Long an Iaruinn
BHO MHURCHADH MACLEOID
“NACH ann air an duine dhubh tha na màsan,” arsa cailleach Chàirinis, agus an duine dubh ’na chadal air an làr agus srann aige a chuireadh na h-eich as a’ choirce. Agus bha e feumach air cadal, bròinean, as déidh na bha e air a dhol troimhe air an oidhche bha sud—oidhche an uabhais agus a’ bhàthaidh ann am bàgh Chamuis Uige.
Sa’ chomhar-thràth an oidhche ud thainig long gu cùl Sgeir Sheilibhig agus chuir i amach dà acair. Mas ann airson tàmh na h-oidhche air laighe-thuige a bha i, no airson càradh-sheòl as déidh riasladh stoirme sa’ Chuan-a- Siar, chan eil fhios, ach ’s e oidhche na h-éiginn agus na dunaidh a bh’ann dhì-se co-dhiùbh.
Troimh an oidhche shéid a’ ghaoth ’na h-uabhas agus cha do chùm acraichean na luinge an gréim. Dh’fhalbh i leotha, ’gan slaodadh as a’ ghrunnd, gus mu dheireadh na chuir i na slabhraidhean ’nan tagannan, agus asteach leatha dìreach gun ghabh i gu ceann amuigh sgeirean Chàirinis. Tha e air a ràdh gur h-e luchd iaruinn a bh’innte agus an uair a bhuail i a’ chiad bhogha gun dug a’ ghliongadaich aice na daoine amach as na tighean anns na bailtean timcheall na Tràghada Móire.
An t-àm a dh’oidhche, agus an t-uabhas a bh’ann anns an dorchadas, cha b’urrainn móran a bhith air a dhèanamh ach lorg amach cia as a bha glaodh na h-éiginn a’ tighinn. Agus far an robh an long a’ dol ’na bloighdean, cha b’ann ri tir-mór a bha e ach aig sgeirean fada amach bho chladach. Airson eathar beag fhaighinn amach, cha robh e comasach, mura bithisd airson bàthadh eile a bhith ann còmhla ri bàthadh na luinge. Ach rinn daoine na nàbachd a h-uile càil a ghabhadh dèanamh, agus an uair a thilg am muir air tìr na bha gu bhith beò, chaidh gabhail riutha gu math.
Chaidh an tiormachadh agus am blàthachadh, agus eiridneadh math thoirt dhaibh. Bha daoine na bu chneasda na bha iad ann an làithean fada roimh an àm-sa nuair a chaidh sgiobadh á Mèalastadh a dh’iarraidh luchd coille gu tir-mór, taobh Gheàrrloich. Nuair a bha iad a’ tilleadh air ais, thainig stoirm chathaidh orra tighinn tarsainn a’ Chuain Sgìth, agus chaidh am mearachadh.
Chuir an stoirm asteach iad do dh’fhear a lochan na Pàirce Leódhusaich. Bha iad cho dona air lapadh agus nach b’urrainn iad móran sam bith a dheanamh air an son fhéin. An àit an teasairginn agus an cuideachadh, ’s ann a rinn sluagh an àite mort anabarrach orra. Mharbh iad a h-uile duine riamh aca le clach ann an stocainn.
Chaidh seachdain agus seachdain seachad agus cha robh na h-Uigich a’ buinnig dhachaidh. Cha robh fhios càit an robh iad no ciod a bha air éirigh dhaibh. Ach mu dheireadh fhuaradh a’ chiad lorg air ciod a bha air tachairt dhaibh. Thainig teachdaireachd ann an aisling gu bean fear aca. Thainig an duine far an robh i agus thòisich e a’ còmhradh rithe ann an amhran:
“A chuilein mo ghaoil ’s mo nighean donn òg,
Nam bithinn ri d’thaobh cha bhithinn fo leòn;
A chuilein mo ghaoil ’s mo nighean donn òg.”
[Sanas]
Bha e ag innse dhi mar a chaidh tachairt riutha agus am mort. Bha e ag ràdh ann an aon àite: “air leacan an rubha bha fear buidhe ’ga leòn.” B’e so an aon lorg a fhuaradh a riamh air fir Mhèalastaidh.
Ach cha b’ann mar sud a rinn muinntir Chàirinis air sgiobadh Long an Iaruinn. Ghabh iad riutha gu nàdurach agus gu coibhneil, dìreach mar a rinn an Sìothphortach agus muinntir Steòrnabhaigh ris an luing choigrich a thainig asteach thuca agus i ’na h-éiginn do an Loch a Tuath ann an 1786. ’S e long Shasunnach a bha so, a bha air a glasadh fada anns an eigh shuas aig Greenland: as déidh dhi faighinn mu sgaoil, chaidh i troimh chruadalan móra mus do ràinig i fearann Leódhuis. Chailleadh tòrr de na daoine a bha oirre, agus bha a’ chuid a bha beò ann am fìor éiginn nuair a ràinig iad an Loch a Tuath. Ach cha deacha na bu mhiosa na sin dhaibh agus an Sìothphortach agus a shluagh a’ freasgairt orra.
Agus sin mar a bha do dhaoine bochda Long an Iaruinn nuair a fhuair muinntir Chàirinis iad. Chaidh an cur suas anns na tighean agus leidean agus gnothaichean a dheanamh dhaibh. Is ann air leid de ’n t-seòrsa-sa a bha an duine dubh. Bha iad as gach treibh is fine ann, agus an duine dubh ’nam measg, agus gun mhóran aodaich air mur an robh bréid air a chùlaibh agus bréid air a bheulaibh. Is ann rudeigin mar so a bha a’ chailleach ag ràdh: “Nach ann air an duine dhubh a tha na màsan.” Ach nuair a gheibheadh an duine dubh dhachaidh sàbhailte gu a àite fhéin, bhiodh e taingeil, agus ro-thaingeil gun do thachair leithid na cailliche ris.
Na làithean as déidh a’ bhàthaidh thòisich an fhairge air lìobhraigeadh pàirt de na thug i leatha, agus ’gan cur ’nan sléibhtich suas air an Tràigh Mhóir. Chaidh an cruinneachadh gu spéiseil agus an càradh anns an aon uaigh ann an Cladh a’ Ghàrraidh Mhóir ann an Tumaisgearraidh. Ann an cnocan brèagha gorm, a b’àill le duine sam bith ’na àite-adhlacaidh dha, chithear gus an là-an-diugh far a bheil na seòldairean mì-fhortanach ud aig am port mu dheireadh. Ge be cia as a thàinig iad, no càit an robh iad a’ dol tha iad ann a shud aig cala sèimh, ’nan sìneadh gu là a’ bhràth, nuair tha dòchas gun éirich iad a rithist ged nach éirich an long.
So a nise sgeul Long an Iaruinn, long nach d’fhuair na seanachaidhean gréim a riamh air a h-ainm aona chuid bho mhìr no spàrr dhi fhéin, no bho bhilean nan coigreach a thainig beò bhàrr a clàir. Ach cha d’fhàgadh gun ainm i, nas motha na chaidh a sgeula bás. Agus a thuilleadh air a sin, thug an t-ainm ainm do bharrachd oirre fhéin, agus bithidh iad maireannach. “Bogha an Iaruinn” a chuir a’ chiad acaid innte, agus “Sgeir an Iaruinn,” air an robh i ’ga pronnadh agus ’ga briseadh, tha iad air an ainmeachadh as a déidh-se, an long, Long an Iaruinn.
Tha facal no dhà eile aig Murchadh MacLeòid ri ràdh mu’n sgeulachd:
(1) An t-àm: “Mar a dh’oibricheas mi amach e, tha mi ’ga chur anns a’ chairteal mu dheireadh de’n ochdamh linn deug (1775-1800) .”
(2) Cladh a’ Ghàrraidh Mhòir: “Carson a chaidh an tiodhlacadh ann an so agus cladh Bhaile na Cille ann? An ann airson creideamh? No airson saobhchràbhadh air choreigin? No gu robh cus ann dhiubh—gu lìonadh iad na bha de àite falamh ann an earrann nan coigreach?”
Chuir an Dotar Dòmhnallach, Fear Ghiosladh,thugainn rannan eile de’n òran a tha Murchadh MacLeòid ag ainmeachadh. Fhuair an Dotar iad so bho Ruairidh Màrtainn, ann am Bail-Ailein nan Loch. A rèir mar a chuala esan an sgeulachd, dhùisg bana-Uigeach, leannan fear de’n sgiobadh, aon mhadainn agus an t-òran so air a teangaidh. Dh’aithnich i an ath-bhliadhna aig an Dròbh an Steòrnabhagh geansaidh a rinn i fhéin air fear as a’ Phàirc. Sin mar a fhuaradh amach dé a dh’éirich do ’n sgioba Uigeach. Tha sgeul eile aca an Uige, tha an Dòmhnallach ag ràdh, a tha ag innse gur h-e bean fear de mhuinntir Mhèalastaidh a chaidh anull do ’n Dròbh, agus gu dé chunnaic i ’ga reic ach guailleachan de thartan Chlann Niocail a dh’fhigh agus a rinn i fhéin airson an duine aice. So mar a bha an t-òran aig Ruairidh Màrtainn:—
BAGH CIARACH
’S e nighean mo ghaoil a’ nighean donn òg,
Nam bithinn ri ’taobh cha bhithinn fo leòn.
Tha mo chuideachd am bliadhna ’gam shireadh ’s ’gam iarraidh,
’S tha mis’ am Bàgh Ciarach aig ìochdar an lòin.
Tha fearaibh na Pàirce air tomhadh na làmh-thuagh,
Ach ’s e sinn’ bhith gun thàbhachd dh’fhàg iàdsan gun leòn.
Bha Donnchadh ’gam fhaire—fear siubhal nam beannaibh;
Tha ’saoghal ro charach, ’s gur meallach an t-òr.
’S ann dìreadh na bruthaich a chaill mi mo luthas;
Is fo leacan an Rubha tha fear buidhe ’ga leòn.
[Sanas]
title | Long an Iaruinn |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Murchadh MacLeòid in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |