Sean Eolas-Luibh
(2) CAORUNN
Le ALASDAIR MAC’ILLE MHAOIL
Am beachd ar sinnsire bha éifeachd sa’ chraoibh so gu seun a chur eadar iad fhéin is cuilbheartan shìdhich, buitsich, is an droch-shùil. Bhitheadh crois de’n fhiodh air a cur sa’ chuman ri àm bleoghainn gus an toradh a ghleidheadh sa’ bhainne, agus bha an crodh fhéin fo dhìdean, dòrlach gheugan os cionn àrd-dhoruis na bàthaich.
Ann a Srathspé bha e ’na chleachdadh, air Latha Buidhe Bealltainn, na caoraich ’s an àl a rotadh troimh chearcall de’n chaoruinn airson na treuda a dhìon o gach dochainn. Tha iomradh air a’ cheart ghleus a thaobh cloinne air an robh droch phiseach. Theirte Leigheas na Cuairte ris an deas-ghnàth so, agus tha’m bàrd ag aithris air nuair a sheinn e—
“Mo nighean bhòidheach an fhuilt réidh
Gur spéiseil leam a ghluaiseas tu,
Ged robh mi tinn gu bàs,
Do ghràdh bu leigheas cuairte dhomh.”
Agus chuala sinn uile mu ’n mhaighdein le“ ’gruaidhean mar na caoruinn”. Bha i ann, co-dhiùbh bho linn Oisein, agus có chanas nach do ghluais i gu spéiseil ann an Gàrradh Edein fhéin.
title | Sean Eòlas-Luibh (Caorunn) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Alasdair Mac’Ille Mhaoil in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |