Eideard Lhuyd agus Archaeologia Britannica
Le FEAR CHANAIDH
Air sár O Liath biodh ágh is cuimhne is buaidh.
O chionn dà cheud gu leth bliadhna, chaidh leabhar ainmeil a chur an clò: ’s e sin, Archaeologia Britannica,anns an robh cunntais ri bhith air a toirt seachad air cànainean, eachdraidhean agus cleachdainnean ciad luchd-àiteachaidh Bhreatainn. Bha dà leabhar ri bhith ann, ach cha do nochd riamh ach a’ chiad fhear dhiubh, a bha cur an céill do ’n luchd leughaidh na cànainean Ceilteach agus an càirdeas a tha eatorra.
B’e sin a’ chiad uair a dh’fhiach duine sam bith fiosrachadh air na cànainean sin a chruinneachadh agus a chur còmhla, eadar gràimear is faclaireachd. Nuair a rinneadh e, cha robh faclair Gàidhlig ann an clò idir! Mar sin dh’fheumadh an t-ùghdair faclair Gàidhlig a dheanamh dha fhéin mum b’urrainn dha coimeas a dheanamh eadar a’ Ghàidhlig agus a’ chànain Chuimreach.
Bu chòir dhuinn, matà, ainm Eideard Lhuyd a chumail an cuimhne. Oir b’esan, da rìribh, a dhùisg a’ Ghàidhlig as a h-uaigh, mar a thuirt na bàird, nuair a bha i an ion ’s a bhith marbh an déidh na rinneadh oirre de gheur-leanmhainn fad an t-seachdamh linn deug.
Rugadh Lhuyd ann an Tìr nam Breatannach sa’ bhliadhna 1660. B’e athair Eideard Lloyd, uachdaran beag Cuimreach a chaill a chuid air thàillibh a dhìlseachd do’n chiad Rìgh Teàrlach, ’s a bha fo’n choill ri àm ainntighearnas Chromail. B’i mhàthair Brighid Pryse, té a bhuineadh do sheann-teaghlach Cuimreach cuideachd. Is ionann “Lhuyd” no “Lloyd” agus “Liath” sa’ chànain againne. ’S e ’n Cuimreach bu chiad chànain do Lhuyd: ach bha seòrsa de cheangal eadar e fhéin is Alba; mar a sgrìobh e:
“nach ataim fein Sagsanach achd sin Bhreathnach (i. seana-Bhreatannach) agus fós (do reir ar seanchus Breathnuigh) agus fós (do reir ar seanchus Breathnuigh) eirgthe amach go hathramhail o Héliodor leathanuin mhac Mheirchian, mhic Gurghuist, mhic Ceneu, mhic Coel Cillsheabhuic o Gcoigeadh Reged a dtir Halbuin . . . . go bhfuilsi a Rioghachd na Cumbria mar a raibh Caer Alcluid Ceannbhaile, noch dainmnighthior anois do reir druing, Dún Bhreatan, agus do reir druing eile, Cathair Ghlasco.”
’S e sin ri ràdh, gun tàinig Lhuyd bho thùs bho Bhreatannaich Shrath Chluaidh; agus gu robh an sinnsreadh aige a’ fuireach ann an Alba!
An déidh bhith teagasg sgoil treis ann an Oswestry, chaidh Lhuyd gu Colaiste Iosa ann am Baile Atha nan Damh anns a’ bhliadhna 1682. Bha dlùth-cheangal daonnan eadar Tìr nam Breatannach agus an Colaiste so, agus tha e ann fhathast. Chaidh iomadh Cuimreach ainmeil, rìoghail, oileanachadh sa’ Cholaiste so air feadh an t-seachdamh linn deug.
Aig an àm a bha an so, bha sgoilearan a’ tòiseachadh ri ’n inntinn a thionndadh ris na h-annasan nàdurra a bha san t-saoghal mun
cuairt orra, agus ri gach seòrsa àrsaidheachd is feallsanachd. Bha iad air fàs searbh de na deasbuidean cràbhach a bha cur na dùthcha roimhe chéile bho chionn àm an Ath-leasachaidh. Bha an Rìgh dligheach air ais a rithist, far am bu chòir dha agus bha sìth san tìr. Dh’fhosgladh tigh-nan-annas, noMuseum Ashmole,ann am Baile Atha nan Damh sa’ bhliadhna 1683, agus rinneadh an Dotair Plot ’na fhear-riaghlaidh air. Chaidh Lhuyd ann mar fhear-cuideachaidh dha, ’s nuair a chaochail Plot sa’ bhliadhna 1691, fhuair Lhuyd riaghladh a’ Mhuseum ’na àite.
Beagan ùine as a dheaghaidh sin, chuireadh air bonn sgeuma gu geur-sgrùdadh a dheanamh air Tìr nam Breatannach, agus dh’iarradh air Lhuyd an gnothach a ghabhail os làimh. Bha cunntais ri bhith air a dheanamh air a h-uile rud a bhuineadh do ’n dùthaich sin; eachdraidh, cànain, àit-ainmnean, seann-togalaichean, seann-làraichean, seann-chleachdainnean na dùthcha, ainmhidhean fiadhaich, craobhan, lusan, agus nithean tochailte; cha robh fiosrachadh sam bith a dh’fhaodadh faighinn nach robh ri lorg. Bha uaislean Cuimreach agus Sasannach toirt an airgid gu cosgais na h-obrach a phàidheadh, agus a h-uile fiosrachadh a gheibhte, bha e aig Lhuyd ri chur an òrdan agus sgeul innse air anns na leabhraichean a bha e fhéin dol a sgrìobhadh mu dheighinn na fhuaradh.
Dh’at is dh’at an sgeuma bha so, gus na chuir Lhuyd roimhe na dùthchannan Ceilteach uile a thadhal. Dh’fhalbh e air an turus mhór so sa’ bhliadhna 1697. Chaidh e do’n dùthaich aige fhéin an toiseach, agus an déidh sin, a dh’Eirinn beagan an déidh Lùnasdail sa’ bhliadhna 1699; chaidh e choimhead Cabhsair nam Fuamhairean, agus ghabh e gu Alba an uair sin far a’ chaolais, mar a rinn an t-athair Conchobhair Mac an Bhàird tri fichead ’s a cóig deug de bhliadhnaichean roimhe.
Tha mi smaointinn nach tàinig coigreach d’ar dùthaich gu Gàidhlig a thogail fad dà cheud bliadhna ’na dheaghaidh—ollamh mór, mar a bha esan, co-dhiùbh. Nuair a thàinig feadhainn, ’s ann á Lochlann a thàinig iad.
Chuala Lhuyd mun deach e a dh’Alba idir, gun deanadh na Gàidheil Albannach duine a mhurt airson deise aodaich; sin an cliù a bhiodh na Sasannaich a’ toirt d’ar sinnsrean r’a linn-san. Bu bhreug e. B’i Alba an aon dùthaich far nach deachaidh dragh a chur air Lhuyd idir. Anns an dùthaich aige fhéin, bha daoine a’ smaointinn gur h-ann a thàinig esan ’s a luchd-cuideachaidh gu cìsean ùra a thogail, no gu robh iad ’nan spithearan Seumasach. Ann an Cornual, chaidh fathann amach gura robairean a bh’unnta a bha an dùil tighean nan uaislean a spùilleadh. Sa’ Bhreatann Bheag, grad-chuir na Frangaich am prìosan mar spithear Sasannach e! Ann an Eirinn, bha e fhéin ann an cunnart bho na robairean. Ach an Alba, cha d’éirich sian ceàrr dha.
“Bha mi,” sgrìobh e do Henry Rowlands, air an 12na là de ’n Mhàrt 1700, “cur seachad an dàrna leth de’n ùine agam anns na h-àitichean iomallach, far nach tathaich na litrichean, ameasg nan Innse Gall agus Gàidhealtachd na h-Alba; air nach eil a liuthad eòlais, ar leam, aig an nàbuinnean, agus a tha aca air na h-Innsean an ear no na h-Innsean an iar. Chan eil iad (na Gàidheil) idir cho fiadhaich ’s a tha na Goill no na Sasannaich a’ còmhdachadh; ach fhad’ ’s a
fhuair mi fhìn iad, tha iad ’nan daoine ciùin, aoigheil; tha mi am barail gur h-e choisinn am mìorun so dhaibh, iad a bhith ro-dhìleas do na seann-chleachdainnean, do ’n éideadh agus do ’n chànain aca; tha an dìlseachd sin ’gan comharrachadh agus ’gan cur air leath bho chàch, agus bidh iad fhéin ’s na Goill a’ cur dìmeas air a chéile air a thàillibh.” Mar a tha an sean-fhacal a’ cantail, “Gach olc an tòin a’ choimhich.”
Ghabh Lhuyd air feadh Cinntìre, Cnapadal (far an deachaidh e choimhead air Eilean Mhic Carmaig) agus Latharna, agus as a sin gu Muile agus gu h-I. Sgrìobh e a h-uile rud a chuala ’s a chunnaic e, agus bhiodh e deanamh dealbhan cuideachd. Nam biodh na sgrìobh e againn an diu, bhiodh cunntais ainmeil againn air Earraghaidheal, air I ’s air Muile aig an àm ud; ach le sàr-mhì-fhortan chailleadh leabhraichean-latha agus dealbhan Lhuyd le teine sgiorrail, bliadhnaichean an déidh a bhàis. Faodaidh sinn, air a shon sin, beagan fiosrachadh a thogail bho na litrichean a chuir e gu chàirdean, ’s a tha ann an clò (Early Science at OxfordLeabhar XIV), agus bho fhaclan fuadain a sgrìobh e air duilleagan fear de na làimhsgrìobhainnean aige, mar a chithear.
An déidh dha Earraghaidheal fhàgail, thadhail e an Struibhle, an Glaschu (far na choinnich e ollamhan an oilthigh), an Caisteal Caraidh, an Bathgat, agus ann an Litgu agus an Dun Eideann. Bha e eòlach air na foghlumaichean Gallda, mar a bha Sibbald, Wodrow, Teàrlach Maitland, agus Alasdair Baillie, agus tha fhios gun do chuir e ùine seachad ri seanchas còmhla riu.
Aig deireadh December 1699 thill e gu Glaschu, far an robh e aon oidhche, agus as a sin chaidh e a Ghrianaig far an d’ fhuair e am bàta-aisig gu Ceann Loch Chille Chiarain. Bha dùil aige a dhol a dh’Eirinn as a sin, ach bha e ri port, le droch-shìde, fad Ianuaraidh. Nuair a rainig e Eirinn chaidh e air a feadh agus ’na dhéidh sin go Cornual agus chon a’ Bhreatainn Bhig. Bha an “turus mór” crìochnaichte aige sa’ bhliadhna 1701. Chaidh a’ chiad leabhar de Archaeologia chur amach sa’ bhliadhna 1707 air a chosgais fhéin. Tha e gearain, nan cuireadh ùghdair leabhar amach air an dòigh so, gum biodh farmad aig luchd-cur-amach nan leabhraichean ris agus gun deanadh iad na dh’fhaodadh iad gus a dhiomoladh no a chur suarach ameasg nan daoine bhiodh ceannach nan leabhraichean. Ge tà, choisinn an leabhar cliù mór dha, ged nach do chòrd an litreachadh a chleachd e, ann an sgrìobhadh a’ Chuimrich, ris a h-uile neach.
Cha robh sgeul air an dàrna leabhar deArchaeologiariamh. Dh’eug Lhuyd sa’ bhliadhna 1709; bha e air a shàrachadh ’s air a sgìtheachadh leis an obair mhóir a rinn e. Bha fear-cuideachaidh aige a dh’ionnsaich e fhéin, agus a dh’fhaodadh crìoch a chur air an obair, ach ghabh esan ris an deoch agus mhill e e fhéin gu buileach glan; cha robh e beò fada an déidh a mhaighstir. Bha cothrom aig uachdarain a’ Cholaiste, agus aig uachdarain an Oilthigh, air làimh-sgrìobhainnean Lhuyd a cheannach: ach lig iad seachad e. ’S ann aca fhéin a tha an ceannach air an diugh! Bha feadhainn de na h-ollamhan diùmbach ris o chionn gun do chuir e seachad ùine ris na cànainean Ceilteach bu chòir, ’nam beachd, a bhith ’ga cosg ris na lusan agus ris na nithean tochailte. Cheannaich uachdaran Cuimreach
iad, agus bliadhnaichean as deaghaidh sin, chailleadh a’ chuid bu mhutha dhiubh, leabhraichean-latha, dealbhan, agus làimh-sgrìobhainnean Cuimreach, le teine aig tigh fàsgadair nan leabhraichean, mar a dh’innis mi cheana.
Ach cha do chailleadh an fheadhainn Ghàidhlig. Bha iadsan air an toirt seachad do Cholaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath, sa’ bhliadhna 1786. Tha aon leabhran an sin a chaidh sgrìobhadh nuair a bha Lhuyd ann an Alba. Sgrìobh e ainmnean nan daoine a bha ainm gu robh làimhsgrìobhainnean Gàidhlig aca aig an àm (1699) no a chaidh innse dha gu robh iad ’nan sgoilearan Gàidhlig.
So iad:—
MacMhuirich Albanach ann an Uibhist, Caitligeach, sgoilear ainmeil, bàrd aig an robh fearann airson a bhith sgrìobhadh eachdraidh is seanchas. (Tha e coltach gur h-e Niall MacMhuirich a bha an so).
Ailean MacLachlainn, léigh ann an Cnapadal. (Is docha gur h-e fear do Chlann Lachlainn Chille Brìde a bh’ann, teaghlach a bha ainmeil airson nan làimhsgrìobhainnean Gàidhlig a ghléidh iad).
MacLeòid, ann an Dùn Bheagain.
Eóghann Mac ’Ille Sheathain, maighstir-sgoile ann an Cille Choinnich, Cinntìre.
Iain Beutan, ministear ann am Muile. Chuala Lhuyd gu robh ciste làn do làimhsgrìobhainnean Gàidhlig aig an fhear so agus tha e coltach gun do cheannaich e iad. Co-dhiùbh, tha làimhsgrìobhainnean a thàinig bhoJohannes Beatonann an leabhar-lann Colaiste na Trianaid ann am Baile Ath Cliath. A réir Lhuyd agus Wodrow, b’e Beutan an sgoilear Gàidhlig a b’fheàrr an Alba aig an àm. B’e
[Sanas]
ministear sgìreachd Chill Naoinein a bh’ann bho 1679 gu 1701; chuireadh e as an sgìreachd sin, ge bè co-dhiùbh airson cron air choreigin a rinn e, no airson a dhìlseachd do Rìgh Seumas, chan eil e uile gu léir cinnteach. Thàinig sgoilear Gàidhlig ainmeil eile ’na àite, an t-Urr. Eóin Mac Ghille Eóin, a sgrìobh na rannan “Air teachd o’n Spáin” a’ moladh Lhuyd agus a obair, a gheibhear anns an Roimhràdh aigArchaeologia Britannica.
Bha Lhuyd a’ sgrìobhadh faclan is ràitinnean Gàidhlig, is àit-ainmnean, mar a chuala e iad ann an Alba, ann an litreachadh Cuimreach. So agaibh aon dhiubh: “Hori hygym wisg, agus sheradar i hirimiyis my lav” .i. “thoiribh hugam uisg’, agus searadair a thioramuigheas mo làmh”; agus rinn e anDictionariolum Trilinguele Iain Ray a thionndadh gu Gàidhlig Albannach; cha robh brath air an fhaclair so fad dà cheud gu leath bliadhna, ach dh’amais am fear a tha sgrìobhadh na h-earrainn so air, agus tha e ’ga chur air dòigh airson a chur an clò. Is e so a’ chiad faclair dhe’n Ghàidhlig againne a chaidh a dheanamh, ach fear beag goirid a rinn Raibeart Kirk, a dh’eadar-theangaich bloigh dhe’n aon Dictionariolum beagan bliadhnaichean roimhe.
Tha obair Lhuyd air dol air dìochainn leinn an diu, ach b’fhiach a cumail an cuimhne. Cha tàinig sgoilear coltach ris fad seachd fichead bliadhna as a dhéidh, gus na chuir Zeuss anGrammatica Celticaamach sa’ bhliadhna 1853.
Tha mu 18,000 facal san fhaclair Gàidhlig a chuir Lhuyd ann anArchaeologiaagus tha e cinnteach gu robh e ’na chuideachadh do Alasdair mac Mhaighstir Alasdair nuair a bha esan a’ deasachadh “Leabhar a Theagasc Ainiminnin” a chaidh a chur amach sa’ bhliadhna 1741. A bharrachd air sin, b’e Lhuyd athair gachsurveya thàinig do ’n Ghàidhealtachd riamh o’n uair sin, co-dhiùbh a dh’iarraidh seann-làraichean, no beul-oideas no gnathasan-cainnte na Gàidhlig, no airson lusan no flùraichean no nithean tochailte thrusadh. Cha deachaidh crìoch a chur air an obair a thàrmaich ’na inntinn an toiseach, uige so.
Faodaidh sinne ma tà ràdh ri Lhuyd còmhla ri Seumas Mac Mhuireadhaigh, sagart Chill Dalltán:
“Gheibh tu fáilte a gcriochaibh Gaoidhil,
Is e do bheatha a Ninnse Gall;
In gach triath riotsa cumann
Gheibh tu mola a Neirinn hall.
Do duisgadh riot as an úaigh
An chanamhuin chruaigh do bhi faoi small
Teanga bhi cían faoi gheisaibh,
Do cuireadh leat a nglo re seal.
Tuigseach, saibhir do theagasg
Soilleir, tarbhach seimh do ghloir
Lionmhur, brighmhur do shean fhoicail
Sgiamhach, taitneamhach, ciallach mór.
Tabhair mo bheannachd do Mhaisdir Líath
Do dhuisg le buaidh Focloir fíal
Bheir gach Gaoidhil dhuitse beannachd
Is e leatsa cliar na hairmhar.”
FEAR CHANAIDH.
title | Eideard Lhuyd agus Archaeologia Britannica |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Fear Chanaidh in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |