“The Scottish Highlands, A Short History,” le W. R. Kermack. (W. & A. K. Johnston and G. W. Bacon, Ltd. ,Dun-Eideann. 9/6. )
Tha an Còmhlan Foillseachaidh so an Dun-Eideann air cur an clò a nis dlùth air fichead leabhar beag air eachdraidh nam fineachan Gaidhealach fa leth, móran diubh air an stéidheachadh air rannsachadh ùr. Bha stuth an so fhéin fo làimh fir-eachdraidh na Gaidhealtachd, agus tha e iomchuidh gun cuireadh an Còmhlan so an clò co-chur ùr de eachdraidh nan Garbh-chriochan.
Tha W. R. Kermack air an obair a dheanamh le fiosrachadh agus le sgil. Chan eil aige ach eachdraidh ghoirid (157 de dhuilleagan) agus tha sgrìob aige ’ga thoirt air ais gu 300 A.D. , le cunntas aithghearr air
Eachdraidh nan Cruithneach is rìoghachd Dhail-riada. Tha an eachdraidh a’ ruighinn 1746, no Blàr Chuil-lodair.
Goirid ’ mar a tha an leabhar tha e a’ toirt dhuinn sealladh anabarrach soilleir air fàs agus searg cumhachd a’ Ghaidheil ann an Albainn. A thaobh nan Cruithneach tha Mgr. Kermack a’ leigeil a thaic gu mór air barailean an Ollaimh Jackson, agus is dòcha gun gabh tuilleadh ionnsachadh fhathast mu rìoghachd Dhailriada agus an dòigh anns an tainig i sin agus rìoghachd nan Cruithneach gu chéile. Tha sinn gann cuideachd de theisteanas a thaobh fàs agus eachdraidh nam fineachan anns na linntean roimh ’n cheathramh linn deug. Ach, gu h-àraidh an déidh an ama sin, saoilidh sinn gu bheil ùghdar an leabhair so a’ mìneachadh agus a’ soilleireachadh eachdraidh nam fineachan agus na Gaidhealtachd ann an dòigh a tha feumail agus ion-mholta. Tha e a’ comharrachadh amach dà sheòrsa fine, an fhine a bha dual do’n dùthaich, mar a bha na Caimbeulaich, Clann Dòmhnaill, Clann Choinnich (ged a bha air uairean iomadach gnè a’ tighinn fo sgàil nan ainmean móra sin), agus an fhine thainig air tùs bho ’n taobh amuigh, mar a bha Clann ’Ic Leòid, Clann ’Ic Neacail agus Clann ’Ic Amhlaimh (le ceangal Lochlainneach a rèir coltais), agus na Frisealaich, na Siosalaich, na Foirbeisich, na Gòrdonaich (le ceangal Gallda, Sasunnach no Frangach). Bha cuid de na fineachan coimheach so a dh’fhas cho Gaidhealach ris na Gaidheil fhéin, agus air an làimh eile bhà, agus thà cuid de na cinn-cinnidh Ghaidhealach a dh’ fhàs na bu Ghallda na eadhon na Goill.
[Sanas]
[Sanas]
Tha cunntas shoilleir an so air mar a dh’fhàs cumhachd nan Dòmhnallach, nan Caimbeulach, nan Gòrdonach agus Clann ’Ic Choinnich, air a’ bhuaidh a bha aig creideamh air an gnìomharan, air a’ phàirt a ghabh iad ann an eachdraidh na h-Albann, agus air na h-oidhirpean a rinn rìghrean na h-Albann, is Pàrlamaidean Albann is Shasuinn, a chum an ceannsachadh, agus gu cur as do an cànain is do an caitheamh-beatha. Tha an t-ùghdar, mar gum b’ eadh, a’ seasamh a dhàrna taobh, a’ toirt breith air a’ mhaith ’s air an dona. Ach rinn e oidhirp—nach do rinn a h-uile eachdraidhiche Albannach roimhe—air dòigh-beatha a’ Ghaidheil a thuigsinn, air cuid de a litreachas a leughadh, agus air pàirt de a chànain a thogail (air neo deagh chomhairle a ghabhail a thaobh nan gnothaichean sin). Tha sinn a’ cur fàilt air an leabhar so.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Scottish Highlands: A Short History) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |