[65]

Kontiki Chonduiligh

Le OLLACHAIR MACILLEMHARTAINN

AN déidh an car a thoirt as na h-iasgairean, cha robh Conduiligh cùramach idir mu na giomaich mhóra, agus dhìochuimhnich e am biathadh. Cha bfhada mun do theich na giomaich as apholl; ach cha robh Conduilighgan ionndrainn. Bha a shùil air innleachdan ùra. Thòisich e sgoid-chladaich agus trealaich dhe gach seòrsa a thional, agus lean e ris an obair sin an dràsds a rithis fad agheamhraidh agus an earraich, gus mu dheireadh, fagus air a thigh, bha torr mór de sheana chlàran, is buidealan falamha, is teud-iaruinn meirgeach. Agus àm achéitein, an déidh a threabhaidhs a shìolchuir, thòisich e air ràgh a thogail air an tràigh, dìreach fo thiùrr an reothairt. Cha deachaidh an obair so air a h-adhart ach gu mall, gus an tàinig a thriùir mhac dhachaidh aig àm dùnadh na sgoile, air an Lùnasdal. An sin, le saothair na ceathrar, cha bfhada mun robh an ràgh air flod; agus dhfhan i gu bitheanta aig acair anns abhàgh fa chomhair an tighe. Sgaoil iad leapaichean fraoich oirre, agus nuair a bhiodh an tìde ciùin tioram, chaidleadh iad air an ràgh fad na h-oidhche. Chuir iad biadh dhe gach gnè air an ràgh, gach mìr dheth ann am pasgadh dìonach, air chors nach gabhadh an stuth a mhilleadh leis an uisge. Le chrann turramach cam agus a bhrat-shiùil de shac-aodach luideagach, be sud an ràgh gun sgoinn gun chumadh, agus mar sin, bha ina culaidh-spùirt do na coimhearsnaich gu léir. Ach bha Conduiligh mór gu leòir as a shoitheach. Thug e Kontiki Chonduiligh mar ainm oirre, agus chuir e an céill gu robh e fodhathriall innte do Thirithe. Ach, le mhnaois a mhic, bha e glé thrang atiormachadh an fheòir is abuain an eòrna, agus cha do chreid muinntir abhaile gun gabhadh e turus-cuain innte chaoidh. Mar sin, bu mhór an iongnadh, air madainn bhrèagh chiùin Di-luain, nuair chunnaic iad nach robh ràgh ri fhaicinn air muir no tràigh. Chaidh dithis de na mnàthan do thigh Conduiligh agus chunnacas Beathags a mac bu shine agus iad glé thrang aig obair na croite. “An dfhalbh Conduiligh da-rìreadh air a thurus-cuain?” dhfheòraich iad. “Dhfhalbh gun teagamh, le dithis bhalach.” “Is goirt leinn an naidheachd; cha ruig iad Tirithe no tìr air bith eile. Is mór an n-eagal gum bi iad uile gu léir air an call, agus air am bàthadh fon chuan, agus fàgar thusanad bhanntrach bhochd, och nan och, is bochd an sgeul.” Ach cha robh coltas eagail no cùraim air gnùis Beathaig. Fhreagair i le fiamh-gàire, “Tha mearbsa ri Dia, agus a bharrachd air sin, is urrainn don triùir snàmh gu math.” “An do chuir e roimhe da rìreadh a thriall do Thirithe mar sin?” “Chuala sibh fhéin mar a bha e ag ràdh,” arsa Beathag. Agus tuilleadh chan abradh i mu thurus Chonduiligh. Agus on bhalach cuideachd, cha dfhuair an dithis bhan no duine eile, fios no rabhadh mun chùis. Roimh mheadhon-latha air an latha ud fhèin, chaidh Tormod Bàn agus Aonas Og amach lenlauncha shireadh an ràgh agus a sgioba. Bha aghaoth ag éirigh, agus an déidh uair gu leth, thill na h-iasgairean agus thubhairt iad gu robh amhuir ro gharbh airson nalaunch”, agus gum béiginn doibh tilleadh air ais gun plathadh fhaotainn de



[66]

Chonduiligh no a ràgh. “Tha eagal oirnn, ars iad,” gu bheil an ràgh agus na bha innte air chall; dhéanadh na tuinn mhóra sprùilleach dhith.” Bu mhór an othail a thachair an sin, anns abhaile agus amuigh. Chaidh fios-dealain a chur don phoilios, doMhacbraynes,” do na paipearan, agus eadhon don chabhlach, agus cha bfhada gus an robh fichead soitheach agus trì bàtaichean-adhair arannsachadh uachdar achuain airson Conduiligh agus a mhac. Ach be sin an rannsachadh gun fheum.

Madainn Di-màirt, bha na paipearan-naidheachd loma-làn iomraidh mu Chonduiligh agus a ràgh. Agus air feasgar an latha cheudna, thàinig ceathrar fear-naidheachd gu Ob-a- bhodha agus cheasnaich iad gach duine sabhaile mun chuis. Fhuair iad sgeulan gu leòir mu Chonduiligh, agus tuairisgeulan cuideachd, ach cha dfhuair iad amach ciod e a thachair dhàsan no da ràgh. Agus air madainn Di-ciadain, dhfhalbh triùir dhiùbh air ais. Ach cha dfhalbh Gilleasbuig MacSporran, gille tapaidh a bhana fhear-naidheachd doThe Peoples Journal. ”Dhfhan esan aig an tigh-òsda agus leig e ris nach robh e ag obair, ach gun dfhuair e cead o oifig aphaipeir, fòrladh a ghabhail airson iasgaich. Agus ghabh e air thuarasdail sgoth, agus bha e ag iasgach fad an latha sin; agus air an fheasgair, thill e gu sunndach le mòran cudainnean.

An déidh a shuipeir a ghabhail, thug e sgrìob ri taobh na mara, le gad éisgna làimh. Nuair dhfhàs e dorcha, thachair dhà a bhith suas air cnoc, air chùl tigh Chonduiligh, —tigh a bha leis fhèin mu leth-mhile on bhaile. Bha e gabhail tlachd nach beag anns an t-sealladh a bha roimhe, agus e ag amharc thar mullach an tighe, air achuan is na h-eileanan beaga bòidheachnan laighe ann. Gu h-obann, chunnaic e solus apriobadh o eilean beag a bha mìle gu leth on chladach, —eilean ris an abair iadEilean Da Ghaibhre” —agus e gun ghobhar, gun bheathach air bith air. Bha Gilleasbuig eòlach airMorse,” agus litrich e amach fhacal, ACH SIUCAR. An sin mhùchadh an solus. Ach do Ghilleasbuig dhfhoghainn na bhann. Ghrad ruith e sìos do thigh Chonduiligh agus ghnog e air an dorus. Dhfhosgail Beathag dhà, agus chuir i fàilte gu modhail air, agus dhiarr i air a thighinn asteach. Thug e dhi gad math éisg, agus thòisich Beathag ri uidheamachadh abhùird airsontea .Gu nàdurra, bha an còmhradh atighinn air Conduiligh. “Chan fhaod sibh a bhith gun iomagain ma dheighinn,” arsa Gilleasbuig. “Tha mi an dòchas gu faigh sinn naidheachd math gu tràthail,” ars ise. “Is urrainn dòmhsa cheana an naidheachd sin a thoirt dhuibhse,” ars esan; “tha iad uile air dòigh, agus chan eil dad a dhìth orra ach siùcar.” Thuit na briathran sin air cluasan Beathaig mar spreadhadh gunna.

Agus spreadh i féin ann an glag-gàire. “Och, is sibhse a rinn an tapadh,” ars i, “bithidh sibh eòlach airMorse ,tha mi creidsinn.” “Bha minam Bhoy Scout, ach ciamar a dhionnsuich sibhse e?” “Bha mise anns naWrensaig àm achogaidh.” “Bithibh cho math agus feuchaibh, dhomh ciamar a tha sibh adèanamhsignalgun fhios do chach. Dhéirich Beathag agus nochd i dha piob chaol de phaipear donn tiugh mu thri troidhean air fad agus mu òirleach air leud, agus dòrn-leus dealain. “Furasda gu leòir agus sgiobalta, ach theagamh gum faicear



[67]

solus Chonduiligh, le duine air a bith a bhios air an t-slighe eadar tigh is cladach.” “ Iain am faire,” ars i, “och, tha e muigh fhathast.” Le sin, dhfhosgail i dorus an tighe agus ghlaodh i, “Iain, thig asteach.” Ann an tiotadh, dhinntrinn Iain, cnapanach mór gasda, mu chóig bliadhna deug a dhaois. Chuir e fàilte gu modhail air an aoigh, ach dhamhairc e air a mhàthair le ceisdna shùil. “Iain,” ars a mhàthair,” ’s e so Mgr. Gilleasbuig MacSporran, ’na fhear-naidheachd leis aPheoples Journal agus fhuair e amach gu bheil tathair air Eilean Da Ghaibhre.” “Tha mi an lan dòchas,” ars an gille, “nach mill e ar spòrs.” “Air mfhallainn is air mo pheann,” arsa Gilleasbuig, “tha mi toirt bòid nach mill, ach tha mig iarraidh sgeòil airson aphaipeir againn, agus spòrs mar an ceudna.” Agus dhfhoillsich e do Bheathaig is Iain an innleachd a bhana bheachd; agus dhaontaich iad ris le dealas is le h-aighear nach bu bheag.

Chaidh Gilleasbuig air ais dhan tigh-òsda, le litir a sgrìobh Beathag do Chonduiligh agus le phunnd shiùcair air a phasgadh gu dìonach ann an canastair. Nuair ràinig e, fhuair e fear-an-tighe agus e gu dol da leapaidh. “Am bi sibh adol a dhiasgach a rithis am màireach?” ars esan. “Theid mi amach mochthrath samhadainn”, arsa Gilleasbuig, “oir feumaidh mi a bhith aig an oifig ann an Glaschu aig sia uairean feasgair, agus falbhaidh mi as a so aig uair, tha e astar cheithir uairean leis an roith-ola thagam.” Cha bhi cothrom air tuilleadh iasgaich ach tràth samhadainn,” “Is mór an dealas a thaig na h-iasgairean,” arsa fear an tighe, “Fagaidh mi a nis air abhòrd greim bidhe agusteaann anthermos .Is gann a thig na h-éisg gu dubhan an acrais.” Le taing don duine chòir, thug Gilleasbuig a leabaidh air; agus mu shia uairean, bha e anns abhàta, le slait is driamlach. Bha camara leis mar an ceudna agus litir o Bheathaig agus siùcar agus leth-bhotul uisge-bheatha, gach air a phasgadh gu sàbhailte ann am màileid-droma. Bu bhrèagh ciùin amhadainn, le soirbheas sèimh on eara-dheas, agus cha bfhada gus an do chuir e fodha Rubh-a- mhadaidh, agus chunnaic e Iain afeitheamh air achladach. Thàinig Iain air bòrd agus ghlac e na ràimh. Bha esan afannadh agus Gilleasbuig ag iasgach agus fhuair iad cus, mun do theann iad fagus air an eilean. Bha Iain aseinn gu ciùin, agus dhaithnich Gilleasbuig am fonnCrodh Chaileinach bha atharrach air na briathran.

Contigi Chonduiligh, Contigi mo ghràidh,
Mura teid ina sprùilleach, gun tig i gu tràigh.

Ann an Eilean Da Ghaibhre tha pailteas gach bìdh,
Gach mar a thogradh ach siacarnur tea.

Contigi Chonduiligh, Contigi mo ghràidh,
Gun teid ina clàran muna tig i gu tràigh.

A nis bha an t-eilean eadar iad agus am baile, agus chunnaic Gilleasbuig nach robh anns an eilean ach chnoc àrd agus lag domhainn caol eatorra. Cha robh mol air bith ra fhaicinn, no àite air bith idir goireasach do bhàta. Bu dhuilich gu leòir a dhol gu tìr. Ach cha robh sòradh air Iain; chuir e na meòirna bheul agus leig e as fead chaol



[68]

[Sanas]



[69]

chruaidh. Air ball, thug feadh eile on eilean freagairt da, agus thàinig Conduiligh fèinnam fradharc, ledhithis mhac air a chùlaibh. “Ciamar a tha abhean? ,” ars esan. “Tha gu math.” “Agus am mart blàr?” “Ceart gu leòir.” “ e thagad sabhàta?” “Fear-naidheachd le litir om mhàthair.” “Is coma leam fear-naidheachd ach cha dona a teachdaireachd.” “Tha e airson tighinn gu tìr.” “An urrainn da snàmh?” Cha robh acheisd sin buileach gun bhrìgh, oir ged a bha am bàta ri taobh an fhasgaidh dem eilean, bha sumainn mhór mhall on fhairge aruith anìos agus astealladh anuas air na creagan, le cobhar agus farum, agus bha gach sgeilp còmhdaichte le feamainn shleamhainn. Gidheadh, cha béiginn do Ghilleasbuig snàmh. Thilg Conduiligh chuige ròpa agus air an dòigh so, burrainn da leum air sgeilp creige agus streap anìos gus an àite far an robh Conduilighna sheasamh. Chuir ena làimh an litir o Bheathaig, agus an déidh a leughadh, chuir Conduiligh fàilte is furan air an aoigh a thàinig chuige gun chuireadh. “Bhur beatha don eilean,” ars a dhithis mhac cuideachd. “Ler cead, am faic mi an tigh agaibh?” “Tha mi deònach, leanaibh mise.” Agus streap iad suas gu bàrr abhruthaich, agus chunnacas lag air meadhon an eilein eadar an chnoc, agus air teis meadhon an luig, bothan beag, car garbhna choltas, air a thogail le seana chlàran is stuic, agus air a thughadh le fraoch is luachair; agus aig taobh abhothain, bha fuaran uisge. “Tha am biadh-maidne deas,” arsa Conduiligh, “dèanaibh suidhe, tha pailteas againn.” “Ach siùcararsa Gilleasbuig. Agus thug e dha an siùcar agus an t-uisge-beatha. A cheana, bha Eachann is Aonghas glé thrang ag ullachadh bìdh, le inneal-teine ris an abair iadPrimus Stove. “Chan urrainn duinn teine cumanta fhadadh,” arsa Conduiligh, “gun ar n-ionad-còmhnaidh a leigeil ris.” “Cuine thilleas sibh?” arsa Gilleasbuig. “Di-Sathuirnears esan, “le cead na tìde-mhara agus na gaoithe; bithidh abhean atrod rium mura bi sinn anns an eaglais Di-Dòmhnaich.” “Agus ciamar a ràinig sibh an t-eilean gun fhios do chàch?” “Cha robh e furasda idir; bfheudar dhuinn uidheamachadh a dheanamh gu dìchiollach; agus bha sinn fortanach gu leòir leis an t-sìde mhath a fhuair sinn aig an àm. Bi acheisd bu dhoirbhe dhuinn an ghobhair a bhagainn.” “ ghobhair, an tug sibh leibh iad da rìreadh?” “Tha iad an so, ag ionaltradh air àiteigin chan urrainn domh a thuigsinn carson nach do mhothaich duine air bith dhaibh o na bàtaichean a tha dol seachad, ach cha toigh leinn a bhith gun bhainne.” “Chì mi gu bheil an tigh so air a thogail le clàran an ràgha, ach ciamar a tharraing sibh gus an àite so gach sgonn agus clàr?” “Le ròpan is ulag,” arsa Conduiligh, “Bha Iain leinn anns abhàta, agus chùm e am bàta aig acair, agus bha ròpa eadar esan agus an ràgh. Bha sinn air fuaradh an eilein, agus dhfhadaich Iain an ròpa, gus an robh an ràgh mu throidh bhon charraig. An sin leum mise gu tìr, thilg Eachann chugam ròpa is ulag, cheangail mi an ulag gu math àrd, agus thill mi don ràgh. Chaidh Eachann is Aonghas gu tìr, agus thilg mi chuca gach a bha eutrom. Gach a bha trom, tharraing mi leis an ulaig gu h-àrd iad, le cuideachadh on dithis. An sin, thoòisich mi air an ràgh fhuasgladh, clàr an déidh clàir, buideal an déidh buideil. Bha mi snàmh anns amhuir mun tàinig gach gu tìr, ach cha dfhàg sinn dad anns amhuir.”



[70]

Bhitheadh sibh afaireachdainn car fuar.” “Fuar gu dearbh, ach cha bfhada gus an robh mi blàth gu leòir, atogail is atarranig gach gus an àite far a bheil iad a nis.” Ach carson a dhfhulaing sibh uiread a shaothair is de chunnart?” Cha robh cunnart sam bith ann,” arsa Conduiligh, “agus bha mi ateagasg do na gillean nithean nach ionnsaich iad chaoidh ann an sgoil.” “Cha dfhoillsich sibh dhomh fhathast, ciamar a fhuair an gobhair gu tìr.” “Bha iad le Iain anns abhàta, agus chaidh esan air thoiseach agus bha e airson an tilgeadh anns amhuir faisg air an eilean, ach cha burrainn da an gluasad, agus béiginn da pilleadh, agus dhomhs a dhol anns abhàta cuideachd. An sin, thilg sinn an ghobhair anns amhuir, an dùil gu snàmhadh iad don eilean; ach bha na deamhanan airson snàmh gu tir-mór, agus mu dheireadh, shnàmh mise gu tìr anns an eilean, agus tharraing mi chugam iad, le ròpan mun amhaichean.” Air aphuing so, chualas glag-gàire air an cùlaibh. Bha Eachann is Aonghas atighinn le bòlan gu làn de bhrochan agus smùid ag éirigh asda. Cha mhór nach do thuit na bòlan gu làr, le meud an gàireachdaich. Ghlaodh Conduiligh is corruich air, “Diùbhaidh nam balach, ciod e fàth do shùgraidh, Eachainn?” “Gabhaibh ar leisgeulars Eachann, grad, agus e tairgsinn abhrochain gu modhail do Ghilleasbuig, “ach chuimhnich sinn gu h-obann mar a thuit sibh as abhàta còmhla ris aghobhar. Ochd be sud an sealladh éibhinn, agus dhionnsaich mi iomadh facal neònach nach cuala mi riamh roimhe.” “Dìochuimhnich na chuala tu an sin, co-dhiùbh, agus binad thosd,” ars athair. “Tha am brochan acòrdadh rium anabarrach math,” arsa Gilleasbuig, agus eg eadraiginn gu luath anns achonaltradh, “ach feumaidh mi a bhith falbh ann an tiota; ach air thoiseach, gabhaidh mi, leis achamara a thagam dealbh dhibh fhéin agus bhur tighe.” Agus be sin mar a thachair, fhuair Gilleasbuig na deilbh a bha eg iarraidh, agus le soraidh slàn do Chonduiligh is a dhithis mhac, leum e a rithis anns abhàta (be sud an leum cunnartach) agus thòisich Iain ri fannadh agus esan ri iasgach, gus mu dheireadh ràinig Gilleasbuig, mu uair, an tigh-òsda. Nochd Gilleasbuig do fhear an tighe cudthrom math a dhiasg, ionnas nach robh amharus idir aig an duine chòir gu robh Gilleasbuig air dad air bith eile a dhèanamh ach iasgach. Mu dhà uair, bha Gilleasbuigna thriall a Ghlaschu air a roith-ola. An déidh leth-uair a dhastar, rinn e stad aig buth achion-fhuaim airson còmhraidh ri oifig aphaipeir, agus mu shia uairean, bha esan anns an oifig, agus bha na dealbhan an ìre a bhith uidheamaichte. Thug e amach antypewriteragus dheasaich e a sgeul airson a chur an clò. Be sud feasgar Diardaoine.

Aig an àm sin, bha Diorbhail bean Eachainnna còcaire aig an tigh-òsda. Bu threun ina h-inntinn, cruinnna corp, àrdna guth. Cha robh goileam uaipe riamh; ach an uair a dhfhuasgladh i a beul, chluinnteadh a guth feadh an tighe. Agus tacan an déidh aon-uair-deug air madainn Di-haoine, chualas a guth gu soilleir leis amhuinntir a bhanns abhàr, far an robh fear an tighe aroinn na dibhe. Bha i abruidhinn aig afòn, agus thuig gach duine gu grad gu robh i còmhradh ri a nighean Catrìonabean-phòsda a bha fuireach an Glaschu. “O is tusa thann, a Chatrìona, ciamar a tha thu is ciamar a tha Dòmhnall beag?” (clos car tiota) “Och, is coma learn fhéin Con-



[71]

Duilighs a chleasan, ciamar a tha mo Dhòmhnall?” (clos a rithis) “An do chaill thu do chiall? Is coingeis leam ma tha Conduiligh air Eilean Da Ghaibhre no air Eilean an Fhiacais, a bheil Dòmhnall air fàs gu math, ’s i sin acheisd.” Le sin, dhéirich toirm is gàire anns abhàr, ach cha dubhairt fear an tighe dad idir, ach rinn e greim air aphrosbaig, agus dhimich e amach. “Bithidh sinnga thadhail tràth-nòine,” arsa Seòras Iain; “air dhuinn a bhith dol seachad Eilean Da Ghaibhre, bha amharus againn gu robh e an sud.” “Is ann gun fheum a bhios ur tadhal matà,” arsa fear an tighe, agus e air tighinn asteach, “tha e trang a nis faisg air an tigh aige, atogail mulan coirce, le mhnaois a thriùir mhac. Thriall am prosbaig o làimh gu làimh, gus mu dheireadh dhaontaich càch gum bfhìor an naidheachd. Agus air an fheasgar, thàinig Conduiligh féin gu bùth abhaile agus aig an àm cheudna, thàinig na litrichean do bhùth aphuist. Cha bfhada gus an robh Conduiligh ann am meadhon grunn de mhuinntir abhaile, a bhaga cheasnachadh ma thurus-cuain agus agàireachdaich mu na dealbhan a chunnaic iad anns aPheoples Journal. Bha h-uile duine aleigeil ris gu robh fios aige fhéin fad na h-ùine gu léir, air chinnte no air thuaiream, gu robh Conduiligh am falach air an eilean ud. Cha dubhairt Conduiligh féin móran ma dhriodfhortain, ach bha e gearan a chionn gun dfhàg e an ghobhair air an eilean. “Tha abhean trod rium,” ars esan, “nach eil bainne ghobhair aice a nis; agus feumaidh mi beirsinn orra am màireach agus an tarraing dhachaidh, agus dhfhàs iad a cheana cho fiadhaich ri féidh.” “Agus bithidh an t-uachdaran trod riut cuideachd,” ars iadsan, “agus thusa afuireach air an eilean gun a chead.” “Air a shon sin,” arsa Conduiligh, “chan eil beud orm idir, tha còir agam air an eilean; agus na còirichean cuideachd. Cheannaich mi an t-eilean an uiridh air leth-chrun, is chan aithreach leam an cùmhnant. A cheana, thug mi an gabhail an t-eilean agus am bothan a thog mi air, do fhear-uasal àraidh, air deich puinnd Shasunnach, airson mhios an t-samhraidh. Ged a rinn mi seòrsa dhamaideachd, cha bi an amaideachd buileach gun tairbhe i.” Agus dhimich Conduiligh dhachaidh gu socair, lePheoples Journal foachlais, agus càch aspleucadh air, gun diognam beòil.

[Sanas]

titleKontiki Chonduiligh
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Ollachair MacIlleMhàrtainn in Gairm 21 %p

parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page