Parlamaid Nan Cailleach
Pìos de dhealbh-chluichd a rinneadh leis an Urramach Ailein Domhnallach, nach maireann.
FHUAIR mi, ameasg pàipeirean Mhgr. Ailein, pìos dhe’n dealbh-chluichd tha an so. Is olc an airidh nach eil ann dhith ach dà “shealladh”; ach ma dh’fhaoidte gu bheil an còrr aig cuideigin fhathast. Tha mi an dòchas gu bheil.
Tha làimhsgrìobhadh Mhgr. Ailein uaireannan uabhasach doirbh ri leughadh, agus theagamh gun do rinn mi mearachd no dhà nuair a rinn mi an lethbhreac so. Ma rinn, tha mi an dòchas gum faigh mi mathanas.
Ma tha an dealbh-chluichd so gu h-iomlan aig duine sam bith an diugh, a leughas an earrann so, bhithinn ’na chomain gu mór nan cuireadh e fios ugam.
FEAR CHANAIDH.
Dramatis Personae
Sc. I. Pàrlamaid nan Cailleach. Fionnaghal, Oighrig, Una, Ealasaid, Sagart.
Sc. II. Luideach air tòir mnatha.
Sc. III. Pàrlamaid nan Cailleach.
Sc. IV. Caoilte air tòir mnatha.
Sc. V. Luideach air tòir mnatha.
SEALLADH I
FIONNAGHAL:—
Bho’n tha sinn uile còmhla,
’S ann is còir gun innsinn sgeul dhuibh:
Tha ’m fear giobach dol a phòsadh—
Naidheachd sin dhuibh gun fhacal bréige!
OIGHRIG:—
Dùin do bhial, a bhradag bhriagach,
’S tu ag iarraidh briag a chur an céill dhuinn;
Cha phòs an luidealach am bliadhna,
’S nach eil air fiar té bheireadh spéis dha!
EALASAID:—
Nach fhad o chuala tusa chagar,
Gum bu fada air astar dh’fheumadh
Duine a dhol a choimhead braidean
Nach fhaigheadh air an t-saoghal-s’ céile?
UNA:—
Bu mhiann leis a’ Ghioban gun teagamh
Bean a bhith aige nam feudadh;
Dh’fheumadh e bean ga rìribh,
’S gun ann ach am fìor dhìol-déirce,
Gun duine ann a nigheas dha luideag,
No bhruicheas dha chudaig ’s e feumach;
’S ioma fear bu truaighe coltas
Dh’fhalbh a rosad ri linn réitich.
OIGHRIG:—
A thràill, ’s math tha mi ’g aithneach’
Gur luath ghabhadh tu fhéin e!
UNA:—
’S ma ghabhadh, chan eil mi m’ònar
’S ann a gheibheadh bròinein ceudan,
Caitir Dholic is nighean ’ic Crumur
’S cha tu fhéin ’s neo-thruime spéis dha;
Ach neo-ar-thaing a bhith ’ga chàineadh
Gus am beir air làimh air té dhibh.
OIGHRIG:—
Ghearrainn-sa leum amach air muir
Nan tigeadh am burraidh ud air m’àruinn!
Chan fhaca Crìostaidh a thionnal
Anns a’ chruinne, air a’ ghnàidead;
Ach a shìorrachd, có ’n té ghòrach
A tha deònach dhol am pàirt ris?
FIONNAGHAL:—
Chuala mi gur i Seonaid Lachlainn
Bha ’n t-ablach ’g iarraidh o chionn ràithche,
Ach ’s neònach leamsa té cho leòmach,
’S a càirdean cho làn de’n àrdan,
Mur e ’n taobh amuigh dha’n chòmhlaidh,
Nuair thig tòir oirr’, gheibh an gàrlach.
EALASAID:—
’S ioma rud nas mì-choltaiche
A thachair o thoiseach an t-saoghail,
Na gun gabhadh leòmag gioban
Ged is luideach e ’na aodach;
Ach b’fheàrr leam na stoc Chille Brìde
Gum faicinn dol an ruighl’ na bainns’ ud;
Bhiodh rughadh air a gruaidhean
Is cinnteach gum faicteadh sgraing oirr’,
Ris an eireachdas ri taobh
’S an dréin ud air a chraos gun taing dhi.
OIGHRIG:—
’S ann air tha an craos gun teagamh,
Chan eil a leithid air Mac Làmhaich;
Ach fuaighlidh ise puirt a bheòil
Bho tha i eòlach air an t-snàthad.
EALASAID:—
Cha b’fhuilear dhi falbh le bròinein
’S a bhogadh an lòn na tràghad;
Tha iad ag ràdh nach biodh e cneasda
A leigeil an cuideachd mar thà e.
UNA:—
’N ainm an Aigh nach sguir sibh!
’S gun fhios an réitich e feasda;
An dìol a th’agaibh air an dìol-déirc
Gu dearbh fhéin, chan eil e cneasda.
FIONNAGHAL:—
Ma dh’fhalbhas esa nochd a réiteach
Cha bhi té againn gun fhios air,
Cha chaidil duine sa’ bhaile
Ach ag aire gach ceum nì esa.
UNA:—
Cha bhi mise ann air a h-aon,
Is olc an t-saothair sin ’s cha bhainndidh;
Nach coma dhuibhse càite ’n téid e?
Mar gum b’ann oirbh fhéin a chaillt’ e.
FIONNAGHAL:—
Ach seall an sagart nuas gu’r n-ionnsaigh,
Fiach am bruidhinn sibh nas stòlda!
SAGART:—
Pàrlamaid nan cailleacha buidhe
’S ioma briag a shuidhich an còmhlan!
Tha cho math dhuibh a dhol dhachaidh,
’S gur mua olc na math ’nur còmhradh.
SEALLADH II.
SE(ONAID) :—
Càirich fàd air an teine
Fiach an greas e goil na poite,
Tha fear an tighe marbh le acras,
’S nach d’fhuair e sgath o mhochthrath.
Am beil thu bodhar, no ’n toir thu feairt orm?
An cluinn thu Chiorstaidh? cha chluinn thu coltach,
O thàinig an oidhche ’n aon mhonabur,
’S an aon chonaltradh diùbhrais gun fhois dhuibh.
A sgliuraich ghlais! gur beag do nàire,
Nach seall thu ’m buntàta ’s an t-iasg
’S tu coma ged a loisgteadh iad,
’S cha tig fosadh air do bhial!
(Gioban fagharadh aig an dorus)
Ach có tha siod mu’n àm san oidhche
Cha bheag an t-sraoighlich tha fa-near dha—
Sin e rithist, chan àm sìobhalt
Coltas mìmhodhail aig an fharum!
FEAR AN TIGHE:—
(AM BODACH).
Ga bri có è, leig thusa ’s tigh e
Gum faigh sinn amach fàth a thuruis;
A réir ’s mar tha mise smaointinn,
Is cinnteach leam gur bàs duin’ e.
FLEASGACH:—
Tha slàinte dhaoine a’s an fhàrdraich—
BODACH:—
’N tàinig thusa an dràsd ’ga fhoighneachd?
Bhitheamaid fada ’nur comain
Mur dianadh sibh urad de shraoighlich!
CIORSTAIDH:—
Och is och, tha ’n dunaidh diante,
Cha toil leam idir fiamh a’ bhodaich!
FLEASGACH:—
Chuala mi gu robh sibhse fàs bodhar,
Is shaoil nach fhóghnadh dhuibh aon ghnogag.
BODACH:—
Ged nach cluinn sinn fhìn, cha robh reusan
An tigh chur as a chéile mar rinn sibh;
’S ma sgoilt sibh aona chlàr san dorus
Cuiridh mi ’m polisman g’ur foighneachd.
FLEASGACH:—
Ach éisdeadh sibhse, fhir an tighe
’S deanaibh faighidinn bheag gu’n ìnn’s mi
Dé chuir an còmhlan so air ceum
Mun téid an ceòl air feadh na fìdhle.
BODACH:—
B’e sin còmhlan dubh na dunach
Gun duine sa’ chuideachd ach burraidh—
Chan eil ’nur comunn uile
Rud dha’n tugainn ainm duine!
A bhean an tigh’, nach seall sibh péin ’ad
Nach ceutach fhéin an comunn dhaoin’ ’ad!
Cion tuair, cion aodaich, cion céille,
Cion nàire, gur déistinn an t-saoghail ’ad!
BEAN AN TIGHE:—
Lachlann a ghràidh, dean sibhse socair,
’S nach i ’n doicheall bha sibh cleachdadh;
Dh’fhaodamaid beagan cead bruidhne
Thoirt do na daoine thàinig dhachaidh.
FLEASGACH:—
Tapadh leibhse, a bhean uasail,
’S thugadh sibhse cluas dha’r seanchas,
Chan eil feum a bhith tighinn mun cuairt air—
Faicibh shuas ud am fear meanmnach!
SE(ONAID) :—
Chan eil ann ach gnothach caothaich
Bhith ris an t-saothair so nas fhaide,
Cha réitich thu nochd, a Ghiobain,
Ged a dh’fhanamaid gu madainn;
Tha mi seachd sgìth dha’n chaithris,
Falbhaidh mi dhachaidh dha m’ leabaidh!
F(IONNAGHAL) :—
Dian orra shocair, òinsich,
Neo ’s ioma spòrs a bhios a dhìth ort;
Ged fad’ air an rathad Gioban,
Tha fios agam gun tig e cinnteach!
[Sanas]
OIGHRIG:—
Nach gòrach mi toirt feairt ort,
’S pheacaich thu mile do bhriagan—
A h-uile rud a thig ’nad eanchainn
Thusa dianamh seanchas fìor dheth!
F(IONNAGHAL) :—
Thoir thus’ an tigh ort ma thogras
’S na bi togail orm droch-fhianuis;
Théid Gioban a réiteach anochd
Ged nach fhàgainn-s’ an cnoc so gu siorruidh!
Cuist, a ghalghad! siod e tighinn,
’N cluinn thu bruidhinn nan daoine?
’S e nach d’fhalbh gun chuideachd
Nuair a thug e ’n ionnsaigh chaoth’ch air!
OIGHRIG:—
Gabhamaid gu cùl a’ chnuic,
Tha ghluig ’s a sgioba gu bhith againn!
Thoir an aire nach brist an gàire
Dh’fhaodadh an tràill ar spadadh!
(exeunt)
GIOBAN:—
Saoil sibh, fheara, bheil e glic dhomh
Bhith ’g iomain na cluichd so nas fhaide?
Nach cinn mo ghnothach leam, ’s mór m’eagal,
’S tha ’n teabadaich cur crith ’nam chlaigeann!
Leis mar tha a ch-uile mi-thapadh,
Bu ragha leam mo shadadh dha’n aigeal;
’S e ’n tubaist a bhuail ’nam cheann
Nuair a theann mi ri chur an caigeann!
FLEASGACH:—
Sin mar bha h-uile fear riamh
A thriall an ceum sin a th’agad;
Glac thusa misneach, a charaid,
’S chan fhairich thu dad dheth sa’ mhadainn!
Tha leigheas aig làimh dha’n chrith chlaiginn
A dh’fhuadaicheas laigead do mhisnich—
Balgam beag as a’ bhotul
Bheir mise m’fhocal nach misd’ thu!
(òlaidh iad)
GIOBAN:—
Mur fheàirrde mi sud, cha mhisde,
’S cha till mi ri m’ mhaireann a nisde.
FIONNAGHAL AGUS OIGHRIG:—
Nach e ’n truaghan a th’ann s(an ònaid(? ))
’N coltas gòrach bh’air a shìorrachd!
Eadar a chion misnich ’s na dh’òl e
Chan eil sgòd de thùr ’s de chiall ann!
Bheir mise dhut mo bhriathran
Nach fhaigh e ’m bliadhna nighean Lachlainn;
Nuair a chì ’m bodach riochd a chliamhuin
Cha dean e ach an sìobadh dhachaidh!
FLEASGACH:—
Thàinig e nochd dha’n làthair-se
Dh’iarraidh làmh na h-ìghne.
BEAN AN TIGHE:—
Ma tà, tha sinne ’na chomain,
’S ma tha troma-ghaol eadar an dithis,
Chan eil sinne gun a bhith deònach
Cleamhnachas a dhianamh ri Gioban.
FEAR AN TIGHE:—
A bhean gun allus gun nàire!
Is mise an làr mo thigh’ fhìn,
Cha chòir gun canadh tu facal
’S gur mise bheir mach a’ bhinn!
Nighean leamsa ri m’ mhaireann
Cha téid air chaigeann le gioban
’S bhithinn fada ’nur comain
Sibh a thogail ur triall gu sgiobalt’!
(exeunt).
[Sanas]
title | Pàrlamaid Nan Cailleach |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Ailean Dòmhnallach in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |