The James Carmichaell Collection of Proverbs in Scots, le M. L. Anderson (Edinburgh University Press agus Thomas Nelson & Sons, Ltd. 20/- ) .
Tha faisg air 350 bliadhna bho chuireadh an cruinneachadh so ri chéile, agus bha a’ Bheurla Ghallda an uair sin, no goirid roimhe, aig treun a neirt, chan ann mar a tha i an diugh a’ call a spionnaidh ann an iomadh ceàrnaidh agus an ìmpis a bhith ’na Beurla Shasannaich. Tha seanfhacail glé thric a’ gleidheil cruth agus gnathas-cainnte cànain ged a bhiodh iad sin air an truailleadh ann an cainnt chumanta. Mar sin, ’s e oideachadh a th’ann an cruinneachadh so a leughadh. Nach sinn a bhiodh toilichte a leithid a bhith againn ann an Gàidhlig Albannaich an ama sin.
Tha am fear-deasachaidh a’ dearbhadh gun do chuireadh ri chéile e le Seumas Carmichaell, a bha ’na mhinistear ann an Haddington uair, agus a bhàsaich anns a’ bhliadhna 1628. Cha robh e gun chliù ’na là fhéin, oir tha iomadach iomradh air ann an seann leabhraichean na h-eaglaise. Theich e do Lunnainn anns a’ bhliadhna 1584, ach mheantraig e air ais an 1587, agus fhuair e làn chothrom a thàlantan a chur gu buil ann an seirbheis na h-eaglaise. Fhad ’s a bha e fo ’n choill, mar gum b’eadh (b’e anCowrie Conspiracya thug air teicheadh), chuir e ri chéile gràmair Laidinn.
As bith cuin a thòisich Carmichaell air seanfhacail a thrusadh, tha e coltach gu robh e ris an obair gu faisg air crìoch a bheatha. Bha e eòlach air ministear eile, Dàibhidh Fergusson, a rinn cruinneachadh de sheanfhacail roimh’n bhliadhna 1598. Is dòcha gu faca e an cruinneachadh so, ach tha e a cheart cho coltach gun d’ rinn an dithis aca
feum de chruinneachadh na bu shine. Chuireadh leabhar Fergusson an clò an 1641, ach chan eil sgeul againn an diugh air an làmh-sgrìobhainn aige. Mar sin tha M. L. Anderson ag ràdh gur h-e làmh-sgrìobhainn Carmichaell fear cho luachmhor ’s a th’ againn air a’ chuspair so. Tha e de ’n bharail gu bheil 591 de sheanfhacail ann nach robh riamh an clò gus a so, agus tha mu dhà mhìle ann eadar sean is ùr.
Chuir sinn seachad uair a thìde no dhà gu dòigheil ’ga leughadh. Tha iomadach rud èibhinn is annasach ann, cuide ri corra rud drabasda, is móran gliocais. Bu chòir do chuideigin so a ràdh ris a’ ghlag aig a’ Mhorair Hailsham: “Manie tume word in your head quo the tod to the bell. ” ’S iomadh drongair bochd a dh’ fhaodadh so a ràdh: “Manie men speiks of my meikle drink, bot few of my sair thirst. ”Is dòcha gur h-ann air na Gaidheil a bha aire an duine a thuirt an toiseach“Upaland folks hes murelands maners. ”
Ach cuiridh sinn sìos an so dòrlach de sheanfhacail a tha glé choltach ris na seanfhacail againn fhìn: “A dun hummill cw and a hummil dun kw” (Bó mhaol odhar agus bó odhar mhaol); “Ane man is na man” (Cha duine duine ’na aonar); “A still sw eats up all the draf”( ’S i a’ mhic shàmhach as motha a dh’ itheas); “Better a friend in court nor a pennie in the purse”( ’S fheàrr caraid sa’ chùirt na crùn san sporan); “Far foules hes fair fethers” (Itean bòidheach air na h-eòin tha fad as); “Leare young, leare fair” (An t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach). Tha facal eile ann, “Beare the cap eaven quhill it is full, ”a thug ’nam chuimhne sreathan a rinn bàrd Gàidhlig gun ainm:
“ ’S mairg nach giùlain an copan
Glé shocrach ’s e dèar-làn.” (Turner, 292).
’S fhiach an leabhar beag so a leughadh, is tha e gu ro-ghrinn air a chur uime.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The James Carmichael Collection of Proverbs in Scots) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 22 %p |
parent text | Gairm 22 |