Eilean Rum
Le CATRIONA NICGRIOGAIR
MUS teid so a chlo-bhualadh, bidh Eilean Rùm an làmhan anNature Conservancy,agus is cinnteach gur h-iomadh atharrachadh a thig an cois sin. Ach chan fhàg na paipearan-naidheachd móran gun innseadh dhuibh aig an àm sin, agus ’s e th’ agam dhuibh an dràsda ach iomradh air cùisean mar a tha iad aig àm sgrìobhaidh, goirid mun teid an t-eilean a reic.
A’ chiad uair a chuir mise cas air tìr an Rùm bho chionn còrr is trì bliadhna, cha robh mi ach air ùr-phòsadh, agus is dòcha gum bi sibh ag ràdh gu bheil e coltach gu leòir aig a leithid sin de àm a bhith a’ faicinn eadhon an nì as suaraiche le cruth ùr, maiseach. Ach biodh sin mar a bhitheas, cha chreid mi gu bheil móran a chunnaic Rùm nach aontaich leam gur h-e eilean fìor bhòidheach a th’ ann.
Air madainn chiùin, ghrianaich san Lùnasdal nuair a thàinig an Lochmór timcheall a’ Ghuib a Tuath ’s a thug i a sròn asteach air Loch Sgrìseort, fhuair mise mo chiad shealladh air Ceannloch far a bheil mi nis a’ fuireach, mar tha a’ mhór-chuid de mhuinntir an eilein.
Bho’n bhàta chithinn gu robh na tighean suidhichte an sud ’s an so timcheall a’ bhàigh. Bha craobhan a’ toirt bhuam feadhainn dhiubh, ach bha na chithinn gealaichte mar an sneachd, ’s am faileas a’ deàrrsadh san loch. Aig an iomall amuigh air mo làimh chlì bha an eaglais, agus mu’n mheadhon chithinn Caisteal Chinnloch, aghaidh chun na mara agus réidhlean gorm sgaoilte mar bhrat air a bheulaibh.
Os cionn sin uile bha Asgabhal is Allabhal a’ togail an ceann bhideanach, ach feumaidh mi ràdh nach do shaoil mise cho àrd iad ’s a bha iad an sealladh na caileige a thàinig air chuairt as a’ bhaile an uiridh. Nuair a dh’ fhaighnich mi dhi an còrdadh rithe té de na beanntan a dhìreadh, thuirt i nach ruigeadh ise am mullach a chaoidh, agus an uair sin, “Saoil an robh duine riamh air am mullach?” “ ’S iomadh duine sin,” dh’ innis mi dhi, “tha feadhainn ’gan dìreadh a h-uile bliadhna.” “O, tha mi cinnteach”, ars ise, “ach bidhoxygenaca sin!”
Nam faiceadh i feadhainn de na bhios a’ fiachainn ri’n dìreadh! Bidh coltas cho truagh, mì-thuarail orra ’s gun canadh sibh nach deanadh iad bàrr na staidhre dheth gunoxygen ,gun tighinn air bàrr beinne. Ach tha iad a’ smaoineachadh ma bhios brògan móra tacaideach orra, agus eallach an droma de ròpannan, nach cuir dad tilleadh orra.
Bheir iad thairis letheach slighe; teàrnaidh iad ’s an anail ’nan uchd, a’ gabhail a’ chuthaich ag iarraidh chairtean air am bi dealbh nam beann as àirde mun cuairt, fiach an cuir iad gu càirdean iad a dh’ innseadh gu robh iad ’nam mullach. ’S a leithid sin de dh’ éideadh ’s a bhios air an luchd-streapaidh sin, chan fhacas riamh—bonaidean biorach le topain de gach dath mar gum biodh stiùir coilich, ’s mu dheighinn briogaisean! Bidh iad goirid, bidh iad fada, ’s bidh iad eadar a bhith goirid ’s a bhith fada, ’s chan aithnichear na mnathan seach na fir.
Nuair a fhuair mise eòlas air an eilean, thuig mi nach robh ri fhaicinn o’n bhàta ach glé bheag dheth, ged nach eil daoine a nis ach ann an dà àite eile a thuilleadh air Ceannloch. Tha rathad chun nan àiteachan iomallach sin anns a bheil cìobairean a’ còmhnaidh.
Tha còrr is trì fichead bliadhna on a rinneadh an rathad so, oir bha seann charaid dhomh fhéin, Uisdean Dhonnchaidh á Uibhist a Tuath ag innseadh dhomh gu robh e air fear de na bha ag obair aige.
Ma leanas sinn an rathad beagan mhìltean amach á Ceannloch, thig sinn gu snaidhm far a bheil ar roghainn againn de dhà rathad. Bheir am fear àrd sinn mu shia mìle gu àite ris an canar na Hearadh, ’s tha mi cinnteach gun d’fhuair e an t-ainm so mar a fhuair a cho-ainm as fhaide mach.
Tha tigh aig na Hearadh a chleachd a bhith ’na thigh-fasgaidh aig sealgairean, ach a tha a nis ’na thigh-còmhnaidh aig cìobairean. Tha e ann an lagan gorm os cionn na mara, agus mun cuairt air tha feadhainn de na beanntan as creagaiche ’s as corraiche an Rùm. ’S ann aig na cìobairean a tha fios air sin nuair thig àm trusaidh nan caorach.
Cluinnidh mi ainm an dràsda ’s a rithist a bhios a’ cur tòimhseachain orm, ach tha mi cinnteach nach eil agam ach a bhith tomhais. Tha fios gu bheil sgeul air choreigin co-cheangailte ri Cnoc Uisdein, ri Creig a’ Chuimrich ’s ri Drochaid Chaluim. Nan robh agam mac-meanmain cho beòthail ’s a bh’aig Nigel Tranter nuair a sgrìobh eRum Week, ’s ann a chuirinn fhéin ri chéile sgeul a fhreagradh dhaibh.
Tha an rathad eile air an tug mi iomradh ’gar toirt gu Cill-Mhoire
[Sanas]
far a bheil seann chladh a tha a nis air a leigeil bhuaithe. Thar a’ chaolais chithear an Cuiltheann san Eilean Sgitheanach.
Ged nach eil an diugh an Cill-Mhoire ach aon tigh, tha na bruachan os cionn a’ chladaich breac le làraich a tha a’ nochdadh na bha de shluagh an Rùm aig aon àm. Tha seann bhallachan agus làraich de’n t-seòrsa so an iomadh àite air feadh an eilein, agus a réir coltais bha cuid de’n fhearann air a roinn ’na chroitean aon uair, ged nach eil croitear a nis bho cheann gu ceann dheth.
Tha Rùm bho chionn iomadh bliadhna mar oighreachd aig teaghlach Sasunnach a bhios a’ caitheamh beagan ùine ann a h-uile bliadhna aig àm seilg. Bidh an luchd-oibreach an sàs an obair fearainn is tuathanachais, agus air uairean ri beagan oibreach coille airson feuma na h-oighreachd fhéin.
Tha àireamh an t-sluaigh air a bhith a’ sìor dhol an lughad o chionn bhliadhnachan, agus tha na tighean a tha ’nan seasamh falamh a’ deanamh fianuis air sin. Chan eil an dràsda air an eilean ach ochd duine fichead, agus tha iad sin air an roinn eadar ochd teaghlaichean. Tha eagal orm gur h-ann aig a’ Bheurla a tha làmh-an-uachdar ach tha Gàidhlig aig an treas cuid.
Tha Maighstir MacNeachdainn ’na fhear-stiùraidh air an oighreachd, agus is ann dhà thig eachdraidh a dheanamh air na thachair an Rùm o’n a thàinig e ann còrr is dà fhichead bliadhna air ais. Tha iomadh naidheachd aige mu shealg nam fiadh ’s mu iasgach nam breac, agus cha b’ e aon mhèirleach sìdhne air an robh e an tòir ’na là!
Bha e ’na dheagh phìobaire ’na òige ach ged a tha e a nis air a’ phìob a chur air chùl, bheir e langan math fhathast air na h-òrain
Ghàidhlig, ’s cha mhór as fhiach cuirm no cruinneachadh, mur toir Mgr. MacNeachdainn dhuinn “Crodh Chailein”, no fear eile de na seann eòlaich.
Tha Seònaid Nic-a- Ghobhainn air ceann gnothaich an Oifis nan Litrichean, agus ge be àm de’n là no de’n oidhche a chuirear dragh oirre, “bidh fonn oirre daonnan”. ’S iomadh uair a chuirear feum oirre ’n àm bhith strì ris an aon fhón a tha airson feumalachd an t-sluaigh. Tha am fear sin ’na chreutair neònach as nach tig smid ach nuair a thogras e fhéin. An galar nach eil an diugh air, bidh e air am màireach, ach ’s è bhios balbh buileach neo fàisgidh Seònaid bìg air choreigin as! Gu dearbh ma tha Dòmhnall Iain diombach as a’ fón aige fhéin, is tric sinne a’ gearain air an fhear so. ’S ann le éiginn a gheibh sinn Mallaig 3 gun ghuth air Piccadilly 3333.
Chan aithne dhomh àite eile anns a bheil an sgoil is an eaglais san aon togalach ach an so. Tha àite-suidhe san eaglais do mu leth-cheud duine, ach chan fhaicear thar dusan innte a nis ach ainneamh.
’S ann an Eilean Eige a tha am ministear a’ còmhnaidh, ’s mar sin chan eil seirbhis ’ga cumail an Rùm ach mu uair sa’ mhìos no nuair a cheadaicheas an aimsir do bhàta beag am ministear aiseag o eilean gu eilean.
Tha an dotair a tha ’gar frithealadh a’ deanamh a dhachaidh an Eilean Eige cuideachd, agus cha mhotha tha sinn gun dotair fhiacal. Tha esan a’ tighinn á Glaschu dhà no trì uairean sa’ bhliadhna ann am bàta brèagh, comhfhurtail anns a bheil seòmar air uidheamachadh leis gach goireas a dh’fheumas e airson a oibreach. Cha tàinig orm fhathast cobhair a shireadh air Mgr. Caddon, ach tha mi a’ tuigsinn
[Dealbh]
“An sgoil is an eagalais san aon togalach.”
[Dealbh]
Clann na sgoile
gu bheil e ro-sgileil, agus is math an innse air gum bi toileachadh air a’ chloinn fhéin nuair a thig e’n rathad.
Ged nach eil ach sianar chloinne san sgoil an ceartuair, chan ann orra bu chòir dearmad a dheanamh. Tha mi fhéin ’gan teagasg, ’s gu dearbh chan fhaod mi gearain gu bheil cion dìchill orra, gu h-àraidh nuair thig àm nan leasan Gàidhlig. Ged nach eil a’ Ghàidhlig mar chànain-màthar ach aig triùir de’n chloinn, tha iad uile glé mheasail air a bhith ’ga h-ionnsachadh, agus bidh còmhraidhean beaga againn ri chéile air uairean. Ma nochdas sibh asteach air feasgar Di-luain, cha chluinn sibh ach “Dé an aois a tha thu?” “Tha mi ochd bliadhna”, no, “A bheil cù agad?” “Chan eil, ach tha cat agus eun agam.” Ma bhios ribheidean air ghleus, is dòcha gun toir sinn air sgrìob cheòlmhoir sibh do ’n Eilean Mhuileach no “Null do dh’ Uibhist”.
Ach cha toir sgrìob cheòlmhor fada sibh, ’s ma tha ’nur dùil a dhol air astar, ’s i ’n Lochmór a dh’ fheumas sibh a ghabhail. Tha ise a’ tadhal an Rùm trì uairean san t-seachdain, agus is iomadh là mosach a tha am bàta-aiseig, an “Seòras”, ’ga coinneachadh, ’s a’ tilleadh sàbhailte gu cala. B’ e ’n t-annas mur a tilleadh ’s brod a’ mharaiche air an stiùir—Dòmhnall Parc á Scalpaidh na Hearadh. Chan eil móran nach innis esan dhuibh mu bhàtaichean gu math nas motha na’n “Seòras”, oir bha e bliadhnachan aig muir. Tha Dòmhnall cho eòlach an ceàrnan de dh’ Astràilia ’s a tha e an Rùm!
Bidh eathraichean air ais ’s air adhart á Malaig san t-samhradh le luchd-turuis, agus is mór a’ chòmhstri a bhios eatorra fiach dé ’n t-eathar aig am motha ’m bì. ’S tric le longan a bhith ag acrachadh an
Loch Sgrìseort cuideachd, ’s cha ghabh sinn iongnadh ged a chitheamaid curach Innseanach no canoe a’ deanamh air tìr corra uair.
Bidh móran a’ càmpachadh an Rùm ré an làithean féille, ’s gach bliadhna bidh oileanaich a’ tighinn a ghabhail beachd air eòin, lusan, ’s a leithid sin. Am fear nach bi a’ ruith chuileag mu mheadhon oidhche, bi e a’ liùgadh air cùl creige fad latha le camara fiach am faigh e dealbh lacha. Bidh fear ’s bocsa mhaidseachan aige làn de dhealain-dé, ’s fear eile le làn a phòcaidean de chlachan beaga nach aithnicheamaid seach a chéile, ach air am bi ainmean air leth aige-san.
Nuair a bhios mi air tìr mór ’s ann a sheallas feadhainn orm le truas is iad a’ faighneachd ciamar idir a tha sinn a’ cur seachad na h-ùine an àite cho iomallach. ’S ann a théid an ùine seachad ’na deann-ruith, ged a dh’ fheumas sinn cur seachad a dheanamh dhuinn fhéin nuair bhios sin a dhìth oirnn.
Chan eil tigh-dealbh againn, ’s mur a bheil tha dealbhan eireachdail ’gar cuartachadh, ’s chì sinn iad gun dà thasdan is naoi sgillinn a phàidheadh. Chan eil talla no tigh-cluiche againn, ’s mur a bheil, tha sabhal fada, farsainn againn nach bithear ach goirid a’ rèiteach ma bhios sannt cluiche no dannsaidh oirnn. Chan eil T.V. againn— ’s mur a bheil, mo thogair!
Tha sinn toilichte, cuideachdail, ’s tha ceudan an Lunnainn as aonaranaiche. Ma thig sibh air chuairt ’nar measg, théid mi ’n urras nach e ’n deòin leibh Rùm fhàgail, ’s gum bi toil agaibh tilleadh uair is uair.
FUAIM AIR TRAIGH.
Le DOMHNULL R. MOIREASDAN
(Scalpaidh na Hearadh)
Chuala mi fuaim air tràigh
bho an làn bha ag osnaich,
’s tuinn bhàite a bha bàrcadh gun fhoisdinn,
gun sàmhchair ’s bàirlinn a’ sloisreadh
air a’ ghainneamh òr-bhuidh’,
gun làthaich na ploc orr’,
fìor-bhriste ann am bàgh geal
bàn ri lear chopach;
Nàile! le àbhachd is docran,
anadàna le cànran a’ mosgladh,
càrsanach, stàiteil, neo-shocair,
fo anail speur, fàil’ ’s glan boltrach,
bha muir nuatharra le ràs agus crosta,
le tonn thar thonn tighinn thar sàil
air an dol so;
taobh a’ lìonadh ’s a’ tràghadh
air a’ choilce,
ris a bheil e co-thàthadh le ospag,
le ataireachd is ràcail ri oitir.
title | Eilean Rùm |
writers | Catherine MacGregor |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Catrìona NicGriogair in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |