreasdal air nach eil feum sam bith agad, ach theid thu fhéin air an dearg chuthach ma dhiarras ceàrd bochd seann bhriogais ort. Och! a dhuine thruaigh, cha bu , ’s cha bu mhì an ”. (Am Measg nam Bodach, 148).

An uair nach robh Coinneach ach a dhìth nan ceithir fichead, sgrìobh e gu caraid, agus thubhairt e, “Bithidh mi a ceithir fichead Di-h- aoine, agus tha aobhar agam a bhith taingeil gun do chaomhnadh cho fada beatha air an robh tinneas abagairt cho tric”. (Tha Féilire na h-Eaglaise ceàrr, ag ràdh gun do rugadh e sabhliadhna 1872 an àite 1871.) Cho luaths a fhuair a charaidCalum Mac Gilleathain, ministear na Tòisigheachd agus Baile-Màiriam litir so, chaidh e an gréim, agus rinn e duan beag, laghach do Choinneach saGhàidhlig Eireannaich. Chòrd so gu h-anabarrach ri Coinneach cóir, agus chaidh an duan, mar bhà e, a chur gu paipear-naidheachd Dhun-éidinn, An t-Albannach, agus thug am paipear Beurla sin am follais e air ball.


[327]

Fhuair mi cead o Chalum, agus o fhear-deasachaidh an Albannaich, an duan chur gu Gairm, agus is ann mar so a bhà e:—

(The Scotsman, 10/2/ 51)

Tar éis fiche bliain ag fás duit,
is trí fiche fe bhláth darnó:
ceithir fichenois slán duit,
is tearc do chomrádaí beó.
do ghníomhara líonta lán leinn,
do chárn idir dán is ceól:
is fíor gur rath Clanna Gáedheal
do theacht-sa láidir leó
chum grinneas is binneas gun sáru
do thional don áls don .
Is sgaoilfidh is fásfaidh bárr air
do cháil thar na bánaí mór:
thar oileánaí Cruithneach gu h-áraidh
Inis Albain is Fáilinis sheóigh,
tógfaidh do chraobhaí árda
úbhlaí i ngar na nrós,
is líonfaidh am meas gach aon áite,
is tar éis na dála fós
tógfaidh aos-dána gáire,
Onóir gach tráth do MhacLeóid.”


[Sanas]

titleB’ Aithne Dhomh Coinneach MacLeòid (2)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Aonghas MacDhonnchaidh in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page