[107]

Air An Spiris

THA sinn eòlach air gliog-glag nan teangannan aig Mòdan aChomuinn Ghaidhealaich. Mar is trices e Beurla a tha anns an spàl, ged a bhios fuidheagan de Ghàidhlig atuiteam as abheairt an dràsdas a rithist. Ach gabhaidh rud ciallach a ràdh am Beurla cho math ri ann an Gàidhlig.

Chaidh sin a ràdh aig Mòd na bliadhna sole muinntir Inbhirnis, gu h-àraidh le Pròbhaist abhaile, agus le luchd-sgrìobhaidh anInverness Courier.Is fhada bho bha e so-fhaicsinn nach eil earbsa aig Gaidheil na Gaidhealtachd á Comunn Gaidhealach a tha den bharail gu bheil aghrian ag éirighs alaighe ann an Abhainn Chluaidh. Thuirt am Pròbhaist Wotherspoon, agus anInverness Courier,gu bheil a làn thìde aig aChomunn dachaidh a lorg nas fhaisge air aGhaidhealtachd. Tha sinn acur ar làn aonta ris a sin, ach cha bhiodh ann ach achiad cheum. Cha chumar aGhàidhlig beò glé fhada le bhith cracaireachd ma deidhinn timcheall air bòrd ann an Glaschu na an Inbhirnis. ’S e gnìomharran a tha a dhìth oirnn.

Thuirt Fear-stiùiridh an Fhòghluim an Siorrachd Inbhirnis (aig àm aMhòid) gu robhas atòiseachadh ateagasg na cloinne ann an Gàidhlig ann an àireamh de sgoilean na Gaidhealtachd. Tha sinn an dòchas gun tòisichear air an obair so am bliadhna.

Tha suas ri ceithir bliadhna bho ghabh An Comunn os làimh leabhraichean Gàidhlig freagarrach do chloinn òga (le dealbhannan dathte annta) a churnar seilbh. Tha iad trì bliadhna ro fhada gun sin a thoirt gu buil, is leth-cheud bliadhna air dheireadh ann a bhithga chur rompa mar dhleasdanas. Chan fhuirich am bàs idir ri math. Ma tha iad afeitheamh ri carachadh nan uisgeachan, thoireadh iad an aire gur h-ann air caochan nan Garbh-chrìoch a tha an sùil, is nach ann air ruaimle aChelbhin.

titleAir An Spiris
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page