“The Tartan Pimpernel”leis An Oll. Urr. Dòmhnall Caskie, ministear na h-Eaglais Albannaich ann am Paris. Clo-bhuailte leis an Oldbourne Press. (15/- ).
Ma tha cóig tasdain deug agaibh ri ’r laimh, ceannaichibh an leabhar so. Ma tha meas agaibh air deagh sgialachd, faighibh iasad dheth mura bheil cóig tasdain deug agaibh. Ma tha sibh uasal á Albannach agus á eileanach, goidibhThe Tartan Pimpernelmura bheil a’ cheannachd no an t-iasad furasda dhuibh.
Chan eil cuimhn’ agam cuin a leugh mi leabhar a thug a’ bhuaidh orm a thug am fear so. Cha chanainn gu bheil litreachas mór eadar a chlàran, ach fóghnaidh an eachdraidh fhéin.
Buinidh Dòmhnall Caskie do’n Bhogha Mhór an Ile, agus tha e an diugh air ais anns an eaglais anns an robh e ann am Paris air an deicheamh là de’n Og mhìos, 1940, an uair a chrom feachdan Hitler air prìomh bhaile na Frainge.
Dh’ fhaodadh Caskie a bhith air an Fhraing fhàgail. Fhuair e cothrom air an t-aiseag fhaotainn a Bhreatuinn—an dearbh rud a bha a dhìth air. Ach, an uair a bha saorsa ’ga fheitheamh, thàinig guth thuige ag ràdha “Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd do mo shluagh-sa . . . . biadhaibh an t-acrach . . . . fosglaibh
dorsan a’ phrìosain dhoibhsan a tha an geimhlean . . . .” Agus, an àite tilleadh dhachaidh, dh’fhuirich e ameasg nan nàimhdean gus na ceudan saighdear a shàbhaladh bho bhàs aig làmhan nan Gearmailteach.
Rinn e a’ chuid mhór de obair ann am Marseilles fo shùilean a’ Ghestapo, ach thainig an droch là anns an do bhrathadh e le Breatannach. Chaidh a chronachadh agus a chur amach á Marseilles le maoidheadh uabhasach, ach cha bu luaithe a dh’ fhàg e Marseilles na thòisich e air an dearbh obair ann an Grenoble. Mu dheireadh thall rugadh a rithist air agus thug Cùirt Nazi binn a bhàis amach. Bha e ann an seachd prìosain, ach aig a’ cheann thall shàbhail ministear Gearmailteach a bheatha.
Chan eil duilleag de’n leabhar nach eil loma làn le treuntas agus le gaisge—chan iad treuntas no gaisge Chaskie fhéin, ach iomraidhean air an fheadhainn a thainig ’na rathad. Oir is e so eachdraidh nan làithean ud eadar 1940 agus 1944.
Chan e mhàin sgeul gaisge a tha an so ach sgeul creidimh cuideachd, oir tha e, cha mhór, do-chreidsinn do’n duine chumanta gum biodh guth agus gàirdean Dé cho follaiseach do chreutair beò agus a bha iad do ’n mhinistear Ileach ré nam bliadhnachan cunnartach ud.
Cha do chuir mi bhuam an leabhar bho thòisich mi air a’ chiad duilleig gus an do rainig mi duilleag 270. Cha do dh’ fhairich mi oidhche riamh cho goirid, agus rinn na duilleagan ud feum do m’ anam ma rinn dad riamh.
F. McD.
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Tartan Pimpernel) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 22 %p |
parent text | Gairm 22 |