An Dileab
Le CAILEAN MACCOINNICH
NUAIR a chuir am ministear air an amadan a’ chiad cheist an Leabhar Aithghearr nan Ceist— “Ciod as crìoch àraidh do ’n duine?” — ’s e ’m freagairt a fhuair e, “Nach amaideach a’ cheist i, mhinisteir: ’s iomadh crìoch àraidh a dh’fhaodadh a dhol air duine!”
’S ma bha sin fìor mu dhuine riamh bha e fìor mu bhràthair mo sheanar. Bha rùda mór crosda aige air teadhair an ceann shuas na pàirce, agus bha cleachdadh aige (aig bràthair mo sheanar, chan ann aig an rùda) a bhith ’g atharrachadh na béisde moch is anmoch. Am feasgar ud, ’s e strì ris a’ bheathach a shlaodadh ’na dhéidh an aghaidh a thoileach chaidh cas a’ bhodaich ann a’ lùib an ròpa, agus sud e air a dhruim ’s an rùda ’na bhad. Gun sgeul fhada dheanamh dheth bhuail an rùda brathair mo sheanar an clàr na bathais, ’s mar a chanadh an seanachaidh san t-seann sgeulachd chuir e eanchainn ’na sradagan teine troimh chùl a chinn. ’S iomadh crìoch àraidh a dh’fhaodas a dhol air duine!
Glé mhath, matà—neo, glé olc—tha e an crochadh air ciamar a dh’amhairceas tu air a’ ghnothach, agus nuair dh’innseas mi dhut gun d’fhàg am bodach suas ri ochd mìle punnd Sasunnach, cha bhi móran teagaimh agad ciamar dh’amhairc mise ’s mo cho-dhìleabaich air a’ chùis! Ochd mìle punnd Sasunnach! Glé mhath dha-rìreadh. Ach bha cóignear againn an co-ionnan dàimh dha; cha robh sin cho math idir. Mìle an t-aon agus smodal de iomlaid. Cha robh e ach beag gu leòir san t-seagh sin.
Ach ’s e cheist mhór ciamar a roinn am bodach e. An do rinn e roinn mhic is athar air? An d’fhàg e barrachd aig aon againn na aig aon eile? An d’fhàg e uile e aig dithis neo triùir—neo, math-dh’fhaodte aig aon duine? Cha b’urrainn thu a ràdh dé dh’fhaodadh am bodach a dhèanamh, ’s e sin an seòrsa duine a bh’ann dheth. Ach aon nì bha sinn uile cinnteach as, agus ’s e sin gu robh dìleab ann agus a cùmhnantan seulaichte fo làimh fir-lagha. Bha brathair mo sheanar cho dòigheil an sin ’s a bha e an rudan eile.
A chùl air an airgead bha tigh is fearann ann, crodh is caoraich, cairtean, croinn-threabhaidh, cliathan is iomadh gnè eile de acuinn fearainn. Cha do chosg am bodach móran riamh am mì-stuam. Co-dhiùbh no co-dheth cha robh air ach feitheamh gu’n gairmeadh Maighstir Diarmad am fear-lagha sinn gus an dìleab a chluinntinn. ’S e lathaichean mì-shaoirsneil a bh’ann; cóignear againn, sinn uile anns na h-oghaichean, ’s gach aon an làn dòchas gur e fhéin na i féin a bha dol a thighinn asteach air an iomlan.
’S ann air madainn Di-luain a fhuair mi brath o’n luchd-laghadh gu dol a dh’ionnsaigh tigh an fhir nach maireann gu brìgh an dìleab a chluinntinn. Litir mhodhail, iomchuidh gu leòir, ach a bharrachd air innse dhomh gu robh m’ ainm san dìleab cha do chuir i solus sam bith air dé dh’fhaodadh dùil a bhith agam ris. “Bìdh sinn ’nur comain ma bhios sibh an làthair mu naoi uairean air madainn Di-haoine aig Tigh a’ Bhealaich, àite-còmhnaidh Eanruig MhicArtair nach maireann, far an cuir sinn an céill do na dìleabaich uile suim na dìleab. Gu dìleas,
Diarmad Mac-an-t- Sionnaich, Mac-an-t- Sionnaich, Mac-nam-Cleas agus Mac-an-t- Sionnaich.”
Gu dìleas! Biodh an dìleasachd mar a dh’fhaodas i a Shionnaich chòir ach bìdh mise aig Tigh a’ Bhealaich Di-haoine so tighinn gu mo chòir a thagradh, air neo chan e nì as feàrr a bhacas mi.
Agus bhà mi sin. Mu leth uair an déidh a h-ochd thug mi stàirn air an t-seann ghlag aig an dorus agus chaidh mo stiùireadh asteach do ’n phrìomh sheòmar le fear biorach ruadh ’s boinne critheannaich air bàrr a shròine. ’S ann do chloinn an t-sionnaich thusa gun amharus arsa mise rium féin, ’s mi gabhail beachd air an dithis eile bha ’nan suidhe mu ’n bhòrd mhór am meadhon an t-seòmair.
Tràth ’s ga robh mi bha Mairead bhiorach, nighean piuthar m’athar astigh romham, ’s fuar ’s ga robh ’mhadainn b’fhuaire na sin an t-sùil a thug i orm nuair thainig mi asteach. Ciubha bideanach gruaige air cùl a cinn, a h-amhach sìnte mach agus a sròn ’ga sìor shàthadh fhéin air adhart, cha toireadh tu shamhla dhi ach gèadh crosda ’s cuideigin air cur corruich air.
Cha robh càch fada gun nochdadh. Cailean Breac, bràthair Maireid, e fhéin agus sùil dhiombach aige air càch mar nach robh còir aig neach bhith sud ach esan. Bha fhios aig a h-uile duine nach do bhruidhinn e fhéin agus Mairead o bha Luchd-lagha Bòrd an Fhearainn aca mu chòimhstri nan crìochan. Air a shàilean Seòras Dubh mac brathair m’ athar. ’S a phiuthar Seònaid a tha pòsd aig a’ phosta chaol an Coirebhig, dithis nach robh riamh rèidh, ’s nach bì a rèir coltais. Cuideachd neo-chàirdeil, ghàbhannach.
“Deanaibh suidhe, a mhnathan ’s a dhaoin’ uaisle” ars am fear a bu shine de na Sionnaich. “Daoin’ uasal”, arsa mise rium féin, ach o nach robh e dol a chosg nì dhomh suidhe ’nan cuideachd chàirich mi mi féin air a’ chathair a b’fhaisge orm. Lean càch an t-eiseimpleir agus sgaoil an Sionnach Mór paipear fada liath air a’ bhòrd mu ’choinneimh. “An tà” ars esan, “tuigidh sibh gur i so tiomnadh Eanruig Mhic Artair nach maireann. Tha ’n cóignear agaibh an co-chàirdeas dha agus tha sibh uile air ur n-ainmeachadh san dileab. A bhàrr air beagan airgid a dh’fhàg e aig a’ bhean-tighe aige, tha a’ mhór-roinn air a thiomnadh dhuibhse mar dhàimhean agus air a roinn mar a leanas.”
Ma bha cluasan gach aon againn air an deagh ghleusadh air eagal smid de a bhriathran a chall, bha na sùilean gu coimheach, luasganach a’ sìor lorg ciamar a bha càch a’ gabhail a’ ghnothaich. Lean e roimhe. “ ’S e so an tiomnadh mu dheireadh agamsa Eanruig MacArtair, á Baile nan Slochd, Siorrachd Làbhainn, agus ’s e mo rùn ’s mo mhiann gum bi mo chuid, aig àm mo bhàis, air a riaghladh mar so:
“Aig Cailean MacGrìdhean, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail an tighe ’s an fhearainn maille ri dà cheud punnd Sasunnach.
‘Aig Seòras MacIlleMhaoil, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail a’ chruidh agus acuinn an fhearainn uile maille ri ceud gu leth punnd Sasunnach.
‘Aig Mairead Fhriseal, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail dàrna leth nan caorach agus trì cheud punnd Sasunnach.
‘Aig Seònaid NicArmaig tha mi fàgail an leth eile de’n stoc chaorach agus trì cheud punnd Sasunnach. ’”
Stad am fear-lagha, mar gum biodh e airson cothrom thoirt do na dìleabaich sud a chagnadh. Bha sàmhchar san t-seòmar, bha gach sùil ormsa agus bha mi làn chinnteach gur i ’cheist bha ’n cridhe gach aon, a bheil esan dol a thighinn asteach air a’ chòrr de airgead a’ bhodaich—mu sheachd mìle punnd Sasunnach?
Thòisich an Sionnach a rithisd. “Aig Calum MacIlleMhaoil, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail cóig punnd Sasunnach agus on tha uimhir de thlachd aige ann an airm ’s an àirneis nan ginealach a dh’fhalbh tha mi tiomnadh dha an t-seann ghunna thug mi féin dhachaidh á Cogadh nam Boers. Tha mi ’n dòchas gum bi e cho feumail dha ’s a bha e dhòmhsa an uair m’ fheum.”
Dh’amhairc sinn air a chéile. Càite an deachaidh ochd mìle bràthair mo sheanar? B’ i sud a’ chiad cheist dhòmhsa, agus cha robh teagamh agam nach i bh’ air inntinn chàich cuideachd. A robh làmh aig na Sionnaich sa’ ghnothach? Cha b’urrainn gun deach am bodach troimh sheachd mìle not ann am beagan is bliadhna, oir mu ’n àm sin fhuair Mairead tàrradh air leabhar cunntais tigh-tasgaidh an airgid aige agus bha còrr is ochd mìle ann.
“Bha sinn an dùil gu robh barrachd airgid aig an fhear nach maireann,” arsa Seòras ’s e ’g amharc gu gruamach air an fhear-lagha. Sheall an Sionnach air le sùil chruaidh, thioram an fhir-lagha: “Biodh sin mar a bhitheas e,” ars esan, “sud sùim iomlan an tiomnaidh, ach a mhàin gun do chuir Mgr. MacArtair mar gum biodh facal pearsanta aig deireadh an tiomnaidh agus ’s e so e:
‘Theid càirdeas an aghaidh nan creag, ach na robh neach beò aig àm mo bhàis a bu dlùithe an càirdeas dhomh na ’n fheadhainn a dh’ainmich mi, sgillinn ruadh chan fhaigheadh a h-aon diubh ach Calum MacIlleMhaoil ’na aonar; gheibheadh esan na cóig notaichean ’s an gunna co-dhiùbh. ’”
Cha mhór nach do bhris an gàire orm. Cóig notaichean is seann ghunna. “Tuigidh sibh,” arsa Sionnach, “nach eil sna briathran sin ach smuain an déidh làimhe ’s nach eil iad a’ deanamh atharrachadh sam bith na cur dreach sam bith eile air cùmhnantan na dìleab. Chan e ar gnothaich-ne ciod a bha aig an fhear nach maireann, ’s ma tha sibhse am beachd gum bu chòir an tuilleadh a bhith ann faodaidh sibh ceasnachadh a dheanamh an Tigh Gleidhidh an Ionmhais—ach ’s e m’ eagal-sa nach toir iad móran sàsachaidh dhuibh an sin.”
Phaisg na Sionnaich suas an cuid phaipearan agus sgioblaich iad gu falbh. Ars an Sionnach Mór: “Bidh paipearan còir an tighe ’s an fhearainn, a’ chruidh ’s nan caorach maille ris an airgead a chaidh fhàgail agaibh air an cur thugaibh cho luath ’s a ghabhas dèanamh, ach faodaidh Mgr. MacIlleMhaoil an gunna a thoirt leis gun dàil; sud e crochte os cionn àite an teine.” Agus le sin dh’fhàg an luchd-lagha ’sud sinn.
“Ach dé air thalamh a rinn e ris?” Cha robh an dorus ceart air dùnadh as an déidh nuair bha beul Maireid a’ dol. “Saoil sibhse an do thog e uile e ’s an tug e do’n bhean-tighe e?”
“Ceisd mhór” arsa mi féin, “agus tè nach urrainn sinne am feasd fhuasgladh; ach carson bhiodh sibhse gearain? Cha tainig a h-aon agaibh as cho olc dheth riumsa. Cóig notaichean agus seann chabar gunna nach cuimseadh air Beinn Dobhrain aig dusan slat.”
Cha robh de spiorad nàdurra air siubhal aon de’n cheathrar a thogadh gàire ris an t-suidheachadh agus o nach robh nì ri chosnadh le bhith fuireach ’nan cuideachd thog mise leam an gunna agus tharraing mi air an dachaidh.
Bha ’n deasbud ’s an t-sabaid àbhaisteach ann mun d’ rinneadh roinn mhic is athar air a’ chrodh, na caoraich agus an acuinn, ach mu dheireadh thall chaidh cuid a’ bhodaich a roinn ’s fhuair gach aon mar chunnaic na fir-lagha iomchuidh—biodh iad toilichte na ’chaochladh.
Cha dubhairt mi féin diog. Chosg mi na cóig puinnd Shasunnach ’s b’ e sud crìoch a’ ghnothaich. Cha robh diomb agam ris a’ bhodach, ’s chan fhaicinn gu robh e mar fhiachan air sgillinn ruadh fhàgail aig aon againn, oir dé an gnìomh mór a rinn duine againn riamh ris gu dùil bhith againn ri tochradh anabarrach ’na dhìleab?
“Crìoch a’ ghnothaich,” an dubhairt mi? Fiach thusa an è, a charaid! Mu ochd mìosan an déidh bàs Eanruig bha mi air chéilidh air seann duine còir an Gleann Chiarain agus ’nar còmhradh thainig a’ chainnt mun cuairt gu dìleab brathair mo sheanar. “Cóig notaichean is seann ghunna, a laochain” ars esan, “bha e cho math nach robh do bheò-shlaint an crochadh air an dìleab,” ’s rinn e glag gàire. “Ach eil fhios agadsa gun do shàbhail an dearbh ghunna beatha an dithis againn anns an Transvaal. Bha sinn le chéile san aon toll, air ar sgaradh o ’n chòrr de ’n fheachd agus deannan Bhoers a’ liùgadh astigh oirnn. Cha robh barrachd air cóignear dhiubh ann agus tha amharus agam gu robh fhios aca nach robh aon pheileir againn eadrainn. Cha robh an suidheachadh ach olc nuair a thug Eanruig briosgadh as. “Nach mise ’m burraidh,” ars esan, ’s mun d’ fhuair mi smid a ràdh dh’fhosgail e toll an stoc a’ ghunna ’s phioc e mach as mu dhusan peileir. Abair thusa gun dug sinn coinneamh shearbh do na Boers nuair a nochd iad rinn agus ’s e mo bharail nach do stad an dithis a thug am beatha as gu’n d’ fhuair iad an cinn fo earball còta Phòil Kruger. Lathaichean doirbh, a charaid,” ’s le sin chaidh ar còmhradh seachad.
Nuair thill mi dhachaidh thug mi ’n t-seann ghunna nuas bhàrr an dubhain air an robh e ’n crochadh. Làimhsich mi e le urram oir bha mi a nis a’ tuigsinn gu dé bha ’m bodach a’ ciallachadh le na thuirt e san dìleab mu’n ghunna. Sgrùd mi an stoc gu faiceallach agus an déidh greis lorg mi am pluc a bha dùnadh an tuill. Thug mi as e le gob na sgine, ’s theann mi ri brodadh gun fhios dé ’n cuimhneachan air cogadh nam Boers a dh’fhaodadh a bhith falach ann. Amach thainig pocan beag, ’s nuair dh’fhosgail mi e gu dé dhòirt am bas mo làimhe ach cóig na sia de na neamhnaidean a b’àille air an do laigh mo shùil riamh. Bha bileag phaipeir sa’ phocan, sgrìobhte an làimh-sgrìobhaidh a’ bhodaich. “Do chuid-sa de ’n dìleab agamsa a Chaluim, ma tha ’thùr annad na lorgas e— ’s tha teagamh agam gu bheil.” Bha ainm brathair mo sheanar ris a’ phaipear agus fòidhe sin dithis fhianaisean.
Thug mi na clachan luachmhor agus am paipear thun nan Sionnach, ’s chuir iadsan mo chogais aig fois; bha ’ghnothach réidh laghail gu leòir, ’s b’ iad na clachan mo chuid-sa de shaidhbhreas a’ bhodaich. Mheasadh iad le òr-cheard agus chaidh an reic airson ochd mìle not.
Mo bheannachd air a’ bhodach, ’s mo mhìle beannachd air fear bu chruaidhe ceann na eadhon Eanruig MacArtair—an rùda!
title | An Dìleab |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Cailean MacCoinnich in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |