[182]

An Sgeilp Leabhraichean

The Silver BoughLe F. Marian NicNeill. Vol. I— (Scottish Folk-Lore and Folk Belief. )Clò-bhuailte le Uilleam MacGillFhaolain (21/ -)

[Dealbh]
F. Marian NicNeill

S e mór a bhann, chan ann a mhàin do Mharian NicNèill, ach dhuinn uile nuair a thàinig an leabhar so amach á clò. ’S iomadh bliadhna mhór bho thug abhan-sgoilear-sa ionnsaigh air acho-chruinneachadh mhór so a dhèanamh. Chuir an cogadh mu dheireadh stad oirre car àm, agusna dhéidh, ’s ann a bha mór thrioblaid aice neach fhaotainn, a ghabhadh air leithid na h-oibreach ionnsaichte-sa a chur an clò. Dhaontaich MacGillFhaolain, aguss cinnteach gu robh ena thogail misnich dhi gun thionail grunn de càirdean, aig a bheil ùidh an litreachas gleusda Albannaich, suim airgid, mar urras tòisich a thoirt don clò-bhuailidh.

Chan eil an so ach achiad leabhar do cheithir, agus is fhadan t-saoghail bho nach dfhuair Alba a leithidlàn sgoileireachd, gidheadh am briathran air an ruig am mór phobull aig a cheairt àm.

a rugadh no a thogadh anns na h-eileanan air nach toir achiad chaibdeil leum cridhe?

Is ann air creidsinn agus dòighean ar sìnnsribh a tha i cur amach cho ealanta. Ann am briathran làn ùghdarrais tha i ag ìnnse mu na mór shaothrach gun deidheadh iad air sgàth buidheachais nan diathan a chosnadh. A sin tha i gu reusanta acur soillseachaidh air gné nan creideamhan a tha againn fhathast bho lìnn nan Drùidhean, agus nan sean ghnàthan Ceilteach. Nuair a tha clann bog, fliuch, astrì ri ùbhlan a ghreimeadh á mìos bùirn aig Oidhche Shamhna, nuair chrochar pìos den uil-ìoc, mar leisgeul pògaidh, nuair chuirear an àird geugan



[183]

uaine san dachaidh mu chrìch na bliadhna, is ann acumail féistean Drùidheach air cuimhne a tha sinnféistean a thug dùbhlan do luchd teagaisg na Crìosdachd. Chì sinn gu robh na mnathan gu teòma, gnìomhach san obair Chrìosdaidh, gu robh an sluagh afaotainn stiùiridh mu chuspairean spioradail cho math ri gnìomharran cleachdail, mar àm cur an t-sìl, gur dòcha gur h-ann an Leódhus a lean an gròilleachan mu dheireadh de na Drùidhean, greis mhath as déidh tir-mór, agus gum be Arcaibh bu dheireannaich air gabhail ris achreideimh Chrìosdaidh.

Tha pailteas an so, gu h-ionnsaichte, réidh, mu gach gné dhiathan, gach dòigh buidseachd, gach seòrsa drùidheachd, mu gheasan gealaich,

Ri faicinn domh na gealaich ùir,
Is dùth domh mo shùil a thogail,
Is dùth domh mo ghlùn a leagail,
Is dùth domh mo cheann a bhogadh.”

Is ealanta a mhìnicheas i mar a thòisich sgeulan mu na daoine beaga, ’s mu na sìdhichean. Tha i tighinn air drùidheachd teine, talaimh, uisge agus cloich. Coinnichidh sinn abhean-nighe an so, maille ris aghlaistig uaine, achaoineag, an sluagh, na cailleachan, isan oiteag sluaigh afalbh air chuiseagan treòrach.” Tha so uile ann am briathran cho rianail, pongail, dòigheil, le sgeulachd bheag an suds an so, no na dha no trì fhocail thuigseach, ghrinn, ris a bheil làn dùil againn a nise bho Mharian NicNèill.

Cha mhór nach cuireadh achaibdeil air na lusan an leughadair fo gheasaibh san sgrùdadh. Cha ghabh e bhith nach eil ameasg gach rann agus eachdraidh, rud no rudeigin a dhùisgeas cuimhne gach neach agus a thogas déidh, mar an rann-sa,

Badan den chaorunn
Thig o aodann Ealasaid,
Cuir snaithndearg is sreang as,
Cuir sud an ceann achrathadair,
S ged thigeadh buidseach Endor,
Gun ceannsaicheadh Ailein Dall.”

Aig achrìch tha leth-cheud duilleag làn eòlais, an rosgs an rann, agus tha sia-deug deilbh eireachdail ann. Thug i an t-ainm so air a prìomh obair le cuimhne air an sgeul ud, mun gheug airgid, le ùbhlan òir aghliocais agus an eòlais, a thug na sìdhich do Chormac, agus a chàirdean; nach ann aice fhéin a tha an t-eòlas a tha tomadach cuideachd.

Chan eil mi ag ràdh gur h-e so leabhar nach cuirear sìos gu deònach gu ruigear achrìoch. Chan è, a bharrachd, so an seòrsa leabhair a chuirear gu bràth air chùls as cuimhne. Tillear thuige an dràsdas a rithist. Thig e don aire daonnan. Tha leabhraichean, air cuspairean Albannach, a dhfhaodar a chur san t-sreath mhullaich, cho ganns gu bheil sinn adol nas mothas nas motha an comain Marian NicNèill, airson dìlseachd a sgoilearachd agus a sgrìobhaidh air na seann chùisean so.

Cha chaillear bonn-na-sia den ghini a phàidhear air an leabhar-sa, agus mo bhriathran gun dean e gibht Nollaige, a bhios adol nas prìseil leis gach thig air a cheann. Is e obair mhór a tha againn an so.

MURDAG NICCOINNICH.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Silver Bough, Vol. I)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page