[87]

An Sgeilp Leabhraichean

The Highlander. ”Le Raibeart Kemp. Clo-bhuailte Duckworth. 8/6.

Is ann do dhArcaibh a bhuineas Raibeart Kempmac ministeir. An uair a dhfhàg e Oilthigh Obar-Dheadhain chaidh e dhobair chuna aMhanchester Guardian, am paipear as fheàrr am Breatuinn, ’s dòch airson dreuchd an sgrìobhaidh ionnsachadh. An uair a dhfhàg e am paipear chaidh e chun aBh. B. C. agus bann an sin a thòisich e acur ùidh ann an nithean Gaidhealach, oir bha an seòrsa oibreach a bhaigega thoirt a tuath gu math tric.

Fhads a bha e anns aBh.B. C. rinn e ainm mór dha fhéin mar fhear sgrìobhaidh dhealbh-chluichean, agus, mu dheireadh thall, dhfhàg e oifis achraobh-sgaoilidh agus thòisich e asgrìobhadh air a shiuc fhéin. An toiseach lean e ris na dealbh-chluichean, ach, bho chionn trì bliadhna, thionndaidh e ris an nobhal agus sgrìobh eThe Malacca Canea rinn uabhasach math. An uiridh sgrìobh eThe Maestroair an tug sinn tarraing ann an Gairm. Agus a nise, tha e air am fear ùr so, “The Highlander, ”a chur an clò.

Tha na ceudan eòlach air an sgialachdsgialachd mu nighinn òig a thainig a Dhùn-éideann mar shearbhanta as clachan Gaidhealach, agus, mun canadh isneachdabha i ann an teas meadhon muirt. Eadar i fhéin agus am polasman Gaidhealach a bhiodh atighinn don chidsin an tòir air barrachd is tea, thugadh am murtair gu lagh.

Their sinn gu bheil na ceudan, eadhon na mìltean eòlach air an sgialachd, a chionn agus gum facas Lennox Milne, leatha fhéin air achlàr-cluiche, adeanamh dealbh-chluich air an robhThe Heart is Highland. ”So agaibh, cha mhór facal air an fhacal, sgeul na cluiche sin.

Tha an leabhar fìor shaor aig ochd is sia sgillinn. Is airidh e a h-uile bonn-a- sia den t-suim sin, agus cuiridh e seachad feasgar dhuibh cho mathsa a chuir sgialachd muirt a leugh sibh riamh.

A nise, chan àbhaist dhuinn a bhi ag ràdha móran mu sgialachdan muirt anns na duilleagan so, ach tha sinn atoirt tarraing air an leabhar so, agus air Raibeart Kemp fhéin, a chionn agus gu bheil gearain againn.

Cha robh an nobhal ann an Alba ann an staid riamh cho dona ri staid an lathan diugh. Mar sin, is e mullach na truaighe e nach eidaoine, leithid Kemp, aig a bheil an eanchainn agus an t-alt, al deanamh oidhirp air nobhal as fhiach an t-saothair a thoirt dhuinn.



[88]

[Sanas]

Mar nobhal aotrom tha an leabhar so math. Ach dhfhaodadh e a bhith suidhichte ann an Yugoslavia no ann an Cornwall airson na tha ann de rud fìor Albannach.

Càite a bheil Lewis Grassic Gibbon an lathan diugh? Càite eadhon a bheil Iain Mac a Phearsain, no Iain MacDhùghaill Hay, no Seòras Dùbhghlas MacIlleDhuinn? Carson air an t-saoghal nach toir an dùthaich so dhuinn aon eile dhiubh sin.

Dheanadh Kemp leabhar math agus leabhar a bfhiach an t-saothair nam fiachadh e. mu na làithean air a bheil cuimhne aige ann an Arcaibh? Bha brìgh annta, agus tha an t-alt aige gus abhrìgh a thoirt am follais. Tha sinn an dòchas nach eil an so ach leabhar a chumas aphoit bhuntàta air an t-slabhraidh fhads a tha e ag ullachadh an leabhair mhóir.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Highlander)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 21 %p

parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page