Ard Sgoil An Obain
Le DOMHNALL MACTHOMAIS
MA rannsaicheas sinn air ais fada gu leòir chì sinn nach robh sgoilean anns an Oban gus an ochdamh linn deug. Bha an sgoil bheag a b’ fhaisge air anns a’ Chill Mhóir cóig mìle air falbh, agus tha e coltach gu robh an sgoil sin air an fheadhainn bu shine an Earra-Ghaidheal. Thogadh i leis an Eaglais mu’n bhliadhna 1645, agus chumadh suas i leis an t-Seanadh gus an do ghabh C. C. C. C. os làimh foghlum a thoirt do ’n t-sluagh mu ’n bhliadhna 1709. Tha ballachan an t-seann tigh-sgoile sin an diugh a’ cumail suas mullach an tighe anns a bheil Mgr. Hardie agus a bhean a’ fuireach.
B’ann sa’ bhliadhna 1780 a thogadh a’ chiad sgoil san Oban fo ughdaras Mhic Cailein, agus bha e fo riaghladh na h-Eaglais Stéite gu 1850. Aig an àm sin chaidh dhà no trì eile a thogail sa’ bhaile. Bha Sgoil Ghnìomhachais airson chaileagan san Ard-Shràid. Bha an Sgoil so ainmeil airson na teagaisg a bha i a’ toirt do nigheanan ann am fighe, fuaghal agus obair-tighe, ann an lagh nam modhannan agus ann a bhith ’gan cuideachadh gu muinntireas fhaighinn.
Bha Sgoil na h-Eaglais Shaoir air Sràid Chombaidh air an làrach air a bheil an Sgoil Phàpanach an diugh. Anns a’ bhliadhna 1862 thainig maighistir-sgoile ùr innte. B’e sin Mgr Uisdean Sginear, fear a mhuinntir Sgìre na Manachainn. Fhuair e ionnsachadh am Baile Dhubhthaich agus an Dun-éideann far an do dh’ ionnsaich e Greugais bho ’n t-sàr Ollamh MacGilleDhuibh. Bha e ’na cheann air an sgoil bhig so aon bhliadhna deug gu 1872 an uair a chuir Bòrd na Sgoile e ’na àrd-cheann air Sgoil an Obain—sgoil nach robh idir ann. Chùm e a’ teagasg anns an sgoil air Sràid Chombaidh gus an robh an togalach ùr am Pàirc Thómais deas, agus aig a’ cheart àm chum e a shùil air an sgoil eile san Ard-Shràid. ’S e là mór a bh’ ann san Oban sa’
[Dealbh]
Dòmhnall MacThómais
Ghiblean, 1876, an là dh’ fhàg no sgoilearan an dà sgoil sin ’s a chruinnich iad am meadhon a’ bhaile agus a sin choisich iad gu stàtail rianail is Sginear air an ceann gu Sgoil an Obain—Sgoil Ach na Creige anns an robh cóig seòmraichean móra, aon diubh airson 115 sgoilear. Bhatar a’ cumail amach gu robh an sgoil mór gu leòir do na h-àil a bha ri teachd, ach bha iad air am mealladh. B’ fheudar leasachadh a dheanamh oirre uair is uair, agus togalach ùr a chur suas an 1890 aig Rathad Soroba. Thainig Mgr Sginear suas gu Soroba as t-fhoghar 1890, e féin ’s na clasaichean a b’ àirde, agus dh’ fhan e an sin dà bhliadhna nuair a leig e dheth a dhreuchd an déidh bhith deich bliadhna fichead ’na mhaighistir-sgoile, agus ’s e an duais a b’ àirde bha aige riamh £175 sa’ bhliadhna. Ach cha robh e fada gun dreuchd eile fhaighinn. Rinneadh Bodach nam Bochd dheth— ’s e sin fada b’ fheàrr na bhith stigh—agus is gann gun creidear so: chuir e seachad deich bliadhna fichead eile san dreuchd sin. Nach b’e siad e! Bha e trì fichead bliadhna os cionn na Sgoil Shàbaid agus chuir e reimhe sia ministearan. Nuair a thainig e do ’n Oban glé òg phòs e nighean Dhòmhnaill Dhùghaill a bha ’na thuathanach an Gleann Cruitean agus dh’ fhàg e teaghlach mór—sia mic agus dithis nighean—a’ mhór chuid dhiubh ann an inbhe àrd sa’ bhaile. Bu mhór air neach nam faigheadh e cungaidh leighis no teisteanas pòsaidh, baistidh no bàis, ach o Sginear.
Anns a’ bhliadhna 1892 anns an robh Ard Sgoilean ’gan togail air feadh na dùthcha, shònraich Bòrd na Sgoile san Oban fo stiùireadh Iain Rothaich a dhol air adhart cuideachd. Bha móran ’nan aghaidh chan ann a mhàin sa’ bhaile ach gu sònraichte air an tuath. Aig an àm so bha sgoil mhath an Eisdeal agus bhàtar de ’n bheachd gu fóghnadh i do ’n dùthaich mun cuairt. Co-dhiùbh fhuair Bòrd an Obain Maighstir-sgoile ùr agus b’e e fhéin an ceatharnach—Mgr Seumas Beattie, duine foghainnteach anns a h-uile dòigh. Bhuinneadh e do dh’ Obar-Dheadhain. Bha e air a bhith a’ teagasg ann am Baile Bhóid, an Craoibh, ’s an Cill Rìmhinn roimhe sin.
Thòisich e san Ard Sgoil air £250 , le dà sheòmar, aon fhear-cuideachaidh agus ochd sgoilearan. Cha b’ fhada gus an deach an
àireamh suas. Chaidh cliù na sgoile fad is farsaing. Thòisich na sgoilearan a’ tighinn as na h-eileanan cho math ri Tìr-mór. Ann an 1901 bha an àireamh eadar bheag agus mhór air ruighinn 866 agus dhiubh sin bha 107 san Ard-sgoil. Bha a’ chlann air an deagh theagasg ann an iomadh cuspair: cunntas, saorsnachd, bathar, cànainean Laideann, Frangais, Greugais agus Gearmailt (cha robh guth air a’ Ghàidhlig fhathast). Bha iad a’ fiachainn nan diachainnean a b’ àirde anns na sgoilean agus bha adhbhar aca a bhith moiteil, oir ann an ùine ghoirid fhuair iad a’ chiad àite an Alba air fad trì uairean. Saoilidh mi gu faod mi na sgoilearan sin ainmeachadh an so: Màiri A. Sginear, 1898; Giorsal NicDhùghaill, 1900; Seòras Hóp, 1904. Chuir Beattie an sgoil air a casan. Rinn e ainm dha fhéin cuideachd. Ann an 1910 bha e ’na cheann-suidhe air an E.I. S. agus greiseag an déidh sin dh’ fhàg e an t-Oban an 1911 gu bhith ’na cheann air Ard Sgoil Ghrianaig. Duine fiosrach, duine ùghdarail ’s e sin a bh’ ann. Cha d’ fhuair mi mach fhathast an robh buntanas aige ris an Ard Ollamh a bha an Obar-Dheadhain ach is math a dh’ fhaodadh sinn a ràdh:
“A liuthad diùlannach ainnis
A dh’ àrdaich t’ ionnsachadh ainneamh gu h-uaill,
’S gach là bhios càirdeas air faoineachd,
A Bheattie chliùitich! bidh cuimhn’ air do luach.”
[Sanas]
Chaidh obair na sgoile air adhart gu réidh dòigheil an déidh sin fo stiùireadh Mgr Uilleam D. Ceanadach a bha ’na cheann roimhe sin an Rudha- ’nach-Breacaidh. Dh’ fhuirich esan san Oban gu 1919 nuair a chaidh e mar Fhear-stiùiridh Foghluim do Mhoireibh.
Tha mi de ’n bheachd gur i Sgoil an Obain a’ chiad sgoil a rinn oidhirp air a’ Ghàidhlig mar chuspair a theagasg do ’n chloinn. An 1906 thàinig Màiri NicRath, ban-Sgiathanach, á Sgoil Dhùn-Bheagain a theagasg na Gàidhlig. Cha robh móran de na sgoilearan san Oban eadhon san là ud a bha fileanta sa’ Ghàidhlig, ach rinn NicRath a measg iomadh anacothrom a dìcheall. Chaidh sparradh oirre Gàidhlig a thoirt do na bha os cionn ochd bliadhna a dh’ aois. Bha luchd na Gàidhlig agus luchd gun Ghàidhlig aice còmhla, agus bha a bhuil. An ath bhliadhna an déidh a’ cheasnachaidh chaidh stad a chur air teagasg na Gàidhlig oir, a réir an aithisg, bha luchd na Gàidhlig air an cumail air ais agus cha b’ fhiach do chàch an t-saothair. Sguir a’ Ghàidhlig an Ach na Creige. Chumadh i san Ard Sgoil ach cha b’ ann gun spàirn. Anns a’ bhliadhna 1910 dh’fhiach dithis a’ chiad dhiachainn a chuireadh sa’ Ghàidhlig agus cha deach na bu mhiosa na sin dhi. Chaidh ris an àireamh gach bliadhna gus an do dh’ fhàg NicRath an 1914 ’s i air àite eile fhaighinn an Glaschu.
’S e Màiri D. NicCuinn á Eisdeal a ghabh a h-àite, boireannach tonaisgeil a robh mór ùghdaras. Fhuair i meas agus urram bho a sgoilearan a dh’ aindeoin gach sgailc a thug i le cùl a dùirn. Cha robh farmad aig duine rithesan obair a ghabh i os làimh. Cha robh cùrsa air a shuidheachadh roimhpe agus cha robh leabhraichean ach gann. A dh’ aindeoin sin ’s ann ainneamh a dh’ fhàiling sgoilear a bh’ aice riamh. Ghabh i ùidh cuideachd ann an obair a’ Chomuinn Ghaidhealaich. Ach ged a bha soirbheachadh daonnan a’ leantainn a h-obrach, agus bha sin faicsinneach do na h-uile, bha buaidh na bu mhaireannaiche aice air inntinn mhaoith na cloinne le a dealas agus a dìlseachd do chànain a màthar. Chuir mise eòlas oirre nuair a thainig mi do’n Oban. ’S iomadh oidhche bha mi air chéilidh san tigh aice. Bha i còir fialaidh ’na dachaidh agus
[Dealbh]
Catriona Nic Thómais, a choisinn Cuach Mhic Aoidh aig Mòd na Leargaidh (1956), agus Catriona Nic Fhionghuin, a choisinn Bonn Oir a’ Chomuinn.
[Dealbh]
“Na seòmraichean ùra a bhios deas am bliadhna.”
tha mi toilichte an cothrom so fhaighinn air moladh na rinn i air sgàth na Gàidhlig agus a bhith a’ fiachainn r’a leantainn.
B’e Aonghas MacLeòid an ath Reachdair. Leòdhusach as an Rubha, fhuair e oileanachadh an Sgoil MhicNeacail agus an Oilthigh Obar-Dheadhain far an do choisinn e gach duais a bha ri fhaighinn. Chrùnadh e M.A. leis an urram a b’ àirde am Mathamatics agus Feallsanachd Nàduir, agus bliadhna an déidh sin le B.Sc. Mun tainig e do ’n Oban an 1919 bha e air a bhith a’ teagasg an Obar-Dheadhain, anns an Oilthigh, an aon de na h-àrd-sgoilean, agus an Colaisd a’ Ghordanaich.
An déidh a’ Chogaidh Mhóir thainig iomadh atharrachadh. Cha robh na seann dòighean math gu leòir le cuid. Bha an t-àm ciogailteach ach bha an t-Oban fortanach gu robh sgiobair làidir fiosrach aca a chùm a’ Bhirlinn Latharnach gun bhriseadh air na bodhannan, agus a thug sàbhailte i troimh an dara cogadh.
Duine glic agus duine math; àrd-sgoilear an iomadh cuspair, bha e daonnan air taobh na Gàidhlig. Dh’ obraich e air a son, dh’ ullaich e agus dheasaich e paipearan is leabhraichean Gàidhlig, gu sònraichte Sàr Orain agus Oran Dhonnchaidh Bhàin, agus tha tuilleadh air aire aig an àm so.
An uair a leig e seachad a dhreuchd an 1950 nochd an sgoil agus gach comunn ris an robh gnothach aige—tha iad ro lìonmhor an ainmeachadh an so—an spéis do Aonghas agus do a mhnaoi. Bha ise ’na mór-chuideachadh dha, oir bha subhailcean mìorbhuileach air am buileachadh oirre—cuimhne làidir agus fradharc glan; bha i uasal ’na gnè agus a bha a cridhe san sgoil.
[Sanas]
[Dealbh]
Iain MacGilleathain.
Bha an sgoil garbh fortanach leis na cinn a bh’ oirre, agus chan e am fear a th’ ann an diugh mìr as tàire. ’S e sin Iain MacGilleathain, Ratharsach a thug bàrr an sgoilearachd gu sònraichte an Laideann ’s an Greugais. Shuidh e aig casan nan Ard Ollamhan a b’ àirde cliù an Albainn, an Sasuinn agus san Roinn-Eòrpa. Fhuair e an t-urram a b’ àirde anns na cuspairean a ghabh e agus bha ceum toisich aige an còmhnaidh air na bha a’ strì còmhla ris. Deagh fhear-teagaisg, fìor fhear-ceasnachaidh agus sàr cheann-sgoile.
Tha spéis mhór aige do ’n Ghàidhlig. Tha sin ri fhaicinn anns na tha a’ gabhail Gàidhlig anns an sgoil, ceud gu leth, barrachd na bha riamh roimhe. ’S e luchd-ionnsachaidh a tha sa’ mhór chuid dhiubh. Ach bithidh e duilich an àireamh sin a chumail suas mura faighear paipear ceasnachaidh a bhios freagarrach sa’ chóigeamh bliadhna. Ma gheibh, bithidh cùisean nas fhasa agus nas fheàrr.
Tha na sgoilearan an diugh a’ tighinn á iomadh ceàrn de ’n t-siorramachd bho Ardnamurchan gu Ile, bho bhun Beinn Dòbhrain gu Tir-idhe, á sgoilean beaga agus sgoilean meadhonach—clann brèagha mhodhail, ach cha bhiodh e nàdurach mura biodh deamhnan ’nam measg cho math ri ainglean.
Tha Hostail air a bhith ann do na caileagan bho 1921 agus aig toiseach na bliadhna so dh’ fhosgladh Hostail do na balaich—tigh mór eireachdail shìos aig cois na mara—Cill Bhuidhe, pròis an taobh siar. Le chéile tha còrr air ceithir fichead sgoilear annta.
Tha mór fheum air na seòmraichean ùra a bhios deas am bliadhna, oir tha an sgoil a’ sìor fhàs. Uile gu léir tha 1313 sgoilearan agus 56 luchd teagaisg innte am bliadhna—barrachd na bha riamh. Tha a’ chlann air an roinn ’nan ceithir fineachan, Diarmad, Fionn, Oisean agus Somhairle, le an ceannardan fa leth. Tha a h-uile cothrom aig a’ chloinn. Ma tha tùr is cùl ’nam pàrantan cha leig pàisde a leas a dhol do Sgoil Uasail an Dùn-éideann no an Dùn-eile. Gheibh iad foghlum a réir an càil san sgoil so. Air a gualainn tha suaicheantas MhicGilleathain, “Dia ar n-iùl”, am bàrr a croinn tha lòchran soillseach, agus tha cuan farsaing domhainn fo a sròin.
(Na dealbhan air an togail le Dòmhnall Moireasdan.)
title | Ard Sgoil An Obain |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Dòmhnall MacThómais in Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |